[167]

40. BURN

Stad Iains an Gearmailteachs iad acoimhead a chèile. Bhan gunna aig Iain dìreach air an targaidbroilleach aGhearmailtich. Cha dubhairt duine aca smid, mar dhithis ann an dealbh, ach dhfhairich Iain fallas air a làmhans cha robh an gunna cho dìreachs bu mhath leis. Bha aodann aGhearmailtich geal le eagal is sgìths, mar gum biodh e air a chòmhdachadh le flùr. Mhothaich Iain gu robh a bhonaid air ceàrr agus chuimhnich e air fear às abhaile aige fhèin a bhiodh acaitheamh a bhonaid anns an dearbh dhòigh. Bhan Gearmailteach timcheall air deich bliadhna fichead a dhaois; bha Iain dhà ar fhichead. Mun cuairt orra nan dithis bha bùrach achogaidh: salchair na talmhainn làn bùirns agluasad mar beò. Bha gunna na laighe fichead slat bhuapa, agus mu thrì fichead slat air falbh bha aodach shaighdeir. An robh duine na bhroinn? An robh duine air a bhith uair na bhroinn? Canastairean an siuds an seo: clach no dhà air an seasadh duine. Fon t-salchair ud bha iomadh duine na laighe acaitheamh air falbh anns aphuinnsean. Chuimhnich Iain mar dhfhaodadh tu dhol fodha anns an talamh ud làn bùirn is crèadhadh mar shoitheach mara adol fodha. Bhan gunna air chrith na làimh: bha a làmhan salach. Mìle mìle air falbh chunnaic e taigh beag Frangach mar leug earraich ann an rìoghachd leis fhèins ceò ag èirigh às a shimileirean. Ben t-earrach a bhann ach càit an robh na sìtheanan? Bha an Gearmailteach air chrith cuideachd. Mhothaich Iain anns amhionaid ud mar a bha aodach aGhearmailtich an ìre mhath grin taca ri aodach fhèin. Bha beagan deàlraidh atighinn às a bhonaid. Mhothaich e gu robh seòrsa de neapraigear apriobadh a-mach air oir pòcaid a sheacaid mar ghob isein. Bha na làmhan aige air chriths a shùilean, ’s e asealltainn ri Iain. Cha do dhfhosgail e a bheul mar gum biodh eagal air gun dùisgeadh e Iain à smuain, ’s gum buaileadh òrdag air a’. .. Thug Iain sùil eile air mar nach robh e atuigsinn ghnothaich a bhaige ris aghunna. Bhan Gearmailteach asealltainn ris mar chù ri a mhaighstir.

Shuath Iain a làmh cheàrr ri bhriogaiss dhfhairich e aphacaid thoitean na phòcaid. Chual e isean aseinn dlùth ris. Bhan cogadh seo làn de iseanan, le guthan mar bhùirn, is air cùlaibh gach , casd thinn


[168] nan gunnachan. Bha a chasan a-nis air chrith. Smaoinich e nach robh e air mòran cadail fhaighinn airson latha is oidhche, agus smaoinich e gum biodh an Gearmailteach anns an aon dòigh. Chuir e sìos an gunna. Dhfhalbh sgàil bho aodann aGhearmailtich. Shuidh Iain air cloich ann am meadhon an fhàsaich: shuidh an Gearmailteach air cloich mu a choinneamh. Shaoileadh tu gu robh sreang eatorra. Chaidh làmh aGhearmailtich gu pòcaid a bhroillich. Lean Iain a làmh le a shùilean. Bha an làmh salach air a cùlaibh: bha fàinne air aon de na meuran. Bha Iain gu tuiteam na chadal. Thàinig an làmh a-mach le pacaid bheag. Dhfhosgail an Gearmailteach aphacaid, ’s na broinn bha pìos càis. Chuimhnich Iain air na radains air na luchainn afalbh air feadh nan trainnsichean. Thàinig làmh aGhearmailtich na bfhaisge. Chaidh a làmh fhèin a-mach mar bheathachs dhaithnich e gu robh an t-acras air a chorp. Dhith en càiss bha e math. Thug e mach na toiteanans shad e aon chun aGhearmailtich. Thug e mach maidss las en toitean aige fhèin. Chunnaic en Gearmailteach atoirt sùil air, ’s shad em bocsa thuige. Cha mhòr gu faigheadh e air a shùilean a chumail fosgailte. Bha achlach mar bhàta ann am muir trom. Smaoinich echrath e cheann mar chù atighinn a-mach à burns sheall e rithist ris aGhearmailteach. Bhan Gearmailteach ga choimhead gun stad. Shaoil e gu robh a shùilean air aghunnas chuir e na sheasamh air an talamh es a ghàirdeanan timcheall air. Be latha ciùin a bhann. An-dràsdas a-rithist chluinneadh tu brags dhaithnicheadh tu guth aghunna.

Lean a shùilean ceò an toitein adìreadh. Trì bliadhna, trì bliadhna de a spiorad anns achogadh seo.Thàinig deàrrsadh air aodann. Thug an Gearmailteach sùil air, ’s dhèirich an t-eagal na shùilean mar iasg ann an loch. Chuir e a làmh gu a cheanns thug e dheth a bhonaid. Cha robh fhios aig Iain carson a rinn e seo. An ann ro theth a bha e? Bha gach mar bhruadar. Cha mhòr nach robh an Gearmailteach maol mar achlach air an robh e na shuidhe. Chuir seo iongnadh is seòrsa de thruas air Iain. Nam biodh cànan aca! Nam burrainn dhaibh bruidhinn ri chèile! Bha e acreidsinn gun tàinig an aon smuain chun aGhearmailtich. An truaghan bochd! ’S math dhfhaoidte gu robh bean is teaghlach aige. Dhfheumadh esan a thighinn don chogadh cuideachd. An robh e fìor gum biodh iad amurts amharbhadh


[160] phrìosanach ? n latha bhann co-dhiù? Smaoinich e gu dian, ’s mu dheireadh thàinig e chun acho-dhùnaidh gur e Dihaoine bhann. Bha aghrian làidirs bham pathadh air.

Dihaoine,” ars esan.

“Englander,” ars an Gearmailteach.

“Englander,” ars an Gearmailteach a-rithist mar chù air beulaibh a mhaighstirs e asealltainn cho ealantas a tha e.

“Englander,” ars Iain ris fhèin. bha e dèanamh anns an fhàsach ud co-dhiù, a-measg nan corp alobhadh timcheall air? Smaoinich e air Màiri, ’s bha corp alobhadh air a bheulaibh gus nach faiceadh e ach na cnàmhan a shadadh tu gu . Chaidh a chorp air chrith a-rithist.

“Englander!” ars an Gearmailteach.

Ach, dùin do.. .” ars Iain, is stad e. Chaidh a theanga timcheall a bhilean leis aphathadh. Nach robh cho math dhà fuireach far an robh e? Bhan cogadh-sa gun chrìch gun chàil ach marbhadh. chuireadh crìoch air? chuireadh crìoch air? Daoine gan sadail mar pheilearan an aghaidh a chèile. Bùrach de fheòil: ’s aig an taighs air cùl nan trainnsichean na comanndairean am meadhon phàipearan le criosan deàlrach timcheall orras rionnagan air am broillichean. Agus bùrn: bùrn: bùrn glan. Chaidh a theanga timcheall air a bhilean gun fhios dhà. Bha sùilean aGhearmailtich ga leantainn mar luch aleantainn cait. Ghluais Iain air achloich. Bha aghrian air cùl amhaich ga ghearradh mar mhìle sgian. Thàinig òrain às an adhar. “n cànan a thaig na h-eòin?” smaoinich e, ’s bhruadraich eco air a tha iad asmaoineachadh?” Chuala e fuaim itealain anns an adhar. Aig amannan chitheadh tu na fir-stiùiridh cho brèagha ri càil. Cha robh aige nan aghaidh-san. ’Sann a bha iad acur iongnadh air mar gu faiceadh tu seòrsa de ainglean anns an adhar. Chuir an Gearmailteach às an toitean, agleidheil aphìos a bhair fhàgail.

Taigh na gallaars Iain, ’s rinn e gàire.

Ha! Ha! Ha! ars an gàire.

Sheall an Gearmailteach ris airson tiotadh, ’s thòisich e-fhein agàireachdainn, an toiseach mar dhuine adèanamh a dhleasdanais ach a-rithist mar fhear acur fàilt air abheatha.

Choisich an ghàire còmhla tarsainn air an talamh aosda ud, ach stad iad mu dheireadh an coinneamh a chèile nan suidhe air na


[170] clachan.

Co air a tha e smaoineachadh? ars Iain ris fhèin. Chuir e a làmhan gu a shùileans thubhairt e:

Than cadal orm.”

Chuale an Gearmailteach afeuchainn ri: “Than cadal orma ràdh.

Chuir seo truas air Iain, gu feumadh duine e-fhèin a chumail beò anns an dòigh ud. Smaoinich e ciamar a bhiodh e-fhèin nam biodh e ann an àite aGhearmailtich. Theab e an gunna a thoirt dhà gu faiceadh e thachradh. Am biodh esan cuideachd mar chù air beulaibh a mhaighstir? Smaoinich e air achù a bhaca aig an taigh, na laighe anns abhlàths. Bha caoraich a-muigh air amhòintich ach bhan aois atighinn air a-nis, ’s cha dèanadh e càil ach laighe, abàsachadh anns aghrèin. Chaidh a theanga thairis air a bhilean a-rithist. Smaoinich e air an t-sruth a bha làimh ris an taigh, ’s chunnaic e na boireannaich astàmpadh nam plaidichean as t-earrachs aghaoth adol thairis orra. Bha sgìths adòrtadh tro a chnàmhan. Chuir e roimhe an dachaigh a thoirt air ann an còig mionaidean. An dachaigh!

Dihaoine,” ars esan.

“Englander”, ars an Gearmailteach.

Bha làmhan aGhearmailtich nan laighe air a ghlùinean mar làmhan boireannaich. Bha a bhrògan adìosgail an-dràsdas a-rithist anns abhùrn.

Englander!

De ghnothaich a bhaigesan riEnglander ?

Carson a bha e acogadh?

Cha robh càil ann a-nis ach cluiche chairtean gun sgur, gun sgur, anns na rumannan beag ìosal ud mar bhocsaichean, gun fhios cuin a bhuaileadh am peilear.

Chuimhnich e mar bhuail peilear balla, ’s mar chaidh e tro Ruairidh mar chèise-ball. Smaoinich e air achloinn asadail cèise-ball mar bhogha-froise ri balla.

Chaidh e theanga tarsainn air a bhilean a-rithist. Bhan cadal atighinn trom air. Chunnaic e mar gum bann am bruadar làmh aGhearmailtich agluasad gu pòcaid-cùil a bhriogais, agus ann am bruadar dhaithnich e gu robh rudeigin anns aphòcaid, rudeigin an ìre


[171] mhath mòr, mar ghunna, seòrsa de dhaga. Bhan Gearmailteach mar gum biodh e agàireachdainn mar gu faiceadh tu fear-bùtha afeuchainn ri rud a reic riut, ’s fhios agadsa is aigesan nach biodh abhùth ann ann an seachdain eile.

Bha làmh aGhearmailtich agluasad timcheall gun stad mar gum biodh làmh ann an saoghal leatha fhèin, gun eanchainn ga spròtadh. Chaidh a làmh sìos don phòcaids thàinig i nall an coinneamh brag aghunna. Dhèirich e bhon chloichs chaidh e null. Bha toll dìreach am meadhon broilleach aGhearmailtich os cionn putain. Chaidh a làmh fhèin sios chun na talmhainn gus na ràinig i air an a bha an Gearmailteach atoirt às a phòcaid. Be botal airson bùrn a bha na làmhan. Bha an ceann air a thighinn às abhotals bha am bùrn adòrtadh air falbh. Chuir e ghunna na laighe air an talamhs a shùilean air abhùrn astruthadh gun sgur, beagan is beagan. An-dràsdas a-rithist chaidh a theanga tarsainn air a bhilean ach cha do dhòl e drùdhag dheth.

Iain Mac a’ Ghobhainn

title40. Bùrn
writersIan Crichton Smith
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page