39. AN STARSACH
Ged chaidh Pòl don leabaidh na bu tràithe na b’àbhaist feasgar Diardaoin, gu math na ba tràithe na b’àbhaist, cha do cheasnaich e e-fhèin ach carson a bha a’ dol innte aig an àm ud. Cha robh e ach ochd uairean, no beagan às a dhèidh, agus bha am feasgar sìnte roimhe mar bhiothbhuantach. Bha e rudeigin sgìth gun teagamh. Cha b’e gu robh e air a bhith ag obair ro thrang, ach co-dhiù bha e sgìth. Bha e mar neach a bha air tighinn gu ceann cladhain agus nach b’urrainn sabaid na b’fhaide an aghaidh na dorchdais.
Cha robh Pòl ach dhà no thrì mhionaidean fon anart, agus blàths na leapa a’ tòiseachadh ga iadhach, nuair chuala e fuaim. Bha dùil aige an toiseach gur e an cù a bha ann, ach chuimhnich e gun dh’fhalbh an cù bho chionn bliadhna is còrr, agus nach do thill e. Cha b’e, cha b’e ’n cù a bha ann idir.
’S ann bha am fuaim aig doras a rùm-cadail. Bualadh slaodach trom, coltach ri druma, ’s a buillean a’ cur ri marbhrann a bha inneal-ciùil a’ cluiche fad às. Bha Pòl cinnteach gu robh e air an doras mòr a ghlasadh a chum meàrlaich na h-oidhche a chumail a-muigh. Thòisich e a’ faireachdainn pian na bhroilleach.
“Cò tha siud?” ars esan.
Cha tàinig lideadh bho thaobh eile an dorais. Cha tàinig càil bho thaobh eile an dorais ach bualadh tiamhaidh, mall. Cha robh atharrachadh anns an fhuaim, buille a’ breith air buille agus ga bualadh.
Agus bha Pòl a’ faireachdainn pian na bhroilleach. Cha robh e a’ dol a dh’èirigh an-dràsda chun an dorais. Mu dheireadh stad am fuaim. Agus chunnaic Pòl làmh an dorais a’ gluasad, agus an uairsin an doras a’ fosgladh. Tron doras thàinig duine a bha rudeigin coltach ri duine, agus e sgeadaichte ann an dubh bho mhullach gu bhonn. ’S ged bha e mar dhuine, le ceann is casan air, theireadh Pòl nach robh aodann idir air. Ma bha, bha a ghnùis falaichte fon dubh. Agus bha rola pàipeir aige na làimh agus seula dhearg air an rola.
Ghabh Pòl eagal, agus dhìochuimhnich e car greiseig am pian a bha na bhroilleach. Bha an duine, mas e duine a bha ann, na sheasamh an siud gun ghluasad agus bha na sùilean nach robh ann a’ coimhead ri
Agus a-mach às an eagal fhuair Pòl cuidhte ’s na facail: “Cò thu?”
Cha duirt am fear eile càil airson mionaid. An ceann na mionaide bhris e an t-seula a bha air an rola. Thuit an t-seula chun an làir ’s i cho dearg ri fuil. Thuit i na criomagan chun an làir. Thuit i ’na boinneagan chun an làir. Dh’fhosgail e an rola agus thug e sùil oirre. ’S bha Pòl san leabaidh air chrith leis an eagal.
“Is mise,” ars esan, “am bàs. Agus tha mi air tighinn gad iarraidh.” Bha e mar gum biodh e a’ leughadh nam briathran, agus eagal air gun deidheadh e ceàrr. Cha robh teagamh aig Pòl nach robh e gan leughadh bhon rola. Agus an uairsin, “Feumaidh tu tighinn còmhla rium.”
“Cho tràth?” arsa Pòl. “Cho luath? Cha robh dùil agam riut. Cha robh dùil agam fhathast riut.”
“Tha cabhag orm,” ars am bàs. “Tha mòran ann air am feum mi tadhal mus bi an oidhche a-mach. Tha cabhag orm.”
“Carson mise?” arsa Pòl. “Chan eil mi ach òg. Co-dhiù chan eil mi sean. Carson mise?”
Sheall am bàs ris le sùilean biorach dubha, agus ars esan, “Cuimhnich, a’ charaid chan eil d’ anail agad ach air iasad. Is leamsa i agus tha mi a-nise ga h-iarraidh.”
Smaoinich Pòl ach am bu chòir dhà cogadh an aghaidh na teachdaireachd seo. Eadhon ged dheidheadh e chogadh na h-aghaidh, an robh dòchas sam bith gum buannaichead e? An robh claidheamhan an t-saoghail a’ dol a chur casg oirre?
Agus bha am bàs, ’s e mar gum biodh e a’ leughadh inntinn Phòil, a’ crathadh a chinn. ’S bha Pòl a’ cur charan anns a’ chrathadh ann an tuainealaich a’ bhàis.
“Na Bìobaill,” arsa Pòl. “Na Bìobaill nach do leugh mi. Tha mi ag iarraidh an leughadh. Thuirt mo sheanair rium a bhith a’ leughadh a’ Bhìobaill, ach cha do leugh mi a-riamh e. Agus na Bìobaill eile. Cha do leugh mi iadsan na bu mhotha.”
Ach bha am bàs fhathast a’ crathadh a chinn. ’S bha an rola eagalach ud na làimh. Sgrìobhte oirre bha binn na cùirte airson rud air nach robh cothram aige. Cha do dh’iarr e air a’ bhàs a thighinn. Eadhon nuair bha e a’ bualadh druma an dàin air taobh muigh a dhorais cha do dh’iarr e air a thighin an-steach. Cha b’esan bu choireach gu robh peacadh anns
Cha do leugh. Cha do leugh e na Bìobaill idir. Nach robh iad cho fada agus cho tioram, agus co-dhiù nach robh tìde gu leòr ann? Agus cha do sgrìobh e a’ bhàrdachd, a’ bhàrdachd sin a bha a’ dol a dhùsgadh teagaimh ach an robh bunaidean an t-saoghail nam bunaidean idir. Thòisich e oirre, ach bha sin fhèin na obair latha gu leòr dha. Agus, anns an tòiseachadh, cha do labhair e aon mhìr-fhacal de na bha e an dùil. ’S an-diugh, air leabaidh a bhàis, bha ìomhaigh dhubh agus rola ag innse dhà gu robh foighidinn an t-saoghail air ruith a-mach. An saoghal a bha a-nise a’ sireadh a dhioghaltais ann an sgàthan de bhriseadh dùil.
Rugadh Pòl Mac an t-Saoir nuair bha e fhathast na leanabh. Agus ged thàinig fad agus meud ann, cha do dh’fhàs e suas a-riamh. Bha e sa’ chogadh a’ cluiche air a bhith na shaighdear, agus bu tric a smaoinich e cho cunnartach ’s a bha e do ghillean beaga a bhith a’ cluiche le rudan air nach robh eòlas aca. Mharbh e Gearmailteach aon uair. Agus cha tug a chogais a-riamh maitheanas dhà. Ach nach ann mu dheidhinn sin a bha an saoghal co-dhiù? Mu chogadh agus mu mharbhadh. Cha b’esan bu choireach gun mharbh e an Gearmailteach. Bha an Gearmailteach san rathad air a’ pheilear aige. Agus ged bhuannaich e-fhèin agus càch a’ chluiche, chaill iad i cuideachd. Bhuannaich iad. .. agus chaill iad. Agus an uairsin b’fheudar dhaibh sgur de chluiche agus a bhith nan saighdearan cearta ach an dèanadh iad cogadh an aghaidh na beatha. Agus bha Pòl an siud. Bha e a’ fàs fuar. Bha e a’ cogadh an aghaidh a’ bhàis. Agus fhuair e bonn agus ribean a chuireadh e na bhroilleach. Rudeigin a chuimhnicheadh an cogadh dhà, na geamachan ud a bha iad a’ cluiche ann am fealla-dhà na h-aimhreit. ’S bha an t-adhar cho dorch leis an duslaich. Agus bha am bàs a’ siubhal raointean a’ chogaidh. ’S bha na drumachan a’ bualadh. Bha am bàs a’ coiseachd
Chunnaic e Màiri aig an dannsa. Bha i ag itealaich air feadh an t-seann ùrlair nuair mhothaich e dhi an toiseach. A’ chiad uair a chaidh e a bhruidhinn rithe bha a beul glaiste agus a sùilean dùinte. Ach mu dheireadh dh’fhosgail e a’ ghlas a bha air a bilean le iuchair na foighidinn, agus thuirt i ris gun deidheadh i dhannsa còmhla ris. Agus nuair bha an dannsa seachad chaidh i à sealladh anns an dorchadas. Cha d’fhuair e aon norradh cadail an oidhche sin, ga chaithris fhèin a-measg bàrdachd ’s a-measg smuaintean. Phòs Màiri fear eile, giobal de choigreach aig an robh liut na h-aithris gu ìre na bu mhotha na bha aig Pòl a-riamh. Agus an uairsin chaochail Pòl, ged nach do bhàsaich e, coltach ri circ mionaidean an dèidh an ceann a sgaradh dhith. Agus chuimhnich e air Uilleam Ros ann an talla nam bàrd nach bu mhaireann, agus smaoinich e cho beò ’s a bha Uilleam Ros ged bha e marbh. Cha b’urrainn dhàsan dèanamh mar a rinn Ros, oir cha robh riut nam briathran air a bhuileachadh air, ’s bha cumha a leannain ’s a chùmha fhèin glaiste na bhroilleach. A’ bhàrdachd nach do sgrìobh e agus na Bìobaill nach do leugh e. Bha iad a-nis ag èigheachd ris ’s a’ fanaid air a chuid aithreachais. Agus mhionnaich e don bhàrdachd ’s do na Bìobaill. ’S bha seòrsa de eagal air romhpa.
Thug e sùil air a’ bhàs, agus bha boinneagan, mar bhoinneagan fala, a’dòrtadh bhon rola. ’S bha criomagan na seula a’ leaghadh air an làr. Bha am bàs an sin na sheasamh, mar bhodach-ròcais a’ fuadach na beatha. Bha eagal a’ bheatha air ron bhodach-ròcais, eagal a bheatha air a’ bheatha. Cha robh am bàs a’ gluasad, agus smaoinich Pòl gum b’e siud a’ chiad uair a-riamh a bha am bàs na thàmh. No ’s dòcha gu robh luchd-cuideachaidh aige a bhiodh a’ falbh air feadh an t-saoghail agus a’ sàthadh biodag dheireannach na sìorraidheachd tro chridheachan dhaoine. Is cinnteach gu robh luchd-cuideachaidh aige. Ciamar eile a bhàsaicheadh dithis aig an aon àm? ’S dè bha gu bhith roimhe nuair dh’fhalbhadh am bàs leis? Chuimhnich Pòl a-rithist nach do leugh e na Bìobaill, ’s nach tug a’ choimhearsnachd dha ticead a bheireadh gu nèamh e. Fhuair feadhainn eile ticead bhuapa, ach cha d’fhuair esan. Cha robh e math gu leòr. Co-dhiù, cha robh e cho math riuthasan. Nach e sin a thuirt iad ris. “Nuair chì thu sinne anns an sgàthan,” ars iadsan; “bidh tu tèaraint’ .” Agus chan fhaca e iadsan anns an sgàthan a-riamh.
’S bu trice a bha e toilichte nach fhaca. Saoil an robh an dorchadas na bu shoilleire dhaibhsan na bha e dhà fhèin?
B’iomadh rud nach do rinn e. Agus b’iomadh achmhasan a fhuair e. Ach cha d’fhuair e achmhasan a-riamh a leithid an fhir seo. Cha duirt neach a-riamh ris gu robh e airidh air a chrochadh, no air a cheusad, no air a mharbhadh. Cha dubhairt lem beòil co-dhiù. Ach bha uilc na beatha air an càrnadh suas na aghaidh, agus bha a’ chain gu bhith daor.
“Feumaidh tu dhol don sgoil,” ars a mhàthair. “Feumaidh tu dhol innte.”
“Cha tèid,” arsa Pòl. “Tha mo stamag goirt.”
A’ bhreug. Bha fhios aige nan deidheadh e don sgoil gum biodh an uinneag a bhris e ag èigheachd ris, ’s e air a dhol às àicheadh gun bhris e a-riamh i. Agus ged bha an t-amharas air, bha esan air amharas a chur air càch. Carson a bha e a’ cleith na fìrinne? Carson a bhris e an uinneag bho thùs? Carson nach do dh’fhàg e slàn i? Carson nach robh dubh geal agus geal dubh? Agus bha e ag innse na brèige da mhàthair, ’s bha i a’ creidsinn na brèige. Nach bu mhinig a bha a’ bhreug co-dhiù na bu bhlasda na ’n fhìrinn? Nach robh ubhal na bu bhlasda na neochiontas? ’S mur b’ e an t-ubhal, cha bhiodh esan, Pòl, na laighe an siud fa chomhair dubh a’ bhàis. Agus smaoinich e cho eagalach ’s a bha e a bhith cur coire air aon ubhal a-mhàin. Nach b’iomadh ubhal a sgàin e-fhèin le fhiaclan; cha b’e ùbhlan craoibhe idir ach ùbhlan na beatha. ’S bha iad cho coltach ri chèile—craobh agus beatha. ’S ged bha am blas gu tric milis, bha an slugadh uaireannan searbh agus duilich. Ach cha robh sin ga bhacadh bho bhith a’ blasad, no eadhon bho bhith a’ slugadh, mar leanabh a bha deidheil air siùcairean agus fhios aige nan itheadh e cus dhiubh gu fàsadh a stamag goirt.
An ann tiotadh chunnaic e gach nì a rinn e a-riamh, cuid dhiubh a chòrd ris, agus cuid dhiubh nach robh ro thaitneach idir. Chunnaic e sgoil agus eaglais, bàs agus baisteadh agus briseadh-cridhe. Ach chan fhaca e mòran de shòlas idir, agus smaoinich e ged chitheadh gur iongantach fiù gun aithnicheadh iad a chèile. Agus ged bha e a’ faicinn aithreachais, bha an saoghal air dhol ro fhada airson sin. Bha an ìomhaigh mì-fhoighidinneach, agus chunnaic Pòl gu robh e a’ pasgadh na rola. Bha ma pian a bha am broilleach Phòil a fàs na bu
“Tha mi air tighinn gad iarraidh,” ars esan. Bha barrachd cabhaig anns a’ ghuth. ’S cha robh Pòl a’ faicinn càil ach dorchadas. ’S anns an dorchadas bha tuilleadh dorchadais. Dorchadas gun chrìoch.
Thionndaidh am bàs a chùlaibh, agus rug e air làmh an dorais. Chunnaic Pòl boillsgeadh de dhòchas anns an dorchadas. Agus chunnaic e tuilleadh dòchais nuair choisich am bàs a-mach às an rum. Agus bha sìth ag èirigh na bhroilleach. Cha robh càil timcheall air ach dorchadas agus sìth. Dhùin am bàs an doras air a chùlaibh. Smaoinich Pòl gu leughadh e a-nise na Bìobaill agus gu sgrùdadh e na briathran a bh’ annta.
Chuir e a làmh a-mach bhuaidhe agus rug e air a’ Bhìoball a bha air a’ bhòrd bheag ri taobh na leapa. Bha e an siud bho bha athair beò. Ach leum e às a làmhan ’s thuit e chun an làir. Dh’aithnich e gu robh e ro fhadalach.
Bha e mì-chomhfhurtail air an starsaich. Cha robh e a-staigh ’s cha robh e a-muigh. Bha e ga shamhlachadh fhèin ri ugh na shuidhe air gàrradh. B’fhada bho chuala e mun ugh. Bho àm gu àm bha osag bheag gaoithe ga bhualadh ’s ag iarraidh air a ghrèim a chall.
Anns an t-samhla, thuit an t-ugh bhon ghàrradh ’s bhris e na mhìle criomaig. ’S cha ghabhadh e càradh.
Dòmhnall Iain MacIomhair
title | 39. |
internal date | 1985.0 |
display date | 1985 |
publication date | 1985 |
level | |
reference template | MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p |
parent text | Eadar Peann is Pàipear |