41. LETH-CHEUD PUNND SASANNACH
Anns an trom-laighe thòisich anail a’ bhalaich ri plosgail agus a chorp meanbh, blàth ri crithneachadh anns an leabaidh. Thàinig dìosg ann an connlaich na liteir, agus thòisich a mheuran a’ teannachadh air oisean a’ chinn-adhairt. Na chadal, bha e a’ sreap ri aghaidh creige, an dùil gun amaiseadh e air uighean gorma, luachmhor a bha e a’ faicinn ann an nead. Bha e an dùil gu robh athair còmhla ris nuair thòisich e dìreadh na creige, agus gu robh athair fhathast air a chùlaibh, na chùl-taic dhà nan cailleadh òrdagan an grèim air sgeilpean biorach, luaireanach na creige. Ach an t-sùil gan tug e air ais, cha robh lorg air ìomhaigh athar; bha e air searg air falbh bhuaithe, agus an àite guirme nan uighean ri a làimh, bha e a’ faicinn guirme nan tonn gu sìorraidh fad às fodha—na tuinn ’s iad a’ sabaid ’s ag ithe a chèile leis a’ chòmhstri a bh’orra ag iarraidh fuil agus feòil a chuirp.
Thàinig boil is ùpraid na cheann; chaill e a ghrèim air balla na creige, agus nuair dh’fhuasgail e a bhilean airson èigh a leigeil, thachdadh e le spògan làidir an trom-laighe, agus thòisich e tuiteam ’s a’ cur charan, ’s a’ feitheamh air sgal deireannach an aoig… ’s a’ tuiteam ’s a’ cur charan. ..
’Sann nuair dhùisg e, ’s mun do sgioblaich e a smuaintean, a leig e an ràn. ’S cha robh a shùilean ceart air plaosgadh nuair chuala e a mhàthair ag èigheach ris bho a leabaidh fhèin an uachdar an taighe.
“A Raghnaill, a ghràidh, gu dè tha ceàrr?”
“Chan eil càil,” fhreagair e gu h-aithghearr.
“An e eagal th’ort a bhith cadal leat fhèin shìos aig an teine?” ars ise.
“Chan e,” ars am balach; “chan eil eagal idir orm.” ’S caomh leam leabaidh an teine.”
“Siuthad, ma tha, a ghaoil,” ars a mhàthair; “caidil thusa.” Chuala am balach a’ chonnlach a’ dìosgail nuair chuir a mhàthair car anns an leabaidh. Agus chuala e an srann domhainn, gearaineach aig athair, ag innse nach do chuir an ràn aige fhèin gu buileach stad air an t-suain aige.
Cha robh Raghnall òl ach deich. Nuair chuala e guth a mhàthar a’
Bha e a-nise na làn-dhùisg, le a chluasan ’s a shròin ’s a shùilean agus craiceann a chuirp a’ mothachadh; gach cuspair aig a dhreuchd fhèin, a’ toirt fa-near dhà monmhar is fealla-dhà nan tonn air a’ ghainmhich, fàileadh na deathaich air feadh an t-seòmair, lasair a dh’èireadh air uairibh mar bhratach geal os cionn closaich an teine mhònadh taisgte air a’ chagailt, agus blàths na plangaid leth ri a chasan ’s ri a shliasaidean.
Le muinichill a lèine, thiormaich e boinne no dhà fallais a dh’fhàg an trom-laighe air a ghruaidh. Cha robh rian nach b’e leabaidh-an-teine a b’fheàrr dhàsan, is a-nis a’ fàs suas na dhuine, le làn-bheachd gun dèanadh e leasachadh a dh’aithghearr air crannchar bochd an teaghlaich. Cò a dhèanadh e mur a dèanadh e-fhèin, “an aon sùil a bh’ann,” mar a theireadh balaich mhòra na sràide ris aig amannan, nuair bhiodh iad a’ tarraing às ’s a’ magadh air airson a bhith cho èasgaidh ’s cho saoghalta. Co-dhiù, cha robh eagal aige ro dhuine aca na b’fhaide. Aon uair ’s gun chum e dol air an t-snàmh na b’fhaide na triùir de na burraidhean a bha còig bliadhna na bu shine na e, thòisich iad ri toirt modh an rathaid mhòir dhà. Agus an uairsin, thòisich esan ri dèanamh spàrn airson leabaidh an teine fhaighinn dhà fhèin—rud air nach do dh’amais fhathast balach eile de chumhais anns a’ bhaile. Agus bha barrachd farmaid aig a chumhaisean ris a thaobh seo na bh’aca ris a thaobh eisimplear sam bith a nochdadh e dhaibh aig snàmh, no aig ruith, no aig bric a chròdhadh a-steachd o chabhail air feadh uillt na mòintich air madainnean fuara.
Agus a-nise ’s gu robh athair air tilleadh bho iasgach Shasainn le na phàigheadh na fiachan a bha an t-uachdaran a’ tagairt orra (ged nach robh sgillin a bharrachd ann, leis an iasgaich a bhith cho bochd), bha rian gum biodh togail-cinn aig an teaghlach anns an sgìre air fad. Bha am maor a’ tighinn air an ath là a’ togail an airgid, agus bhiodh grèim
Ach mar a bha e a’ tarraing muinchill a lèine tarsainn air a ghruaidh airson fallas na breislich a sguabadh às, bhuail e air nach b’fheàirrde e an ràn leis an do dhùisg e a mhàthair. Nan co-dhùineadh ise gur e èigh an eagail a bh’ann, ’s nach robh e a’ tighinn air a bhith cadal na aonar aig an teine, phaisgeadh i a-rithist suas a dh’uachdar an taighe e, agus chuireadh i leid dhà, ri an taobh fhèin. ’S nam faigheadh na balaich mhòra sin a-mach, bhiodh e air a mhaslachadh. Agus cha bhiodh rian aige na b’fhaide air moch-eirigh a dhèanamh agus ceum sàmhach a thoirt a-mach às an taigh le a chabhail.
Cha robh air ach gu feumadh e leigheas fhaighinn air an trom-laighe, agus gu h-àraidh air a bhith sreap chreagan na chadal. Dh’fhaodadh gum biodh dòigh-leighis aig an t-seann bhan-cheaird Uibhistich air taobh shuas a’ bhaile—nam faigheadh e facal-falaich oirre.
Agus nuair shìn inntinn Raghnaill air beachdachadh air gu dè an duais a thairgseadh e air a’ bhana-cheaird, thòisich Dòmhnall Sàmhach a-rithist a’ bruidhinn gu dè-bheulach na chluais agus ri tarraing aigne air falbh bho ìomhaigh na bana-cheaird gu seallaidhean neo-chruthaichte tìr a’ chadail. Ach ann am priobadh na sùla, anns an aon tiotadh a bha eadar e ’s a’ bhuaidh, chaidh car goirt a chur an adhairc Dhòmhnaill Shàmhaich. Chrath an teine bàsmhor a-mach bratach geal eile bho mhullach a thaighe, phriob sùilean a’ bhalaich, agus aig a’ cheart àm ghlac a dhà chluais fuaim cheumannan ìosal air taobh muigh an taighe a chuir cnead na chorp. Bha cuideigin a’ tighinn le fathann a dh’ionnsaigh an dorais!
Mun do bhrùchd am fallas a-rithist tro thuill a chraicinn, dh’fhàs buill a chuirp fuar, agus thòisich a chridhe a’ bualadh air asnaichean mar shlacain bean mhuinntiris a’ nighe aodaich na cabhaig aig bruaich aibhne. Cha b’e nàbaidh no duine eòlach a bha tighinn a-nis; nan robh iadsan a’ sireadh cobhair air feadh na h-oidhche, cha tigeadh iad air an corra-chnàmh. Chluinnist an cuid stàrnaich fad às, a’ cur rabhadh romhpa. Cha robh a’ tighinn a-nis ach fear de shluagh an aimlisg, fear a dh’èirich a-mach à sloc na h-oidhche, uidheamaichte airson mort no creach.
Nuair chuala e sneic an dorais ga togail, thòisich am balach a’
Ach mar a bha e a’ tarraing muinchill a lèine tarsainn air a ghruaidh airson fallas na breislich a sguabadh às, bhuail e air nach b’fheàirrde e an ràn leis an do dhùisg e a mhàthair. Nan co-dhùineadh ise gur e èigh an eagail a bh’ann, ’s nach robh e a’ tighinn air a bhith cadal na aonar aig an teine, phaisgeadh i a-rithist suas a dh’uachdar an taighe e, agus chuireadh i leid dhà, ri an taobh fhèin. ’S nam faigheadh na balaich mhòra sin a-mach, bhiodh e air a mhaslachadh. Agus cha bhiodh rian aige na b’fhaide air moch-eirigh a dhèanamh agus ceum sàmhach a thoirt a-mach às an taigh le a chabhail.
Cha robh air ach gu feumadh e leigheas fhaighinn air an trom-laighe; agus gu h-araidh air a bhith sreap chreagan na chadal. Dh’fhaodadh gum biodh doigh-leighis aig an t-seann bhan-cheaird Uibhistich air taobh shuas a’ bhaile—nam faigheadh e facal-falaich oirre.
Agus nuair shìn inntinn Raghnaill air beachdachadh air gu dè an duais a thairgseadh e air a’ bhana-cheaird, thòisich Dòmhnall Sàmhach a-rithist a’ bruidhinn gu dà-bheulach na chluais agus ri tarraing aigne air falbh bho ìomhaigh na bana-cheaird gu seallaidhean neo-chruthaichte tìr a’ chadail. Ach ann am priobadh na sula, anns an aon tiotadh a bha eadar e ’s a’ bhuaidh, chaidh car goirt a chur an adhairc Dhòmhnaill Shàmhaich. Chrath an teine bàsmhor a-mach bratach geal eile bho mhullach a thaighe, phriob sùilean a’ bhalaich, agus aig a’ cheart àm ghlac a dhà chluais fuaim cheumannan ìosal air taobh muigh an taighe a chuir cnead na chorp. Bha cuideigin a’ tighinn le fathann a dh’ionnsaigh an dorais!
Mun do bhrùchd am fallas a-rithist tro thuill a chraicinn, dh’fhàs buill a chuirp fuar, agus thòisich a chridhe a’ bualadh air asnaichean mar shlacain bean mhuinntiris a’ nighe aodaich na cabhaig aig bruaich aibhne. Cha b’e nàbaidh no duine eòlach a bha tighinn a-nis; nan robh iadsan a’ sireadh cobhair air feadh na h-oidhche, cha tigeadh iad air an corra-chnàmh. Chluinnist an cuid stàrnaich fad às, a’ cur rabhadh romhpa. Cha robh a’ tighinn a-nis ach fear de shluagh an aimlisg, fear a dh’èirich a-mach a sloc na h-oidhche, uidheamaichte airson mort no creach.
Nuair chuala e sneic an dorais ga togail, thòisich am balach a’
Air a shocair, thàinig am fear-fòirnidh air adhart. Sheas e car tiotadh air starsaich an t-seòmair, is e ri tomhas gu grad le dhà shùil gach beart a bha fo na cabair. Le rasgan a shùilean leth-fhuasgailt, dh’aithnich am balach gu robh amharas ceart. Cha bhuineadh am fear seo don bhaile. Cha bhuineadh e eadhon do sholas an latha ann am baile sam bith. Treun ’s mar a bha am pàisde na leabaidh, thòisich a chorp ’s a ghnè a a’ guidhe ris ràn a leigeil agus e-fhèin a ghleidheil bhon tubaist. Ach bha e-nise ro anmoch. .. bha an duine air ceum a thoirt, agus bha neart Raghnaill air crìonadh às mar gum biodh a chorp air tuiteam fon speal.
Thug an duine trì ceumanan a dh’ionnsaigh na ciste a bha ris an tallan, thog e a mullach gu sàmhach socair agus rannsaich e anns an t-seotal. Spìon e a-mach, agus chuir e na phòcaid, an t-airgead pàipeir a bhi paisgte an oisean an t-seotail; dhùin e a’ chiste agus gun dàil sam bith rinn e air an doras. Cha robh de chabhaig air nach do dhùin e an doras gu cùramach às a dhèidh, ach cho luath ’s a thuit sneic an dorais a-rithist na clais, leum am balach an àirde mar gum biodh e ga chrathadh fhèin a-rithist bhon bhreislich, agus gun taing dhà leig e na ràin a b’oillteill. Mun robh athair ’s a mhàthair air an leabaidh aige a bhuannachd, bha e-fhèin air a bhriogais a tharraing uime agus bha e muigh air lorg a’ mheàrlaich. Ach cha robh a-muigh ach an dorchadas, cha do dh’fhidir e cas-cheum air uile chabhsairean na sgìre, agus thòisich an dorchadas ga thachdadh mar a dhèanadh brù na fairge nam biodh e air tuiteam innte.
Nuair a fhreagair a mhàthair air, ’s a thàrr i a-steach an taigh e, bha athair air an làmp a chur thuige, agus bha an clobha na làimh airson an teine a thogail. Ach nuair dh’èigh Raghnall aig àird a chlagainn. “Tha sinn air ar creachadh, thug e leis airgead a’ mhàil,” thuit an clobha à meuran athar, chrùb e sìos air an stòl ri tac na cagailte, agus thòisich e a’ cochlaich mar dhuine ri uchd a’ bhàis. Bha Raghnall fhèin air mullach
“Leth-cheud punnd Sasannach, ’ille; leth-cheud punnd Sasannach.”
“Chan eil a-rèist sgillin ann mu choinneimh a’ mhaoir, a bheil?” ars am balach.
“Chan eil sgillinn,” ars athair, ’s e a’ togail a’ chlobha a-rithist airson an teine a chàradh; “chan eil sgillinn ann as aithne dhòmhsa.”
Thòisich e ri bruthadh cnàmhan fòid an tasgaidh ri chèile gus na ghabh iad gu lag, fann. Shìn esan an uairsin ri spleucadh air an lasair.
“ ’S chan eil thu dol a thoirt ceum an dèidh a’ mheàrlaich?” ars a bhean ris. Cha do fhreagair e i.
“ ’N do dhearc thu air an aghaidh aige, a Raghnaill?” ars esan ri mhac.
“Dhearc,” ars am balach; “airson tiotadh. Bha falt dubh a’ tighinn a-nuas air a chluais fo bhonn a bhonaid; bha lot dearg na ghruaidh, lot mòr fada.”
Chuir athair an clobha na sheasamh ris an tallan, agus dh’èirich e air a shocair a-mach às an taigh le dath na talmhainn air aghaidh.
Air an ath là, thàinig am maor na bu tràithe na bha dùil ris, agus bha an troimhe-chèile ’s an trod gu bhith seachad nuair nochd Raghnall às an tràigh le ciosan beag a bha e air a lìonadh le maoraich ’s le fiasgain. Bha bileag no dhà duileisg aige na làimh. Nuair ràinig e màs an taighe stad e sna làraich nuair chuala e guth feargach a’ mhaoir a’ glaodhaich a-staigh an taigh a’ reubadh leisgeul athar. “Chan eil agad ach a’ bhreug,” bha am maor ag ràdh; “an dubh bhreug. Tha thu-fhèin ag aideachadh nach tug thu ceum an dèidh a’ mheàrlaich, ’s e air sgrios a dhèanamh air do chuid. Cha tug; cha robh meàrlach ann. .. Tha an t-uachdaran air a bhith tagairt riut airson fiachan de leth-cheud not bho chionn fhada. Gheall thu nach biodh mionaid dàil ann nuair thilleadh tu bhon iasgach. ’S tha bhathais ort gu bheil thu ag ràdh riumsa a-nis nach eil sgillinn fo na cabair. Bi mach. Fàg an tulaich seo ro cheann trì latha. Thoir mòinteach no cuan ort; thoir creag no cladach ort. No taigh
Shad am balach an ciosan agus thòisich e ruith air falbh bhon taigh. Nuair bha e gus an cnoc a bhuannachd, stad e, làn uabhais, a dh’amharc air a’ mhaor a’ marcach na dheann-ruith tron bhaile agus daoine anns gach doras ri fàthadaireachd air mar gum biodh iad le eagal gu stadadh e le rabhadh thuca fhèin.
Thàinig cnead às ùr ann an corp a’ bhalaich. “Cha chreid duine mi a-nis,” ars esan ris fhèin. “Cha chreid duine nach ann nam chadal a chunnaic mi e. Their iad gur e mi-fhèin am meàrlach. Bidh magadh agus fanaid agus tàmailt ann. ’S theid ar cur a-mach às an taigh an ceann trì latha.” Chum e air an uairsin ri ruith gu cruaidh, ’s e a’ ceagair ris fhèin. “Carson nach eil m’athair a’ dèanamh oidhirp air choreigin? Carson nach eil e a’ bruidhinn? Cha duirt e smid fad an latha.. .”
Thuit e mu dheireadh leis an sgìths, air oir feannaig eòrna a bha aig deireadh abachaidh. Thilg e e-fhèin a-steach am-measg an arbhair mar gum biodh e gabhail fasgaidh bho thaibhsichean a bha ga leantainn, agus tro gach aimhreit mhosach a bha na inntinn bha e a’ dearcadh gu mùgach air ìomhaigh àrlach na h-oidhche raoir—am falt dubh agus an lot dearg. Chaidh e mu dheireadh na leth-chadal ’s cha tàinig e thuige fhèin gus an do dh’fhairich e fionnarachd an fheasgair air a ghlùinean ’s air a chasan ruisgte. A’ chiad sùil a thug e thairis air diasan an eòrna, chunnaic e cùl duine ’s e na chabhaig a’ dol taobh nan creagan. Ghabh am balach iongantas cò bhiodh ann. Bha anail na uchd a-rithist nuair ràinig e teintean an taighe aca fhèin. “Càit, a bhròinean, an robh thu?” ars a mhàthair; “cha mhòr nach robh mi a’ dol a dh’iarraidh air muinntir na sràide lanntairean a dhèanamh deiseil ’s a dhol air do lorg.” “Tha thu nad aonar,” ars esan gun a cheist a fhreagairt “càit a bheil m’athair?” “Tha e air a dhol a bhruidhinn ris an uachdaran na thaigh fhèin,” ars ise. “Dh’fhalbh e na chois—taobh na tràghad.”
“Tha taigh an uachdarain fad às,” ars am balach.
“Deich mìle fichead,” ars a mhàthair; “bheir an t-slighe fad na h-oidhche bhuaithe. Ach bha cabhaig air nuair ghluais e air falbh. ’S fheàrr dhutsa, Raghnaill, cadal còmhla rium fhèin an uachdar an taighe mun tig an t-eagal ort a-rithist.”
“B’fheàrr leam cadal nam aonar a-bhos an seo,” arsa Raghnall; “le do chead, a mhàthair.”
Cha deach a mhàthair na aghaidh. Ach thàinig crith na chnàmhan nuair chuir e as an làmp: ’s cha robh bìog no leus ann an tasgadh an teine a chumadh cuideachd ris. Bha e fada gun chadal, agus is gann gu robh a shùilean air dùnadh nuair thill an trom-laighe air an robh e eòlach. Bha e a’ sreap ri aghaidh creige, a’ dèanamh air uighean gorma a bh’ann an nead. Bha a chasan gu trom, critheanach, ’s iad air an droch ghearradh le faobhar nan sgeirean. Bha adhbrannan dearg leis an fhuil; na bu deirge na bha iad a-riamh le breacan-an-teine. Bha athair a’ sreap air a chùl, ach bha e air sgur a bhruidhinn ris, no a thoirt misneachd dhà anns an t-sreap. Thòisich na steàrnagan a’ sgriachail na chluais, ’s a’ dèanamh air le goban dearga, fuasgailt. .. ’s nuair thionndaidh e cha robh lorg air athair, ’s bha e-fhèin a-rithist a’ tuiteam ’s a’ cur charan. .. ’s a’ tuiteam ’s a’ cur charan. ..
Air an ath là, fhuair iad corp athar aig bonn nan creagan, ’s chaidh an sgeul air feadh na sgìre gu robh e air e-fhèin a bhàthadh. Ach bha a-nis corp agus inntinn a’ bhalaich air fàs cho rag leis na thachair ris air feadh an dà la ’s nach robh e buailteach do eagal de ghnè sam bith na b’ fhaide. Bha e mar gum biodh e air uile bheanntan is chreagan an domhain fhaicinn a’ tuiteam air a mhuin, ga phronnadh’ s ga ghearradh, ’s bha an anail fhathast beò ann. ’S a thaobh sin bha e a’ tighinn a-steach air, agus bha an smuain ga neartachadh, nach aithnichist eagal a chaoidh air, air muir no mòintich.
Bha soitheach a chuirp làn; bha a chuid fèithean-mothachaidh sàsaichte. B’e sin a bheachd-san, ach bha e air a thighinn car tràth gu a chodhunaidh. Nuair bha an taigh-fhaire làn de dhaoine aig meadhon-oidhche, ’s a bha esan na shuidhe ris an teine le leth an t-saoghail de smaointean a’ cogadh ris an leth eile dhiubh na inntinn, chuala e ceumannan chuideigin air an staran a-muigh, agus thog e a cheann mar thog a h-uile duine a bha san t-seòmar a dh’amharc cò bha tighinn, ged nach robh annas air an oidhche ud de luchd-tadhail. Agus nuair
“Sin thu,” ars am balach, ’s e ag èirigh gu chasan, “an ann a ghoid a’ chuirp a thàinig thu a-nochd, is tu air ionmhas a spùilleadh bhuaithe an-raoir?”
Agus fhad ’s a bha gach fear agus tè a bha làthair cho reòta le uabhas ris a’ chorp a bha sìnte an ceann shuas an taighe, thug an coigreach às a phòcaid pasg notaichean agus chuir e an làmhan a’ bhalaich iad. “Tha an cunntas pàighte,” ars esan. “Tha e pàighte ann an dòigh nach robh na mo rùn: ’se naidheachd sin a thug orm tilleadh don taigh agaibh. .. ’Se meàrlach, a bhalaich, a bha nad athair. Cha do chuir e sgillinn mu seach aig iasgach na bliadhna-sa. Ach ghoid e bhuamsa mo chosnadh fhèin, agus dh’fhag e leth-mharbh mi air ùrlar clobhsa ann an Sasainn.”
“Co às a tha thu, a dhuine?” ars am balach. Cha robh duine eile an làthair a’ deanamh oidhirp air bruidhinn.
“Tha mi à sgìre eile. Is math a b’aithne dha d’athair mi, ach leig sin às do chuimhne. Pàigh thusa an t-uachdaran, ’s na biodh eagal sam bith ort.”
“Cha phàigh,” arsa Raghnall; “cha phàigh, cha phàigh. cha phàigh. Tha mi a’ faicinn gur e an fhìrinn a th’agad; ach chan eil eagal sam bith ormsa a-nis.”
Anns na briathran, shad e am pasg notaichean a mhullach an teine, far an deach iad gu luath nan smàl.
Eachann MacIomhair
title | 41. |
internal date | 1985.0 |
display date | 1985 |
publication date | 1985 |
level | |
reference template | MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p |
parent text | Eadar Peann is Pàipear |