[14]

5. DOMHNALL URCHARD

An ciaradh an fheasgair thainig e thar abhealaich le eallach air a dhruim. Bha amhuileann ri taobh an Uillt Tarsainn, far an robh e na chleachdadh aige a bhith acur seachad na h-oidhche, a-nis atighinn san t-sealladh.

Bha Dòmhnall Urchard, an ceannaiche-siubhail, a-rithist aig baile. “Fàilt ort, a charaid,” arsa am muillear. “Bheil às ùr agad?” Thug iad greis acòmhradh agus, an dèidh dhaibh innse mu na thachair bho chunnaic iad a chèile roimhe, chaidh Dòmhnall Urchard null chun an stàbaill far an robh e na chleachdadh aige a bhith acur seachad na h-oidhche agus thill am muillear steach an taigh.

Bha am muillear agus a bhean an oidhche sin acòmhradh an taic an teine; cha bfhada gus an dràinig iad an ceannaiche-siubhail. “Chan eil rian nach eil tòrr airgid aig Dòmhnall a-nis,” ars a bhean, mar nach bitheadh an smuain càil ach air a thighinn a-steach oirre. “ ’S fhada bho thòisich e tighinn.”

O! Tha sin aige,” arsa am muillear. “Tha poca làn aige a h-uile uair a thig e.” Thàinig stad beag anns achòmhradh an seo, ach cha do sheas e fada. Bha an teine adol sìos ach bha blàths gu leòr anns achòmhradh agus a h-uile greiseag thigeadh iad air ais le beag ghàire gu Dòmhnall agus a phoca òir.

Bha e fada fada den oidhche nis ach bha solas fhathast atighinn à uinneig na muilne. Dhfhosgail an doras gu fàthach. Thàinig am muillear a-mach agus sheas e anns an dorchadas. Thug e sùil timcheall. Bha a h-uile càil sàmhach marbh. Os a chionn bha na reultan adeàlradh gu soilleir ach bha timcheall na muilne tiugh dorch. Dhèalaidh e gu sàmhach a-null gu doras an stàbaill, agus thug e sùil eile mu thimcheall. Chualas dìosg fann an dorais, agus bha gach sàmhach a-rithist. Greis an dèidh sin chualas an ath dhìosg. Chaidh solas na muilne às. Bha na reultan adeàlradh mar a bha iad roimhe, agus bha gach mun cuairt gu sàmhach sìtheil.

Thàinig deireadh na seachdain agus deireadh na dara te, ach cha do thog Dòmhnall ceann anns abhaile. Bha na daoine agabhail iongantais nach robh e tighinn mar a bàbhaist. Dhfhaighnich cuideigin don mhuillear am baithne dhà càil mu dheidhinn.


[15]

Bha e seo ceart gu leòr bho chionn sheachdain,” ars am muillear, “acur seachad na h-oidhche mar a bàbhaist. Cha robh lorg air samhadain agus bha dùil agamsa gur ann air falbh don bhaile a bha e. Chan fhaca mise tuilleadh e.”

Dhfhàs na daoine amharasach. “Thuirt am muillear gun tàinig Dòmhnall Urchard don mhuilinn. ach cha tuirt e gun dhfhàg e i,” ars aon fhear dhiubh. Sguir na daoine a dhol don mhuilinn agus cha bfhada gus na dhfhàg am muillear am baile.

Greis mhath an dèidh seo bha feadhainn atogail taighe ri taobh far an robh amhuileann. Thòisich iad air ceann an taighe, ach cha robh adol aca air a chur suas. Nuair thilleadh iad an ath latha bhitheadh an rud a bha aca air a chur suas an roimhe air tuiteam. Aon thàinig seann bhodach far an robh iad agus thuirt e riutha achlach mhòr a bha aca aig an oir a thoirt air falbh. Rinn iadsan mar sin agus chaidh an taigh an àirde gun tubaist an dèidh sin.

Bha daoine a-nis acumail a-mach gum be seo achlach fon thiodhlaic am muillear Dòmhnall Urchard anns an stàball.

Seonag NicAsgail

title5.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page