[8]

3. AM BOSCA

Tha fichead bliadhna o phòs Murchadh is Màiri. Tha deagh chuimhne agam air na bàinnse. Feumaidh mi aideachadh gu robh mi duilich air an son. Cha robh aig Murchadh a chuireadh e air ach a sheann deise ghlas, is deàrrsadh aisde leis an aois. Chunnaic gùn Màiri na bfheàrr, ach, le a h-ad ùir, bha i bòidheach. Phòs am ministear iad anns an eaglais bhig aig ceann shuas abhaile. Dhòl sinn an slàinte an taigh a mhàthar-san, agus thug an dotair iad na charbad gu taigh beag croiteir air taobh na beinne.

Cha robh mòran fearainn aig Murchadh, ach bha mhart aige agus beagan chaorach. Reic e bainne agus clòimh, agus, mar chaidh na bliadhnachan seachad, chuir e beagan mu seach.

Thàinig an cogadh agus bha feum air Murchadh air an fhearann. Dhoibrich e-fhèin is Màiri a is a dhoidhche, agus thàinig , nuair bha an cogadh seachad, a cheannaich Murchadh tuathanachas air an robh taigh mòr geal. Bha iad math dheth a-nis. Cha robh duine cloinne aca, ach bha iad sona le chèile.

Ach cha dinnis mi dhuibh mun bhocsa dhubh!

Air àraidh, fichead bliadhna bhon a phòs iad, bha Murchadh adol gu fèill anns an ath bhaile. Dhfheumadh e na brògan ìosal spaideil a chur air. Fhuair e aon bhròg ìosal, ach càit an robh an tèile? Sìos aira ghlùinean chaidh Murchadh feuch an robh i fon leabaidh. Cha dfhuair e abhròg, ach fhuair e bocsabocsa dubh nach fhaca a shùilean riamh. Tharraing e a-mach e, ach bha e glaiste.

A Mhàiri,” dhèigh e, “gu a thagad sabhocsa dhubh?”

Thàinig Màiri is greann oirre.

A Mhurchaidh,” arsa ise, “ma chuireas tu corrag air abhocsa dhubh, cha bhruidhinn mi riut gu sìorraidh tuilleadh.”

Agus,” fhreagair Murchadh, “mur innis thu dhòmhsa gu a tha thu acleith, cha bhruidhinn mise riutsa.”

Fhuair Màiri abhròg eile, agus thilg i air Murchadh i. Gun ghuth gun ghabadh chuir e uime a chuid aodaich agus dhfhàg e Màiri leatha fhèin.

Shuidh Màiri air cathair, is na deòir aruith o a sùilean.

A Mhurchaidh, a Mhurchaidh,” ghlaodh i, “nach robh de


[9] mhisneachd agamsa na dhinnseadh dhutsa an a tha mi afalach ort!”

Chaidh an seachad agus thàinig ciaradh an fheasgair. Cha robh sgial air Murchadh. Bha cridhe Màiri bhochd briste. Is dòcha gu robh e air a bhàthadh anns an Abhainn Mhòir! Is dòcha gun mharbh carbad e air an rathad air ais.

Till, a Mhurchaidh, is innsidh mi dhut gu a tha anns abhocsa! Carson nach do loisg mi am bocsa is na tha ann o chionn fhada?”

Bha Murchadh air an rathad dhachaigh, ceum san uair aige agus coltas glè mhì-thoilichte. Cha bfhiach prìsean; chan fhaca e mòran eòlaich; bfheàrr leis nach dfhalbh e riamh. Ach cha robh cabhag dhachaigh air gu Màiri is a bocsa dubh! an sonas a bhiodh aige mur cluinneadh e guth Màiri tuilleadh? Shuidh e air cloich ri taobh an rathaid, agus le a cheann na dhà làimh rinn e suas inntinn gum bfheàrr leis Màiri le a bocsa na bhith às a h-eugmhais buileach.

Dhìrich e e-fhèin agus le ceuman fada rinn e air a dhachaigh. Chunnaic Màiri e atighinn agus ruith i ga ionnsaigh.

A Mhurchaidh,” ars ise, “thig còmhla riumsa is chì thusa a tha anns abhocsa dhubh.”

A Mhàiri,” fhreagair Murchadh, “tha mi coma ged a bhiodh tu agleidheadh cuirp ann!”

Le chèile chaidh iad a-steach, agus le a h-iuchair dhfhosgail Màiri am bocsa. A measg phàipearan thug i gùn brèagha geal!

Gu a tha thu adol a dhèanamh le sin?” arsa Murchadh.

Bheil cuimhne agad air na bainnse?” arsa Màiri. “Rinn mi an gùn seo le mo dhà làimh fhèin, ach bha fhios agam nach robh agadsa ach do sheann deise ghlas, is cha burrainn mi do nàrachadh. Ghlèidh mi riamh e, agus is iomadh uair a sheall mi air nuair bha mi leam fhèin.”

Lean mise, a Mhàiri,” arsa Murchadh, agus thug e i gu ceann shuas an t-sabhail. A-mach às an fhodar, thug e bocsabocsa dubh glè choltach ri bocsa Màiri. Dhfhosgail e e, agus a measg phàipearan thug e deise bhriagha ghorm!

Thachair dhòmhsa mar thachair dhutsa. a Mhàiri,” ars esan. “Rinn an tàillear an deise dhomh, ach bha sinn bochd le chèile, agus cha dinnis thu dhomh gu robh gùn agad. Ach èisd rium a-nis, a Mhairi! Chì


[10] mis am ministear. Iarraidh mi air tighinn oidhche na Sàbaid. Cuiridh tusa ort do ghùn, agus mise mo dheise ghorm, agus pòsaidh e sinn uair eile.”

Mar a thubhairt, bfhìor. Chunnaic Murchadh am ministear, agus bha am ministear deònach. Air oidhche Sàbaid cheangail e a-rithist am paidhir a bha ceangailte fichead bliadhnaMàiri na gùn briagha geal, agus Murchadh na dheise bhriagha ghorm. Cha dùnadh an gùn air Màiri, agus bha putan an siud is an seo fosgailte air deise Mhurchaldh, ach cha robh fiamh aghàire air aodann amhinisteir.

Catrìona Storrar

title3.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page