[116]

30. AM PRIOSAN SAILE

Tha air aithris air Alasdair Dubh MacArtair nach robh prìosan aig MacLeòid Dhun Bheagain a chumadh e na bfhaide na seachdain. Nuair chàireadh e mu dheireadh san toll dhubh fo bhunait achaisteil thubhairt daoine mu thimcheall gun tug en ceum mu dheireadh a bheireadh e an solas na grèine; gun grodadh a chnàmhan anns an t-sluichd dhorcha fhuaraidh ud a bhair a cur air leth son an luchd droch-bheart bu mhiosa air oighreachd MhicLeòid.

Achs beag a chuir a shuidheachadh air Alasdair còir; mar bha iad ga leagadh don toll air ceann buill, ars esan ri MacLeòid, “Mo cheann mar gheall gum bi mi às ro dheireadh amhìos.”

Rinn an Ceann-feadhna lasgan gàire; “Ma bhitheass tu achiad fhear a charaid. Gheibh mo chuid fhiadh-sa fois airson latha agus bliadhna.” Ach bha Alasdair cho math ri fhacal. Còig latha an dèidh a chur san toll dhubh chunnaic fear-gleidhidh aphrìosain e na laighe an riochd mairbh air ùrlar na sluichdes thug em brath gu MacLeòid gu robh am prìosanach marbh.

Alasdair bochd,” arsa Triath Chlann Leòid, “cha mhath leam sin idir, toillteanachs ga robh e air prìosan; ghlèidh e fhacals tha a spiorad fa sgaoil ged tha chorp fo ghlais. Faic thusa gnothaichean air dòigh thaobh an duslaich adhlacadh.” Ach cha robh Alasdair marbh idir; gun teagamh bha e an droch staid nuair chaidh seirbhisich MhicLeòid sìos a thogail a chuirp, mar a shaoil leo; cha thogadh e biadh no deoch gu bhilean gun chuideachadh, ’s nuair dhinnseadh don Cheann-fheadhna mu shuidheachadh bha e cho toilichte e bhith beòs cho duilich mu staids gun tug e òrdugh a chur an leabaidh an seòmar den chaisteal. Chaidh seo a dhèanamh ach cha robh Alasdair trì oidhche air àrainn Caisteal Dhun Bheagain. Ma bha fhios aig seirbhisich MhicLeòid ciamar chaidh aige air teiche gu cinnteach cha robh aig MacLeòid.

Chan fhacas mòran de Alasdair airson iomadh seachdains ma bha cuid ann a burrainn a ràdh càite an robh e am falach bha MacLeòid air cùl a sheanchais. Ach ma bha e-fèin am falach cha robh a ghnìomharan. ’S gann seachdain eadar Samhain is Callainn nach robh brath ùr aruigheachd aChaisteil mu sgrios obann am-measg dhamh is aighean


[117] am frìth na h-oighreachd. Cha robh teagamh ann mu choireach; bha e tuilleadh is soilleir gu robh MacArtair aig a sheann chleasan. Dhfhàs e cho dàna, ’s cho cinnteach às a sheòltachd fèins gun togadh e mach don bheinn-sheilge eadhon ged bhiodh seirbhisich MhicLeòid san fhrìth iad-fhèin. Is sleamhain achlach than doras an taighe mhòir, agus is minic a thig stràic gu tubaist; aon uair eile sheas Alasdair Dubh an làthair aChinn-fheadhnas chuala e a dhò-bheartan air an àireamh.

A laochain,” ars MacLeòid, “ràinig thu ceann do theadhair. Bhris thu mach às gach prìosan san do chuir mi thu agus mur be gur fear-dàimh fad às dhòmhsa thu chuirinn dealachadh eadar do cheanns do chlosnaich gun an tuilleadh deasbaid. Ach cuiridh mise thu far nach tig thu às mur gabh thun iteag.” Stad e, agus sheall Alasdair air feuch bha tighinn. Lean MacLeòid air, “Tha bàta seòladh a dhEilean Hiort moch madainn a-màireach agus nuair thogas i mach o laimrig Dhun Bheagain, bidh tusa air bòrd. Mach à seo e!”

Bha Eilean Hiort na sheòrsa de phrìosan aig MacLeòid aig an àm seo agus cha robh a dhìth air an eilean mar phrìosan a thaobh tèarainteach; gun bhàta tadhal ann ach uair sabhliadhna, gun long no sgoth de sheòrsa sam bith air an eilean fhèin agus e còrr is trì fichead mìle on fhearann a bfhaisge dhàcladaichean Na Hearadh is Uibhist a Tuath. Chan iongnadh e ged thuiteadh cridhe an fhir a dhfhògradh MacLeòid don àite iomallach seo, ’s ged bu duine làidir, misneachail, dalma Alasdair chuir abhinn ud stad ann.

Mun do bhlais an t-eun an t-uisge madainn a-màireach sheòl abhirlinn, ’s ma bha MacArtair aguidhe gu siabadh gaoth is doinnein i gu port air choreigin seach Eilean Hiort cha dfhuair ùrnaighean freagairt. Lean soirbheas laghach is an ùine nach robh fada chuir i steach gu fearann an Loch Roghadail sna Hearadh. Ghabhadh aig na maraichean an sin gu fialaidh ach cha dfhuair am prìosanach a chas a chur air tìr. Cha do cheileadh air a thaobh bìdh no dibhe ach chan fhaodadh e bhonn a chur air fearann tioram. Chuireadh seachad an oidhche air acair astar math o thìr, oir ged bha deagh gheàrd air Alasdair cha robh earbsa sam bith à dhfhaodadh e dhèanamh tron oidhche. Sachamhanaich chuireadh sròn na birlinn ris an Taobh an Iar agus a-rithist bha am freasdal fàbharach; shèid gaoth chruaidh,


[118] chruaidh, chothromach, chòmhnard on Ears an Earradheas, ’s shìn an long i-fhèin thar nan stuagh mar earb ri slios beinnes an fhaghaid air a tòir. Mun do chrom aghrian faisg air fàire san Iar thàinig birlinn MhicLeòid gu acair am Bàgh aBhaile an Eilean Hiort.

Chaidh achuideachd air tìr, ’s thug Alasdair sùil thairis air a phrìosan sàile. Sreath de thaighean ìosal an taic an aonaich, iomairean caola barra afiaradh a-nuas chun abhàighs air an cùl mòinteach àrd chreagach am feadh a faicte breacadh de chrodhs de chaoraich ag ionaltradh. Agus mun cuairtan cuan. Luasganach, neo-chàirdeil, sìorraidh, ga dhùnadh a-staigh na bu chinntiche na balla prìosain sam bith. Chan e ballachan cloiche no croinn iarainn nan aonar a prìosan. “Seo e matà,” ars esan ris fèin, “am prìosan sàile.”

Bha seachd teaghlaichean deug air an Eilean, mòran dhiubh air an suidheachadh ann an aghaidh an toileachs mar pheanas airson an drochbheart; bu duine cruaidh MacLeòid Dhun Bheagain ach bu duine ceart e cuideachd. Tha e fìor mu thimcheall nach tugadh e mach binn na bu mhìosa nam prìosan far an tugadh Cinn-fheadhna eile mach binn bàis. Ach a dhaindeoin sin bha iomadh fear is air Eilean Hiort nach robh ro chinnteach bfheàrr a bhith marbh na bhith air am punndadh saphrìosan sàile. Air an làimh eile, bha grunnan ann len làn toil fèin; feadhainn a roghnaich an t-sìths an t-sàmhchair a bha an uaigneas an eilein air thoiseach air iorghall is ùpraid an t-saoghail mhòir. Ach cha robh an àireamh lìonmhor.

Chuireadh Alasdair air aoigheachd maille ri seann duines ri bhean a bha gun sliochd, gun chàirdean air an eilean. Cha robh air ach gu feumadh e teannadh ri bheòshlainta chosnadh mar bfhèarr a dhfhaodadh maille ris na h-eileanaich eile. An ath chaidh luchd de chlò, de chlòimh, itean agus deannan mholt air bòrd abhàtatoradh an eileinagus sheòl i mach às abhàgh. “Soraidh slàn leis an t-saoghal,” smuainich Alasdairs a shùil aleantainn siùil na birlinn gus an deach iad à sealladh air fàire.

Ge bith na coireachan a bhair siubhal MhicArtair cha be leisg aon diubh. Cha bfhada gun do dhearbh e do na h-eileanaich gum bu duine smiorail, tuigseach, gnìomhach e, ’s cha robh e nan cuideachd a-mach air amhìos nuair bha gach neach san àite, sean is òg, ag amharc ris airson seòlaidh is comhairle an gnothaichean an eilein. Ghearradh e


[119] mhòine, lomadh e chaora, làimhsicheadh e chas-chrom is dhìreadh e chreag le sùrd is snas a thug barradh air càch uile.

Ach bha chridhe an Eilean aCheo is inntinn daonnan an sàs san aon cheist: ciamar rachadh aige briseadh a-mach às aphrìosan sàile. Airson achiad uair na bheatha bha e aghaidh ri aghaidh ri deuchainn a bha, a-rèir coltais, tuilleadh is cruaidh airson eadhon eagnaidheachd gheur a mhac-meanmna. Chaidh latha agus latha seachad; gach feasgar an dèidh obair an latha a chrìochnachadh, shuidheadh Alasdair air amheall a bàirde an Eilean Hiort, a shùil air uchd farsaing achuains inntinn trang adealbh dòigh is dòigh air faotainn fa sgaoila h-uile dòigh ùr air an smuainicheadh e na bu mhì-choltaiche na an mu dheireadh.

Air feasgar soilleir chitheadh e sgeirean Haisgeir san Earradheas, meall dubh Ghaisgeir san Ear-thuath agus beannaibh ceòthach na Hearadh is Uibhist a Tuath aseòladh gu fann air fàire; uairean dlùth gu leòr ach an dèidh sin uile cho fad àss ged nach robh iad idir an lèirsinn na sùla. Chaidh an geamhradh seachad gun mòran fuachd no gailleann, ach thug an t-earrach a-steach sìde gheur sgaiteach. Dhfhàs an t-seann bhean maille ris an robh Alasdair afuireach tinn agus am beagan làithean chaochail i. Chuidich Alasdair an saor, Tòmas Stiùbhard, adèanamh na ciste agus chaidh duslach abhoireannaich a chur sìos an ùir Hiort fada o chladh a daoine an Steinn. Cha robh pearsa eaglais air an eilean ach chuairtich aon de na seann daoine an t-adhradh aig an taigh agus anns achladh. Dhfhàg e Alasdair -fhoiseil a bhith smuaineachadh air achorp ud a bhith ga adhlacadh an ùir choimhich, cian o dhàimheans o chàirdean.

Air an rathad dhachaigh bha Alasdairs am bodach acoiseachd cuideachd, an seann duine labhairt gu brònach mu làithean òige san Eilean Sgitheanach. “Còrr is fichead bliadhna o thàinig sinn an seo, a charaid, ’s, ged dhfhaodadh sinn a bhith na bu mhiosa dheth, chan urrainn do dhuine àite a bhreith is àraich a dhìochuimhneachadh. ’Se mo ghuidhe fèin gun glac an t-eug mi nuair bhios bàta aig an eilean, ’s gu faigh mo chnàmhan fois an ùir dùthaich mo dhaoine.” Smuain is iarrtas cumanta gu leòr, agus is cinnteach nach e chiad uair a chuala Alasdair e; ach dhùisg e smuain eile na inntinn, smuain cho neònachs gu robh i air oillt a chur air a chompanach nan robh i air a cur am


[120] briathran. Fad na làithean a lean bha briathran an t-seann duine atoinneamh na inntinn, ’s ged nach robh mòran coltais gun tigeadh mòran às na h-innleachdan a bha e dealbh, chunnaic MacArtair result bheag dòchais airson a’ chiad uair o thàinig e don eilean.

Thàinig achiad bhàta an toiseach an t-samhraidh; thugadh air tìr na goireasan nach robh rin cosnadh air an eilean fhèin, ’s chaidh an luchd àbhaisteach air bòrd. Cha bhiodh dùil ris an ath bhàta gu deireadh an fhoghair, ’s na dhèidh sin geamhradh fada, dorcha, aonaranach gun cho-chomann sam bith ris an t-saoghal mhòr mach air crìochan cumhang an eilein. Mar chaidh am bàta à sealladh air fàire aon uair eile mhionnaich Alasdair na chridhe gun tigeadh an latha sam biodh esan air a bòrd afàgail cladach Hiort. Thriall an samhradh, ’s chuir meur an fhoghair dreach na meirge air duilleigs air blàth. Chruinnicheadh am bàrr, thughadh na taighean, ’s theannadh ri ullachadh luchd fo chomhair teachd abhàta. Agus, iongantas nan iongantas, dhfhàs am bodach aig Alasdair tinn.

Laigh e ri leabaidh. “Alasdair, a charaid,” ars esan aon latha is e anabarrach ìosal, “on thàinig thu maille ruinne an toiseach bha thu dhuinn mar mhac agus gach as leamsa aig mo bhàsse do chuid-sa e; ach ao tha mig earbsa riut agusse sin mo chorp fhaicinn air bòrd abhàta nuair thig i. Bu mhath leam a dhol an ùir mo dhaoine ann an Steinn.”

A dhuine chòir,” ars Alasdair, “chan eagal duibh; gheibh sibh thairis air seos na cluinneam an còrr mu bhàsachadh. Co-dhiù, ’se tuairmeas anabarrach a bhiodh ann gu faigheadh sibhse bàs aig an dearbh àm a bhiodh am bàta aig an eilean.” “Chan e idir,” ars an duine tinn, “ach fìor fhreagairt dom ùrnaighean.” “Glè mhath,” fhreagair Alasdair, “-choltachs ga bheil a tha mise toirt dhuibh mo gheallaidh ma thachras a leithid gu faic mise achiste agaibh air bòrd.”

Mar thubhairt an seann duine bfhìor. Chaochail e air oidhche Luain agus bha am bàta san loch madainn Dimàirt. A-rèir coltais bha iarrtas gu bhith air a choimhlionadh. Ach bhan t-seann smuain aruith an ceann MhicArtairs nuair thachair an a bha esan ag ùrnaigh air a shon cha mhòr gum burrainn e fuireach gu dol air adhart le innleachdan.

Cha bu luaithe bha am bàta am port na ràinig e an saors a dh


[121] fhosgail a chridhe ris. A-nisse duine cruaidh neo-fhaireachdail a bhanna n Tòmas Stiùbhard, fear, mar chanadh an seanfhacal a reiceadh a sheanmhair air leth-chrun; ach nuair chual e rud a bha an rùn Alasdair thàinig stad ann. “Tha fhiosam gur fhada on gheall mi dhut do chuideachadh gu teicheadh à Hiort, Alasdair,” ars esan, “ach na bu lugha na sgiathan a dhèanamh dhut cha burrainn dhòmhsa fhaicinn ciamar rachadh agad air mo chumail rim ghealladh. Ach tha seo -nàdarra buileach.”

Eisd rium,” ars am fear eile, “tha deich puinnd Shasannach agam an seo; is leatsa iad agus deich eile cho luaths a chuireas mise cas air tìr san Eilean Sgitheanachco-dhiù cho luaths thig an ath bhàta chun an eileinma thu rud tha mig iarraidh ort.”

Ach smuainich air achunnart tha thu ruith; mùchar thu ma bhios tu lathaichean gun bhiadh ma dhadhlaicear beò thu?” Cha robh saor idir deònach air pàirt a bhith aige saghnothaich, ach bhrath teanga agus airgead Alasdair air agus theann na seòid ri dèanamh na cisteadh.

Rinneadh mòr is farsaing i, chaidh tuill is geòbaidhean fhàgail innte an àite na dhà a bha folaichte on t-sùil agus ghiùlaineadh i gu taigh abhodaich. An làthair nan coimhearsnach chaidh an corp a chàradh sachistidh agus a dùnadh gu tèarainte leis an t-saor. Dheònaich Alasdair caithris an oidhche sin agus dhiarr e gu follaiseach air Tòmas agus air seann charaid dhà fhèin, a bha air fear de sgiobadh abhàta, fuireach san taigh maille ris.

Nuair chaidh am baile mu thàmh, chaidh achùis a chur fo chomhair caraid Alasdairs ma bha saor aindeonach air a làmh a chur saghnìomh bha Seòras buileach na aghaidh. Ach a-rithist choisinn teanga Alasdair an lathas co-dhiù mar thubhairt e-fhèin, nach bu nàdarra don t-seann duine bhith air a chàradh ri taobh a mhnatha, “Gheall mi dhà gu faicinn achiste aige air bòrd, ach cha do gheall gum biodh a chorp innte!”

Cha do chleachd Alasdair còir riamh barrachd bhriathrans a bèiginn! Chaidh corp abhodaich adhlac an cladh Hiort aig marbhan amheadhon oidhche, ’s mun do shoilleirich an latha bha closach bheò sachistid maille ri biadh is deoch airson an turais!

Cha tug duine fa-near nach robh Alasdair mun cuairt nuair chaidh a


[122] chiste air bòrd ach mar bfhaide dhfhanadh e uapa aig àm seòlaidhse bfheàrr leis an sgiobadh; bha chleasan ainmeils cha robh cinnt aca n dòigh a bheireadh e aghaidh air faotainn air bòrd.

Ràinig am bàta laimrig Dhun Bheagain agus chuireadh air tìr achiste maille ris achòrr den luchd. Ghabh Seòras os làimh cùram na ciste agus am feasgar sin chuir e brath cabhagach gu càirdean an t-seann duine an Steinn. Tràth an ath mhadainn thàinig còmhlan fhear le each is cairt a dhiarraidh an duslaich, agusse fìor dhuslach a bhannclachan is ùir bhàrr cruit Sheòrais. Chaidh achiste adhlacadh le làn-urrams gun beò ach triùir aig an robh fhios bha na broinn.

Chaidh còrr is trì mìosan seachad mun cuala duine san Eilean Sgitheanach gu robh Alasdair Dubh MacArtair fa sgaoil a-rithist. Ach mu dheireadh thall thàinig e gu solas nach robh e na bfhaide air Eilean Hiort. Nuair chuala MacLeòid an naidheachd cha drinn e fiù farraid ciamar a fhuair e às an eilean. Cha burrainn acheist a fhreagairt ach triùir, ’s bha barrachd meas aca air an saorsas gum fosgladh iad am beul mun ghnothach.

Arsa MacLeòid, “Leigibh leis; tha mi air tighinn chun a cho-dhùnaidh nach eil prìosan ann a ghleidheas Alasdair ach aon agusse sin am fear a ghlacas sinn uile luath no mallan uaigh.”

S beag a bha fhios aige cho faisges a bha bhriathran air an fhìrinn a thaobh teicheadh Alasdair Dhuibh MhicArtair à Eilean Hiort!

Cailein T. MacCoinnich

title30. Am Priosan Saile
writers MacKenzie
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page