[215]

47. DROCH AM DHEN BHLIADHNA

BhaLudovicna chabhaig, agus aithreachas air. Bha e air fuireach thall ro fhada air chèilidh. Dhaindeoin nan rabhaidhean a fhuair e, bu ghann a thàr e nall às an eileans an làn reothairt atighinn na dheann. Gu dearbha, bann air èiginna bhriogais dheths am baidhsagal air a dhruima fhuair e nall gu Gearraidh aBhota, dìreach mun do dhùin an fhadhail.

Thiormaich e e-fhèin mar a bfheàrr a burrainn dhà le badan feòir agus dhìrich e chun an rathaid. Bha Eòghainn Mhurchaidh shuas air CnocIcPhàil aig caoraich. “Dhuine gun tùr,” dhèigh e nuas, “ ’Sann ort a chaidh an sàbhaladh. Deich mionaidean eiles bha thu bàite, cinnteach. Nach tu bha gun tonaisg, ge-.” Ach cha robh ùine aigLudovicfuireach ri còmhradh. Smèid e agus leum e air an dìollaid, ’s e airson na burrainn dhà de astar a dhèanamh mun dorchnaicheadh i, ’s gun làmpa no dad eile air aghliogaid baidhsagail a bhaige an iasad.

Bha rathad na mòintich timcheall nam bàgh na chùis uabhais le tuills le claisean, ’s bha e gu math doirbh dhà astar a dhèanamh. Bhiodh e na bfheàrr dheth, ge-, nuair ruigeadh e Aird aChlachair. Bhiodh an rathad tearradh agus aghaoth na chùl aige an uairsin. Shaoil e gun dèanadh e an Tobhta dheth ann an trì chairteil na h-uarach mus biodh cus uallaich air Màiri Anna.

Bidh mi air ais mun dorchnaich i,” thuirt e mus do dhfhàg e samhadainn. Thàinig i nuas cuide ris gu ceann an rathaid.

Ma bhitheas, ’se chiad uair dhut e,” ars ise.“ ’S neònach leamsa mur tèid thu shuirghe dhàiteigin air do thilleadh, mur do dhatharraich thu. Ach mur nochd thu ro mheadhon-oidhche, glasaidh min doras ort.”

Rinn e gàire. ’Se dhfhaodadh, is fhios aige nach dèanadh i dad de leithid. ’S iomadh uair, nuair bha e adol do sgoìl an Rubha agus e loidseadh aice, a bhiodh e muigh gu uair samhadainn: ’s cha robh an doras glaiste riamh.

Feuch a-neisd, ’ille, nach beir an làn ort. Ma chailleas tu an fhadhail, cuir fòn thugam àPost Officean eilein. Bi cinnteach, a-neisd, ma chailleas tu do shuim nach toir thu oidhirp air an fhadhail, mus bàthar


[216] thu. Bfheàrr dhut cus fuireach thall gu madainn na thu-fhèin a chur an cunnart agreasad dhachaigh. Cuimhnich a-neisd.”

Chòrd e ris mar thuirt idhachaighmar siud, ged bha a dhachaigh an-diughnuair bha e air tìr co-dhiùann an Glaschu, cuide ri mhàthair. Bha ise toilichte gun tàinig e an taobh ud am bliadhna, a choimhead air na seann eòlaich a baithne dhà nuair bha e dol don sgoil an seo. Cha robh abhuain buileach seachad nuair thàinig e agus thug e cuideachadh math do Mhairi Anna achiad sheachdain an dèidh dhà tighinn. Bha Oighrig Mhòr, achailleach, air fàs lapachs cha burrainn dhi ceangal no togail a dhèanamh; agus cha robh Eòghainn, an gille, ach beagan is deich fhathast, ged bha e dìcheallach gu leòr. Cha robh esan ach mu dhà bhliadhna nuair chailleadh athair. An dèidh a liuthad sàbhaladh a chaidh air iomadach uair ri droch shìde, chaidh Uilleam bochd a bhàthadhe- fhèin is Lachlainn Sheumaisair latha brèagha samhraidh, ’s iad atogail chliabh. Feadhainn a bha ag ràdh gun deach iad ro fhaisg air na boghannans gun do rug am bristeadh orra gun fhiosda. Co-dhiù, fhuair iad an t-eathar, ’s i na spealgan, air an Rubha Gharbh agus na cuirp shuas a Tuath air an Tràigh Ghil, faisg air aChaolas Mhòr.

Sin abhliadhna thàinig e don sgoil an seo, agus cha robh Mairi Anna ceart os a chionn, ’s i cho sàmhach, fad-às na dòigh aig an àm a chaidh e dhfhuireach thuca an toiseach. Bha cuimhnaige air Uilleam on bha en Glaschu: duine mòr socair àmhach. Cha tigeadh gàire ro thric air, ach nuair thigeadh bhiodh aghaidh alasadh ann an dòigh a bha iongantach. mar lasas aodann gillòig.

Bann nuair bha Uilleam is Mairi Anna pòsda ann an Glaschu a chuireadh eòlas an toiseach orra. Ge be choireach, bha Uilleam trom air an deoch aig an àm. Bann nuair chaill e obairs a dhachaighs gun sgillinn ruadh no gheal aca, a rinn a mhàthair-san an rud nach do dhìochuimhnich Mairi Anna a-riamh. Thabhainn i fasgadh is dachaigh dhaibh gus an dfhuair Uilleam e-fhèin a chur air dòigh agus cothrom tilleadh a dhobrachadh croit athar. Cha robh cuimhne ro mhath aigLudovicair na bha tachairt sna bliadhnaichean a bha siud; bha e ògs aruith nan sràidean, gun for aige ach air a ghnothaichean fhèin. Ach is iomadh uair on uairsin a bheachdaich e gur ann aig a mhàthair a bhan cridhes amhisneachd, ’s i-fhèin na banntraich le


[217] sianar chloinne. Ach bhiodh moit air nuair bheireadh Mairi Anna tarraing air, rud a dhèanadh i iomadach uair.

Bha e neisd atighinn am fianais na h-Airde agus chitheadh e solas an taigh-sheinnse, ged nach robh biùg às na taighean eile fhathast. Ma bhan rathad na uabhas roimhe, bha an truaighe buileach air a-neisd. Bhiodh muinntir na h-Airde atarraing mhònadh air aphìos seo dheth agus bha a bhuil air. Nuair bhuail e saghroban mhòr, thug am baidhsagal leum às agus thàinig an roth-thoisich a-nuas air achloich le droch sgailc eagalach. Rinn e na damanaidhean cumhachdach nuair chual e fead na gaoithe atighinn aisde. Stad e is dhfhàisg e le òrdaig i, ach cha mhòr gu robh sad air fhàgail innte, ’s i sìor fhalamhachadh. Bha fhios aige gum biodh bùth Dhùghaill dùinte a-neisd, ach nan ruigeadh en taigh-seinnse na uairs dòcha gum biodh cuideigin an sin le baidhsagal a bheireadh rud dhà a chàireadh am bloigh inneil seo. Thog e air, ’s e cuibhleadh abhaidhsagail roimhe agus an dorchadas atighinn. Ann an cairteal na h-uarach bha e aig an taigh-sheinnse agus thug en aire gu robh grunnan bhaidhsagal mun doras. Ach chunnaic e an bfheàrr na sin. Bha an làraidh mhòr aig Murchadh Alasdair thall am-measg nan càraichean. Bha Murchadh às an Rubha, pìos a Tuath air an Tobhtaidh, agus nam biodh e dol dhachaigh gheibheadh e suas cuide ris. Chuir em baidhsagal ris abhallas chaidh e staigh.

Nuair dhfhosgail e doras abhàir theabadh a bhòdhradh leis aghoileams an sgalartaich a bha roimhe an sin. Agus os cionn na goileim, guth Flòraidh: “Time, Gentlemen, Time. If you pleeze.. z.. z, now. ”Bha i caran Gallda an dèidh a bhith bhliadhna ag obair ann aMacSorley ’s. Cha tug na daoinuaisle mòran feairt oirre. ChunnaicLudovicgu leòr a baithne dhà. Chrath iad an làmh aiges rug iad air ghualainn air, agus bha feadhainn a dhòrdaich drama dhà, ged bha e trang gan diùltadh. Ach bha cus uallaich air Flòraidh mun phoileasman, ’s cha chuireadh i nall an còrr do dhuinaca. “Gruagach ghruamach na galla,” thuirt cuideigin air a chùlaibh. DhiarrLudovica leisgeul a ghabhails chaidh e null far am fac e Murchadh abruidhinn ri dithis eile.

Cha robh Murchadh ga aithneachadh an toiseach, ach an dèidh dhà deagh shùil a thoirt air dhèigh e, “O seadh. .. seadh. .. seadh. GillOighrig Chaluim. Chuala mi gu robh thu staigh cuairt. Thall aig Mairi


[218] Anna na Tobhta, nach ann? A Dhia, cha do dhaithnich mi grèim dhìot an toiseach. Tha thu air fàs cho mòr on bha thu san sgoil. A dhuine bhochd, nach tusa-sin a dhfhàs mòr. Puncture ,an tuirt thu? Aidh, siuthad matà, bhalaich. Sad an cùl na làraidh es bidh sinn afalbh an ceartuair. .. O, ’se do bheatha, gu dearbha, ille.” ThillLudovica-mach air a dheagh dhòigh. Nuair fhuair em baidhsagal a thogail a dheireadh na làraidh, shocraich e e-fhèin san toiseach afeitheamh Mhurchaidh.

Ach bha greis mus do nochd esan. Nuair thàinig e mach mu dheireadh thall cuide ri fear às an Aird, cha tug iad sùil an taobh a bha e ach thionndaidh iad suas gu cùl an taigh-sheinnse. Mus deach iad à fianais bha fear na h-Airde atoirt leth-bhotal às a phòcaid. Chan eil fhios cho fads a bha iad aig ùl an taigh-sheinnsemu leth-uair co-dhiù, shaoil e. Ach nochd Murchadh mu dheireadh agus leum e staigh ri thaobh.

Bha sraon math aca falbh, na rothan ableiths asgapadh amhoil air beulaibh an taigh-sheinnse agus, ann an tiotan, bha astar math aca suas a Tuath. Bha Murchadh air dheagh fhonn, a-rèir choltais Uaireannan ghabhadh e òran, àird a chlaiginn, mar nach biodh duine beò ann ach e-fhèin, agus uaireannan thionndaidheadh e riLudovic ’s dhèanadh e còmhradh.

“ ’S ann à Sruighlea a bha dathair, nach ann?”

“ ’S ann.”

Bu truagh mar thachair don duine bhochd. Chan fhaca mi riamh e ged bha e staigh uair no dhà. Ach gu dearbha bha mi duilich nuair chuala mi. Sianar a tha san teaghlach, nach e?”

“ ’Se, sianar.”

Agusse ainm do sheanar a thortsa, nach e?” Bha e riamh na fhasan aig Murchadh a bhith faighneachd air fhios.

“ ’Seainm mo sheanar,” arsaLudovic, ’s e tuigsinn cho beags a bha Murchadh asaoilsinn den ainm luideach seo a bha na bhreitheanas air duinaig an robh Gàidhlig.

Gun rabhadh, thog Murchadh a ghuth a-rithist.

Saoilidh balaich bhìos air chèilidh,
G èisdeachd ris na chluinn iad
Nach eil ceàird as fheàrr nan Nèibhi.


[219]

Gus an tèid iad innte. ..

Chaidh e iomrall san fhonn uair no dhà, thugLudovican aire. Ach bha e mòr leis a chuideachadheagals nach en deoch, uile-gu-lèir, bu choireach.

Agus ciamar a tha mhuir acòrdadh riut?”

Fìor mhath. ’S math a bhith cosnadh.”

Aidh, ’s math, tha mi cinnteach. Chan fhada gus am bi thu nad oifigeach, ?”

bhliadhneile, ma bhios mi air mo chùmhnadh. ’Se sin ma thèid agam air an tiocaid.”

O, ’s tusa sin, a bhodaich. Theid misen urras! Cha bhi dìreach strì agads tu cho math air an sgoil, tha mi cluinntinn.”

Bha gealach bhuidhe an fhoghair air èirigh os cionn na beinne, thall a Tuath orra, agus bha i deàrrsadh air lochain bheaga na mòintich a bha anochdadh riutha an-dràsdas a-rithist eadar na cnuic. Bann gu math lom, ònrachdanach a bha amhòinteach acoimhead a-nochd. A-rèir a mhàthar, ’s iomadh fiadh a thug a sheanair air a dhruim tarsainn na dearbh mhòintich an dèidh a bhith sealg saBheinn Mhòir. A dhaindeoin geamairean, cha robh èis air teaghlach a mhàthar fhads a bha an seann fhear beò. Ach bha amhòinteach an siud fhathast ged nach robh esan, no eadhon làrach a bhrògan oirre an-diugh.

Bha iad a-neisd ateannadh a-null gu Dùn Uisdein, far an robh rathad acoinneachadh. Biad seo rathad na h-Airde, air an robh iad, agus an rathad a-mach gu Loch an Fhìdhleir, far am biodh am bàta atadhal.

Bha bùth isPost OfficeEachainn Bhig an seo agus sia taighean eile air an togail ri bruaich na h-aibhne a bha ruith a-nuas on mhonadh. “Bha mi muigh an taobh sin feasgar,” arsa Murchadhs e gnogadh a chinn an taobh a bha rathad Loch an Fhìdhleir, “atogailstuffa thàinig air abhàta. ’S fhad o dhfhaodainn a bhith dhachaigh, ach bha min agam le Dùghall shìos san Aird.”

ThugLudovican aire gu robh Murchadh acoimhead a-nulls a-nall mar gu robh mòran air aire agus, an ceann treise, stad en t-einnsean, is leig e leis an làraidh ruith leis an leathad. Nuair bha iad mu choinneamh ceann bùth Eachainn, tharraing e air achuibhills chuir e


[220] a toiseach a-null air an fheur ri ceann an taighe, agus stad iad an sin fhèin. Cha robh duine mun cuairt no air ghluasad. Ann an sàmhchair na h-oidhche, ann an saoghal fo ghealaich, shaoileadh tu nach robh anam atarraing anail ann an Dùn Uisdein ach iad-fhèin.

Bha guth Mhurchaidh ìosal, cagarach, ’s e sreap sìos. “Gnothach beag agam a-staigh an seo, ille. Fuirich thusa seo. Cha bhi mi fada, bhalaich. Dìreach tiotan.” Dhùin en doras air a shocair, ’s chaidh e timcheall chun an dorais chùil, adèanamh a dhìcheall ri coiseachd air a chorra-biod.

ChuirLudovicseachad achiad chuid den ùine afeadaireachds agabhail phort fo anail, agus en dùil gu nochdadh am fear eile uair sam bith. Ach thug en aire mu dheireadh gu robh a h-uile duine sna taighean mun cuairt air na solais a chur às agus air a dhol a chadal. Sheall e rithist air an uaireadair. Bha còrr is uair on stad iad. Dhfhàs e an-fhoiseil agus gu math crosda a-neisd, ’s e faireachdainn an fhuachd na chnàmhan.

Leum e sìos chun achnuic agus thòisich e air stampadh a chasans abualadh a làmhan. Ach sgeul no fathann cha robh air Murchadh. Esans a thiotan. Smaoinich e gun toireadh e sùil air abhaidhsagal agus chuir e cas air an roth-dheiridh is shreap e suas ris achliathaich.

Bha e trang asuidheachadh abhaidhsagail na bfheàrr an tacsa ri poca gràin, nuair dhfhairich e gluasad air a chùlaibh. Gu h-ealamh, bha dhà làimh air taobh na làraidh agus a chalpannan ateannachadh deiseil airson cruinn-leum a dheanamh sìos chun achnuic. Ach dhfhan e gun ghluasad agus a mhisneachd atilleadh thuige nuair chual e cnead beag socair, ’s a thuig e bhaige. Chaidh e suas, ’s chaidh e na chrùbadan ri thaobh.

Bha an laogh òg na laighe air fhuaigheal ann am poca, ’s gun ris dheth ach an ceanns an amhach. Cha robh cothrom èirigh no sìnidh aige agus bha droch chrith air leis an fhuachd. Laogh òg, Hearach a bhann, ’s gun e ach mu thrì no ceithir a sheachdainean, cuid denstuffa thog Murchadh aig abhàta ro mheadhon-latha. Thug e dhà a chròg is thòisich an laogh ri deoghal. Leis an làimh eile shuath e a dhruims an loch-bhlèin, gus na dhfhairich e an t-seice, a bha cho aogs cho fuar fon phoca, afàs na bu bhlaithes an fhuil aruith na bfheàrr air fheadh. Ann am beagan ùine thàinig faochadh air achrith a bha am bodhaig a


[221] bheathaich. Chuir e a làmh an uairsin a-staigh aig bonn aphoca is thug e suathadh math air na glùinean beaga, cruaidhe. Thug e sùil mun cuairt agus laigh a shùil, a dhaindeoin an dorchadais, air pìos math canabhais a bha san deireadh am-measg na trealaich eile. Dhfhosgail e mach caob math dheth is sgaoil e air an ùrlar fhuar e. Thog e ceathramh-deiridh an laoigh air uachdar agus an uairsin na casan-toisich gus an robh am beathach na laighe gu dòigheil air. Phaisg en còrr den chanabhas air uachdar, acumail na gaoithe bhuaidhe. Chrom e chun achnuic agus ghabh e timcheall chun an dorais chùil.

Cha do fhreagair duine an gnogadh cruaidh a thug e air an doras agus mu dheireadh dhfhosgail e achòmhla agus chaidh e staigh dhan dorchadas. Cha robh fhios aige an toiseach càit air an t-saoghal an robh e, leis cho dorchas a bhan taigh; ach thug en uairsin an aire, tron doras air a làimh dheis, gu robh biùg sholais air choreigin san rùm sin, agus dhfhairich e fàileadh làidir apharabhain. Nuair nochd e staigh bha fear anns a chùlaibh ris, ’s e feuchainn rifunnela chur air làmpa a bhair abhòrd mu choinneamh. Cha robh air ach a lèines a dhrathais, agus brògan tacaideach mu chasans na barr-eill fosgailte. Bha mhuilicheannan slaodte ris; ’s bha chasan rùisgte, gun stocainn, ann am broinn nam brògan. Ged bha bliadhna no dhà bho nach fhac e e, cha robh e doirbh sam bith cumadh cruinn Eachainn Bhig aithneachadh. Cha robh e doirbh na bu mhò a thuigsinn carson nach robh dol aige air an làmpa a chur air dòigh. Chual e fead na h-analach aige agus chunnaic e mar bha e tulgadaich. A bharrachd air samh apharabhain, bha fàileadh eile san rùmfàileadh na deoch atighinn làidir bho anail Eachainn. RinnLudoviccasad beag agus thionndaidh Eachanns rinn e amharc gheur air, ged bha shùilean gu dùnadh na cheann.

Dad ort, dad ort, ille! Ahà! Tha thu agam a-neisd. Ludovic, nach e? LudovicOighrig Chaluim. Bha mi dìreach asmaoineachadh gun cuala mi gnogadh. Co às a nochd thu?”

ThàinigLudovicair adhart agus chuir Eachann amfunnelgu cùramach air ais air abhòrd is rug e cho sòlamaichte air làimh airs gu saoileadh tu gur em ministear a bhair tadhal.

do chor, a laochain, do chor?”

Bha deathach dhubh, ghrànda atighinn à siobhag na làmpa, air thuar an tachadh le droch fhàileadh.


[222]

“ ’S dòcha gu bheil aghlainne ro theth,” arsaLudovic. “Am faod mi.. . ?”

Aidh, siuthad, a bhalaich! Cha dèan mi-fhìin dìreach steam dheth gun na speuclairean. ’S chan eil fhiosam o na runn. .. o na runnag. .. runnagan ruadha, càit an deach na bugair rudan idir, idir!”

Fhads a bha Eachann astrì ris an aileig, chuirLudovicamfunneldòigheil air an làmpa agus chuir e sìos an t-siobhag mus sgàineadh aghlainne leis an teas. Sguir an ceòs an samh -thlachdmhor agus sgaoil an solas boillsgeach do gach oisean den rùm. Bha Eachann air a dhòigh. “A! Mo bheannachd ort, ille! Chì sinn a-neisd tha sinn adèanamh. Siuthad, a laochain, fosgail am preasa sin thall, is thoir a-mach botal is glainneachan. Gabhaidh tu-fhèin a-neisd drama cuide rium. Cha mhisdthu idir i, ’s tu fuar.”

ChaidhLudovica-null, ach ged bha glainneachan ann cha robh sgeul air botal am broinn aphreasa.

Ach a shìorraidh, càit idir an deach e?” ars Eachann nuair chual e seo. “Dad ort, ge-, dad ort, ille!” Thòisich e air sporghail air feadh an rumas air cnuasachd air feadh dhrathraichean is eile, agus e brunndail ris fhèin fad na h-ùine.

Fuirichibh mionaid, Eachainn, fuirichibh! Tha laogh Hearach a muigh an siud agus—”

Laogh? laogh? Eil e air an rathad?”

Chan eil, chan eil. Laogh Hearach a thann. Tha e san làraidh.”

San làraidh? A dhuine, nach iad a tha diabhlaidh gu sreap!”

Laogh a thàinig air abhàta a thann. An-diugh. A Loch an Fhìdhleir. Eil drùdhag bhainne a-staigh a gheibheadh e, ’s e gun bhainne, tha mi creidsinn, on dhfhàg en Tairbeart.”

O, seadh, seadh! Bainne? O, chan eil, a bhalaich. .. chan eil. .. chan eil a-staigh an seo.. .” Thàinig an aileag dona a-rithist air. “Chan eil an seo na fhliuchadh teanga na piseig. Bhò air an t-seasgach, eil fhios agad. Tha bho chionn. .. ùineachan is ùineachan.” Sheas e greis atulgadaich, ’s e feuchainn ri cuimhneachadh cuin a thug abhò bainne mu dheireadh.

Ach, coma leat den laogh! Chan eagal dhà. Suidh thusa sìos an sin air do thòin agus gabh òran.”

Mun taca-sa? Dhia, chan eil math dhomh!”


[223]

tha ràdh sin? ’S ann agad a tha. Suidh thusa sìos agus dèan an rud a thathar ag iarraidh ort! Ma tha feadhainn nan cadal, taigh na galla dhaibh! Nach math an dùsgadh a gheibh iad. Siuthad a-neisd, gabh comhairle! Ma tha thu cho maths a bha thus fhiach dhaibh dèisdeachd.”

Eachainn, tha e còrr is meadhon-oidhche—”

Ma thogair eile!”

Uill, feumaidh mi ghabhail air mo shocair.”

Carson, a Dhia? Dèan langan ma thogras tu, ille! Dìreach langan! Siuthad a-neisd, fear sam bith a thogras tu.”

“ ’N aithne dhuibhS trom an t-eallach an gaol?”

O shìorraidh, bheil e agad? Uineachan o nach cuala mi e. Gabh e, gabh e!” ars esans a shùilean alasadh.

ThòisichLudovicair a shocair; en toiseach coma ach an t-òran fhaighinn seachad air dhòigheigin. Ach mar chaidh e air adhart, cha robh dòigh air an fhonn bhrèaghas air na seann fhaclan a ghabhail ach mar a bfheàrr a baithne dhà. Bha Eachann na shuidhes a shùilean dùinte agus bha làn amharas aige gu robh e air tuiteam na chadal. Chum e air co-dhiù leis an òran, a dhinnis mun acain a thàinig uaireigin a cridhe leòinte. Nuair sguir e, dhfhosgail Eachann a shùileans thug e fàsgadh air a làimh.

O, dhuine, dhuine, dhuine! Nach bochd nach robh do chomas agam. Bha siud dìreach iongantach. Bha gu dearbha!” Cha mhòr nach robh e acaoineadh.

Neisd. Cuimhnich air fear eile. Chan eil do chas afalbh às a seo gun cluinn mi fear eile.” Dhèirich e na sheasamh agus grèim aige air iomall abhùird mus tuiteadh e. “Tha cuimhnagam a-neisd càit an do chuir mim botal aguss tusa a bairidh air drama, ille. ’S tu gu dearbha! Dad thusort agus. .. mura bheil e far a bheil mi smaoineachadh, bidh drùdhag aig Murchadh Mòr fhèin, thèid min urras.”

Eachainn, ma tha Murchadh an seo, iarraibh air greasads mi airson falbh.”

Thionndaidh Eachanns chuir e chudthrom air abhòrd, taobh thall na làmpa. Bha fiamh seòlta na shùil. BheachdaichLudovicair achop a bha mun bheul aiges air an fhalt nach fhaca cìr bho nach bfhios cuin. Bha solas na làmpa adèanamh chlaisean dorcha anns na busan


[224] rocach a bha dearg le rudhadh na deoch.

Murchadh?. .. Ho ho! Esan. .. Thig esan nuair bhuaileas e na cheann, a bhalaich. E trang asuirghe, eil fhios agad. Air Màiread. .. Uill, mar thuigeas tu-fhèin, cha chuir dad cabhag air suirghiche. Mura cuir teine, no crith-thalmhainn, no gunna ri thòin. Cha chuir gu dearbha.”

Dhìrich e dhruim mar a bfheàrr a burrainn dhà. Ach thug an oidhirp cus às a chorp agus cha robh e agleidheadh a sheasamh-cas ach air èiginn. Thòisich e air tulgadaich, ’s a shùilean asìor dhùnadh. RinnLudovicdeiseil gu leum gu taobh thall abhùirds a ghlacadh mus tuiteadh e. Ach le oidhirp mhòr eile, chaidh aig Eachann air a shùilean fhosgladh agus thuirt e, “Fuirich thusort, aLudovic, an seo, is gheibh mise drama dhut gun teagamh. Gheibh, gheibh, a bhalaich, na biodh eagal ort. Ssh! Ssh! na can guth a-neisd!” Chuir e chorrag ri bheuls bhaSsh! Ssh!” aige mach an doras agus sìos gu ceann shìos an taighe. Bha bhrògan adèanamh turtar a dhùisgeadh na mairbh.

Bha an taigh mòr, caran ìosal air a thogail agus na h-uimhir de rumannan ann. Ged bha an doras air dùnadh às a dhèidh, chualaLudovicfuaim nam bròg feadh nan rumannan a bha shìos Ach ann an tiotan chual e fuaimean eile. An toiseach an cnead a rinn Eachann mar gum biodh e air bualadh ann am balla no ann an ursainn, agus an uairsin fuaim mar gum biodh corp atuiteam air ùrlar. RugLudovicair an làmpa agus leum e chun an dorais.

Eachainn. thachair? Eachainn?”

Ach cha tàinig freagairt no eile thuige às an dorchadas a bha shìos. Sheas e greiseag ag èisdeachd agus an uairsin chual e. .. srann chruaidh na daoraich. Ach bha e pìos bhuaidhe. Bha e mòr leis a dhol na bfhaide, ’s e gun eolas, gun fhiathachadh, far an robh e. Ge be càit an do thuit Eachann, bha e air cadal far an robh e is bhiodh e ann gu madainn, a-rèir coltais. Thill en làmpa chun abhùird san rùm agus chuir e biùg oirre, mus do thill e mach chun na làraidh.

Cha robh aige ach aon siogaireat air fhàgail agus las e i. Dhfhairich em fuachd a-rithist alaighe air a chnàmhan, agus bha tuar agheamhraidh saghealaich nuair sheall e oirre. Droch àm dhen bhliadhna, shaoil e, ’s a shùil air luimead nan cnocs air farsaingeachd ònrachdanach amhonaidh. Fuachd is dorchadas is droch shìde agus a


[225] dhaindeoin iodhlainnean làn, is gach ullachadh eile dhèanadh daoine, ’s iomadh creutair a rachadh a dhìth mus tilleadh am blàths. Bha an geamhradh atighinn air Eachann cuideachd, shaoil e, oir bha e air a dhol bhuaidhe gu mòr on chunnaic e mu dheireadh e. Oidhcheigin, aguss dòcha nach bfhad thuige, thuiteadh e san dorchadass chan èireadh e tuilleadh. Bha an fhearg a dhfhairich e roimhe air traoghadh, ach bha an t-eallach seo a bha abruthadh a spioraid na bu truime na dhfhairich e riamh. Chuimhnich e air abheathach a bha sachùl. Cha robh cho fada on bha esan apurradhs abocadaich air croit sna Hearadh, aghrian ga bhlàthachadh is ùth a mhàthar ga chomhfhartachadh. Ach a-nochd bha e fuar, acrach, gealtach, ’s gun e tuigsinn bhair tachairt dhà. Ciamar a thuigeadh e aineolas dhaoine?

Leag en uinneag airson am bun a shadail a-mach agus chual e coiseachd Mhurchaidh, ’s e tighinn cabhagach. Dhfhosgail esan an doras agus leum e staigh air an taobh thall.

Uill, uill! An t-àm againn falbh, ? Chaill mi mo shuim, direach! Ach, cha bhi sinn fada. Cha bhi sinn fada neisd, coma leat. Bidh sinn aig an Tobhtaidh ann am mionaid.”

Cha tuirtLudovicguth gus na ràinig iad ceann an rathaid mu choinneamh taigh Mairi Anna. “ thagam ri thoirt dhut?” dhfhaighnich e, cho magails a burrainn dhà, nuair stad iad.

O. .. uill. .. fuirich a-neisd! Ach, nach can sinn not fhèin?”

Cha mhòr nach do rinnLudoviclasgan, am mothar bu mhotha rinn e riamh, leis cho -choltachs a bhan gnothach. Ach bha e air faicinn gu robh solas fhathast aig Mairi Anna, agus phàigh e Murchadh cho luaths a burrainn dhà agus thog em baidhsagal às an deireadh. Bha e air cromadh a-nuas nuair chuimhnich e air an laogh. Chuir em baidhsagal sìos a dhìg an rathaid, agus rinn e gu coiseachd timcheall chun an toisich. Ach mus do ràinig en doras bfheudar dhà leum air ais, is Murchadh air falbh na chabhaig.

Bha Mairi Anna air fuaim na làraidh a chluinntinn. Nuair bha e acur abhaidhsagail an tacsa ris achruaich, bha i aig an doras, a cumadh dubh eadar es an solas.

Coma leat dheth! Caith am badeigin e is greas ort a-staigh,’ s i cho fuar.” Bha i cumail a guth ìosal, mus dùisgeadh i càch. Nuair dhùin en


[226] doras dhaithnich e, ged bha faobhar an uallaichs na -fhoighidinn na guth, nach robh i cho crosdas a shaoil e bhiodh i.

Cha robh fhiosam bhair tachairt dhut. Càit idir an robh thu chun a seo?”

Ann an dòigh nach robh e tuigsinn ro mhath, cha robh e airson an fhìrinn innse. Bfheàrr dhà cuideachd gun iomradh a thoirt air an not, no bhiodh i null achiad rud samhadainn a thoirt na h-aghaidh air Murchadh, ’s gun dad aice mu dheidhinn co-dhiù.

Tha mi duilich, a Mhairi Anna. Air monair. Cha robh mi airson a bhith cho anmoch seo, ach fhuair mipunctureair rathad na mòintichs cha robh dad agam a chàireadh e. Bfheudar dhomh tòiseachadh air coiseachd gus na rug Murchadh orm, dìreach an taobh-sa den Dùn.”

Bha a làmh air achoire, ’s i coimhead air gu dùrachdach. “A dhuine bhochd! Shìorraidh, nach tu bhios sgìth! Suidh a-bhos aig an teine, ’s mi drùdhag . Chan eil agam ach brioscaidean. Tha fhios geil an t-acras ort. An dèan iad an gnothach?”

, , fìor mhath! Tha mi coma fhads a gheibh mi balgam .”

Nuair lìon i aphoit, chaidh i null chun an dreasair. “Dad ort, fhads a bhios an atarraing, bfheàirrd thu drùdhag dheth seo.” Chuir im botals aghlainne air abhòrd. “Seo am botal a thug thu-fhèin dhachaigh,” ars ise. “Nach sinn a tha air a bhith stuama, ge-, ’s gun mòran air a thoirt às.”

Bha i air aiss air adhart chun abhùird le cupanan is brioscaidean, ’s i còmhradh a-nulls a-nall. Bha a guth socair a-neisd, ’s an t-uallach air falbh dhith. Thug en aire cho sgiobaltas a bha i, le gùn-dreasaigidh air a cheangal teann mu meadhon agus sliopars ùra, uaine air a casan. Gu dearbh bha an rùm, ’s an taigh uile-gu-lèir, cho glans cho comhfhurtail acoimhead an dèidh taigh dràbhail Eachainn.

Deach thu chadal idir?”

Chaidh. Rinn mi beagan norradaich greiseag ach, och, cha burrainn dhomh cadal dòigheil. Mu dheireadh dhèirich mi, ’s rinn mi beagan fuaigheil. Bha Eòghainn a-bhos greiseag. Cha chreid mi nach robh beagan uallaich air fhèin mud dheidhinn, cuideachd. Ach ruaig mi sìos air ais e, nuair bha e teannadh air meadhon-oidhche, ’s bha e na shuain ann an tiotan. Tha chailleach na suain i-fhèin, o chionn fada.


[227]

Ach coma leatsamhadainn bidh i gearan nach dfhuair i norradh fad na h-oidhche.”

Thug i nall aphoit-, is shuidh i mu choinneamh aig abhòrd, a làmhan paisgte fo h-uchd. Le blàths na agus an uisge-bheatha na bhroinn, agus teas an teine air a shliasaid, dhfhairich e comhfurtachd alaighe air a chom. Dhfhairich e cuideachd sonas iongantach. Thug en aire mar bha i air falt a leigeil sìos agus mar a bha seo acur dreach na bòige air dhòigheigin. ’S cha robh duine nan dùisg ach iad-fhèin. Chrom i nall ris tarsainn abhùird agus thug en aire, nuair thog e shùil gu cabhagach on bhroilleach aice, gu robh fiamh aghàire na sùil.

Innis a-neisd an fhìrinn. Càite an robh thu?”

Cha do chreid thu diog dhe na.. .” RinnLudovicgàire, ’s e faireachdainn aodainn afàs dearg.

Cho luaths a thàinitu staigh, ille, dhfhairich mi fàileadh achruidh asad. Feumaidh mar sin gu robh thu am bàthach air choreiginasuirghe, tha mi cinnteach.”

O, sin agad an loagh. Bha e deoghal mo chorragan, nuair stad sinn.”

Nuair stad sibh? bha sibh ris?”

Cha robh dol às ann a-neisd ach a h-uile dad dad a thachair dhi on mhionaid a bhuail e sachloich chroiseil ud, a-muigh samhòintich. Amnochs gu robh e, shuidh is dhèisd i ris agus dhfhairich e a ghuths a ghiùlain afàs na bu dàine. Nuair dhèirich i a sgioblachadh abhùird, dhèirich e-fhèin cuideachd a thoirt làmh dhi le na cupanans na truinnsearan, ’s i deònach an nighe. Thug iad a-staigh feadhainn an urra don chidsin.

Bha aghaoth air atharrachadhs air nearachadh a-neisd, thugLudovican aire. Chual e fead fhuar mu na h-ursainnean agus shaoil e gur ann a bha iad mar fhear is bean, seasgair sachidsin bheag, bhlàth seo asìneadh shoithichean dha chèile. Ach uair de na h-uaireannan, shìn e cupa thuice agsu cha do rug i dòigheil air. Thug i boc aisde, às a dhèidh, ga ghlacadh, agus theab i tuiteam. Chuir e a làmh a-mach cabhagach a chumail tacsa rithe. Aig an dearbh àm ghlac a shùil far an do dhfhosgail broilleach aghùin beagan, agus fhuair e sealladh aithghearr de na cìochan geala, cumadail. Rinn ise tapags an uairsin lasgan, taingeil nach do thuit is nach deach an cupa na spealgan. Bha a


[228] làmh air a gualainn agus dhfhairich em falt aice aslìobadh cùl dhùirn. Nuair theannaich a mheòirean sheall i air, iomagaineach, a clàr an aodainn. Bha buille aghleoc an ath doras cho cruaidh ri brag an ùird agus chual e fead na h-analach aige fhèin.

Ach shìos aig achladach bha aghaoth pheithreach abualadh mu na creagans mu na bàigh, ’s adèanamh air an taigh. Chual iad atighinn i. Thàinig fead is bruthadh feargach air an doras a-muigh, agus an uairsin na clachan-meallain air an uinneig. Cha do mhair e ach mu leth mionaid agus bha a làmh fhathast air a gualainn. An dèidh suil uallachail a thoirt air an uinneig, sheall i air ais air.

Mhairi Anna—”

A ghràidh, dad ort. Cha bhiodh e iomchaidh.”

Bha a guth cho ìosals gur gann a ghlac e na thuirt i. Thionndaidh i bhuaidhe air ais don rùm, ged nach robh iad deiseil de na soithichean. Thug en aire gu robh i air chrith, ’s nach be fuachd na h-oidhche no cion achadail bu choireach. Thòisich i air smàladh an teine, cabhagach, ’s gun i ag ràdh guth. Mu dheireadh thuirt i thar a guailne, “Nach ann an siud a bha ghaoth eagalach? Cha chreid mi nach bfheàirrde mi-fhìn bheag mun tèid mi a chadal. Lìon dhut fhèin cuideachd.”

Lìon e na glainneachan mar a bfheàrr a burrainn dhà, ’s achrith fhathast san làimh aige.

Nuair chuir e às an solas na rùm fhèins e san leabaidh, bha aghealach soilleir, fuar os cionn gualainn na beinne. Bhiodh reothadh ann cinnteach ro mhadainn. Bann nuair chuir e bhuinn air abhotal theth, ’s a shocraich e e-fhèin ann am blàths na leapa, a chuimhnich e air an laogh Hearachfuar, gealtach fon chanabhas.

Pòl MacAonghais

title47.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page