[200]

45. AN ROGHAINN

Sann an toiseach an fhoghair a bhann, agus ged bha am feasgar brèagh blàth, agus fir abhaile ag obair san raon, bha Niall na shuidhe ga gharadh fhèin aig taobh an teine agus a làmh fo cheann. Air bòrd aig a làimh dheis bha botal uisge-beatha air òl gu leth. Cha robh e ag ràdh guth ach thigeadh cnead bhuaithe an-dràsdas a-rithist. Cha bannas seo idir do mhnaoi bho chionn iomadh latha. Bha e cur dragh oirre, ach gu burrainn dhi a dhèanamh. O chaochail athair agus a fhuair Niall an t-airgead cha robh e aige fhèin idir. Eadhon an dèidh dhà cur as don airgead uile cha robh e tric sòbarra. “Cha bu tu Aonghas,” ais ise na cridhe fhèin. “Choimheadadh esan às dèidh a thaighs a ghnothaich.”

Air dhith bhith smuaineachadh mar seo sheall i air an uinneig, agus bha dol seachad ach Aonghas. Bhiodh e falbh don raon a dhobair air an fheur. Mach an doras bha i às a dhèidh. Chuir i a làmh air a ghualainn. Fhuair i neart is misneachd na làthair. Gun sochair sam bith sheall i air le sùil ghràdhach sgìth. “Gu bu toigh leat a ràdh?” dhfheòraich Aonghas. “Feuch an dèan thu rudeigin ris an fhear ud,” fhreagair i. “Cha dèan e car a-muigh no staigh. Nuair tha daoineile abhaile air ceann an cuid ghnothaich tha esan na shuidhe staigh ri taobh an teine, aleigeil an t-saoghail ma chluasan. Aonghais, feuch an toir thu mach e.”

Bha cridhe Aonghais trom brònach oir dhaiseag cruth a h-aodainn a mhac-meanmna air ais feadh nam bliadhnaichean. Chuimhnich e nach robh cleamhnas sam bith eadar e-fhèin is Niall ach bha iad nam balaich còmhla; is iomadh strì agleachd a bhaca. Bha iad tric le chèile, agus is minig a bha Mòrag nan cuideachd. Bha na làithean ud sona. Dhfhàs iad le chèile dìreach fallain mar an giuthas. Bha gach fear na làn-dhuine gun ghath na bhodhaig. Fhuair iad toileachas an cuideachd a chèile gus an tàinig gràdh Mòraig eatorra. ’Se bhinntese caileag bhanail, bhòidheach, lurach, is chan eil teagamh nach robh gràdh mòr aig an dithis dhi. Cha robh fios co-dhiù bhiodh i aig Niall no aig Aonghas. Ach bfheudar dha Aonghas an saoghal a thoirt fo cheann, agus air dha bhith iomadh bliadhna bhon dachaigh, chaochail athair Nèill agus dhfhàg e deagh thaigh is mòran airgid aige. Phòs Mòrag e goirid an dèidh sin.

Chan eil fhios gu an tuilleadh smuaintean a thigeadh ri inntinn Aonghais, ach rug Mòrag air làimh air agus thàinig e thuige fhèin. “Chan eil


[201] càil idir agam don obair seo,” ars esan. “Ach air do shon-sa dhèanainn rud sam bith. Ceart gu leòr, bruidhnidh mi ris.”

Lean e Mòrag a-steach is rinn e dìreach air Niall aig taobh an teine. Cha do thog Niall a cheann, ach thilg e smugaid don teine. “Gu mu dheidhinn an sgadan fheuchainn a-nochd?” dhfheòraich Aonghas. Thog Niall a cheann is dhamhairc e air Aonghas le sùilean troma dearga. “Gu n donas a thug an seo thu?” fhreagair e gu liotach gugach. “An e ise thug a-steach thu? Tha achùis air tighinn gu h-àirde mur fhaod duine suidhe na thaigh fhèin. Sgadan gu dearbh! Bu cho math leam am puinnsean Ach ma tha sibh airson mo chur às an rathad, tha mise coma càit an tèid mi. ’S tu bhiodh toilichte na robh sia troighean de thalamh ann Ach.. .” ’S chuir e smugaid eile san teine.

Bi aig achladach aig leth-uair an dèidh seachd agus ma bhios an oidhche coltach thèid sinn a-mach,” fhreagair Aonghas, adèanamh air an doras.

Se Aonghas a bhaig achladach an toiseach. Shuidh e air creig ri taobh amhuir lìonaidh. Ghabh e beachd air cloich bhig a bha an ìre dhol fodha. Nach biongantach mar bha cùisean ag oibreachadh. Lìon beag is beag thàinig am muir seachad oirre. An siuds an seo thàinig partan a-mach bho chlaich, agus thòisich iad ri spògail am-measg na feamann. Bha na faochagans na gillichean fionn toilichte gun thill am muir. Dhèanadh iad seòrsa de ghluasad nuair bha uisge saillte na mara dol thairis ora. Thigeadh cudaige beag cho dàna air achreigs a dhfhaodadh e, ’s nuair shaoileadh neach gu robh e dol a bhualadh na creige, chuireadh e car sgiobalta na earballs rachadh e às an t-sealladh. Thug Aonghas sùil thar a ghualainn agus chunnaic e Niall am bràighe achladaich. Chuir iad a-mach agheòla is shìn iad na lìn gu bog sàmhach. Ghabh iad ràmh am fear, Aonghas air an tobhta thoisich. Dhiomair iad an t-eathar seachad taobh an fhearainn, ach cha robh iomradh ach buille ma seach. Cha bann air a bha inntinn fear den dithis. Cha bu mhotha na sin a bha sùilean aca airson abhòidhchead bha timcheall orra.

Measg nan creagan bha feur goirid cruaidh afàs. Ged bha am monadh mòr fosgailte acasann am beul nan creagan ud a bha cuid dhe na caoraich ag ithe. Cha robh fada bho chaidh an rùsgadh. ’Se sin a badhbhar cho caol, fad-chasachs a bha an dreach. Dhèanadh dhiubh mèile an-dràsdas a-rithist ag èigheachd air an uan a bha gluasad car fada air falbh.


[202]

Dhfhàg iad am fearann agus stiùir iad air grùnnd an iasgaich. Bha am feasgar brèagh ciùins cha robh ri chluinntinn a-nis ach buille nan ràmh. Ach èisd mionaid. An e ceòl na pìoba a bha tighinn thuca thar na mara? Stad iad a dhiomradh le chèile. ’Se cridhe glè throm nach gluaiseadh srann na pìoba, agus gu h-àraid bhith ga chluinntinn air amhuir. ’Se Dòmhnall Mòr a bhiodh ann. Bha e mar fhasan aige port a thoirt as aphìob a h-uile feasgar. Chuimhnich Aonghas air làithean an òige nuair bha e-fhèin, Mòrag is Niall aotrom aighearach. ’Se Dòmhnall Mòr a bhiodh acluich dhaibh aig na dannsaichean agus bu mhath a baithne dha sin a dhèanamh.

Stad an ceòl is dhiomair iad air falbh.

Ged a bham feasgar iongantach ciùin, bhan t-adhar culmach, dorcha. Bha mullach nam beann air an suaineadh ann an ceò. Bha sìth air feadh an t-saoghail mun cuairt orra. Ach cha robh fois aig inntinn fear den dithis. Bha smuaintean Nèill trom, dorcha, -rianail. Dhaidicheadh e uairean gu robh e-fhèin faoin, ach bha e acur achoire airson a staid air an t-saoghal gu lèir, agus gu h-àraidh air a mhnaoi agus air Aonghas.

Aonghassin agad e, spealg de Shàtan agus athair an dorchadais.

Na shuidhe air an tobhta thoisich cha robh ìnntinn Aonghais air na nithean a bha làthair idir. Chitheadh e ìomhaigh Mòraig ann am buille nan ràmh, agus nuair thogadh e a shùilean air druim an fhir eile rachadh saighead na fheòil. Cha robh eadar e is Mòrag ach esan. Cha bhiodh e duilich cur as dhà, ach cha dèanadh sin cùisean mòran na bfheàrr. Dhìteadh a chogais e gu latha a bhàis. ’S cha bhiodh a bheatha ach searbh -bhlasda, eadhon ged nach dìteadh Mòrag e.

Ràinig iad grunnd an iasgaich am beul na h-oidhche. Chaidh Niall air a dhà ràmh agus rinn e polaraich iomraidh fhads a bha Aonghas acur nan lìon. Cha robh mòran coltais sgadain ann. Gun teagamh bha corra thè dhe na faoileagan mòra na laighe air amhuir agus chaidh sùlaire seachad ach cha do bhuail e faisg orrasan. Cha robh air ach fuireach an ceann nan lìon uair no dhà a thìde.

Shuidh Niall air an tobhta dheiridh agus cha bfhada gus na chuir tulgadh na geòla a chadal e. Air dha Aonghas a bhith ag amharc air na phloc an siud air an tobhta thàinig Sàtan ga bhuaireadh ag ràdh, “Tilg a-mach san t-sruth e. Cha bhi fhios aig duine sam bith thachair dhà. ’Sann a their iad gun thuit e thar a chinn leis an deoch. Cha chuir iad coire ortsa.


[203]

Tha fhios aig a h-uile neach nach dèan e snàmh. Bidh Mòrag agad dhut fhèin.

Mar gun cuireadh smuaintean Aonghais crith air, dhùisg Niall agus air dhà coimhead an taobh a bha Aonghas rinn e duan mhionnan dhà. Cha dubhairt Aonghas guth.

Bhan oidhche a-nis air fàs dorcha. Cha robh gealach ann, agus thuit an ceò a bha air mullach nam beann san fheasgar gu dùmhail gu uachdar na mara, Chan fhaiceadh duine a chorragan. Mun cuairt air an eathar bha am muir geal le sionnachan cho trics a bheireadh i sgailc air na tuinn bheaga bha ruith a chèile feadh achuain. Deas air an eathar thòisich canaichean ri seitrich an-dràsdas a-rithist. ’S minig a bhiodh iadsan còmhla ris an sgadan.

Bha dorchadas na h-oidhche acur connaidh ris achonas a bhan inntinn Aonghais. Chan e mhàin gun mhill an t-amadan a bha san deireadh a bheatha fhèin ach a thuilleadh air seo cha robh Mòrag ach truagh còmhla ris. Eadhon ged bha Mòrag pòsda aig Niall bhiodh Aonghas sona gu leòr nan robh rian ceart oirrese. Gu bu chiall don ghnothaich dir? Càit an stadadh e?

Dhfhaoidte gum biodh e na bu ghlice dhàsan an saoghal a thoirt ma cheann a-rithist agus a h-uile dad a bhann fhàgail às a dhèidh. Nan dèanadh e sin co aige bha fios nach drachadh cùisean na bfheàrr rathad air choreigin.

Dhfhairich e Niall asnàgail san deireadh. Thuig Aonghas gu robh e na sheasamh gu aotromachadh. Thainig Sàtan gu bhuaireadh a-rithist. “Seo do chothrom a-nis air. Suidh air beul an eathair. Tha esan cho mi-chinnteach air a chasans gun tèid e an comhair a chinn samhuir. Ma thèid gu choire thagadsa ris? Cha dèan e snàmh. ’S cinnteach nach cuir e dragh gu bràth tuilleadh ort.”

Rinn Aonghas gluasad beag ach thionndaidh Niall air samhionaid. “A mhic an fhir ud,” ars esan, “an ann afeuchainn ri mo bhàthadh a tha thu. Tha mi creidsinn nan tachradh tubaist dhòmhsa nach biodh Mòrag na banntraich glè fhada.” Cha tubhairt Aonghas guth. Bha fhios aige nach dèanadh bruidheann feum.

Dhfhairich iad le chèile fuaim luinge teannadh orraplosgartaich fhaoin mar gum biodh i air chall sacheò. Bhioraich iad an cluasan. Bha e gu math faisg orra. Chaidh am fuaim na thàmh. Leum Aonghas air ròp nan


[204] lìon, ach mun dfhuair e fhuasgladh bhuail i iad calg dhìreach nam meadhon. An ath fhaireachdainn a bhaig Aonghas bha e air an t-snàmh samhuir. Ach ged bu mhath e air an obair bha gu leòr aige ri dhèanamh. Bha chuid aodaich cho trom ri luaidhe.

Thàinig an sgread a boillteile bho chompanach. Chuimhnich Aonghas nach dèanadh Niall snàmh. Choimhead e an taobh a thàinig an sgread. Bha am muir air ghleus le cop is sionnachan, is Niall abreabadaich le chasans le làmhan.

Cha robh guth air eud no connspaid a-nis. Rinn e air Niall cho cruaidhs a bhaige. Bha Niall fhathast air uachdar na mara nuair ràinig e far an robh e. Rug e air dhosan air. Ach bha an t-aodach fliuch gan tromachadh le chèile agus mhothaich Aonghas nach cumadh e an dithis aca an uachdar gun a dhà làmh.

Mar sin rug e le fhiaclan air cùl amhaich a sheacaid. Ach bha e lagachadh. Mhothaich Aonghas nach robh achrìoch fada bho neach den dithis aca. Cha bu luaithe thàinig na smuaintean seo thairis air inntinn na bhris gath-sholais deàlrach mun cuairt orra. Chunnaic e botag cur asìneadh thuca. Rinn e grèim oirre le uile neart; ach aig acheart àm dhfhairich e e-fhein afannachadh. Bha sruth na mara ga shlugadh agus dorchadas iomlan dol thairis air.

Nuair thàinig Aonghas thuige fhèin bha e na shìneadh air ùrlar na luinge. Cha robh e cinnteach ach shaoil leis gum baithne dha an guth bruidhne bha dol gun stad. Baithne dhà cheana e. Be Niall a bhann agus cha be chainnt a bfheàrr a bhaige amallachadh Thormaid is Eachainn MhicLeòid airson am mi-chùraim san tubaist.

Bha cheann air sgàineadh agus chuir droch chainnt Nèill, ’s e, mar gum beadh, air ùr-aiseadh o bheul abhàis, crith air fheòil. Ach mu dheireadh cha robh ri chluinntinn ach slapraich na mara acrònan mu fhliuch-bhòrd na luinges i dèanamh air tìr. Tharraing Aonghas an còta-iasaid a bha aige thairis air na bu dlùithe timcheall air, agus phill e rithist gu smuaintean fhèin.

Coinneach Fionnlasdan

title45.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page