[127]

32. AIG A’ CHLOICH-CHUIMHNE

Bha e na sheasamh aig achloich-chuimhne airson an fheadhainn a chailleadh anns achiad chogadh mhòr. Be duine aosd a bhann, timcheall air trì ficheads a deich. Bha a bhonaid na làimh dheis, a dhà chois ri chèile, ’s a dhruim dìreach. Bha fhalt agluasad gu socair anns abheagan gaoithe. Dhaithnicheadh duine gu robh e an ìre mhath beartach oir bha a dheise ghlas acoimhead daor, a bhrògan adeàrrsadh mar ghloinne, a lèine de shìoda gheal, is aodann coltach ri aodann duine a bha air a shaogal a chosnadh. Ach a-mhàin na sùilean. .. Anntasan, bha doimhneachd aognaidh.

Chual e duine ri thaobh ag ràdh: “Feumaidh e bhith gu robh e-fhèin anns achogadh.” ’S dhfhairich e dithis no triùir asealltainn ris. Theab e seasamh na bu dìriche ach cha do rinn e sin. Os a chionn bha an t-adhar sìmplidh gorms rinn e gàire beag leis fhèin. Chual e glagan na h-eaglaise abualadhs bha e smaoineachadh gum biodh iad reòite mar chlogaidean mòra Gearmailteach. Tharraing e chòta timcheall air. Cha robh am fuachd atighinn ris.

Anns an mhionaid de thàmh stad na carbaidean air feadh an t-saoghails bha e asmaoineachadh; “ ’Se dealbhadair ainmeil a thannam.” Thubhairt e ris fhèin a-rithist: “ ’Se dealbhadair ainmeil a thannam,” mar gum biodh e airson a dhearbhadh gu cinnteach. Chual e am ministear abruidhinn: “Bhàsaich iad a chum gum biodh sinne beò.” ’Se duine beag dubh a bhanns amhinistear. bha e ciallachadh ebeò?” Smaoinich e air na bliadhnachan a chaith e adèanamh dhealbhan, lathan dèidh latha, oidhchan dèidh oidhch’, acumail a h-aodainn air falbh, a-muigh anns an dorchadas a bha agoil leotha. A làmh adealbhadh gun sgur, gus nach brùchdadh an dorchadas air inntinn. Dhfhaighnicheadh daoine carson nach robh dearg air bith anns na dealbhan aige ach bha fhios aige fhèin. ’S iomadh smuain a thug an luchd-sgrùdaidh às an inntinnean airson sin a mhìneachadh don t-sluagh (ma bha dragh air bith acasan) ach cha robh aon aca ceart. Rinn e gàire beag eile.

Cha robh fhios aige carson a bha e an siud ach bha e ann gach bliadhna. Bha rudeigin ga stiùireadh chun achàirn ud. Dhfhosgail e shùileans chunnaic e na sìtheanan dearga a-rithistròsan searbha na


[128] Fraingeair na broillichean mar fhuil. Dhùin e shùilean, ach thill an smuain.

Chunnaic eFrankna laighe air an talamh reòite. Bha aodann ris an adhar, a bha sìmplidh gorm. Chual e na gunnachan abùrails alosgadh. Cha robhFrankmarbh fhathast, oir chunnaic e e agluasad mar gum bann na chadal. Chaidh an dithis aca a thogail còmhla, dìreach às an taigh-fhoghlaim. Bha iad toilichtan latha dhfhàg iad, ach cha robh iad toilichta-nis. Bha bùrail do-ainmichttimcheall air mar ifrinn. Dhfheumadh eFranka thogails a thoirt air ais. Bha e-fhèin na laighe air an talamh. Dhfheumadh e èirigh is ruith isFranka thogail is ruith a-rithist.

Rinn e airson èirigh( ’sann a bha e mar gum bann ceangailtris an talamh) ’s aig acheart àm chunnaic en Gearmailteach aleum mu choinneamh leis abhiodaig. Dhèirich e-fhèin is ruith e: bhaFrankfad air falbh. Bha abhiodag air a chùlaibhs e aruith. Chual e peilears thuit an Gearmailteach. Cha robh fhios cia às a thàinig am peilear.Cha do stad e-fhèin: ach lean e air chun nan trainnsichean. An ceann ùine stad e, ’s chaidh e air ais far an robh an Gearmailteach, ’s sheas e os a chionn asealltainn ris. Cha robh gunna ri chluinntinn. Bha an t-adhar sàmhach.

Siud far an dfhuair iad e, na sheasamh mar gum bann am bruadar asealltainn sìos ris aGhearmailteach. Bha fuil air broilleach aGhearmailtich far na bhuail am peilear e. Bha a dhà shùil fosgailte is cop timcheall a bheòil.

Chaidh iad timcheal airs bhuail fear aca an Gearmailteach le bhròig. Chaidh e-fhèin air chrith mar gum bann abualadhFranka bha iad. Bha abhiodag fhathast ann an làimh aGhearmailtichs a bheul fosgailte, asealltainn nam fiaclan. Be duine òg a bhann, a shùilean gorms a phluicean dearg. Sheas e asealltainn sìos ris airson ùine mhòir. Thòisich e asgriachail nuair a shlaod iad air falbh e.

Goirid an dèidh sin chuir iad dhachaigh e.

Chual e na carbaidean mar pheilearan atòiseachadh a-rithist. Bha e na sheasamh mar chloich, ’s a ghàirdeanan ri a chliathaich. Chunnaic e boireannach reamhar agul, ’s neapaigin mòr gorm aice. Chual e am ministear ag ràdh:

They shall grow not old, as we that are left grow old, ” ’s rinn e gàire


[129] beag eile ris fhèin.

Nuair thionndaidh e air falbh theich dithis no thriùir às a rathad, ’s iad atoirt urram dhà.

Choisich e gu grad air falbh. Cha robh a dhruim a-nis cho dìreach. Ghabh ifrinn na sràide seachad air. Smaoinich e air an dealbh air an robh eg obair, ’s thubhairt e ris fhèin: “Tha thìd agam, tha thìd agam an dearg a chur annta, mus bàsaich mi.”

Chunnaic e aodannFrankair gach sràid, asealltainn suas ris. Bhuail e ann an dithis no thriùir ach lean e air gun tionndadh. Cha robh an t-aodann ud afàs aosd.

Mu dheireadh ràinig en taigh, air ghoil le smaointean.

Chuir e dheth a chòtas thòisich e air dealbh ùr. Cha robh càil anns an dealbh ach ròs mòr dearg, mar chridhe duine, ’s os a chionn bha adhar sìmplidh gorm.

Iain Mac a’ Ghobhainn

title32. Aig a’ Chloich-chuimhne
writersIan Crichton Smith
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page