8. DROCHAID NA CAOIDH
Faodaidh tu seasamh rè latha air Drochaid na Caoidh ag èisdeachd ri guileig a’ ghuilbnich ’s ri fuaim an uisge a’ cagair gu binn anns na linneachan: no faodaidh tu amharc air aodann nam mòr-bheann a tha ag èirigh air gach taobh den ghleann uaigneach anns an eilean air nach bi ainm. Ach air ciaradh don fheasgar cha ghabh thu an rathad seo. Tha cagailtean càirdeil far an dèan iad do bheatha agus far am faod thu feitheamh ri èirigh na grèine. Gheibh thu fàilte ’s furan nan eilean—an spàin-adhairc agus an taobh as blàithe den teine. ’S chan e guileag a’ ghuilbnich no cagar an uillt no osnadh nam beann a chuireas eagal ort, ach gaoir tiamhaidh mnà ’s i caoidh.
Nach iongnadh leat mar a nì mnathan caoidh airson a’ chealgair, an fhir-fhuadain, an duine gun stèidh, a chionn ’s gu bheil e flathail na phearsa, gaisgeil na ghiùlan, no theagamh deas gu bradan a thoirt à linne no ruaig a chur air an damh chròiceach. Bha a’ cheart smuain aig Mòrag NicGilleathain ’s i na suidhe aig a gealbhan fhèin, a sùilean air toit na mòna bha ’g èirigh gu na tarsannan. Trì bliadhna on a thàinig crìoch air a’ chogadh san Fhraing, ach cha do thill Ailean, a cèile—Ailean a thilg uaith an corran airson a’ chlaidheimh—Ailean a’ chridhe aotroim, na coise siùbhlaich, ’s na sùla mireagaich daonnan ri spòrs. B’e an aon àm nach b’fheàrr air gealladh na air dèanadas e oidhche gheamhraidh nuair thogadh e an fhiodhall bhàrr a’ bhalla ’s a chuireadh e air ghleus i, ’s a chluicheadh e seana phuirt nan eilean, fhad ’s a bhiodh Mòrag a’ snìomh ri taobh an teine.
Ach cha do thill Ailean agus ’s ann air Mòraig ’s air Màiri, a nighean, a thuit obair na croite—Mòrag nan sùilean gorma air am biodh aoibh an còmhnaidh, agus Màiri le suaip ri h-athair na sùilean agus a chridhealas na nàdar. Fad làithean goirid a’ gheamhraidh ghiùlain iad an fheamainn an craileagan don chroit agus san oidhche, ri solas a’ chrùisgein, bha iad ri càrdadh ’s ri snìomh. San earrach thionndaidh iad am fearann leis a’ chois-chruim agus gheàrr iad mòine sa’ bhlàr.
Air feasgar aig deireadh an fhoghair, bha Mòrag na suidhe ri taobh an teine, sgìth le saothair an latha, ’s i beachdachadh air làithean a bha seachad ’s air bliadhnachan a bha ri teachd.
“A Mhàiri,” ars ise, “chan ann an taigh do mhàthar bu chòir dhut a
“Cho fad ’s a tha sibhse leibh fhèin, cha phòs mise,” fhreagair Màiri.
“O” arsa Mòrag, “nach mòr am beud nach eil d’athair aig an taigh. ’Se bha sunndach mun taigh. Cha robh a leithid air cur port air an fhiodhaill aig an fhaidhir Muileach no an taigh-òsda sam bith eadar Latharna ’s a’ Ghalldachd. Bhiodh na deòir air do shùilean ga èisdeachd a’ cluich ‘Eudail mo chridhe, tha mi seòladh, a’ seòladh,’ ach dh’fhaoidte gun till e fhathast mun tig sneachd a’ gheamhraidh.”
Mo lèireadh! Ged a thàinig an sneachd, cha tàinig Ailean, ach ’se chualas naidheachd dhròbhair Ghallda gun chluich Ailean am port mu dheireadh Co-dhiù, a’ suidhe ri taobh a gealbhain air oidhche fhada gheamhraidh bha Mòrag air ais anns na seann làithean, agus aig deireadh gach sgeòil ’se bhiodh ann:—
“Ach bha sin mun deach Ailean thairis don chogadh,” no
“Bha sin an dèidh do dh’Ailean togail air don Fhraing le òrain ’s le chlaidheamh.”
Ach biodh sin mar a bha, an toiseach an earraich, chuir Dòmhnall MacPhàil an cèill an gaol a bha na chridhe, agus rinn Mòrag èisdeachd nuair chagair e na facail na cluais. Dhùisg iad òran na cridhe fhèin. Dhìochuimhnich i Ailean nam port aotram, agus cha robh air chuimhne ach an obair ghoirt agus na bliadhnaichean fada fàsail a bhiodh roimhpe ’s i leatha fhèin.
B’ i sin a’ bhanais a bh’aig Mòrag ’s aig Màiri ann an eaglais Chill-fhianain, agus cuirm nach robh a leithid ann an sabhal mòr Chill-Eadhrain. ’S ged a bha iad às gach ceàrn den eilean, cha robh ann leithid Dhòmhnaill MhicPhàil mur b’e Alasdair Caimbeul fhèin. ’S mur b’ann aig Màiri cha b’ann aig t’èile bha sùil no cas a dhannsadh cho sunndach ri feadhainn Mòraig. Ma bha sùilean ro dheàrrsach cò ghabh aire? ’S ged a bha ’n loch na chobhragach gheal le gaoith chruaidh a’ Mhàirt a bha rànaich mu na ballachan, cò chuala sin?
An teis mheadhon na cuirme thainig fear-turais an rathad. Bu truagh a choltas ’s bu bhochd a bha e air a chur air le cleòca fada agus seana
“ ’S ann agad tha na corragan fada airson pìobaireachd no fìdhleireachd. Seo, mo laochan, thoir dhuinn am port as mireagaiche th’agad.”
Gu dearbh b’iad sin na puirt mhireagacha thug am fear-fuadain dhaibh, a’ cur lùths nan casan agus sunnd nan cridheachan, agus bha gach aon ag ràdh:
“Cha chualas a leithid de cheòl sa’ ghleann on dh’fhalbh Ailean MacGilleathain.”
Dhùisg an ceòl smuaintean ann an inntinn Mòraig. Dh’fhàs i anabarrach sàmhach, agus chùm i a sùilean air an fhìdhlear ’s e na shuidhe ann an cùil dorcha. Mu dheireadh ghabh iad tàmh rè tamaill, ’s chaidh an t-slige-chreachainn mun cuairt. ’S ann an sin a fhuair iad a-mach gun d’ fhalbh am fìdhleir gun fhios daibh. Gu dearbh bha e aig an àm sin fhèin fada air an rathad do Ghrianan, a cheann ìosal ris a’ ghaillinn ’s gun ach aon smuain na cheann—leabaidh fheòir am bàthach a fhuair e iomradh air.
Nach iongnadh leat corr uair mar a thig sàmhchair air fearas-chuideachd ’s cridhealas gun fhios carson? ’S ann mar sin a bha e an sabhal mòr Chill-Eadhrain agus fad mionaid cha chualas ach glaodh tiamhaidh na caillich-oidhche agus srann oillteil na gaoithe. Aig a’ cheart àm, chuala Mòrag ceòl binn nan teud na cluais. B’e seo rìgh nam fìdhear a bha cluich, agus chuir an t-sèisd a bh’aige an fhuil às a h-aodann.
Bha e mar gu robh a’ ghaoth fhèin a’ seinn nam facal:
Eudail mo chridh’, gur trom leam mo thàladh,
Le stàilinn air leis is le targaid fom cheann;
Eudail mo chridh’ gur bochd bhios mo dhùsgadh,
Le bruadaran faoin’ air na làithean a bh’ann,
Eudail mo chridhe.
Leum i air a bonn is thilg i uaipe làmh Dhòmhnaill a bha air a guaillean. Thilg i fosgailt’ an doras ’s ghlaodh i gu h-àrd ris an
“Ailein, Ailein, till air ais, till air ais. ’Si Mòrag tha gad ghlaodhaich. .. Tha thu aig do sheana chleasan ach tha mi gad fhaicinn a’ falach anns na sgàilean. .. ’S math tha fhios agam gur tu th’ann, oir se do phort fhèin a bha thu cluich, ’s till air ais. .. ’S mòr an eucoir a bha mi a’ dèanamh ort. .. Bha mi cho fadalach, aonarach, ’s cha robh thu tighinn?
Ach cha robh freagairt ann. Air an ath-mhadainn fhuair iad corp an fhidhleir na laighe air beul sùgha an lùb an t-srutha ri taobh an rathaid. Thiodhlaic iad e làmh ris an drochaid air nach d’amais a chasan anns an dorchadas, oir dhaibhsan a chladhaich uaigh, cha robh e ach na fhear-fuadain. Ach cha robh fois an cridhe Mòraig agus anns na seachdainean a lean, bha i daonnan ra faicinn a’ coiseachd air ais ’s air adhart faisg air an drochaid. Thàinig a’ chrìoch oirre, san àm san robh na feadagan a’ neadachadh air ìochdar a’ ghlinne, agus mar a bha ceart, dh’fhàg iad i na cadal suain sa’ chladh an cois na mara.
Ach air a shon sin, cha tèid thu seachad air Drochaid na Caoidh air don anmoch tuiteam, ’s chan e guileag a’ ghuilbnich no torman an uillt, no ospag oiteag na h-oidhche, no osnadh nam beann idir a chuireas eagal is bron nad chridhe. ’Se tuireadh mnà a’ caoidh—a’ caoidh fìdhleir bochd, gun dachaigh, gun ainm a bhris cridhe mnà le òran nach do chluich e riamh ’s nach b’aithne dhà riamh.
Eideard MacSporain
title | 8. |
internal date | 1985.0 |
display date | 1985 |
publication date | 1985 |
level | |
reference template | MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p |
parent text | Eadar Peann is Pàipear |