36. DEIREADH AN T-SAOGHAIL
Chan eil e idir na mhòr iongnadh ged thug daoine cluas fhurachar da theachdaireachd. Bha e somharraichte na phearsa ’s na mhodh labhairt, ’s ma chleachd e “Am Fàidh” mar ainm dhà fhèin chan eil teagamh ann nach robh e coltach gu leòr ri aon de fhàidhean an t-Seann Tiomnaidh—co-dhiù a-rèir nan dealbh a bhios daoine a’ dèanamh dhiubh.
Còrr is sia troighean a dh’àirde, leathann sna guaillean agus seang ’mu leasraidh; feusag throm dhubh an crochadh ri uchd gu ruig a chrios agus gruag fhada den dath cheudna a’ tuiteam sìos ri shlinneanan; sùilean geura a’ lasadh mar èibhlean theine na cheann—cò nach mealladh e na choslas. A bhàrr air sin, bha a ghuth fonnmhor drùiteach, aig uairean ìosal ciùin, aig uairean àrd caithreamach mar dhoinnein na stoirme, a-rèir nam pong a bha theachdaireachd a’ bualadh.
Co às a thàinig e, dè a b’ainm dhà, no carson a thagh e Baile Labhainn mar cheanna-bhaile a theagaisg, cha b’fhiosrach le neach; co-dhiù bha ceistean na bu chudthromaiche ri inntinn dhaoine oir b’i suim a theagaisg gu robh crìoch an t-saoghail am fagas ’s nach robh aig luchd àiteachaidh na talmhainn ach beagan is trì seachdainean gu bhith deasachadh fo chomhair latha mòr na cunntais.
A-nis tha sinn uile a’ creidsinn an dòigh air choreigin gun tig crìoch air an t-saoghail uaireigin—tha ùghdarras na Fìrinne againn airson sin. Ach cuin no ciamar, chan fhiosrach dhuinn, no chan eil sinn deònach a dhol ro dhomhain anns a’ chùis. Mar chrìoch ar beatha fhèin tha sinn dualach a bhith cur an droch latha cho fada uainn an tìm ’s an smuain ’s a ghabhas dèanamh.
Ach thàinig an teachdaireachd seo dlùth air muinntir Bhaile Labhainn le buaidh is dùrachd nach robh dùil aca ris. Luaisgeadh inntinn an t-sluaigh fo chumhachd searmonachaidh an “Fhàidh”, bha chomas labhairt, a phearsa, ’s giorrad na h-ùine bha e cur a mach dhaibh ag oibreachadh, mar gum biodh, còmhla ann a bhith toirt buil is èifeachd da theagasg. Chuala agus leugh iad mu a leithid, bha fhios aca gu robh ’s gu bheil Buidhnean Creideimh ann a bhios o àm gu àm a’ comharrachadh ceann-latha agus uair airson teachd deireadh an
Cha chual iad riamh ministear no searmonaiche cho comasach no cho sìmplidh ris an fhear seo. A bhàrr air tarraing a phearsa, bha e daonnan a’ dearbhadh ’s a’ sgeulachadh a theagasg le briathran na Fìrinne—air an tarraing mar bu trice on chuibhreann as dìomhaire de Leabhar an Taisbeanaidh no ’n earrainn as do-thuigsiche de fhàidheadaireacdhd Dhàniel. Ach bha dòigh aigesan air na briathran bu dìomhaire a shnìomh air chor ’s gun tuigeadh an neach bu shìmplidh mac-meanmna iad. Am beachd na mòr-chuid b’e seo am facal mu dheireadh ann am fàisneachd.
Aig an toiseach cha do ghabh ministearan a’ bhaile mòran suim den ghnothach. Ach mar chaidh na làithean seachad, bha e soilleir gu robh chùis na bu chudthromaiche na bha iad an dùil. Cha robh teagamh ann nach tugadh a’ ghnè teachdaireachd seo a-mach a toradh fhèin ann an slàinte cuirp is inntinn dhaoine. Agus theann a buaidh ri sgaoileadh. Chruinnich feadhainn à bailtean eile—faodaidh airson spòrs dhaibh fhèin—agus ghlacadh a’ mhòr chuid dhiubh ann an lìon an “Fhàidh.” Coltach ris an luchd-fanaid anns an dàn aig Oliver Goldsmith bha seo fìor mun deidhinn—
“A’ chuid a thàinig gu bhith fanaid
Dh’fhan iad gu bhith ’g ùrnaigh.”
Air neo thill iad dhachaigh an cabhaig gu bhith cur an càirdean nam faireachadh iad a dheasachadh fo chomhair coimhlionadh na fàidheadaireachd. Bha roinn mhath den sgìreachd a-nis fo dhragh ’s fo iomagan. Cha robh buaidh aig searmon, achmhasan no argamaid o mhinistear air a’ chuid a lean am “Fàidh.”
Theann oibrichean air dhol ma làimh; carson bhiodh daoine cosnadh no saoithreachadh ’s deireadh an t-saoghail am fagas.
’S bha am “Fàidh” a’ sìor bheothachadh an teas cainnte ’s an dùrachd teagaisg mar bha latha mòr an uaibhais a’ teannadh dlùth. Cha robh dad a dhìth air a thaobh aoigheachd; bha e na onair le luchd-leanmhainn e oidhche a chur seachad fon cabair. Eadar airgead, aodach ’s gach gnè thiodhlac bha e air a chuartachadh le fialaidheachd o gach taobh. A-rèir coltais cha do stad neach gu bhith ceasnachadh gu
Thàinig e don bhaile mu thoiseach a’ mhìos Mhàirt; rinn e soilleir gu robh an saoghal a’ tighinn gu crìch air an latha mu dheireadh den mhìos. Tha e iongantach an t-atharrachadh a nì seachdain no dhà am beatha ’s an creideamh dhaoine. Cha robh muinntir Bhaile Labhainn dad na b’fheàrr na na bu mhiosa na sluagh àite sam bith eile; bha cuid dhiubh nan luchd-eaglais, ’s cuid dhiubh nach robh, ach thug briathran an “Fhàidh” buaidh orra uile an dòigh air choreigin. Thionndaidh a’ chuid a bha nan creidmhich gu cràbhadh anabarrach; a’ chuid a bha fuasgailte nan dòigh chaidh iadsan gu mì-rian buileach, ’s a’ chuid a bha leisg, leig iad an saoghal tur mun ceann. Cha robh nì ann a b’urrainn lagh no maor lagha a dhèanamh. Cha do bhrosnaich am “Fàidh” neach gu mì-rian, cha do dh’iarr e air neach sgur a dh’obair no call a chur air a mhaighstir.
Bha gnìomharan gach duine air a chogais fhèin, ’s cha robh nì ùr san t-searmonachadh a bharrachd air an dùrachd, a’ chinnt ’s an t-ùghdarras leis an robh e air a liubhart agus—seo os cionn gach nì—an latha dearbhta bh’air a shuidheachadh airson deireadh an t-saoghail.
’S iongantach an grèim a ghabhas sgeul sam bith air inntinn sluaigh ma tha i co-cheangailte ri eagal no ri creideamh. Nuair chunnaic muinntir Ile a’ chiad bhuilgean-adhair anns na speuran chaidh an sgeul mun cuairt gu robh deireadh nan aimsirean ann ’s gu robh an Droch Aon ag itealaich on àird-a- deas gu bhith sgrìobadh leis luchd na dò-bheairt. Mar thubhairt am bàrd:
“Shaoil na peacaich iarghalta bhliadhn’ ud gu robh iad leis
’S ghuidh iad air an Trianaid na diadhairean a bhith deas.”
Bha faireachadh ceudna am Baile Labhainn, ged nach robh nì mì-àbhaisteach san speuran os cionn a’ bhaile. Ceart gu leòr, bha cuid ann a chum an cinn, ’s a chleachd an reusan. Theireadh iad sin gun thagh am “Fàidh” an ùine chuir e ro dhaoine gu gleusda; fada gu leòr airson a sporan fhèin a lìonadh, ach gun a bhith ro fhada airson a luchd-leanmhuinn fàs sgìth dheth—mar tha dualach a thaobh a h-uile nì ùr agus annasach.
“Cainnt thoibheumach, an-diadhaidh,” theireadh na h-às-creidmhich.
“Chan fhada—agus sin gu ur cosgais,” fhreagradh càch le crathadh cheann.
’S bha latha às dèidh latha a’ toirt deireadh na mìosa na b’fhaisge.
Thàinig an deicheamh latha ar fhichead den mhìos Mhàirt. Chruinnich an sluagh a dh’èisdeachd ris an “Fhàidh” airson an uair mu dheireadh, creidmhich maille ri ana-creidmhich. Aig sia uairean an fheasgar theann e ri labhairt ann am pàirc mhòr a’ bhaile—cha tug e riamh cothrom do na maoir làmh a chur air le bhith searmonachadh air sràidean a’ bhaile. Thog e ghuth le foirm agus dhian-bhrosnaich e daoine gu bhith buileachadh na h-ùine bh’aca ro mheadhon-oidhche an ùrnaigh, gheall ’s gu lorgadh iad tròcair eadhon aig an aon uair deug.
Nuair chrìochnaich e, sgaoil an sluagh gu bog balbh. B’iongantach na deifir àitean a roghnaich pearsachan air leth airson feitheamh ri deireadh an t-saoghail. Dheònaich cuid suidhe aig an taigh maille ri an teaghlaichean; dhìrich cuid eile gu mullach beinne dlùth don bhaile gu sealladh farsaing fhaighinn air crìoch an t-saoghail—no gu bhith rudeigin na b’fhaisge air nèamh; thog cuid orra do na taighean-òsda a’ lorg misnich no comhfhurtachd sa’ mhisg, nuair nach robh mòran dùil ri còmhnadh à ceàrn eile. Cuid a’ cuimhneachadh na chaidh seachad dem beatha, cuid a’ dèanamh oidhirp a bhith dìochuimhneachadh.
Mar theann uair na meadhon-oidhche theann iomagain dhaoine dhol am meud. Bha eadhon a’ mhuinntir nach tug creideas sam bith don “Fhàidh” a’ fàs rudeigin an-fhoiseil ’s mì-shaoirsneil, ’s nuair bhris an stoirm air buille na meadhon-oidhche cha nàir a ràdh gu robh iad fo thrioblaid cho mòr ri càch.
Chriothnaich an talamh ri tartar nan speur, fhreagair na beanntan guth oillteil nan tàirneanach, shrac solas lasrach nan dealanach cùirtear dorcha nan neul. Dhòirt na nèamhan a-nuas tuiltean uisge nach fhacas riamh an leithid san tìr. An cuimhne duine cha robh cunntas air a leithid a stoirm. “Chan urrainn gu robh i dad na bu mhiosa mun cuairt Shinai an latha fhuair Maois na h-Ainteanan,” arsa seann duine còir aig teas na stoirme.
’S am meadhon an uabhais bha am “Fàidh” trang a’ tional thuige a chuid fhèin— ’s cuid dhaoine eile maille ris. Cha robh e duilich dhà
Ach gu fortanach bha maoir a’ bhaile air ghluasad. Co-dhiù bha iad a’ creidsinn caismeachd an “Fhàidh” ’s go nach robh, bha iad a’ creidsinn ann bhith ’n ceann an dleasdanais gu na mionaid mu dheireadh.
Cheapadh am “Fàidh” a’ tighinn a-mach tro uinneag bùtha ’s tional co-la-deug a dh’airgead aige am pocan. Na robh e air a bhith sàsaichte le na thug daoine dhà len saor thoil fhein, faodaidh gu robh e air tàrsainn às gun fhàth gun fhaireachadh, ach ghlacadh e ann an lìon a shann fhèin.
Le mòr ghliocas thug na maoir leotha e an oidhche sin fhèin gu prangas an ath bhaile; bha iad cinnteach nach biodh a bheatha sàbhailte an àite sam bith anns an ruigeadh fearg an t-sluaigh air. Cha robh iad eadhon cinnteach às prìosan Baile Labhainn.
Chaidh an stoirm, olc ’s ga robh i, seachad agus bhris grian na maidne air saoghal a bha gun atharrachadh. Leagadh bothag chearc, spealg an dealanach craobh dharaich mhòr sa’ phàirc (an dearbh chraobh fon do libhrig am “Fàidh” a shearmon deireannach), chaidh drochaid bheag no dhà a sguabadh air falbh leis an tuil, ach a-mach air sin bha an saoghal cho daingeann air a bhunait ’s a bha e an latha dhealbhadh e; aon uair eile thàinig caismeachd nam fàidhean brèige gu neoni.
Mar thubhairt aon de sheann daoine glice a’ bhaile, mun “Fhàidh” seo: “Tha dhìol tìde aige nis sa’ phrìosan gu bhith feitheamh ri deireadh an t-saoghail. Thig sin aig an àm ’s anns an dòigh a chì an Tì a chruthaich e iomchaidh.”
Cailein T. MacCoinnich
title | 36. Deireadh an t-Saoghail |
writers | MacKenzie |
internal date | 1985.0 |
display date | 1985 |
publication date | 1985 |
level | |
reference template | MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p |
parent text | Eadar Peann is Pàipear |