[19]

7. AM VACUUM

Bha Màiread ag obair leis am vacuum agus an toiseach cha do dhfhairich i an gnogadh idir. ’Se seannvacuuma bha ann agus nuair bhitheadh i ag obair leis bha e adèanamh a leithid a dhfhuaims gu saoileadh tu nach cluinneadh ibombadol dheth a-muigh air an t-sràid. Ach be achiadvacuuma bha aice riamh agus bha seòrsa de thaobh aice ris.

Chan ann le toileachas sam bith a dhfhosgail i an doras oir dhaithnich i gnogadh Seònaid Uilleim on ath thaigh agus cha robh sannt sam bith aice air bruidhinn ri Seònaid aig an àm.

Thig a-staigh,” arsa Màiread agus i afeuchainn ri a bhith acoimhead sìos air Seònaid. ’Se boireannach mòr foghainteach a bha innte agus coltas oirre nach cuireadh fon ghrèin eagal oirre. Cha ghabhadh i oirre uair sam bith gun tàinig i a dhaon sgrìob a choimhead ort.

Thug i sùil air amvacuumach cha duirt i guth. Bha seo na chomharradh gu robh i ann an trim meadhonach math.

Is ainneamh a chitheadh i amvacuumnach canadh i, “Cha dfhuair thu cuidhteas an rud sin fhathast.”

Bhavacuumbriagha ùr aice fhèin.

Uill,” arsa Seònaid, “Tha mi deiseil tràth an-diugh.”

Dhèirich mi aig seachd agus dhall mi air an taigh cho luaths a dhfhalbh Tormod a dhobair.

Seadh, gabhaidh mi cupa,” ars ise nuair a thathainn Màiread oirre.

Bha fhios aig Màiread a-nis nach bitheadh i fada gus an tòisicheadh i air naburglars .

Bha an còmhnaidh cuspair air choreigin aig Seònaid air am bitheadh i aleantainn gus am bitheadh a h-uile duine ach i-fhèin seachd sgìth dheth. An-dràsda, ’se naburglarsa bha ann.

O chionn seachdain no dhà chaidh briseadh a-staigh a dhèanamh air thaigh anns an nàbachd agus gnothaichean a ghoid asda. On àm sin cha do sguir Seònaid a bhruidhinn mu naburglarsa h-uile uair a thachradh duine rithe.


[20]

Uill, cha do thill iad tuilleadh,” ars ise, “ach cha leig iad a leas an taigh againne fheuchainn. Tha deagh ghlas air an doras agus tha Tormod acadal a h-uile oidhche leis aphòcair ri thaobh. Chan eil fhios agam ciamar a tha thusa adèanamh an gnothach idir, a Mhàiread, ach ma tha eagal ort chan eil agad ach gnogadh.”

Cha duirt Màiread guth. Chan èisdeadh Seònaid rithe ann. Cha do leig i oirre an liuthad oidhche a dhèirich i a dhèanamh cinnteach gu robh na dorsan agus na h-uinneagan glaiste agus i air chrith leis an eagal.

Ach mu dheireadh thall chuir Seònaid crìoch air a sgeul agus air an .

“ ’S fheàrr dhomhsa falbh ged tha,” ars ise.

Bithidh gu leòr agadsa ri dhèanamh fhathast.”

Leig Màiread osna nuair dhùin an doras air cùlaibh Seònaid. Nach tric a bha farmad aice ri Seònaid airson abharail a bha aice oirre fhèin.

Bha mise math gu leòr nuair a bha Seumas agam. .. Ach cha dhèan seo an gnothach,” arsa Màiread rithe fhèin agus chum i oirre le obair an taighe. Nuair a bha i deiseil anns an rùm cadail stob i amvacuumanns abhocsa aige air cùl achùirtein anns aphreasa bheag agus thòisich i air cur uimpe airson a dhol a-mach gu na bùthan.

Dhùisg Màiread aig uair samhadainn an rna mhàireach agus fallas oirre. Bha bruthainn ann agus bha solas na gealaich adeàrrsadh tron uinneig air a cùlaibh agus adèanamh pàtran buidhe air abhalla aig ceann na leapa. Shad i dhith achuibhrig ach cha tigeadh cadal ga h-ionnsaigh agus mu dheireadh laigh i acoimhead aphàtrain a bha aghealach adèanamh air abhalla agus afeuchainn ri a h-inntinn a dhèanamh suas airson èirigh agus cupa a dhèanamh dhi fhèin.

Bu bheag oirre riamh a bhith adùsgadh feadh na h-oidhche. Bhiodh rudan a thachair feadh an latha agus uaireannan eile atighinn a-staigh oirre. Rudan beaga grànda a dhìochuimhnich i mun deidhinn nuair bha i trang. Bha i atuiteam na cadal a-rithist nuair shaoil i gun dhfhairich i brag Dhèirich i na suidhe anns an leabaidh agus dhfhan i greis mar sin ach cha chuala i càil ach buillean trom a cridhe fhèin.

Shaoil i gu robh i greis mhòr mar sin na suidhe ag èisdeachd.


[21]

Smaoinich i air èirigh ach nuair nach cuala i an còrr tuilleadh laigh i sìos a-rithist agus tharrainn i aodach na leapa suas ma cluasan. Bha i dìreach gu tuiteam seachad nuair dhfhairich i an ath bhrag. Leum i na suidhe. Bha buillean a cridhe cho troms gu robh dùil aice gum briseadh e mach às a com.

An uairsin laigh a sùil air bonn an dorais far am faiceadh i sreath de sholas na gealaich a bha tighinn tro uinneig bhig anns an doras a-muigh, agus bhrùchd fallas a-mach air a mala.

Chunnaic i faileas adol seachad air bonn an dorais.

Dhfheuch i ri sgairt a leigeil aiste ach cha tigeadh guth às a h-amhaich. Dhèirich i air a cois ach bha a leithid a chrith na casans gun lùb iad fòidhpe. Chaidh aice air snàigeil a-staigh don phreasa bheag air cùl achùirtein agus dhfhan i na crùban an sin.

De dhèanadh i? Cha robh càil ri chluinntinn a-nis ach a cridhe fhèin adèanamh a leithid a dhfhuaims gu saoileadh tu gun cluinneadh duine aig ceann shìos an taighe e.

An uairsin dhfhairich i fuaim a dhaithnich i, fuaim doras an rùm cadail ga fhosgladh air a shocair.

Cha burrainn i èigheach ann. Bha i mar gu robh i ga tachdadh. Chrùb i nas fhaide staigh ris abhalla agus bhuail a làmh air rudeigin, plugamvacuum .Bha i an leithid a chabhaig adol a-machs gun dfhàg i anns an toll e.

Dhfhairich i casan an duine acoiseachd gu socair a-null don leabaidh. An uairsin, agus i gu dol seachad leis an eagal thàinig badhg a-staigh oirregus an latha seo chan eil fhios aice ciamar. Chuir i mach a làmh agus chuir i air amvacuum .An ath rud chaidh fois na h-oidhche bhriseadh le fuaim uabhasach amvacuumagus sgairtean Màiread atighinn glè fhaisg air ann an neart.

Chunnaic dithis phoileasman an càr a-muigh air an t-sràid, dithis dhaoine aleum a-mach air doras taigh Màireid mar gu robh an deamhain às an dèidh.

Cha bfhada gus an robh iad aca.

An ath latha bha Màiread na suidhe a-rithist ag èisdeachd ri Seònaid abruidhinn mu naburglars .

Tha mi asmaoineachadh, a Mhàiread,” ars ise, “gur e an Sealbh fhèin a thug air amvacuuma dhol dheth mar rinn e. Nan robh thusa air


[22] a dhol tro na chaidh sinne chan fhaigheadh tu seachad air.”

Cha duirt Màiread guth. Bha i asmaoinechadh air an t-sealladh a chunnaic i nuair thug na poileasmain gu tmgh Seònaid i aig uair samhadainn airson gun coimheadadh iad às a dèidh. Bha an doras a-muigh fosgailte agus nuair chaidh iad a-staigh don rùm-chadal fhuair iad Seònaid agus an duine air an ceangal ri casan na leapa.

Cha mhòr nach tàinig gàire air Mairead nuair chuimhnìch i air acholtas a bha air aodann Seònaidagus an clobhd-soithichean air a cheangal ma beul airson a cumail sàmhach!

Iain MacLeòid

title7.
internal date1985.0
display date1985
publication date1985
level
reference template

MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p

parent text Eadar Peann is Pàipear
<< please select a word
<< please select a page