[16]

6. TALADH NA MARA

Choisich Alasdair tron chladh le a cheann crom. Ràinig e achlach a bha e ri lorg. Cha robh e air a faicinn a-riamh, ach dhinnis an sgrìobhadh a bhoirre dhà an rud a bha e ag iarraidh fhaighinn a-mach. Choimhead e rithe a-rithist. “Fionnlagh Dòmhnallach, 1940, deich bliadhna fichead a dhaois.” Cha tàinig deur gu a shùil. Ruith coinean seachad mu a chasan. Chuimhnich e air a mhàthair ann an Canada; bha i airson faighinn cho fada air falbh agus a burrainn di às dèidh na deuchainn a thàinig na beatha òig. Cha robh i ach fichead bliadhna agus a ceithir aig an àm. Bha Fionnlagh agus i-fhèin air ceithir bliadhna shona a chur seachad còmla ri chèile, agus anns na dhà mu dheireadh bha a cupan sòlais làn nuair chaidh mac a bhreith dhaibh. “Siud mar nach robh i an-diugh,” smaoinich Alasdair. Thòisich e abeachdachadh air na nithean a dhfhaodadh a bhith aca mur a biodh gòraich athar— ’se gòraich a bhann na bheachd-san co-dhiù. Bha fios aige gur ann an aghaidh a càlach a dhfhalbh a mhàthair a Chanada leis-san. Thionndaidh e a chùlaibh ris achloich. Bha i atoirt droch smuain a-steach air. Airson mionaid thàinig fuath uabhasach na chridhe airson athar, airson an rud a rinn e, ged nach robh cuimhne aigesan air ach mar a chaidh innse dha. Dhùin e a shùilean. Chunnaic e, mar gum bann, a mhàthair na suidhe air beulaibh an teine ann an Canada, agus e-fhèin na h-uchd. Bha cuimhne aige fhathast facal air an fhacal mar thubhairt i ris. “Càite,” ars esan rithe, “bheil mathair-sa?” “Tha,” fhreagair ise, “dathair air a thiodhlaiceadh ann an Cladh aGhlinne am baile Ardanais. Chuir e roimhe,” thubhairt i, “gu snàmhadh e na bu luaithe na neach eile bho Aird nan Sgeir gu taobh thall Mol nam Muc. Bha e riamh math air an t-snàmh, ach an dèidh sin bha eagal orm; faodaidh amhuir làmh an uachdair fhaighinn gu math aithghearr. An ud dhiarr e gum bithinn fhìn agus tu-fhèin ga choimhead agus dhfhalbh sinn nar dithis, agus nuair ràinig sinn bha esan letheach-slighe, agus bàta beag ga fheitheamh anns an fhasgadh air an taobh thall. Dìreach mus do ràinig e am bàta chaidh e às mo shealladh, agus chan fhaca mi tuilleadh e gus an tug luchd abhàta a-steach e marbh.” Chuimhnich e an seo mar bhris a mhàthair sìos, a bhochdainn a bha


[17] fios aige a dhfhuiling i, oir cha robh e-fhèin ach bhliadhna, agus cha burrainn dhi a dhol a-mach a dhobair. Chuala e glaodhaich eun fad às gus ghoirisich e. Thug e sùil eile air achloich, choisich e air adhart, gus dhùin e an geata às a dhèidh.

Sheas Anna, màthair Alasdair, aig an uinneig. Bha còrr agus fichead bliadhna a-nis bho thàinig i a Chanada. Tharraing i an cùirtear agus chuir i air an solas. Bha i ag ionndrain Alasdair; cha robh i cleachdte ri bhith na h-aonar. ’S ann glè mhì-rianail a bha i na h-inntinn nuair dhinnis Alasdair dhi gu robh e dol a thoirt sgrìob a dhArdanais a dhfhaicinn an àite anns an drugadh e. Bha fios aice nach robh e ag innse na fìrinn, nach be idir baile Ardanais a bha e airson fhaicinn, ach Aird nan Sgeir, agus Mol nam Muc agus is dòcha uaigh athar. Leum an cat beag geal na h-uchd. Shlìob i a dhruim. Smaoinich i a-rithist air Alasdair, agus thàinig na teagamhan gu beulaibh a h-inntinn. Bha eagal oirre gum biodh beagan de thàladh na mara na fhuil, agus cha robh fios aice gu abhuaidh a bhiodh aig baile a bhreith air. ’S iongantach mur biodh iomadh atharrachadh ann. ’S iomadh rud a bheireadh fichead bliadhna mun cuairt. Thòisich an cat ri mialaich. Leig i a-mach air an doras e.

Shuidh Alasdair air an stòl anns an taigh-òsda an Ardanais agus dhiarr e gloinne uisge-beatha. Chuir e sìos i agus dhiarr e an ath the. Choimhead e ris an dealbh a bha mu a choinneimh air abhalla, agus dhaithnich e bho bhith cluinntinn aig a mhàthair gur e Aird nan Sgeir a bhann. Chuir e sìos an dara gloinne uisge-beatha, a dhà shùil acoimhead an deilbh gu mion. Thàinig gath dearg na grèine a-steach tron uinneig, agus chluich e airson mionaid air bàrr a shròin. Mhionnaich e fo anail. Smaoinich e rithist air doilgheas a mhàthar, agus air abheatha a dhfhaodadh a bhith aca mur bitheadh faoineas an fhir a bha na laighe fuar marbh anns achladh. Ghabh e an treas gloinne agus thug e sùil eile air an dealbh. Cha robh e ga fhaicinn buileach ceart, bha amhuir aig Aird nan Sgeir mar gum bann atulgadh mu choinneimh a shùilean. ..

Dhèirich Anna na bu tràithe na bàbhaist dhi. Bha comhart chon air a suaimhneas a bhriseadh, agus dhùisg i le sgriach thiamhaidh na cluasan. Thionndaidh i dha-na-tri thurais anns an leabaidh agus mu dheireadh cha robh air ach èirigh, tràth agus mar a bha e. Bha i atrulais


[18] thuige is bhuaidhe anns achidsin, agus an sin chaidh i chun an dorais leis na botail bhainne. Theab i dìreach fannachadh. Bha aphiseag marbh air an lic.

Choisich i null chun na h-uinneige agus thug i sùil a-mach. Cha robh ach naoi taighean air an t-sràid aguss ann aicese bha am fear mu dheireadh. Mhothaich i don phost. Bha e rudeigin tràth; cha bàbhaist dhà bhith tighinn mun àm ud. Ghabh e seachad air achiad taigh air an t-sràid Smaoinich i gun tugadh litir togail do a cridhe. Bha am post air a dhol seachad air an treas taigh. Thug i air ais an cùirtear pìos beag agus chum i ga choimhead. Bha i ag ionndrain na piseig. Chunnaic i faileas lasraichean an teine anns an uinneig. Bha am post air a dhol seachad air an ochdamh taigh.

Sheas Anna air beulaibh na lic anns achladh. Bha aghaoth arusladh a trusgain duibh. Bha i a-nis na h-aonar, agus cha robh fios aice bu lugha oirre amhuir no an deoch. Chuir i làmh air an lic, an toiseach air ainm Fhionnlaigh agus an sin air ainm Alasdair. Os a cionn chaidh aghrian fo sgòth, agus thòisich an t-uisge adòrtadh. Choimhead i suas agus tharraing i coilear a còta an àird mu a cluasan.

Norma NicIomhair

title6.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page