9. RAONAID
Bha Raonaid na seasamh aig a’ bhòrd ag iarnaigeadh is a h-inntinn a’ ruith air rudan eile—no innse na fìrinn air aon rud agus air aon neach. Bha na sgoileirean a’ tighinn dhachaigh an latha sin airson làithean-saora an t-samhraidh. Saoil am biodh cùisean eadar i-fhèin is Ruairidh Alasdair Aonghais cho inntinneach ’s a bha iad aig a’ Chàisg. No ’m biodh t’èile air tighinn eatorra. Gheall i-fhèin is Ruairidh sgrìobhadh gu chèile nuair dh’fhalbh e ach cha tàinig bhuaithe ach an aon sgrìobag agus ged fhreagair ise i gu luath cha d’fhuair i freagairt fhathast. Gun teagamh chunnaic i e nuair bha iad air an t-slighe Ghlaschu. Thainig e chun an stèisein ann an Inbhir Nis ga faicinn fhad sa bha an trèan na stad greiseag an sin ach cha robh e leis fhèin. Bha Mòrag bheag Dhòmhnaill Uilleim còmhla ris. Mas fhìor gu robh ise cho feumach air a faicinn cuideachd! Huh! Bha, cho feumach nach biodh ùine aig an dithis eile còmhla. Bha nòisean a tòineadh aice do Ruairidh. Robh Mòrag bheag a’ smaoineachadh gu robh ise, Raonaid, dall? Nach robh i faicinn na sùilean a bha i dèanamh ri Ruairidh. Is mar bha i tòiseachadh ri bruidhinn air gnothaichean mun sgoil a h-uile cothrom a gheibheadh i agus Raonaid a’ feuchainn ri bruidhinn ri Ruairidh mu dè bha dol aig an taigh.
Bha Raonaid air an sgoil fhàgail a’ bhliadhna roimhe sin gus greiseag a chur seachad aig an taigh mus tòisicheadh i ri nursadh. Agus ged bha i titheach gu leòr air cluinntinn mun fheadhainn a b’ aithne dhi ’s mu na tidsearan ’s ann shaoileadh tu air Mòrag nach robh gnothach aicese riutha ’s gur ann a bha seo eadar i-fhèin is Ruairidh. Agus a-nis seall thusa ’n ùine a bha Ruairidh aig Mòrag dhi fhèin. ’Sann a bha seòrsa de aithreachas air Raonaid nach do thill i bliadhn’ eile dhan sgoil. Agus gus dragh ceart a chur oirre bha i air litir fhaighinn o Mhòrag bheag an latha sin fhèin mas fhìor a ràdh gun tigeadh i nall a choimhead oirre a chiadweekendaig an taigh ach bha litir làn de Ruairidh. Ruairidh siud, ’s Ruairidh seo, Ruairidh aig naSports ,Ruairidh aig danns na sgoile, Ruairidh anns a’ chlass-room. Agus thuigeadh tu ge be air bith càit am biodh Ruairidh bhiodh Mòrag!
Chan e mhàin gu robh Ruairidh aice dhi fhèin fad na bliadhna anns
“Tha mi air fios fhaighinn gu bheil mi faighinn a-staigh dhanUniversity .Tha Ruairidh e-fhèin a’ dol ann. An robh fhios agad?” ’S math bha fhios aice nach robh. Cò bha dol ga innse dhi? Robh Mòrag a’ smuaineachadh gu robhUniversitya’ sgrìobhadh gu Raonaid a dh’innse dhi cò bha iad a’ taghadh is cò nach robh!
“Raonaid a ghaoil,” chual i màthair ag èigheachd às an sgularaidh, “tha crodh a’ nochdadh agus tha banachagan a’ cheann shìos seachad a sin. ’S fheàrr dhut falbh. Crìochnaichidh mi-fhèin an t-iarnaigeadh.”
Tharraing Raonaid oirre na Wellingtons agus thug i peil is siuga mach às a’ phreasa. Bha feasgar brèagha ann. Bhiodh feadhainn de na sgoileirean anns a’ gheàrraidh a-nochd. ’S cinnteach gu faigheadh i naidheachd air Ruairidh.
Ach nuair thill Raonaid on eadradh cha robh i ach mar a bha i roimhe. Bha gu leòr aig na sgoileirean ri ràdha gun teagamh ach cha robh air Ruairidh a bharrachd air càch.
Agus gu dearbh cha robh ise dol a dh’fhaighneachd dad mu dheidhinn. Bha na sgoileirean co-dhiù cho feumach iad-fhèin air naidheachdan a’ bhaile fhaotainn. Cò bh’aig Murchadh an-dràsda; d’fhuair Seonaidh Alasdair alicenceair ais; cuin a bha dannsa gu bhith ann; cuin a bha football; robh guth air banais; ’l fhios co leis a bha bàbaidh aig Seonag Eachainn; nach e bha smodaig an loidsear a bha an taigh Eòghainn; robh dad a dh’fheum anns na saighdearan a bh’aig na rocaidean? ??
Chuir seo beagan de thilleadh ann an Raonaid. Bha na saighdearan feumail gun teagamh. ’S dòcha nach robh i-fhèin air a bhith cho dìleas do Ruairidh ’s a dh’fhaodadh i. Uill, dh’fheumadh tu dannsa còmhla ri cuideigin. ’S ged thigeadh fear dhachaigh leat an-dràsd ’s a-rithist, dè choire bha sin?
Chuir Raonaid am bainne air suidheachadh agus dh’fhàg i am peil air an t-sinc gus an dèanadh i e nuair bhiodh i dèanamh na soithichean.
Shuidh an teaghlach aig am biadh agus bha bhruidhinn a’ dol, a-null
Sgioblaich i-fhèin ’s a màthair am bòrd agus thòisich iad air na soithichean. Shuidh a h-athair aig an teine ’s chaidh na gillean suas an staidhre a sheabhtadh. Thainig Dòmhnall Mòr air chèilidh agus bha dranndail aige fhèin ’s aig a h-athair an cois an teine. Bha a màthair a’ dol a chèilidh air bean Eòghainn. O uill, bha e cho math dhìse dhol a thadhal air Peigi Ruadh. Bha e cho math a dhol chun a’ Phost-oifis còmhla ri càch. Bha Peigi air dreasaichean fhaighinn airapproval ’s bha i airson am faicinn co-dhiù.
Bha i butaigeadh air falbh gun seabhtadh idir ach smaoinich i ’n uairsin gun cuireadh i oirre sgiort eile agus geansaidh liath. Chìr i ceann aig an sgàthan anns a’ chidsean. Cha b’fhiach dhi phùdar a chur oirre ann.
“Tha mise falbh,” thuirt a màthair. “Feuch nach bi sibhse anmoch gun tighinn dhachaigh a-nochd.”
“Fuirichibh riumsa,” thuirt Raonaid ri màthair, “agus coisichidh mi sìos an rathad còmhla ribh.”
Bha Peigi Ruadh ann an deagh thrim nuair ràinig Raonaid agus thug iad greiseag a’ coimhead air na dreasaichean.
Bha deagh sguad aig a’ Phost-oifis nuair ràinig iad. Bha na nigheanan cruinn mun chìosc agus feadhainn dhe na gillean nan seasamh is cas air gach taobh dhen rothair. Bha gurc beag no dhà a’ gabhail ceò a-staigh anns a’ chìosc is grunnd aca a’ ruideanachd air an rathad mhòr le an seacaidean mun ceann.
Bha Màiread dìreach ag ràdh gur e deagh oidhche choigreach a bh’ann nuair nochd dà rothair aig na tobhtaichean, agus nuair thàinig iad na b’fhaisge cha mhòr nach do leum cridhe Raonaid a-mach às a beul. Choimhead i feuch na dh’aithnich duine de chàch dad oirre ach bha iad uile a’ faicinn feuch an aithnicheadh iad na coigrich. Dh’fhaodadh ise bhith air innse dhaibh cò bh’ann oir dh’aithnich i Ruairidh cho luath ’s a nochd e. Chan e gun dh’aithnich i buileach idir e ach bha fhios is cinnt aice cò bh’ann. Stad iad a-measg nan gillean eile
“Dè chuir sibhse air an astar seo a-nochd?” thuirt fear de na gillean.
“Bha sinn a’ smaoineachadh ’s dòcha gum biodh sibh rifootball,” fhreagair Ruairidh.
“A mhic an diabhail ’s tu tha breugach. Thainig sibh às dèidh bhoireannach.” Seo on ghurc bheag, mac a’ mhiseanaraidh.
Ach bha Raonaid coma. Cha mhòr dìreach nach robh a cridhe a’ seinn le toileachas Bha e toirt a dìol dhi gun leigeil fhaicinn do chàch gu robh diù sam bith aicese dhe na coigrich.
’Se oidhche àlainn a bh’ann.
Criosaidh Dick
title | 9. Raonaid |
writers | Christine Dick |
internal date | 1985.0 |
display date | 1985 |
publication date | 1985 |
level | |
reference template | MacIomhair Eadar Peann is Paipear %p |
parent text | Eadar Peann is Pàipear |