[180]

42. BRISEADH NA CLOICHE

Ghabh e dhan ulbhaig leis an òrd-mhòr, an t-òrd abuiceil agus pian aruith na ghàirdeanan. Cha do shaoil an t-seana chlach dad dheth. Cha do dhfhalbh ach crotal is pùdar mar cheò, rud beag leis gach buille. Cha do shaoil an t-seana chlach dad de sam bith. Dhfhàs maoil an duine dearg is, fliuch, is bha cuislean ri bòcadh le cabhaig fala. Dhfhosgladh a bheul is anns an tiotadh a bhuaileadh an t-iarann achlach, thuiteadh a ghèillean is thigeadh anail a-mach na h-aon chnap.

An ceann greis, dhrùidh am fallas air an duine. Bha eanchainn aslacadaich na chlaigeann mar gum biodh làmhan làidir caillich ga fuine. Leig e roimhe. Thuit an t-òrd, agus thàinig crith na ghàirdeanan sìos bho na h-uilnean gu bàrr nam meuran. Shuidh e air achloich; agus shuath e fras fallais o a mhaoil. Chumadh anail grìosach ceàrdaich adol; bha a chridhe aturailich mu asnaichean. Bha corra ablach smuain mar riabagan de sheann bhrataich asèideadh tro inntinn; taigh. .. gàrradh. .. teine. .. bean. .. sgìth. .. taigh. .. clachfacail agus dealbhan am-measg a chèile.

Clach air na chruinnich deigh o chionn linntean, mus deach bonn a chur ri làr an siud. Clach air na fhras uisge is clachan-meallain, agus ùird, agus mionnan. Clach air an deach iomadach teine a chur. Trì troighean pailt de dhfhad, is dhà de dhàirde às an talamh. Clach dhòigheil, shèimh, nach do rinn cron a-riamh.

Taigh ùr, suiment, le ceithir seòmraichean, cidsin le uinneag mhòr acumail sùil air aChuan Siar. Tapaichean faileasach, fàileadh fiodh geal, is fiach trì ceud na bhroinn.

Chuir e uilinn air gach glùin, is sheall e, ’s e sgrùdadh an àite anns na dhfhàg a bhrògan làrach de fheur briste. Bha e a-nis atarraing anail an àite bhith ga sèideadh, is bha a chridhe aplubadaich ri taobh a sgamhanan mar bhreac air bòrd locha.

Cha leigeadh e a leas sealltainn ris an taighbha dealbh an taighe sgrìobhte le sgeilb na chuimhne. Thòisich an taigh aon oidhche ann an cathair cruaidh an cois an teine ann am fàrdach Iain Fhionnlaigh. Ruith a chuimhne mar fhear air a bharran a-steach staran fliuch, shlìog e tro thallan le peileachan uaine is geal, agus suas do sheòmar a bha mar


[181] an leth-cheud seòmar eile anns abhaile; le dreasair, being is bòrd nan seasamh gu cugallach air ùrlar a bha dìreach cho rèidhs a dhfhàg na casan e. Agus sheall e ri taobh an teine anns aghèibhil, agus bha ise an sin ga fheitheamh. Catrìona.

E, ’si bha bòidheach na latha, le aodach glan soilleir (mas do bhàsaich a màthair). Dhèanadh i gàire cho socair, cho bàidheil, ’s gu saoileadh e nach do rinn i gàire a-riamh mas fhaca esan i. Rinn e-fhèin gàire na shuidhe air achloich. Bha esan air ùr thàrsainn às a Chogadh, slàn sàbhailte, le sgeadachadh de fhasanan suirghe a dhionnsaich e anns aNèibhi, agus bu mhath gu robh sin aige. Cha robh Catrìona air còmhradh gaoil de a shamhail a chluinntinn, agus gheall i a phòsadh. Thogadh iad taigh ùr, taigh le làr rèidh is ballachan còmhnard, is staidhre na mheadhon, dhaibh fèin, thubhairt ise. Thogadh gu deimhinne, caisteal, nan dèanadh i gàire eile. Thogadh. Ach eadar a h-uile càil a bhann, cha robh e furasd dhà tòiseachadh air, agus bann air an t-samhradh-a- chaidh a chuir e crìoch air. bhliadhna dheug.

Dhfhidir e daolag asreap bil feòir. Cha dèan thu càil dheth, a charaid. Chan fhuiling sin do chudthrom, a sheòid. Sin thu. .. O. .. theab thu. .. gabh grèim. .. daingead, cha mhòr nachh- i. .. òirleach eiles bidha siud thu, dhfhalbh thu. Thog e a chas os a cionn agus chuire e cnuidh a bhròig air a muin. Ghluais e bho thaobh gu taobh e gus an robh am feur air a phronnadh, dorch. Amadan creutair, carson a bha i asreap an siud co-dhiù?

Sheall e ris an òrd-mhòr anns an fheur. Bha buaileag gheal air an aghaidh-bhualaidh, is an oir air a droch chaobadh. Biomadach clab a thug e leis, òrd a bha ùr o chionn bhliadhna. Shlìob e a ghàirdean deas, na fèithean cruaidh, is thog e a shùil ris an taigh.

bhliadhna dheug, cha robh guth aig duine air aChogadh an-diugh; cha robh beachd aca mar a shàraicheadh cogadh duine. Cha robh cuimhne aig Catrìona air suirghe fhasanta. Co-dhiù, cha robh na facail freagarrach tuilleadh. Thàinig feadhainn de na rudan a thubhairt e rithe gu a theanga. Chrath e a cheann agus dhfhalbh iad. Mànran. .. cùbhraidh. .. maoth. .. gaol.. . —thuit iad air an talamh cho marbh ris an daolaig.

Thainig beul Chatrìona na chuimhne a-rithist. Na fiaclan geala, na


[182] bilean cruinn, bòg, blàth, òg. Ach dhfhalbh am blàths, dhfhalbh na fiaclan, theirig an òige, is sheac na bilean. Le dìth taighe. Agus dhfhàs am beul cumhang, le preasan beaga aruith a-steach thuige, mar gum bann a-steach a-mhàin a bhiodh anail adol troimhe. Facail uiles a thigeadh a-mach. Gu sealladh ort, a dhuine, as coireach gun thog Teàrlach is Aonghas is Tormod taighean, ma tha e cho doirbhs sin? H-uile de maois ann an taigh ceart, is mise fhathast gun bhùrn, gun sholas an seo? “Togaidh mise taigh dhuit,” ars esan. Seadh, Seadh. Cha togadh tu do thòin far abheing, nam faigheadh tu às leis. Teich, a dhuine, na strùc annams tuilleadh. .. Bheil thu dol a shuidhe an sin fad an latha? Bha an guth aice cruaidh, cumhang mar na liopan, is chluinneadh e e na cheann cho maths ged a bhiodh i abruidhinn.

Bha i abruidhinn. Na seasamh anns an doras, ag èigheachd. .. fad alatha?

Chan eil, tha mi aleigeil manail.”

Chuala e i asnotaraich mar each aig ceann sgrìob ghoirid. Bha i cho deamhnaidh ris achlach fhèin. Achlach na croich, an teis meadhon na lios, dìreach ann an rathad an starain. Staran còmhnard, leathainn a bha ise ag iarraidh. Nam biodh slabaiddynamiteaige, chuireadh eachlach na mìle pìos. Sheall e ri bhoisean. Ta, cha robhdynamiteann. Bha e cho math oidhirp eile a dhèanamh. Ach! Thilg e smugaid na bhois, is dhèirich e, gu rag.

Ghabh e grèim eòlach air an òrd. Thog e e gus an robh uile neart air a chùl, agus tharraing e air achlach buille cho cruaidh is gun leum an t-òrd troigh an àirde. Leig achlach às uspag liath. Chum esan air, màlach bho mhàlach, gus an robh an fhuil abragail air cùl ashùilean is a lèirsinn afàs sgleòthach. Chum e air gus an do theirig fhoighidean, gus an do fhras na buillean fada fada ro luath.

Thionndaidh e a cheann anns an togail airson smugaid theth a shadadh, agus mhothaich e do aodann Chatrìona air an uinneig.

Bha an ath bhuille na bu treasa. Agus an ath thè. Thòisich fuaim adìosgadh tro a sgòrna. .. uu-ha! uu-ha!. .. nas àirdes nas àirde. Cha mhòr nach robh a chasan ag èirigh on talamh le sgeing an ùird air achloich. Bha faram an ùird na chluasan acumail caismeachd ri chridhe na cheann. Shaoileadh tu ga choimhead gum bann a danns’ ’s amire a bha e. Bheireadh e gàire ort. Cha mhòr nach tug e gàire air


[183] Catrìona, ’s i air an uinneig ga choimhead. Ach cha bu lèir dhi a shùilean, a bha ag èirigh na aodann mar bhuilgeanan air uachdar loch dhearg, sùilean a bha afaicinn fuil anns achloich.

Cuiridh an duine às dhà fhèin.

Dhèigh i ris bhon doras, achs ann a chaidh e fo chaoich gu buileach. A ghàirdeanan suas is sìos mar mhaide-bualaidh, abhonaid air tuiteam dheth, a lèine atighinn às a bhriogais. Cha mhòr gun aithnicheadh i e. Thàinig i a-null ri thaobh is dhèigh i. Dhèigh i a-rithist na bàirde. Dhèigh i cho cruaidhs a burrainn dhi. Ghabh i grèim air a ghàirdean leis an làmh. Dhèirich na casan aice bhon talamh, is thàinig iad sìos. Bha i na h-èiginn.

Suas, sìos, ’s an t-òrd adeann-bhualadh, sgal air muin sgal. Ghlac uabhas i. Ach bha esan adèanamh sgàird de Ghearmailteach, de fhacail, de chloich, de liopan, de chloich, de chloich

Gu h-obann, thug e seòrsa de bhreab às, an t-òrd os a chionn, mar gum biodh an fhorc air snaim a tharraing na dhruim. Thuit an t-òrd. Thuit Catrìona, ach dhèirich i gu sgiobalta. Sheas esan rag mar chloich greiseag, agus thug e ceum, coltach ris achiad cheum a rinn e na bheatha, agus thuit e air a bheul fodha air fad na cloiche. Gu slaodach, trom, shleamhnaich e air a cheann-dìreach, gus na bhuail a shròn an talamh aig ceann eile na cloiche, far an robh am feur brùidhte, dorch.

Iain Moireach

title42.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page