[130]

33. FEOIL A’ GHEAMHRAIDH

Bha e amiannachadh gun tàradh achaora às, agus gun dèanadh i airsan, na sheasamh eadar tòin an taighe agus an gàrradh. Ach bha an math, bha athair eòlach is achaora afàs sgìth. Sheasadh i, chuireadh i aghaidh air achù, agus shaoileadh am balach gu robh i acur eagail air, ach cha tigeadh stad an ceumRexagus bfheudar dhi a casan a thoirt leatha.

Be latha soilleir geamhraidh a bhann, is beanntan an iar-dheas mar-tha acnàmhadh na grèine. Cha robh gaoth ann ach uspagan nach teicheadh facal no fuaim às an rathad. Ged bha athair ceud slat air falbh chluinneadh e cho goirids a bha anail; chluinneadh e faram casan achoin, is glugadaich na caora aruith.

Cha thrèigeadh achaora an aon slighe. Fad aghàrraidh, timcheall taigh-nan-cearc agus air ais chun a ghàrraidh.

Bha athair mar a bàbhaist, na sheasamh la chasan sgèabte, a cheann roimhe agus a dhà ghàirdean làidir mar gheugan bho a chliathaich, mar gum biodh e adèanamh oidhirp gun dìreadh air gluasad.

Te-ADD a mhadaidh! Laigh-anna-sin! Sin thu, back there now.Mach à sin!”

Bha e iongantach, shaoil am balach, cho cruaidhs a bha athair airRexa-muigh, is cho rèidhs a bha iad a-staigh ris an teine.

Cha mhòr nach robh i air a mhuin mun do dhfhidir e. Leum e thuice, agus ghreimich e ri a sliasaid. Bha an fliuch ri thaobh, agus am beathach a dhraghadh.

Faigh grèim oirre! Thig a seo, a choin! Sin thu, bhalaich.”

Chual e lachanaich athar nuair thuit e. Ach cha do leig e ise às. Bha e-fhèin is achaora asprùillich air an talamh, agus i ro neartmhor dhà, ’s na casan caola cruaidhe abuiceil, ga bhualadh. Bhuail esan aon uair i le dhòrn. Chaidh gath fuath troimhe. Lùig e a marbhadh le fhiaclan.Lùig e na sùilean a spìonadh aisde. ..

Cha robh aige na ghrèim ach sop cloimhe. Dhfhosgail e a shùilean agus chunnaic e casan fada athar agus a nàmhaid glacte mu chùl a h-amhaich le aon làmh mhòr chomasach. Sheall e suas, is chunnaic e an t-aodann le gàire agus na sùilean gorma blàtha.

Sin thu, bhalaich, èirich. ’S math gu robh thu ann.”


[131]

Dhèirch e agus chuir athair a làmh air a ghualainn.

Cuiridh sinn suas i. A, a bhalgair, cha shàraich thusa duine tuilleadh, mura bi dfheòil, righinn!”

Rinn an dithis gàire, ach bha fuath aige fhathast nuair shealladh e rithe. ’Se bhiodh toilichte ga faicinn astrì agus abreabail nuair a bhiodh an sgian ri tighinn! Cha toireadh i buaidh air athair-san, , nas motha na bheireadh gin air fhèin nuair dhfhàsadh e mòr treun mar athair.

Air do athair am bann a cheangal mu chasan na caora, shuidh e sìos agus rinn e cigarette de thombaca a bhaige ann am bucas faileasach. Shuidh esan air a bhuinn mu choinneamh.

Bheil a h-uile càil againn? Mias, sgian, òrdil an t-òrd? Ruith suas air a thòir, Alasdair, aràidh.”

Na marbh i gus an till mi, ma-thà.” Agus ruith e suas dhachaigh. Cha do shaoil athair gu robh e ach air falbh nuair thill e, an t-òrd aige, agus a shùil asireadh na caora.

O, tha i mar a dhfhàg thu i,” ars athair le fiamh-gàire. “Well, ma-thà.”

Thog athair achaora agus chuir e na sìneadh air abhòrd i.

Cumaidh mise stòld i!” dhèigh am balach, ach cha robh sin iomchaidh. Laigh achaora sàmhach, gun ghluasad, a sùilean balgach, cruinn gan coimhead.

Thilg athair a sheacaid gus lom e a ghàirdeanan gu uilinnean. Thug e draghadh mu dheireadh às ancigaretteagus chuir e car dhith fo bhròig. Thog e an t-òrd. Thàinig e a-null chun abhùird.

Bha am balach acoimhead an caora agus ag ràdh ritheGheibh thu a-nis e, gu-, iss math an airidh. Ach ch do dhatharraich an t-sùl chruinn, aineolach, a bha ga leantainn, agsu cha do charaich cas no ceann ach an sìneadh mar chlosaich ged a bha a h-anail gu dubhadh sìos is suas. Bfheàrr leis gun gluaiseadh i, gun dèanadh i strì sam bith, gus an leumadh e oirre is gun tachdadh e i.

Tog, an-dràsd. As arathad, aràidh.”

Sheas athair ri a taobh, rug e air adhairc oirre, agus thog e a ceann gu a cùl. Bha esan na sheasamh mu coinneamh, geur, asireadh faileas an eagail anns na sùilean. Ach cha do lorg.

Well. Seadh, dìreach an seo” —agus bha corrag athar, leis na h-uilt chnapach, eadar shùil abheathaich— “sinm bad am buail sinn i, agus


[132] cha bhi fios aicair càil.”

Chuir e dhà làmh na phòcaidean, agus chaidh iad nan dùirn bheaga gheala. Sheall e air achaora a-rithist. Sheall achaora air ais gu sèimh. Thog athair an t-òrd. Thrèig an gamhlas na fèithean, agus chaidh fhuil na uisge anns na cuisleancha robh eagal air achaora idir. Cha robh i abreabail no afeuchainn tabhairt às. Gu grad bha an truas ga thachdadh, agus dhfhosgail e a bheul.

Cha do leig an t-òrd brag idir, ach fuaim mar uinneig asgàineadh air cùl aodaich. Cha bu dùraig dhà sealltainn ri athair, ach cha do dhfhàg a shùil ceann na caora. Bha na sùilean bòcach maothghlas fhathast ga choimhead seachad air gàirdean dubh athar. Cha do ghluais e.

Chuir athair sìos an t-òrd, sgioblaich e mias air an ùrlar, agus thagh e àite an amhach na caora. Chunnaic am balach na crògan mòra neartmhor ag obair anns achloimh, agus an làmh dheas atogail na sgine. Cha robh inntinn aige ach na sùileans na cluasan. Bha athair ri dèanamh cagair fheadalaich gun fhonn ris fhèin, agus na làmhan eòlach agluasad. Chaidh faobhar na sgine a-steach am-measg na clòimhe.

Bheil i marbh?”

Tha gu dearbh,” ars athair, agus an sgian a-nis agearradh glan.

Thuit achiad sruthan de bhoinneagan dearga le faram luath, agus thog athair a cheann.

“ ’S i tha. Robh dùil agad nach robh?” agus rinn e gàire.

Chunnaic esan aghàire, is rinn e-fhèin fiamh lag. Chunnaic e aig an aon àm an sgoltadh dearg às an robh fuil a-nis asruthadh.

Cha do charaich e gus an robh athair deiseil airson falbh, nuair a bha achlosach gun cheann, gun chloimh, gun chas is gun mhionach, crochte bho na sailean. Chuir athair uime a sheacaid, agus rinn e cigarette eile, breac-dhearg.

Thug am balach aon dhearcadh gu oisean far an robh an ceann air an làr. Bha sgàile sgleòthach air na sùilean, ach bha iad maoth, socair.

Thugainn, aràidh. Siud siud seachad.”

Chuir e a làmh mu ghualainn a mhic. Thug am balach sùil air an làimh. Agus choisich iad a-mach don fheasgar, a-nis afàs fuar.

Iain Moireach

title33.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page