[184]

43. DURRAG ANNS A’ GHREIN

Ràinig am prìosanach an taobh thall mu thrì uairean feasgar. Bàbhaist dhà bhith agabhail cupan mun àm seo, cupan agus briosgaid. Bha e air turas ach cha ghabhadh an turas cur dheth. Aon mhionaid bha e acoimhead an uaireadairs ga mhallachadh, agus an ath mhionaid bha e air an taobh thall. Agus bha mhìle bliadhna no eadhon biothbhuantachd, eadar an mhionaid.

Goirid an dèidh dhà dùsgadh chunnaic e abhainn aruith tro ghleann, agus ri taobh na h-aibhne bha ainglean asabaid. ’Sann a bha iad coltach ri fithich asìor dheasbad mu sheann chlosaich. Gu dearbha, nach e sin a bha na h-ainglean adèanamhacòmhstri mu sheann chlosaich?

Bha am prìosanach fhathast afaireachdainn pian anns an làrach a dhfhàg an ròpa mu amhaich. Cha robh e adol a dhfhuireach an siud mionaid na bfhaide na dhfheumadh e. Agus chroch e e-fhèin nuair thionndaidh iad an cùlaibh ris. ’S bha e marbh eadhon mus do bhàsaich e.

Bha cuimhne aige glè mhath air an oidhche a mharbh e Màiri. Gheàrr e suas na pìosan i agus chuir e pìos air muin pìos ann an tuba le salainn garbh. ’S thug e chreidsinn air na poilis gur e tuba de fheòil caorach a bha aige, beathach a mharbh e le làmhan fhèins leis an sgithinn. Rinn e gàire anns achùirt. Cha robh breitheamh air thalamh adol a chreidsinn siud. Ach bha mealladh anns amhealladh agus chreid am breitheamh iad. An t-amadan! Nuair chreid am breitheamh an sgeulachd mun fheòil anns an tuba fhliuch esan e-fhèin agàireachdainn. Bha e cho èibhinn. Agus thug am breitheamh dhà cead bliadhna de phrìosan. Airson Màiri cha robh sgeul oirre. Cha tàinig i a-riamh a-mach às na h-òrain. ’S cha robh fhads a bha e beò nach tug i bàs dhà. Bhitheadh i aseinn laoidhean agus ag adhradh, ’s gach dheidheadh an t-soitheach fodha. ’S dheidheadh aghrian fodha còmhla ris an t-soithich. Cha do mharbh e idir i. Cha robh tuba ann. ’S mus tug iad a-steach e, dhith e Màiri gu dhiathad, ’s bha i blasda còmhla ris abhuntàta. Agus chreid iad. Agus chuir e ròpa mu amhaich agus chroch e e-fhèin.

Nuair ràinig e an taobh thall thuirt iad ris gu feumadh e an fhìrinn


[185] innse, gun cuala iadsan mun tuba feòla agus mu na h-òrain. Thòisich e amionnan mus deach e air a mhionnan. Fhuair e achmhasan airson a bhith amionnans thuirt e riutha gu robh e duilich. Agus gheall e dhaibh gun innseadh e an fhìrinn, co-dhiù bfhiach an fhìrinn a creidsinn no nach bfhiach.

Carson,” ars iadsan, “a mharbh thu Màiri?”

Sheall e riu airson mionaid, no airson mhionaid. Saoil an robh iad adol ga thuigsinn? Cha do thuig na poileis es cha do thuig am breitheamh e. Nach tug e dhà ceud bliadhna de phrìosan! An cumadh e ri ghealladhs an innseadh en fhìrinn? Chunnaic e Màiri anns an òrans bhan t-òran coltach ri laoidh. Bha e asmaoineachadh nach tuigeadh iad abhàrdachd ged dhfheuchadh e ri a mìneachadh dhaibh. Na briathran, agus na smuaintean a bha fillte annta. Na smuaintean a bha air falach annta. Co-dhiù, dhfheumadh e am freagairt. Bhitheadh e modhail am freagairt.

Mharbh mi Màiri aig meadhon-oidhche. Carson a mharbh mi i? Mharbh mi i seach nach robh i ann. Chan fhaca mi a-riamh i agus cha chuala mi a-riamh a guth. Cha chuala mi a-riamh a guth ged bhruidhinn i rium tric gu leòr. ’S nuair chunnaic mi nach robh i ann dhaithnich mi gu robh biodag aice. Thàinig abhiodag a-mach às an oidhche, a-mach às an dorchadas. ’S nuair mharbh mi Màiri cha robh mi ach gam dhìon fhìn. Agus chunnaic mi tuba. ’S bhan tuba làn de fheòil aig teachd an . Feòil caorach. Chaill achaileag na caoraichs cha tigeadh iad dhachaigh len earbaill rim bus. Mharbh mi na caoraich agus dhith mi iad. An uairsin mharbh mi Màiri. .. Anns an toiseach bha an solass chaidh an solas na dhorchadas. Chiùinich an fhairge agus thiormaich i. Agus chuir an dorchadas ròpa mu mamhaich aig crìoch mo . ’S an dèidh gach tha sin, tha sibhse ag iarraidh orm an fhìrinn innse. thanns an fhìrinn ach fianais air cogais? ’S tha sibh ag iarraidh orm an fhìrinn innse. Innsidh mi an fhìrinn seach nach eil breugan agam. Agus.. .”

Chuir iad stad air. Sheall iad ri chèile mar nach fhac iad a chèile riamh. An robh e afeuchainn rin car a thoirt asda? Sheall iad ri chèile a-rithist ach cha tuirt iad facal.

Agus,” ars esan, “thàinig luchd amhìoruin. Bha cabhag orra. Bha iad casruisgt. Duslach asuathadh duslaich anns an duslaich. ’S thuirt


[186] iad rium gur e beatha bha sin. Agus mharbh mi achaora. Agus mharbh mi Màiri. Rinn mi òran dhi. No cumha. No laoidh. No rudeigin.”

Bha iad fhathast acoimhead a chèile agus rinn iad gàire. Chunnaic e ìomhaigh fhèin anns aghàire.

Bha mi aig an taigh,” ars esan. “ ’S cha deach an taigh a-riamh na dhachaigh. Bha mi air mo riasladh ann an cuan coltach ri seann shearmoin ann an inntinn caillich. Feumaidh mi leisgeul a dhèanamh Leisgeul airson nan òran, airson na bàrdachd. Bha an saoghal afalbh air chuibhleachan. .. sìos agus suas. .. a-nulls a-nall. Chunnaic mi achailleach anns an dorchadass i mires afealla-dhà. Bha dùil aice ri beatha ùr, thuirt i. Achailleach. .. bha dùil aice ri beatha ùr. ’S dhèirich mi às mo shuains chunnaic mi saoghal eile eadar mo shealladhs mo lèirsinn, saoghal a bha làn de chlèibh, ’s daoine anns na clèibh mar ghiomaich. ’S bha na làmhan aca ceangailte le glas-làimh, ceangailt mar inean ghiomach. Cha burrainn dhaibh gluasad às na clèibh. Bha iad fliuch le sàl na beatha gan iadhadh. ’S bha achailleach adanns anns an dorchadas. ’S bha an ròpa cho teann, cho goirt. .. ’s ma bha sibh ag iarraidh fìrinne sin agaibh an fhìrinn. Chan eil fhios, agus cha bhi, a bheil i nas fheàrr na bhreug.”

Chaidh an oidhche na , agus chaidh an dorchadas na dhorchadas. Chuala e fuaim achogaidh fad às, mar ainglean asabaid ann an dorchadas. Chuir iad na cuirp don aon uaigh agus dhùin iad an uaigh le eu-dòchas. Agus chunnaic e bean-bainnse ag èirigh às an uaigh, agus còmhla rithe bha fear nuadh-pòsda a bha uabhasach coltach ris fhèin. Dhòirt buinn airgid às an adhar agus leagh iad air an talamh rin taobh. Thàinig na madaidheans thog iad an t-òr leaghtes rinn iad adhradh follaiseach dhà. Chaidh mìle grians mìle gealach seachad os an cionn, ’s bha bogha-froise briste ag èirigh às achuan, briste mar gach gealladh a sgrìobh e anns na h-òrain, mar gach gealladh a thug e dhà fhèin.

Pòsaidh,” ars ise.

Bheir mi dhut fàinne òir,” ars esan. “Cuiridh mi fàinne òir mu dmheur. Bann daingeann coltach ris an ròpa a bhios air mamhaich. Bidh làrach na fàinne air do mheur gu bràth, agus cha chaith an fhàinne gus an tèid an às-eìrigh seachad. ’S ma tha sonas ann bidh sinn sona. Mar rìghean. No mar thràillean. ’S nuair thig an mòr bidh an crodh abreith uigheans bidh bainne aig na cearcan. ’S bidh


[187] ainmhidhean an t-saoghail asnàmh ann an geallaidhean briste. Togaidh sinn lùchairt air aghainmhich thall ri oir na mara agus siùbhlaidh sinn air sgiathan tìme gu Tìr aGheallaidh. Eisdidh sinn ri ceòl nam fitheach anns na craobhan nuair bhios teudan na clàrsaich briste. sinn bàrdachd mhòr a dhiadhas bunaidean achruthachaidh. ’S bidh gach mar fhàinne, mar ròpa, atachdadhs atachdadh gun sgur.”

Air na bainnse bha aodach dubh agus ad oirre seach gun pheacaich i, seach gun pheacaich esan. Chuir e an fhàinne mu meur agus ghoirtich an fhàinne a meur. Chunnaic e iomadh cuan ga bàthadh, iomadh ainmhidh ga slugadh. ’S nuair sheall e ris achraoibh am meadhan cuain, cha robh geugan no duilleagan oirre, càil ach ùbhlan. Bha na duilleagan air tuiteam gu làr. Bha e coltach ri gu robh foghar ann am meadhon earraich. Thog e na duilleagans crith na chnàmhan, ’s rinn e còta le na duilleagan. Chuir e uime an còta is dhfhairich e blàths is dìth nàire. Shnaidh am ministear na h-àithntean air clachan a chuimhnes thug e dhà ròpa leis an crochadh e e-fhèin. Cheangail en ròpa ri chridhe gus nach deidheadh e air chall.

Chuala e ceòl fad air falbh, ceòl mar thàirneanaich, ceòl mar chuan anuallan am buaile na cruinne. ’S bha pìobaire air cùl achiùil, ’s na meuran aige làn de fhàinneachan. Cha robh fèileadh idir air aphìobaire, ach briogais theann agròbadh achraicinns na beatha. Bha lèine shìoda bhuidhe air, sìoda chaidh fhighe le beart dealain. ’S bha e na sheasamh, na sheasamhs apìobaireachd. Marbhrann aighearach a bha làn de bhròn.

Bha e fhathast acluinntinn na pìoba nuair ràinig e an eaglais, na dearbh eaglais anns na phòs e Màiri, anns na phòs am ministear e-fhèin agus Màiri, anns na phòs an coimhthional am ministear. Chuimhnich e air an ròpa, ’s chaidh e steach. Cha robh duine anns an eaglais ach e-fhèins am ministear. Bha achùbaid aruighinn nan sparran gu h-àrds am ministear mar eun afeuchainn ri chasan a ghleidheadh air na sparran. Thòisich an t-seirbhis, seinn is còmhradh is pìobaireachd. Fhuair e dhonas airson a bhith cho peacach. Peacach adìteadh peacaich ann an taigh Dhè. Agus smaoinich e air na clachairean a thog an taigh do Dhia, ach am biodh peacaich alabhairt ri chèile mu pheacadh. ’S cha robh e afaicinn uisge atighinn tron lobht a sgiùrsadh


[188] am peacadh air falbh. ’S co-dhiù, cha robh e afaicinn aphecaidh. Bha am peacadh glaiste ann an ubhal mìle mìles mìle linn air falbh.

Carson a bha uimhir de chloinn dhìolain san t-saoghal? Bha e-fhèin dìolain. Bha cuimhnaige. Oidhche Mhàirt a bhann. ’S bha e mionnan am broinn a mhàthar mar dhuine leis an deoch nach fhaigheadh deoch gu leòr. Cha do phòs iad mar a phòs esan. Cha tug iad athair dhàs cha tug iad màthair dhà. Chunnaic e an sgian acromadh ach stad i. ’S nuair mharbh e achaora thug e Isaac mar ainm air fhèin. ’S nuair chuir e don tuba is a mharbh e Màiri dhatharraich e ainm a-rithist. Bha cuimhnaige. ’S bha seòrsa de bhith aige dhaibhs gun dhfhàg iad e air curam an dàin. ’S nuair bha e air drochaid eadar shaoghal cha robh duine ann a stiùireadh e. Shìos fodha bha cuan agoil, os cionn ifrinn, crochte air slabhraidh a mhac-meanmna. Carson a bha uimhir de chloinn dhìolain air chall anns an t-saoghal? Cha robh fhios aige. Bhan amhaichean a’. .. lìonadh ròpans am meuran alìonadh fhàinneachan. ’S bhan anail afalbh asda. Chuir e cais air gu robhn anail afalbh asda.

Fad na h-ùine cha robh facal ga ràdh. Bha iad acoimhead a chèiles esan gan coimhead-san. Bha fhios aca bha ruith tro inntinn, ’s bha iad ga sgrìobhadh ann an leabhar.

Carson a mharbh thu Màiri?” arsa fear dhiubh.

Dhùisg e gu h-obann às an dùsgadh. Chuala e acheist mìle uair mus do fhreagair e i.

Cha do mharbh mi Màiri,” ars esan. “Mharbh Màiri i-fhèin. Thug beatha bàs dhi. Mharbh mise mi-fhìn oir thug beatha bàs dhomh. ’S tha làrach dearg amharbhaidh air mamhaich. Cha do mharbh mise Màiri. Màiri? i? Càit an robh i? Càit a bheil i? Chuir iad ann am prìosan mi oir cha do dhaithnich iad duine bho bheathach. Cha do dhaithnich iad duine bho chaora. Bha fhios aca uaireigin gu robh diofar eadar duine is caora. Bhiodh iad asgiùrsadh nan daoine airson àite dhèanamh do na caoraich.

Bha iad ag iarraidh nan taighean is an fhearainn, ’s bha iad acur nan daoine a-mach. ’S bha Màiri gan cur a-mach is cuip aice, cuip mòr deamhnaidh. Bha an sneachd atuiteams e leaghadh anns an teine, mar gu robh dàimh aige na daoine. Bha an eachdraidh air a giùlain le


[189] na lasraichean suas gu starsach nèimh. Ach cha do ràinig iad nèamh a-riamh. Cha deach caoraich a ròstadh san teine, cha deach càil ach daoine, daoine agus sinnsireachd. Cha robh sin ceart, an robh? Cuip mòr deamhnaidhs i gan cur a-machs acur teine ri mo dhachaigh. Bha athair is màthair aicese; chan fhac ise sgian a cromadhs chan fhac i sgian 3 ag èirigh.”

Stad e airson greis. Bha e a smaoineachadhs cha do chuir iad dragh air. Bfhada bho nach do dhèisdear ris roimhe.

Bha Màiri gu math dhà. Biomadh rud a thug i dhà. Bha e asmaoineachadh oirre fhads a bha e afeuchainn ri uaireadair an t-saoghail a chur air ais. Chuimhnich e air an a thog in truinnsear bhon sgeilps a chaidh e na spealgan mu cheann. ’S bhan fhuil aruith mar eas. Thuirt i gu robh i duilich. Bha fhios aige gu robh i duilich oir bha meas mòr aice air an truinnsear ud. ’S bhiodh i cur meas air. Bhiodh i ga lìonadh làn de ùbhlans ga chur air abhòrd ri thaobh. Bha na h-ùbhlan cho deargs cho faileasach, bha leithid de thàladh annta. Bha, bha Màiri gu math dhà.

Bhiodh i aleughadh nan òran nuair bhiodh esan gan seinn. Anns an t-seinn bhiodh e a faicinn cloinne a danns air na tulaicheans sìdhichean ag itealaich os an cionn. Dheidheadh iad às an t-sealladh ach thigeadh iad a-rithist a thogail na sèisde. ’S nuair shìolaidh an t-eilean sìos don chuan dhfhalbh achlanns na sìdhichean. ’S bha Màiri an siud acoiseachd air uachdar nan uisgeachan, a casan beaga glana atruilleadh nan cuantan. Bha i cho neochiontach anns an olc, ’s na h-ùbhlan adeàrrsadh timcheall oirre. Ubhlan a bha fàs, ach nach robh afas air craobhan idir. ’S rinn e marbhrann don eilean a chaidh fodha. Chuir e fodha na inntinn fhèin e.

Chunnaic e fear dhiubh ga phiobrachadh fhèin. Bha iad afàs -chomhfhurtail, ’s iad ag èisdeachds ag èisdeachd. Ag èisdeachd is esan asireadh fìrinne. Màiri. Feòil caorach. n ceangal a bheatorra? ’S ciamar a gheibheadh e air an ceangal a bhriseadh?

Bha mi aig an sgàthan,” ars esan, “ ’s cha do dhaithnich mi am fear a chunnaic mi san sgàthan. Bha uair a bha mi eòlach air, ach cha do dhaithnich mi an turas seo idir e. Chunnaic mi an inntinn aiges i briste air feadh a ghnùise. Dhfheuch mi gu critheanach le mo mheuran ris an inntinn a chàradh ach an leughainn bha sgrìobht oirre, ach bha i


[190] gach uair abriseadh às ùr. Agus an sin chuir mi air an solas agus dhlùthaich i ri chèile car greiseag, mar gu robh eagal oirre ron t-solas. ’S bhan inntinn air a h-iadhadh le fichead bonn airgid, amaoidheadhs amagadh oirre. .. Thrèig thu mi, a Mhairi, seach nach robh am fearann torrach, seach nach robh an aitreabh mòr, seach nach tigeadh còta de bhian saor dhut. Fhuair thu fichead bonn airgid agus thog thu ort. Fhuair thu cumhachd agus fhuair thu beartas. Ach saoil, a Mhàiri, an dfhuair thu ceartas? Sin mar dhinnis an inntinn dhomh, ’s aig crìoch na h-òraid, chaidh i gu h-obann na spealgan a-rithist. Bha a turas crìochnaichte. A bheil sibh atuigsinn? Bha a turas crìochnaichte. ’S ma mharbh mi Màiri, sin mar mharbh mi i, cha bann le gunna no le sgithinn ach le criomagan den dòchas a bhris i na mìle criomaig. ’S ma tha sin an aghaidh lagh Dhè, chan ann le Dia an lagh. Cha do pheacaich mise bho pheacaich mi. ’S ged chaidh mi shireadh ionmhais aig ceann abhogha-froise cha robh ionmhas ann. Bha mi cladhachs acladhach ach cha robh ionmhas ann. ’S chuir iad às mo leth gun mharbh mi Màiri. Faicibh agus chì sibh. mhìle Màiri crochte air sreangan às na nèamhan, fàidhean brèige atarraing nan sreangs acur murt às mo leth. .. Bha cuip mòr deamhnaidh aice. ’S bha i aseinn òrain do na caoraich. Thug i steach don teampall iads chuir i mach ceann-teagaisg air soisgeul ùr. ’S ged a bhan soisgeul ùr cha robh e ùr idir, bha i bruidhinn air teine, air ifrinn anns na glinns ri taobh nan aibhneachan. ’S nuair chaidh an taigh na theine dhfhalbh an tughadhs am fasgadh, ’s thàinig na caoraich a-steach. Thàinig feòil caorach don tuba. Mharbh mi Màiri le biodaig na h-inntinne, anns an eanchainns anns na h-òrain. ’S tha sibh afaighneachd carson a mharbh mi i. Feòil caorach ann an tuba gu dearbh! ’S cinnteach gu bheil sibh atuigsinn. .. gu bheil sibh atuigsinn. .. gu bheil sibh.. .”

Sheas iad, agus chunnaic iad an dearg adeàrrsadh air amhaich. Bha an gnothach caillte. Choisich iad air falbh gun fhacal eile a ràdh. Chunnaic e na gùintean aleaghadh anns an teine. Cha robh ifrinn ann, ’s cha robh breug ann.

Rinn e òran gaoil, òran fada gaoil. An uairsin chrom e sìos. .. sìos. .. sìos. .. tron dorchadas.

Dòmhnall Iain MacIomhair

title43.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page