35. BEAN A’ MHINISTEIR
Cha robh an uinneag mòr, ach nuair chuireadh tu do shùil, no do shròn, ris an leòsan, chitheadh tu, cha mhòr, am baile gu lèir. Bha sròn Màiri Bhig ris an leòsan, air a bruthadh a-mach às a cumadh, is i a’ coimhead an t-saoghail, is a’ coimhead a’ bhaile. Bha i ceithir bliadhna dh’aois.
Is iomadh rud a chitheadh i a-mach air an uinneig ud. Crodh air teadhair, is iad a’ fàgail buaile de fheur lom mun bhacan. Cù a’ gabhail cuairt na aonar fo oir an rathaid. Bha searrach beag dubh a’ criomadh an fheòir am bonn na lota. Is bha duine an siud ’s an seo a’ priogadh bhuntàta. Chitheadh i taighean sgapte air feadh nan lotaichean, air sliosan nan cnoc a bha a’ cearclachadh a’ bhaile. Bha am Mansa, na chnap mòr dubh, làn shimeilearan, air leth bho na taighean eile, agus os cionn chàich.
Agus bha iomadach nì ann nach fhaiceadh i, no eadhon nach luthaigte gum faiceadh i. ’Se sin a bha an inntinn a màthar nuair stad i a’ coimhead cùl a’ chinn aice, is a sròn brùthte ris an uinneig.
Bithidh iad a’ bruidhinn fhathast anns na taighean cèilidh air nuair thàinig Maighstir Iain don sgìre an toiseach leis a’ mhnaoi òig. Bhiodh i gu math na b’ òige na bha esan. Cha robh ise ach ochd bliadhna deug—co-dhiù cha robh i buileach air na naoi-deug a dhùnadh. Bhiodh esan mu chòig bliadhna deug ar fhichead, is e na dhuine dèanta eireachdail. Mar bu trice ’s ann a’ marcachd air muin eich a chìte e a’ dol tron bhaile; cha robh là nan càraichean air a thighinn an uair sin, no fada às a dhèidh.
Cha do chuir muinntir a’ bhaile, anns a’ chumantas, mòran eòlais air bean a’ mhinisteir. Cha b’e idir gu robh i cho socharach, no cho diùid, ach a chionn ’s nach robh iad ga tuigsinn. Bha i eagalach gu beathaichean, is gu h-àraidh gu coin. Bha cù beag aice fhèin, is bha deilbh chon aice anns gach seòmar anns a’ Mhansa.
An corr uair a thigeadh i air chuairt a-mach air geata a’ Mhansa, chitheadh iad i a’ stad ri coimhead a’ chruidh, no na suidhe ri taobh an rathaid a’ taghagh shìtheanan, is bhiodh i a’ còmhradh ris a’ chuilean, is iad an dara uair a’ ruith a chèile a-null an rathad, nì a bha na chùis iongnaidh ann am bean ministeir. Ach cha duirt duine riamh dad na
Nuair ghabhadh iad cuairt nan dithis, bhiodh ise air ghàirdean aigesan, is bha sin na annas cuideachd anns a’ bhaile. Is bhiodh i an aon dòigh an uair sin—a’ stad a choimhead bheathaichean, is a thional fhlùraichean, is cha robh nì a dhèanadh i nach stadadh esan ga coimhead, gun chabhag sam bith a chur oirre.
Dh’fhàgadh iomadach facal mun deidhinn anns a’ bhaile, ach cha robh facal ceàrr no mì-choibhneil ann.
Bha searrach aig a’ mhinistear a bha e a’ togail—nàdar peata—is bhithte ga fhaicinn-san gu math tric a’ dol a dh’iarraidh an t-searraich is ga thoirt gu beulaibh an taighe. Mar bu trice, ’s ann gu tè de na h-uinneagan a thigeadh e, is bhiodh ise a’ feitheamh an sin gus cnapan siùcair a thoirt don t-searrach. Shuathadh i a meuran ri sròn a’ bheathaich an uair sin, ga dhiogladh, is dh’fhalbhadh am ministear leis an ceann mionaid no dhà. Chluinnte uaireannan a’ gàireachdainn i—gàir òg, aighearach, gàir nighinn.
Bhiodh iad a’ bruidhinn air a’ chiad bhliadhna a bha am ministear anns a’ bhaile, nuair chaidh iad a bhuain na mònach dhà. Chaidh an sgiobadh gu am biadh anns a’ Mhansa, is abair gun d’fhuair iad biadh.
Ach cha b’e sin idir e, ach mus do thòisich iad, chaidh ise chun a’ mhinisteir, is e na shuidhe aig ceann a’ bhùird, is chuir i a làmh ma amhaich is thuirt i ris, ann am Beurla, e ghabhail an t-altachadh. Rinn e sin, is dh’fhuirich ise far an robh i, is a làmh air a ghualainn gus an robh e ullamh.
Ghlèidh iad an còmhnaidh nan cuimhne cho dèidheil ’s a bha i air coin is air cuileanan. Bhiodh e nàdarrach gun cumadh iad cuimhne air sin, oir ged a bha muinntir a’ bhaile coibhneil gu leòr ris na coin aca fhèin, cha dèanadh iad a’ bheag de chòmhradh riutha mura biodh feum air, is mura biodh leanabh ann, chan fhaicte duine a’ tatadh cuilein, no a’ dèanamh peata dheth. Ach an là-sa a bha muinntir a’ bhaile a-staigh aice, rinn bean a’ mhinisteir barrachd bruidhinn ris a’ chuilean na rinn i riuthasan, is bhiodh iad a-riamh a’ còmhradh mu dheidhinn sin.
Bliadhna no mar sin an dèidh dhaibh tighinn don bhaile, fhuair ise leanabh, leanabh nighinn, is abair thusa gàirdeachas anns a’ Mhansa,
Chaidh Iseabail Chaluim Mhurchaidh don Mhansa air mhuinntireas goirid mun do rugadh Shirley, is dh’fhuirich i còmhla riutha. A-rèir is mar a bhiodh Iseabail ag ràdh, ’s ann na bu neònaiche a bha bean a’ mhinisteir a’ fàs an dèidh dhi an leanabh fhaighinn. Mus robh Shirley bheag dad ach mìos de dh’aois, chuireadh a màthair an cuilean na shuidhe air cathair ma choinneimh an leanaibh, is nam faiceadh i Shirley a’ gluasad no a’ carachadh dh’èigheadh i ann am Beurla ris a’ mhinistear gu robh i a’ toirt an aire don chuilean. Is chanadh am ministear gu robh, is ghàireadh iad nan dithis.
Ach thàinig Iseabail air a’ mhinistear, là eile, is e na sheasamh os cionn leabaidh Shirley, is na deòir na shùilean. Dh’fhaighnich i dheth an robh dad ceàrr, is thuirt esan nach robh: gur ann a bha e smuaineachadh gur e rud uabhasach a bhiodh ann pàisde beag den t-seòrsa sin a bhith air a fàgail gun duine shealladh rithe. Cha dubhairt Iseabail an còrr, ach shaoil i gur e rud neònach a thuirt e.
Bha an ùine a’ dol seachad mar sin, is an ceann greise, sguir muinntir a’ bhaile a bhruidhinn air bean a’ mhinisteir. Cha bhiodh iad ga faicinn ach ainneamh co-dhiù, bhon bha an leanabh ga cumail glaiste. Bhiodh iad a’ gabhail naidheachd a’ Mhansa nuair chitheadh iad Iseabail, ach mar a bha an tìde dol air adhart bha na bu lugha aicese r’a ràdh is cha bhiodh i-fhèin a’ tighinn cho tric am-measg nan daoine.
Chaidh còrr is dà bhliadhna seachad mar sin, is thàinig samhradh brèagh, tioram. ’S ann a bha e ro thioram, oir b’e siud an samhradh a thraogh tobraichean a’ bhaile, is b’fheudar a dhol gu ruig Loch an Ois a dh’iarraidh uisge. Thòisich bean a’ Mhinisteir a’ tighinn a-mach às a’ Mhansa na bu trice, is bhiodh i-fhèin is e-fhèin a’ gabhail chuairtean. Glè thrice ’s ann taobh na mara a rachadh iad, an àite thighinn tron bhaile. Bha na creagan an ìre mhath àrd, is bha lianag de ghlasaich aig am bàrr, is dh’fhadaodh tu uair a thìde a chur seachad glè dhòigheil nad laighe an sin, a’ coimhead adhair, is a’ coimhead na mara, is na h-eòin mhara a’ seòladh a-mach ’s a-steach às d’fhianais.
Shuidh iad an là-sa os cionn na mara, gam blianadh fhèin, is an
Bha de chiall aig bean a’ mhinisteir cumail air falbh bhon chreig. ’Se rubha a bh’ann, gun a’ chreag a bhith ro àrd, is bha e furasda bràigh a thoirt air, is rathad fhaighinn sìos chun a’ chladaich. Rinn i sìos ch luath ’s a b’urrainn di, a’ gal ’s a’ caoineadh mar a bha i a’ ruith, is nuair ràinig i nuas, bha am ministear na laighe air a’ ghainmhich aig beul na mara, is sruth às gach stiall aodaich a bha air, is an fhuil a’ tighinn à gearradh domhainn ann an cùl a chinn. Thog i mar a b’fheàrr a b’urrainn dhi e, is thug i air falbh bho bheul na mara e. Shrac i striob den leine ghil a bha oirre fhèin is chuir i ma cheann e, gus stad a chur air an fhuil, is dh’fhalbh i a dh’iarraidh cobhair.
Bha e fortanach. Feumaidh gun bhuail a cheann ann an oisein den chreig nuair bha e a’ tuiteam, ach thuit e don mhuir is mar gum beothaicheadh an sàl fuar a-rithist e, fhuair e chun a’ ghainmhich aig ceann a-bhos an rubha, is chaidh e na shiananaich an sin.
Cha robh ise fada gun tilleadh, is dithis leth-ghillean còmhla rithe is thog iad am ministear dhachaigh leotha gu ruige a’ Mhansa.
Nuair bha iad a’ falbh bhàrr a’ chladaich thug ise sùil a-null chun an rubha, is chunnaic i an cuilean bochd na laighe marbh air na creagan aig a’ bhonn. As bith ciamar a thuit e, sheachainn e a’ mhuir, is bha e air a phronnadh air na creagan ri beul an Iàin.
Cha robh an gearradh ann an ceann a’ mhinisteir fada a’ slànachadh, is bha e air ais anns a’ chùbaid an ceann seachdain no dhà. Ged bha sluagh a’ bhaile glè fhritheilteach air an eaglais aig a h-uile àm, bha i na bu làine an là sin na ’n àbhaist. Bha an naidheachd air a dhol tron sgìre, is bha an òigridh gu h-àraidh airson faicinn am ministear a chaidh leis a’ chreig. Is iongantach gur e an t-searmoin a bha dùil aca ris a fhuair iad Tha e coltach gun thòisich e ann an dòigh a bha dòigheil gu leòr,
Chaidh dithis de na h-èildearan suas chun na cùbaid, ach cha b’urrainn daibh toirt air sgur. Ach mu dheireadh thug iad air a thighinn a-nuas agus chaidh an dara fear dhiubh an ceann na seirbhis is cho-dhùin e cho luath ’s a b’urrainn dà.
Cha deach Maighstir Iain a-riamh am broinn cùbaid as dèidh an lathsa sin. Cha robh e fada sam bith aig an taigh nuair chaidh cùisean na bu mhiosa, is b’fheudar a thoirt air falbh.
Bha sin an toiseach an fhoghair. An ceann mìos no mar sin, thòisich bean’ mhinisteir air tighinn a-mach às a’ Mhansa a-rithist, is ghabhadh i chuirt a-null an rathad mar bhiodh i a’ dèanamh o chionn dà bhliadhna no trì, a’ taghadh shìtheanan is a’ bruidhinn ris a’ chrodh a bha ionaltradh ann am bonn nan lotaichean, is ma bha each no searrach a bha cho stòlda is gu fuireadh e rithe, bheireadh i cnapan siùcair às a pòcaid is bheireadh i dhaibh iad, a’ còmhradh riutha fad an t-siubhail, is a’ gàireachdainn uaireannan. Nan coinnicheadh duine rithe, chanadh i ris, anns a’ Bheurla, gu robh là math ann, ach cha chanadh i mòran sam bith ach sin. Is bha Iseabail anns a’ Mhansa còmhla rithe fad an t-siubhail a’ toirt an aire air Shirley.
Ach cha do lean sin glè fhada. Mus robh gealach bhuidhe an abachaidh slàn, thàinig Iseabail aon oidhche na ruith a-mach às a’ Mhansa, is Shirley bheag aice na gàirdeanan is rinn i air an taigh a b’fhasige, a dh’innse dhaibh gu robh bean a’ mhinistear às a rian, is chaidh na nàbaidhean a-null leatha air ais a dh’fheuchainn dè a
Ma bha daoine aca—aig a’ mhinistear no aig Bean a’ Mhinisteir—cha chuala muinntir a’ bhaile iomradh a-riamh orra, is cha tàinig duine a bhuineadh dhaibh a dh’fhaighneachd airson an leanaibh. Thug Iseabail Chaluim Mhurchaidh dhachaigh i don taigh aca fhèin, is chaidh a togail an sin mar gum buineadh i dhaibh fhèin.
Ach bhiodh e dualtach gun cluinneadh “Shirley a’ Mhinisteir” mar a theirte rithe fada an dèidh sin, beag no mòr den t-seanchas agus is iongantach mur do dh’innis Iseabail beagan air choreigin dhi co-dhiù, ged nach innseadh i an t-iomlan. Dh’fhàs i suas na nighean bhrèagh, is phòs i fear a mhuinntir an àite, is fhuair i-fhèin leanabh. Bha beachd aice air ainm a màthar fhèin co-dhiù, oir ’se Màiri an t’ainm a thug i air a’ phàisde.
Bha na ràithean is na bliadhnachan a’ dol seachad. Bha gu leòr anns a’ bhaile aig an robh deagh chuimhne air bean a’ mhinisteir, agus is tric a bheireadh Màiri bheag nan cuimhne i, is gu h-àraidh Iseabail Chaluim Mhurchaidh. Cha robh uair a chitheadh i an nighean bheag a-muigh a’ tional fhlùraichean is a’ bruidhinn ris na coin is ris a’ chrodh nach smuainicheadh i air a’ bhoireannach shìmplidh bhlàth-chridheach bu sheanmhair dhi, is thigeadh faileas de iomagain tarsainn air a sùilean, oir bha i a’ creidsinn mar a bha muinntir a’ bhaile gu lèir, gun deidheadh dualchas an aghaidh nan creag is gan tigeadh an nì a bha ’n dàn là no là-eigin.
Chan eil Màiri bheag fhathast ach òg. Co aig tha fios ciamar a thèid dhi. Is iongantach gu bheil am ministear no a bhean beò an-diugh, agus is iongantach gun cluinn an tè bheag dad mun deidhinn.Chan eil mi ro-chinnteach an tuigeadh i e, ged a chluinneadh. Dh’fhaodadh nach ann air nithean mar sin a bhios a h-aire.
Ruaraidh MacThòmais
title | 35. |
internal date | 1985.0 |
display date | 1985 |
publication date | 1985 |
level | |
reference template | MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p |
parent text | Eadar Peann is Pàipear |