1
Bha dà fhacal an còmhnaidh air bilean Ted; dh’fhòghnadh aonan dhiubh ann an cluais Thormoid, gu chìrean a thogail.
Nan robh Ted air fuireach ann an New York, far an robh a dhachaigh; no mur robh e air“local colour”abairt cho tric; no mur robh e a’ cathachadh an aghaidh Thormoid bhon cheud oidhche a thàinig e le ceum spairiseil a-steach don bhàr far an robh Dòmhnall Phàdraig a’ riaghladh is na fir ’nan suidhe—dòcha gu robh seann dòighean air a dhol bàs gun dad den neònachas seo a bhith air an ath-dhùsgadh. Ach chionn ’s gu robh Ted air nighean as na h-Eileanan a phòsadh, thàinig e air sgrìob a-nall as New York còmhla rithe. Dòcha nach tigeadh seòrsa spadaireachd Ted ri Tormod, ach cha b’e spìocaire a bh’ann; chòrd e gu math ris an fheadhainn eile is dh’òladh iad glainne bheag fad ’s a bhiodh Ted fhèin ris a’ Choca-Cola. Ach cha bu dhiubh Tormod. Cha rachadh esan an taing neach sam bith.
Mholadh Ted an sgìreachd don tàinig e—cho brèagha, cho foiseil is a bha i; cha b’ionann sin is New York, far an robh fir cruaidh, far nach robh e sàbhailte do neach coiseachd ’na aonar air latha no oidhche mun cuirte sgian fo asainn. Dh’èisdeadh a’ chuid mhòr ri ruais mar gum b’iad fhèin a bhathas a’ moladh, no chrathadh iad an ceann ga chronachadh, no theireadh iad, “Chan eil thu fhèin ag ràdh” an uair a bhiodh Ted ag aithris eu-ceartas New York.
Dh’èisd Tormod e fhèin gu sòlaimichte, modhail, gus an oidhche a thuirt e as a thromada-tàmh, is Ted air eachdraidh a
Thuit sàmhchair an-shocair air a h-uile neach a bha san èisdeachd, is tharraing iad òirlich na bu dlùithe air a chèile mar gum bu mhath leotha iad fhèin iomsgaradh bhon dithis dhàn seo—ach gu h-àraidh bho Thormod, a bha air teagamh fuar a dhùsgadh air an siubhal, teagamh a thraoigh bhuapa blàths is comhfhurtachd na deoch.
“Seadh?” arsa Ted, is ged nach duirt e“local colour”no“atmosphere, ”bhitheadh e air a bhith cho math èigheach aig àird a chlaiginn. Rinn lasair a shùilean an gnothach.
Cha bu ghealtair Tormod, is cha b’fhear e dom b’àbhaist còmh-stri a bhrosnachadh; ach air an oidhche seo chaidh e an aghaidh a nàduir. Cha robh tarraing as aige chionn ’s gun do bhruidhinn e, ged a thuig e fìor mhath gu robh tosdachd nam fear a’ dìteadh a h-uile facal a labhradh e air a’ chuspair seo.
Nuair nach do fhreagair Tormod a’ cheist a chuir e airson tacan, lean Ted air. “Cha laigh na mairbh, an duirt thu? Tha fios nach eil thu fhèin a’ creidsinn sin? Tha fios nach eil eagal agad rompa marbh? A bheil dearbhadh agad nach eil iad aig fois?”
Anns a’ chomann cha robh neach eile, sean no òg, a bha air leithid a cheistean a chur. Ach nuair a thuirt Tormod, “Chan eil eagal orm rompa,” chaidh anailean a tharraing tro fhiaclan mar gu robh e air toibheum a labhairt.
Gu las-shùileach thionndaich Ted air, is e air am fàth ris an robh e fada a’ feitheamh fhaotainn; ach mun duirt e an còrr bha seann Dòmhnall Phàdraig air a chasan, a’ suathadh a làmhan ri chèile is ag ràdh, “Tha’n t-àm aig balaich a bhith air an rathad dhachaigh a-nis. Tha bun gealaich ann.” Cha robh fear gun fhios dè bh’air cùl na comhairle. Dhrùidh gach fear a ghlainne is fo cheannsal eagail ceilte fhèin ghabh e a rathad. Gus am b’fheudar dha, cha do ghabh neach rathad ’na aonar air cho dàna ’s gu robh e.
Ach cha do chuir eadar-thighinn Dhòmhnaill Phàdraig crìoch air an aimhreit; cha robh maoladh air ioghnadh Ted. Chaidh oidhche is oidhche seachad, ach b’ainneamh an oidhche nach
Nuair nach tigeadh facal bho Thormod, thionndaicheadh e air falbh mar nach robh sùil aige ri freagairt is leanadh e air bruidhinn ris an fheadhainn eile. Is a h-uile oidhche thigeadh an cèilidh gu ceann na bu tràithe, is ’nan dithis is ’nan triùir ghabhadh iad an rathad, ach gu an-shocair ’nan inntinn. Bha sìor-cheistean gam bioradh mar sgealb fo ìnidh.
Ach cha b’e Ted am fear a leigeadh as a ghreim is tìde aige ri chur seachad. Is air oidhche cha b’e ceist a chuir e. Thionndaich e air Tormod is sheas e ga amharc is snodha gàire air aodann, gus an robh e cinnteach gu robh aire gach fir air. An uair sin thuirt e, “Mur eil eagal ort, dearbh e.”
Cha robh guth bho neach, is Tormod cho balbh ri càch. An uair sin thuirt Ted, ga chur gu dhùbhlan, “Mur eil eagal ort, thig còmhla riumsa gu làrach an Taighe Mhòir air Achadh an t-Seagail.”
Chuir fear is fear bhuaithe a dheoch, is cha do bhlais neach an oidhch’ ud tuilleadh air an deoch a cheannaich Ted. Agus is iomadh drudhag a chuir seann Dòmhnall Phàdraig, an duine suairc, glèidhteach, air ais don bhotal. Ged b’aotrom, dearmadach ainm an Taighe air bilean Ted, theagamh gum b’e an làn-aineolas a chuir orra e.
Ach bha eòlas acasan. Mar sin, chan òladh iad deoch a shlàinte air an oidhch’ ud, oir bha amharas aca dè dh’fhaodadh tachairt don fhear ladarna a thug dùbhlan. Aig an àm seo fhathast bu dhiubhsan Tormod, is shuidh iad gun làmh a ghluasad, a’ feitheamh.
An uair sin, mar nach robh seachnadh aige air, thuirt Tormod, “An ath-oidhch’, ma-tha.”
Ged a sgar e e fhèin bhuapa leis na faclan, sheall iad air le truas is co-fhaireachadh, oir b’ann mar siud a fhreagradh gach fear
An ath-oidhch’, nuair a ràinig Ted, bha a ghlainne no a shiuga a cheana làn mu choinneamh a h-uile fir. Chan òladh iad fhathast, is dh’fhòghnadh seo dhaibh fad an fheasgair air cho fad’ ’s gu maireadh e.
Cha robh glainne no siuga ann an dòrn Thormoid, ged a bha e ’na sheasamh, a’ feitheamh.
Nuair a thug Ted sùil mun cuairt is sùil air Tormod, thuirt e gu sùrdail, “Seadh a-nis, an cuir sinn chun an dearbhaidh e?”
“Bi tighinn, ma-tha,” thuirt Tormod, is ghabh e ceum air thoiseach a-mach don oidhche.
Fhliuch fear is fear a theanga, ach cha do dh’òl iad is iad a’ feitheamh gun mòran còmhraidh ’nam measg, mar gu robh iad ri caithris cuirp. Shnàig na mionaidean slaodach seachad, dòcha còrr is fichead, nuair a thog fear a làmh airson iad uile a bhith sàmhach. Dh’èisd iad, is an uair sin thuirt e, “Eisdibh, ’illean, fear leis fhèin is e tighinn ’na ruith.”
Air crùn an rathaid chluinneadh iad fear a’ teicheadh le bheatha. Bu ghann a chaidh an doras fhosgladh gus an robh Tormod air an starsaich is air sin a’ tomhas fhaid air an làr, far an do dh’fhan e. Rùisg fear is fear a cheann, an dùil gu robh iad an làthair a’ bhàis. Bha an t-aodann dom bu chòir a bhith gu ruiteach, fallain cho geal ri càise earraich. Bha iad a’ coimhead sìos air, ’nan crò, is gun làmh a chur air, nuair a thuirt fear gu dubh, doilleireach, “Seo am fear eile.”
Le sin bha Ted ’nam measg le sìnteagan fada, troma.
Sheas e a’ tarraing anail ghoirt is a ghualainn ri tacsa na h-ursainn, is e a’ coimhead sìos air Tormod. Mun d’fhuair iad cothrom ceist a dhealbh no chur thuirt e gu crosda, “Thuirt e
Leis na faclan cha robh ceann nach robh air a rùsgadh; is bha sùil gach fir air Tormod, Tormod a chuala sitrich nan each.
Thionndaich Tormod air a leth-thaobh is chrom fear a’ cur glainne ri bheul, ach thionndaich Tormod aodann air falbh, ag ràdh, “Chan e. Uisge. Uisge fuar.”
Bha Tormod ’na shuidhe leis fhèin aig bòrdan mun d’fhuair Dòmhnall Phàdraig siugan uisge dha. Shuidh e ’s a cheann crom, a shùilean air an làr. Ged nach d’abair e aon fhacal, bha e soirbh ri fhaicinn gun d’fhuair e criothnachadh.
Bha Ted gus an dàrna botal den Choca-Cola a thraoghadh mun duirt e gu frionasach, “Dè tha cur air? Cha chuala mise sitrich each. Cha chuala mise nì ged a bha’n oidhche sàmhach.”
“Thoir thusa taing do Dhia, a bhalaich,” arsa bodach is e togail a ghlainne is ag òl.
“Innis dè thachair,” arsa fear. “Seadh, innis dè thachair,” thuirt fear is fear. Bha Ted glè thoilichte air sin a dhèanamh, is e air a thàmailteachadh gun do chlisg is gun do theich e.
“Bhuel, seo mar a bha. Ghabh sinn ceum is sinn sunndach gu leòr, is sinn a’ cumail druim an rathaid. Mar tha fios agaibh, chan eil Tormod ro bhruidhneach aig a’ char as fheàrr, ach cha robh e na bu mhiosa na’n àbhaist. Bha facal no dhà aige an dràsda is a-rithist, ach gun ghuth air ar ceann-turais. Choisich sinn còrr is mìle is bhitheamaid, tha mi’m beachd, am fianais làrach an taighe nuair a mhothaich mi do lasair ag èirigh dearg as a’ cheàrn sin. ‘Faic,’ thuirt mi ris, ‘faic an teine a tha’n siud a’ gabhail gu dearg, dealrach.’
“Sheas esan mar stoc is chrom e a cheann is sheas e ag èisdeachd. Cha chuala mise lid, ach thàinig ràn tùchaidh bhuaithesan is thuirt e, ‘Sitrich nan each. Cluinn sitrich nan each.’
“Le sin, thug e chasan leis. Lean mis’ e a’ punndadh ’na dhèidh mar a bh’fheàrr a b’urrainn domh. Ghabh mise an clisgeadh bhuaithe is theich mi fhìn, gun fhios carson. Nuair a thàinig mi thugam fhìn theann mi ri coiseachd. Dè as Ifrinn a chuir a leithid a chlisgeadh airsan?”
Ach bha gach fear trang ri ghlainne is cha tug neach freagairt dha. Ged a thug iad sùil thruasail air Tormod, cha tug iad an aghaidh air is cha d’rinn neach gàire. Nach bu leòr dha gun cual’ e sitrich nan each.
“Is am fac’ thusa teine?” cheasnaich fear Ted.
“Cha mhionnaich mise dè chunnaic mi. Ar leam gu faca mi teine a’ deàrrsadh gu dearg. Ach thoiribh fa-near nach eil mo shùilean-sa cleachdte ris an dorchadas mar a tha na sùilean agaibhse. Dòcha gun tug an oidhirp a bhith faicinn lasan dearg annta. Ach b’e mo bheachd gu faca mi teine, agus teine mòr cuideachd. Ach nuair a thainig mothachadh thugam air cho gòrach ’s a bha mi a’ punndadh air an dearg chuthach as dèidh Thormoid, sheas mi is choimhead mi air ais. Cha robh sùil theine ri faicinn, cha robh ann an ceàrn sam bith.”
“Is an cual’ thusa na h-eich?” dh’fhaighnich fear eile.
“Ciamar a chluinninn eich is gun each anns an àite? Ar leam gun cuala mi sgreuch àrd gheur bho gheàrr is i ga reubadh aig sionnach. Ach dè na h-eich a tha’n seo?”
Dh’fhaodadh Ted ceistean a chur, ach bha a h-uile fear a’ caogadh a shùilean a’ tomhas na bha ’na ghlainne is gun fhreagairt aige do cheist. Thuig e nach faigheadh e facal an còrr bhuapa air a’ chuspair ud.
Nuair a chunnaic Tormod e iomchaidh dh’èirich e is, le facal goirid aig an doras, bha e air a shlighe gun neach a’ tabhann a bhith ’na chomann.
Nuair a bha Dòmhnall Phàdraig sgìth a sheachnadh cheistean bho Ted, thuirt e ris e dhol far an robh Calum Bàn, aig an robh eachdraidh na dùthcha air a theanga. Dòcha gum biodh esan deònach solas a chur air an tachartas seo.
Ràinig Ted taigh Chaluim Bàin aig beul oidhche, is ghabh Calum a naidheachd gu suairc is bha greis air a dhol seachad mun d’fhuair Ted cothrom air ceist a chur. Dh’èisd Calum ris an eachdraidh le làn-aire, is bha e sàmhach airson ùine mun duirt e gu dubhasach, “Tormod bochd, is gun ann ach an duin’ òg fhathast. Tha thu fhèin ag ràdh rium gun cual’ e sitrich nan each. Dòcha gun do dhùisg as ùr nì a bha mi’n dòchas a bh’air a dhol bàs. Tormod truagh.”
Shìn Calum a làmh gu glas-fhad a bha làimh ris is thog e nuas dòrlach den t-slàn-lus. Chunnaic Ted aig clann iad, a’ dèanamh saighdearan dhiubh, feuch cò a chuireadh an ceann den t-saighdear eile an toiseach. Bha an dòrlach a thagh Calum crìon, gun shùgh, is chuir e e air cùl an teine, far an do ghabh e gun lasair ach a’ cur fàileadh mi-thaitneach feadh an taighe. Shuath e a shùilean, a bha sileadh leis a’ cheò, mun do bhruidhinn e.
“Seo an aithris a chuala mis’ bho m’sheanair.
“B’e Uisdean Garbh a bha ’na uachdaran an uair ud. B’olc, an-iochdmhor e. Bha e a’ fuireach ann an Taigh Mòr Achadh an t-Seagail. Chithear an làrach fhathast. Ged nach eil eòrna no seagal a’ fàs ann an-diugh, bha uair eile dha sin. Ri linn Uisdein cha b’e luachair no raineach ruadh toradh nan raointean ud.
“Bha’n Taigh Mòr fhèin àrd is sheasadh e gaoth is uisge. Bha mullach sglèat air. Theireadh mo sheanair gun tàinig làn luinge a Bail’ a’ Chaolais a dh’aon ghnothach. Ach is e tughadh luachrach a bh’air a’ bhàthaich is air an stàball. ’S e.”
Thainig stad air an eachdraidh aig Calum is ospag bheag bho uchd. Bha a shùilean air na h-èibhlean dearga, mar gu robh iad an sin a’ dealbh dha nì a bha air a dhol as bith.
“Sin far an robh am mì-shealbh, anns a’ mhullach thughaidh.
“Bu ghlè ao-coltach an Taigh Mòr ri bothan Alasdair Bhig Choinnich Ghiobaich. Ach air feasgar ghabh Uisdean a-staigh, a mhaide ’na dhòrn. Chual’ iad guidhe aige is e nuas an trannsa bhon doras far an tigeadh gach duine is beathach a-staigh. Cha robh aig Alasdair ach aon mhart le h-àl.
“Ged a chual’ an teaghlach uile Uisdean a’ dèanamh orra, cha do ghluais neach le modh no urram ’na choinneamh am feasgar ud. Chrùb Sìneag na bu tinne ri glùin a seanmhar. Cha do ghluais neach eile.
“Thug na gillean sùil air am piuthar is gun iad a’ tuigsinn carson a theich i dhachaigh bhon Taigh Mhòr; is cha do thuig iad dè chuir am màthair cho deurach, is i cho measail air Sìneig; cha do thuig iad dè chuir an athair ’na shuidhe gun ghuth aige,
“Sheas Uisdean mionaid, a dhruim ris an ursainn ach e a’ cur a thaic air a mhaide a bha ’na dhòrn. Is e bun de dhuine làidir a bh’ann fhathast ged a bha e nis a’ streap ris an trì fichead. Ann an solas mùgach na lamp’ eòlain sheas e, a’ caogadh a shùilean an aghaidh goirteas na deataich, a shùil dhrùiseil air a’ phàisde ged a b’ann ri h-athair a bhruidhinn e. ‘Am feum mise na breunagan riasgach agad a ghabhail os làimh, is modh ionnsachadh dhaibh?’ ars esan. ‘Nam b’ann leamsa iad bhiodh an caol dubh mun lurgann. Ghabh an nighean agad fasdadh bhuam. Theich i dhachaigh gun ghuth ri neach. Ghabh thu rithe. Faiceam-sa, a dhuineachain, gun till i, is sin gun dàil.’
“Leag e a shùil air Alasdair is dh’fhan i air.
“Le sin bha iad uile air an casan, is na pàrantan a bha cho balbh fad an latha a’ bruidhinn aig an aon àm.
“ ‘Cha robh am pàisde toilichte,’ ars’ Alasdair.
“ ‘Bha i ag ionndrain na cloinne,’ ars’ Anna, bean Alasdair, gu sìobhalta.
“Ach cha robh sìth ann an guth Sìne Mòire, a sheas leis a’ chàrda ’na làimh mar gum b’àill leatha ball-airm a dhèanamh dhith, is i ag ràdh, ‘Is dè thug air an leanabh teicheadh? Bheil de bhathais agad a dh’innseas?’
“ ‘Nam faiceadh sibh rathad air Sìneag fhàgail againn greiseag fhathast. Ghabhadh a màthair cuideachadh. Rachainn fhìn… ’
“Fo shùil mhagail Uisdein bhàsaich na faclan ’na bheul. Bha uair gum b’ann air Anna fhèin a bhiodh sùil Uisdein, ach bha ise air a dhol ’na riochdal le bhith a’ giùlan is a’ call chloinne. Thug Uisdean sùil oirre, ach chan aithriseadh mo sheanair dè na briathran suarach, drabasda a bh’aige dhi, ged a chòrd iad ri Uisdean fhèin. Is lean e air. ‘Ach do roghainn fhèin, Alasdair. Is coma leamsa. Ach biodh i shuas an ath-oidhch’. Cha duine cruaidh mi. Ach biodh tè shuas an ath-oidhch’ no bidh teine ris na cabair.’
“Stad e is thug e sùil air na cabair, a bha air an tearradh le sùith is le snighe dubh, mar gu robh e gam faicinn ’nan teine. Cha robh fiamh gàire air aodann nuair a thuirt e gu maoidheachail, ‘Chan fhàgar clach air muin cloich. Bidh an làrach ann iomadh linn mar leasan do dh’fhear leis am bu mhath seasamh ’nam aghaidh. Ach do roghainn fhèin, Alasdair, do roghainn fhèin. Cha duine cruaidh mi.’
“O fhir gun iochd,’ arsa Sìne.
“Cha robh guth aig Alasdair.
“Thionndaich Uisdean air falbh. Bha Eòin, balach aon deich no dusan bliadhna, ’na sheasamh ’na thosd, ged a bha’n fhearg a’ lasadh a shùilean. Anns an dol seachad thug Uisdean dha sgailc mun pheirceal a theab a thoirt far a bhuinn. Ged a lìon sùilean a’ ghille le cràdh is tàmailt, sheas e is thilg e smugaid rathad Uisdein. Le sin bha Sìne ri taobh a’ bhalaich, a’ chàrda ’na làimh.
“Iomhaigh an Diabhail, a ghin is a sgeith thu, na tog do làmh a-rithist ri m’ogha-sa, oir ged bheirinn m’anam dha, bidh tu ann an spògan an Fhir as leis thu.’
“ ‘Tud, tud, a Shìne, cha chuirinn m’earbsa ann. Is mi nach cuireadh.’ Ghàir Uisdean, a’ nochdadh nam fiaclan fada buidhe nach do dh’fhairich riamh dèideadh.
“Ach cha do mhair a’ mhear mheallta, oir aig an doras thionndaich e ri Alasdair, ag ràdh, ‘Cion a’ mhodha air muinntir na h-fhàrdaich seo. Feumar an ceannsachadh.’
“Sheas Alasdair eadar Uisdean is Eòin is thuirt e gu duineil ach gu trom, ‘Is e a’ bhochdainn a dh’fhàg uireasbhach mo làmh an- diugh… ’
“ ‘Tha facal agad fhathast,’ ars’ Uisdean, ‘ach coma. Biodh do nighean agamsa a-maireach, ged a b’e taod a chuireadh tu innte. Air neo … an teine.”
“Dh’fhalbh e, a’ fàgail an dorais fosgailte, is chual’ iad crònan òrain aige air Is Caoin Geal Mo Luaidh. Cha b’aithne dòigh a b’fheàrr air tàmailt a chur orra, oir b’e seo òran gaoil a rinn Alasdair ’na òige is e a’ moladh Anna.
“Bha. Bha Alasdair ri bàrdachd, is bu ghasda is bu bhlasda a’ chainnt anns a’ mharbhrann a rinn e do Shìne Mhòir, a
“Ach co-dhiùbh bu tùrsach, tàmailteach an teaghlach a dh’fhàg e. Fhuair na gillean greim suipreach, is am barrachd chionn ’s nach itheadh na h-inbhich, aig nach robh càil do bhiadh. Chaidh càch a laighe, ach shuidh Sìne Mhòr far an robh i. Cha do dhùin a sùil ann an cadal, is nuair a dh’èigh Sìneag leis an trom-laighe b’e a làmh-se a chaidh oirre ga ciùineachadh gus an do chaidil ise mar a nì an òige.
“Air an latharna-mhàireach cha duirt neach ach Eòin guth an aghaidh Sìne a dhol gu Achadh an t-Seagail. Nach duirt Uisdean gu robh a roghainn fhèin aig Alasdair, is carson a bha e ga h-iarraidh co-dhiùbh? Ach dè an aithne no’n tuigse a bh’aig a’ bhalachan air olc an t-saoghail? Cha d’rinn an fheadhainn aig an robh an aithne na bu ghlice e, is iad gu tùrsach, sàmhach. Air chùl a h-uile nì bha fios aca nach fosgaileadh doras nàbaidh dhaibh ge b’e cho goirt an eucoir a leagte orra.
“Mar sin, aig ciaradh na h-oidhche, cha do choimhead Alasdair air Sìneig, ach thuirt e, a’ falach a chion sunnd, ‘Nach fheàrr dhuinn a bhith falbh, a chagair.’
“Gu sàmhach, umhail, dh’èirich am pàisde; ach mun d’ruig iad an doras thuirt Sìne Mhòr gu cridheil, ‘Fuirichibh is thèid mi pìos an rathad còmhla ribh. Theagamh gum bi an ceum dorcha is sinn a’ tilleadh. Is fheàirrde sinn ath-theine leinn.’
“As a’ ghrìosaich thagh i dà fhàd mhònadh is chuir i an lasair ri beul a chèile. Mar sin ghabh iad an rathad, Alasdair gu balbh, am pliut tana aig a’ phaisde fuar ’na làimh is ise ga h-earbsa fhèin ris. Bha Sìne fhèin gu còmhraideach, is i a’ coimhead ri a h-ath-theine an dràsda is a-rithist. ‘Cha bu mhath leam e dhol as, ach air an làimh eile chan eil mi airson gun cnàmh e gus am bi
“Aig a’ cheann thall, is iad am fianais an Taighe Mhòir is an oidhche air tuiteam, thuirt Sìne, ‘Bithibh air ur rathad a-nis. Cha tèid mise nas fhaide. Ach Alasdair, a mhic, thèid thusa a-staigh is cumaidh tu bruidhinn ri Uisdean airson mionaid no dhà.’
“Chan eil iarraidh agam air a chomann,’ ars’ Alasdair gu dubh.
“Chan eil, a mhic,’ arsa Sìne—is bha an cridhealas air falbh— ‘ach dèan thusa mar a tha do mhàthair ag iarraidh ort.’
“ ‘Bidh cabhag air,’ ars’ esan.
“ ‘Cha bhi cabhag idir air. Am fac’ thu riamh cat is cabhag air is an luch fo spòig? Dèan thusa mar a tha mise ag iarraidh ort.’
“ ‘Nì mi na ’s urrainn domh,’ ars’ Alasdair. ‘Tiugainn, a chagair.’
“Dh’fhalbh iad.
“Mar a thubhairt Sìne, cha robh cabhag air Uisdean is an latha leis gun dragh. Ach mu dheireadh dh’fhàg Alasdair is chaidh Uisdean pìos an rathad leis. Cha b’ann le modh. Cha b’ann, ach a’ fògairt bhon taigh fear sam bith a dh’fhaodadh cron a dhèanamh dha chuid. Chan fhuilingeadh e aon den luchd-obrach a bhith mun taigh air an oidhche. Aonan fhèin. Dh’fheumadh a h-uile fear a dhol gu bhothan fhèin air cho fad ’s a bhiodh a shlighe.
“Ach ged nach robh facal aig Alasdair dha ach na bheireadh an t-eagal bhuaithe, cho do leig am fear eile air agus, chionn ’s gu robh an luchag fo spòig, thuirt e, is e fhathast am fianais an taighe, gun tilleadh e.
“Thionndaich an dithis far an do dh’fhàg iad am feudal, is anns an tionndadh chunnaic iad gu robh iodhlann-chruach Uisdein ’na teine.
“Sheas Alasdair far an robh e, is cuimhne aige air an ath-theine ann an làimh a mhàthar. Anns an dorchadas, is a shùil air an teine, ruith is leum is thuit is dh’èirich Uisdean.
“Rinn each sitir geur.
“Chuimhnich Uisdean air tughadh blàth tioram a stàbaill fon
“An cual’ thu riamh sitrich eich, is e air a’ chuthach le eagal? Each a bhrist a chas? Dìreach. Bha’n seo sia eich is iad air a’ chuthach. Bha samh an teine is a’ cheò ann an cuinneanan is an t-sitrich eagalach ann an cluasan Uisdein nuair a ràinig e doras an stàbaill. Is cha b’e eagal no clisgeadh a rinn maol, slaodach a mheòirean, ach gun deach spealg a chur air chùl an t-sneich. Cha rachadh aig Uisdean air an doras fhosgladh air chabhaig, oir cha b’e buamastair a bha air a bhith ris a’ ghlais.
“Bha uinneag bheag air cùl an stabaill a bha deiseil gu fodar no a leithid a thilgeadh a-staigh gus eich a bhiadhadh, is mur rachadh aige air na h-eich a leigeil fo sgaoil chuireadh e as dhaibh gun iad a bhith fulang a’ chòrr. Cha b’e mhàin gu robh gunna aige, ach bha an deagh chuimis aige agus is iomadh fiadh reamhar a thuit dha a shlaod e dhachaigh, ach dha fhèin.
“Fhuair Uisdean an gunna is thill e, is bha an stàball ’na dhearg lasair a-nis. Anns an t-solas dhearg cò chunnaic e air mullach balla an stàbaill ach gum b’e Sìne Mhòr, an teine dearg ’na làimh. Thog e an gunna ri ghualainn is bhitheadh e soirbh do dh’fhear-eòlais am peilear a chur ’na cridhe. An àite sin a dhèanamh, leag e an gunna air mionaid is nuair a thog e e ri ghualainn a-rithist ghabh e cuimis a chuir am peilear, cha b’ann tro cridhe, ach tro chnàimh na slèisne aice. Loisgeadh ise cuideachd. Cha robh dol as a siud aice.
“Ach carson a bhithinn a’ leudachadh air a h-àmhghair? Thuit ise nuair a thuit an stàball am broinn a chèile, is shaltair is phronn na h-eich i. Loisg an teine na bha air fhàgail dhith. Chaidh a cnàmhan a thiodhlacadh am measg cnàmhan nan each.
“Bha cuimhne air an teine mhillteach ud fad iomadh geamhradh. Ach cha b’e deireadh gnothaich. Cha b’e bh’ann ach a thoiseach. Ged a b’uabhasach na thachair gu seo, is ann a bha’n sàr-uabhas is an neònachas do-thuigsinn gun tighinn. Theagamh nach eil e fhathast air a dhol bàs.
“Ach bha aon mhath an cois a’ ghnothaich bhrònaich seo: chan fhuilingeadh Uisdean Sìneag anns an aon taigh ris, is
“Thug e sgailc le mhaide air lurgann Eòin is dh’fhalbh e. Is b’ann mar sin a bha. Mar na h-eich fhèin dh’obraich iad, gun diùltadh ann. Rachadh Alasdair dhachaigh a h-uile oidhche, ach mar fhasdadh fhuair Eòin fasgadh an Taighe Mhòir is an greim a leigeadh an sgìths leis ithe.
“Mar bhean-taighe aig an àm ud bha tè ris an cante Ceit Bhrucach. Bha i fhèin is pàisde nighinn a bh’aice is Eòghain, balach le Uisdean a bha beagan na bu shine na Eòin, is Uisdean fhèin a’ fuireach anns an taigh, agus b’ann bho Cheit fhèin a thainig mòran den eachdraidh. Gun teagamh, cha b’e beul na fìrinn a bh’air Ceit, ach ged a bu mhàthair nam breug i, cha bhiodh i ri breug nach robh gu feum dhi fhèin. Chì thu nach cuireadh an naidheachd seo ri a cliù.
“Tha e coltach gum bu tric le Eòin a bhith cho sgìth is gun tuiteadh e ’na chadal is e aig a’ bhòrd còmhla ri Ceit is Annag, am pàisde nighinn a bh’aig Ceit. Air an oidhche seo thuit Eòin ’na chadal trom far an robh e. Is e buntàta is blàthach a bh’aca airson na suipreach, is bha blàthach air a fàgail anns a’ chuachaig aig Eòin. Cha b’e Ceit tè a bhiodh deònach biadh a dhol a dholaidh is Anna air leth-tràth, ar leatha. Mar sin, nuair a bha i cinnteach gu robh Eòin ’na chadal, shìn i a làmh gus a’ chuach bhlàthaich a thogail bhuaithe. Mun d’rinn i greim air an t-soitheach rugadh gu cruaidh teann air chaol an dùirn oirre is bha i gun chomas air ais no air adhart airson tacan. Mu dheireadh fhuair i cothrom a làimhe air ais, is nuair a phaisg i a làmh anns an làimh eile ar leatha gun cual’ i guth ’na cluais ag ràdh, ‘B’e sin do ghliocas!’
“Bha Annag trang ris a’ bhuntàta, is cha do mhothaich i gun tàinig ath-smuaint gu a màthair. Is dè a b’urrainn dha màthair a ràdh? Mun tàinig an ath oidhche bha Ceit den bheachd nach
“Is e sgreuchan Ceit a dhùisg Eòin is a thug Uisdean le rann ghuidheachan air a theangaidh don chidsin, far am fac’ e Ceit ghlèidhteach is sruthan blàthaich mu cluasan.
“Cha robh dà dhòigh air ach gu robh neònachas air choreigin air bonn. Bhon fheasgar sin a-mach, bu ghann gu robh feasgar foiseil anns an fhàrdaich. Bha rudan a’ tachairt a bha glan an aghaidh Nàduir. Tha mi tuigsinn nach tachradh dad an toiseach mur robh Eòin ’na chadal, ach anns a’ cheann thall bu choma ’na chadal no ’na dhùisg e—bha nithean a’ tachairt anns an fhàrdaich ud a bha cho mì-nàdurra is gun cuireadh iad geilt air ceatharnach.
“Aig toiseach a’ ghnothaich bha Ceit is Annag air an sàrachadh is air am buaireadh air leithid a dhòigh is gun toireadh Ceit an greim a beul fhèin nan robh e air Eòin a shàsachadh is gum biodh fois aca. Ach mun àm sin bhuail an trom-laighe Eòghain Uisdein. Cha robh oidhche dhe bheatha a gheibheadh e fois cadail. Dh’èireadh e is dhèanadh e air uinneig no air fàradh. Thug iad air a bhith cadal ann an rùm ìosal mun tuiteadh e is gu rachadh e far na h-amhaich. Is nuair nach robh fois na h-oidhche aig duine anns an àite ud, is ann a sgeumaich Uisdean gun cumadh e Eòin ri thaobh a h-uile feasgar, is gun cumadh e e a’ dol air ais is air adhart a’ faicinn an robh Eòghain ’na chadal. Nam fàgadh e Eòin ri taobh Eòghain thuiteadh Eòin ’na chadal, tha thu a’ tuigsinn. Cha robh glas a chumadh Eòghain is e ’na chadal. Dh’fhosgaileadh e gach doras, no rachadh doras fhosgladh dha. Chan eil agamsa ach mar a chuala mi.
“Ach aon oidhche, nach ann a thuit Eòin ’na chadal air an fhurm ri taobh teine Uisdein, is chaidil e cho trom is nach do dhùisg guidheachan Uisdein e. Shìn Uisdean a chas a-mach gus Eòin a bhrodadh ’na dhùisg. Ma shìn, thachair an cleas ceudna
“Ged a b’e siud a’ cheud turas a chualas iomradh air sitrich each, cha b’e an turas mu dheireadh e. Bhon uair sin is iomadh fear is tè a thuirt gun cual’ iad an t-sitrich seo, is cha b’ann gu am feum. Bha Iain Peigi air a h-aon diubh. Balach òg gasda, bha e coimhead ri molt a bha e a’ reamhrachadh airson na Nollaig, is b’e sin Nollaig nach fhac’ e. Bha am beathach air teadhair aige, is bhiodh e coltach gun do ghabh an creutair sgeun aon latha is Iain ag atharrachadh na teadhaire. Shuain an ròp mu chas Iain is thuit e, a’ bualadh a chinn air a’ chipean iarainn. Sin agad dhut. Ann an seagh, b’e bàs nàdurrach a fhuair e. Ann an seagh eile… ?
“Aonghas an t-Saoir, a-rithist. Fhuair iad esan marbh. Fhuair e buille air a lethcheann bho thram na cairt. Bean Dhòmhnaill Alasdair i fhèin.. .O, dh’fhaodainn a liuthad ainmeachadh. Thuirt iad uile gun cual’ iad sitrich each ro àm am bàis. Chan eil sin a’ cur dearbhadh air nì. Bha eich anns an àite an uair sin. Agus Eòghain fhèin? Mar a thubhairt mi, cha deach e riamh am feabhas bhon mhilleadh a fhuair e. Chaochail e mun tàinig e gu inbhe.
“Ach bha mi’n dùil is an dòchas nach robh an seo ach teine fuar an-diugh.
“Chan eil mòran agam ri aithris tuilleadh, ged a bheireadh mo sheanair fad oidhche gheamhraidh air an sgeul aithris. Co-dhiùbh,
“Agus Uisdean fhèin? An duine truagh! Bha, ma-tha, bha esan beò gus an robh e ’na sheann duine. Bha e anns an taigh-chuthaich fad iomadh bliadhna. Theireadh mo sheanair gun do chagainn e a mheòirean gus an robh iad ’nam fuil dhearg gu na h-uilt. Cha robh dòigh aig an luchd-frithealaidh air fois inntinn a thoirt dha leithid aig an àm ud mar a nì iad an ceartuair. Bha na seann lusan a bhathas a’ cleachdadh bho shean air a dhol a fasan is cha robh an fheadhainn ùr air tighinn. Sin mar a bha, ach cha robh caoidh air.”
B’ann mar sin a dh’innis Calum a sgeul, is cha chuireadh e an còrr solais air na thachair. Nuair a bha Ted ga dhlùth-cheasnachadh, thuirt Calum, “Bhuel, theireadh mo sheanair aig crìch na sgeòile, ‘Mairidh gaol is cha tèid gràin as.’ Is cinnteach gu robh meas gu leòr aig Sìne air an ogha, is gu deimhinn bha a h-uile adhbhar aice gràin a bhith aice air Uisdean. Ach ciamar… ?”
Ghabh Ted beannachd gu càirdeil ris an fheadhainn air an do chuir e eòlas, is gheall e gu faiceadh e iad air ath thuras. Is ghabh e beannachd ri Tormod. Bha iad gu coibhneil ri chèile, ach ris-san cha duirt e, “Chì mi thu an ath-bhliadhna.” Chan abradh an teanga na faclan ged a b’àill leis, oir nach cuala Tormod sitrich nan each? Chaidh Ted air ais gu New York, far an laigh na mairbh ann am fois. Dh’fhàg e Tormod is e feitheamh nì a bha e’m beachd a bha’n dàn da.
title | 1 |
internal date | 1987.0 |
display date | 1987 |
publication date | 1987 |
level | |
reference template | Watt Gun Fhois %p |
parent text | Gun Fhois |