4. IOSEPH
’S beag a bha dh’fhios aca gur e am bruadraiche a bhuannaicheadh aig a’ cheann thall. Tha mi sgrìobhadh seo a-nochd anns an Eiphit. (Chan fhaic duin’e ach mi-fhìn.) Nuair sheallas mi mach air an uinneig chì mi biorramaidean na Pharaohs, ’s chì mi a’ ghrian aca a’ dol fodha.
Tha mi smaoineachadh air mo bhràithrean. O, bha iad toilichte gu leòr mo mharbhadh, no mo shadail anns an t-sloc. Airson a’ chòta iomadhathach a bh’agam. Cha do thuig iad mi a-riamh— ’s cha thuig iad dè ’s ciall don chòta sin. Tha còta coltach ris orm an-dràsda fhèin. Ged dh’fheuch iad ri mo mharbhadh cha deach ac’ air ’s cha tèid leotha a chaoidh. Sin an rud nach eil iad a’ tuigsinn.
Cha do dh’aithnich iad mi an toiseach nuair thàinig iad ach dh’aithnich mis’ iadsan Is bha sin ceart gu leòr. Oir cha do dh’aithnich iad mi a-riamh.
Tha cuimhn’ agam a’ mhadainn a thubhairt mi riutha gun dèanadh iad ùmhlachd dhomh. B’ ann aig àm an lòn-maidne a bh’ann ’s bha mi air èirigh às mo leabaidh, làn dòchais is aoibhneis. Dh’innis mi dhaibh mu dheidhinn mo bhruadair, ach cha smaoinicheadh iadsan air càil ach airgead. Mise na mo chòta iomadhathach ’s iadsan nan còtaichean truagh làitheil. Dè chiall a bh’acasan?
’S a-nis tha mi na mo mhaor os cionn na h-Eiphit—am bruadraiche! O, tha deagh fhios agam gun dèanadh iad an aon rud a-rithist, nam faigheadh iad an cothrom. Dh’ionnsaich mi mòran anns an t-sloc. Choinnich mi am bàs an latha ud, ’s choinnich mi ’n fharmad. Bha mo chòta iomadhathach làn fala. Dh’èirich biasd às an dorchadas ceart gu leòr ach tha fhios agam a-nis gu bheil a’ bhiasd ud ann. Sin bu choireach nach robh eagal orm anns a’ phrìosan. Cha bhàsaich duine dà uair.
Gach oidhche bithidh mi sgrìobhadh nam bruadairean a bhios a’ tighinn nam inntinn. Tha fhios agam de thachras anns an Eiphit cuideachd. Thig Pharaoh ùr is tachraidh iomadh droch rud. Ach chì mi cuideachd gum bi sinn saor. Chan e gun còrd mo bhruadairean ri daoine. Tha cuimhn’ agam nuair dh’innis mi don rìgh mu dheidhinn na goirt. Chunnaic mi an lasair na shùilean ceart gu leòr: dh’fhaodadh e
’S a-nis tha mi an seo nam fhear-riaghlaidh, a’ làimhseachadh airgid—mise, am bruadraiche! Ruithidh iad às mo dhèidh cho fad ’s a bhios cumhachd agam. Ach nuair thrèigeas an cumhachd? Dè thachras an uairsin? Ruithidh iad an dèidh cuideigin eile, mo bhràithrean, ach aon, Beniàmin. Cha dèan esan brath orm. Feumaidh mi creideas a chur an sin co-dhiù.
Nuair sheallas mi mach air an uinneig chì mi na biorramaidean. Tha iad aosd. ’S tha iad mòr. Tha diathan eile anns an rìoghachd seo. Tha i làn de nathraichean, barrachd na bh’anns a’ ghàrradh mhòr làn cùbhraidheachd. Tha nathraichean anns gath àit. Sin a dh’ ionnsaich mi bho mo bhràithrean. Mura bithinn air ionnsachadh cha bhithinn an seo an-diugh. ’Se iadsan a thug dhomh an cumhachd—ged nach do thuig iad e. Shàbhail iad mi-fhìn ’s iad-fhèin leis an olc.
Chan eil mi a’ tuigsinn sin.
Dh’ionnsaich mi cànan ùr’s shàbhail mi mo dhaoine leatha. Rinn mi gall dhìom fhìn air an son. ’S thug mi dhaibh biadh gallda ’s tha iad riaraicht. Tha adhbhar air choreigin air cùl sin, ged nach eil mi ga thuigsinn.
Tha e toirt gàireachdainn orm. Bha iad cho neochiontach mu dheidhinn an airgid nam beachd fhèin: ach mhill iad mi air a shon. ’S chan fhac iad sin. ’S aig a’ cheann thall, ’se mis’ a rinn an t-airgead ’s cha b’e iadsan Mise—am bruadraiche—a fhuair an cumhachd, gu seallainn dhaibh gun dèanainn sin cuideachd. Is mura bitheadh iadsan, cha robh mi air sin a dhèanamh. Eil iad a’ tuigsinn sin?
Tha iad a’ dèanamh adhradh dhomh airson gu bheil an t-airgead agam, ach cha dèanadh iad adhradh dhomh nuair bha an còta iomadhathach agam. Chan fhaic iad sin nas motha.
O, well .
Tha ’n oidhche a’ tuiteam ’s a’ ghrian a’ dol sìos air na biorramaidean, mar thèid a’ ghrian sìos air m’airgead-sa ’s air an airgead-san.
Bidh cuimhn’ aig daoine orm airson a’ chòta iomadhathach ’s airson mo bhruadairean, is chan ann airson mo chumhachd. Bu chòir dhaibh
Bu chaomh leam mòran a sgrìobhadh mu dheidhinn na h-Eiphit ach ’sann a tha mi sgrìobhadh mu dheidhinn mo bhràithrean ’s m dhachaigh fhìn ged thachair iad rium. Tha sin neònach, nach eil? Is chan aithne dhomh sgrìobhadh gu domhainn ann an chuain na h-Eiphit. Tha sin èibhinn cuideachd.
Tha h-uile càil cho èibhinn ’s gur ann a tha mi smaoineachadh: Chan eil rian nach deach mo thaghadh airson adhbhar iongantach air choreigin.
’S tha sin èibhinn cuideachd.
Iain Mac a’ Ghobhainn
title | 4. Ioseph |
writers | Ian Crichton Smith |
internal date | 1985.0 |
display date | 1985 |
publication date | 1985 |
level | |
reference template | MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p |
parent text | Eadar Peann is Pàipear |