[123]

31. AM BRISEADH

Nochd an sanas anns aphàipear Di-luain, “Wantedskilled tradesmen to make repairs to a broken heart. Box No.. . ”Nuair chunnaic Dòmhnall an sanas, theab e sgrìobhadh. Ach carson a bha e dol a sgrìobhadh thuige fhèin? ’S leugh en sanas ceud turas. ’S dhfhairich en cridhe brist aleum na chorp. Saoil am biodh fhios aca bhann, chuir an sanas don phàipear? ’S shaoil e ged bhan cridhe. .. làrach na sgines nam briathran. Saoil sgrìobhadh thuige? An sgrìobhadh Màiri thuige?

Ciamar tha thun-diugh?” ars Eilidh Mhòr. “A bheil thu faireachdainn do chridhe?” Ciamar a bha fhios aice? Ach, seach gur e Eilidh Mhòr a bhann an Eilidh Mhòr, biongantach mur robh i ag ràdh siud ris a h-uile duine, seadh bho leugh in sanas. Dhfhairich e dath dearg atighinn na ghruaidhean, ’s an dearg gan dèanamh soilleir. “Ciamar.. . ?” ars esan. Stad e. Agus, an uairsin, “Mo chridhe?” ars esan.

Chunna tum pàipear,” ars ise.

Chunnaic,” ars esan.

Smaoinich,” ars ise, “air fir abhaile seo. Asireadh luchd-ceàirde a chàireas an cridheachan. Bha mo chridhe-sa brist uaireigin. Agus shlànaich e. Cha bu tusa.. .?

Ciamar,” arsa Dòmhnall, “a tha fhios agad gur e fear a chuir an sanas don phàipear? mu mhnathan abhaile? Nach dòcha gur e boireannach a chuir an sanas ann. Eilidh. .. cha bu tusa.. .?

Thionndaidh i air falbh, ’s chan fhac e Eilidh Mhòr a-riamh asiubhal cho luath. Chòrd sin ris. Rinn e math, shaoil e. Cha do dhinnis e dad dhi, ge air bith leugh i na aodann.

Shuidh e anns achathair, ’s bha e asmaoineachadh. Asmaoineachadh air sanass air cridhe. Cha tigeadh fios gu Diciadain co-dhiù, nan tigeadh fios idir. An tigeadh fios bho Mhàiri?

Thog en taighs thuirt e rithe gu robh e deiseil. Bha e fon chnoc far na dhiarr i. ’S thug i taing dhà seach gun thog en taigh. Bhan taigh math. Bha e goireasach. Thug e sùil air, ’s bha e goireasach fhathast. Ach ged bha? Cha robh sin na urras air càil. Thàinig na ceisteans thàinig na teagamhan.


[124]

Saoil am fac in sanas? Bha i ann an saoghal glaiste, saoghal gun dhorsan, ’s chan fhaigheadh e a-steach. Bhiodh e abruidhinn rithe tro na h-uinneagan, ’s an ceann ùine bha anail gan ceòthadhs agoid an t-seallaidh air. ’S bha bhriathran areothadh air na gloinneachan, ’s an deigh gan snaidheadh air clàr a chuimhne. Bha e mar speuradair acur charan air achruinne, ag amharc air saoghal air nach fhaigheadh e grèim, anns an fhuachd ag eudach ris abhlàths. Chunnaic e iomadh saoghal agabhail seachads cha robh beatha ach ann an aon dhiubh. Bha na h-iuchraichean ro mheata, agus bu tric a thuirt e ris fhèin nach robh iuchraichean ann. Bha flùr afàs air eilean, eilean ann an cuan neo-dhreachmhor. ’S cha do dhionnsaich Dòmhnall a-riamh ciamar a dhèanadh e snàmh.

Cridhe brist. .. cridhe brist. ..

Chunnaic em post agabhail seachad, agus chuimhnich e gur e Diciadain a bhann. Cha do fhreagair iad. Cha do fhreagair Màiri. ’S dòcha gu robh iad ag ullachadh na h-uidheim. Dhfheumadh iad tighinn thuige le òrd an t-slànachaidh a thoirt cumadh air a chridhe air innean an dòchais. Sgeilb cuideachd a shnaidheadh air falbh bioran abhrisidh. Bheireadh e dhaibh an t-slat-thomhais a bhuilich an cràdh air, agus locair. Locair leis an lìomhadh iad an inntinn gus nach biodh an cridhe goirt. ’S cha baithne dha ach aon neach, aon neach-ceàirde, aig an robh an uidheam sin gu lèir. Ach m math a bha sin? Chaid am post seachad às aonais sanas an t-slànachaidh.

Agus smaoinich Dòmhnall air carson nach deach e gu dotair. Thàinig e a-steach air gun tug an dotair a-mach a cheàrd ris achorp, agus nach bann den chorp a bhan cridhe, ach den spiorad. Agus co-dhiù cha thuigeadh e. Cha thuigeadh e idir. Dhfheumadh e neach-ceàirde a bha air leth ealanta. Ach ? mu Mhàiri? Nach fheumadh tu cridhe a bhriseadh mus baithne dhut a chàradh?

Diardaoin, stad am posta. ’S chuir e luchd chèisean a-steach tro dhoras Dhòmhnaill. Cunntas an dealain, bileag a chuir e dhiarraidh mu fhlùraichean, sanas bhon chlub leabhraichean, Gairm an earraich, agus. .. agus trì litrichean. bhannta? Dhfhairich e crith na mheuran. Chan fheumadh e càch fhosgladh, oir bha fhios aige bha nam broinn. Sheall e ri na trì litrichean airson greis. Bha seòrsa de eagal air am fosgladh. ’S chan innseadh an sgrìobhadh a bhair na cèisean


[125] càil dhà, oir be fear bhon phàipear-naidheachd a sgrìobh na cèisean.

Dhfhosgail e achiad . Freagairt don t-sanas! ’Se gun teagamh. Ach bho cuideigin le cridhe cruaidh, nach robh briste mar a chridhe-san, ri fealla-dhà, atarraing a dhà choise. Atarraing a dhà choise gus an robh iad an impis falbh dheth. ’S an trusdair, cha do chuir e fiù ainm rithe. Cha robh eadhon co-fhaireachdainn anochdadh eadar na briathran mallaichte. Bha fearg air Dòmhnalls bha barrachd crith na mheuran a-nise.

S an dara litir. Bha i seo goirid. Ach cha robh mòran cobhair innte. Cuideigin atoirt man airidh gum bu chòir dha comann a chur air chois airson dhaoine le cridheachan briste. Agus smaoinich e. Ach nan dèanadh e sin, bhiodh fhios aca uile chuir an sanas don phàipear. Comann nan Cridheachan Briste: Ceann-suidhe, Dòmhnall MacDhòmhnaill. Bhiodh e snasail air bàrr pàipear litreach. Ach m math a bha sin? Nach robh gu leòr, is cus, de chomainn ann a bha astrì ri cridheachan briste, ’s abristeadh cridheachan a chèile?

Agus an treas litir. Cha robh e ga chreidsinn! “Ge air bith thu, tha fhios agam thu. Slànaichidh mise do chridhe, mas fear thu. Cha do phòs mi riamh, oir cha dfhuair min cothrom. Sgrìobh thugam no thig gam fhaicinn. .. agus slànaichidh mise do chridhe, Eilidh.”

Eilidh Mhòr! Feumaidh gun tug e a car aisde. Ach a-nise, nan canadh i facal ris, bha aige an dubhs an geal na dhfhaodadh e thilgeadh oirre. Bha amharas aige gun cuireadh e feum fhathast air an litir ud.

An dfhuair thu guth?” ars Eilidh, ’s gàire càm air a h-aodann.

Chuir e a làmh gu a phòcaids e dol a thoirt na litreach a-mach. Ach stad e. No stad rudeigin e. Nan sealladh en litir dhi, nan tilgeadh e briathran na litreach oirre, bhiodh fhios aice gur e chuir an sanas a-steach don phàipear. ’S an uairsin bhiodh fhios aig abhaile air. ’S an uairsin bhiodh fhios aig an t-saoghal air.

An dfhuair mi guth?” arsa Dòmhnall. Bha e ga coimhead gu mionaideach. “ tha thu aciallachadh?”

An sanas saphàipear,” ars ise. “An dfhuair thu guth?”

Chan aithne dhomh gu robh mise areic dad anns aphàipear,” ars esan, “Eilidh, an dfhuair thu fhèin.. . ?”

“ ’S cinnteach nach eil thu asmaoineachadh sin fhathast,” ars


[126] Eilidh. ’S thug i a casan leatha. Bha e taingeil nach do leig e air. Cha do dhinnis en fhìrinn dhi, ’s cha do dhinnis e breug dhi. ’S rinn e gàire air cùl fhiaclan.

Dihaoine cha robh aig aphost ach aon litir. ’S dhèirich dòchas is crith an inntinn Dhòmhnaill nuair chunnaic e gur e sgrìobhadh Dhiardaoin a bhoirre. Cha robh diofar airson sin. bha na broinn?

Chuir e air abhòrd i. Shuidh e anns achathairs dhùin e a shùilean. ’S bhan saoghal dorch. Dhfhosgail e a shùileans bhan saoghal soilleir. Bha e ro shoilleir. Bha dealbh Màiri os cionn an teine. Cha robh an ìomhaigh a bha san dealbh afàs aosd; bhan camara air tìm a stads air tiotan a ghleidheadh fad shìorraidheachd. Bha chridhe fhèin slàn an uair sin, ’s ann an sgàthan na cuimhne dhfhairich e chridhe abriseadh achiad uair. Bha e goirt, dòrainneach. ’S chunnaicn fhuil air ràmhan Màiri, ’s air an sgithinn. Dhiarr e oirre a leigheas, ach cha do dhèisd i ris. ’S cha robh solas aig ceann na trannsa.

Dhfhosgail en litir. Ciamar a bha fhios aice? Chunnaic e saoghal air a ghànrachadh le cridheachan briste, mar eileanan ann an cuantan fala.

Bha e-fhèin acòmhnaidh air gach eilean. ’S bha bàta gun fhalmadair aseòladh eadar na h-eileanan.

Thig mi gad fhaicinn,” ars an litir.

Phaisg Dòmhnall an litirs chuir e air ais don chèis i. Chunnaic e leabhar gun sgrìobhadh afosgladh air a bheulaibh. Chunnaic e ifrinn agus nèamh anns an leabhar. Cha bfhada gus an tigeadh i.

Chaidh e chun na h-uinneige. Bha i a-nuas an staran, ’s i acoimhead cho neochiontach anns aghrèin. Dhaithnich e carson a thàinig i nuair chaidh a dhalladh le solas geal na grèine adeàrrsadh ann an lann na biodaige.

Dòmhnall Iain MacIomhair

title31.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page