10
’S e duine mòr a bha ann an Seòras riamh, is a-nis, le fàs dùmhail an cois a leth-cheud bliadhna, ’s e fìor cheatharnach a bh’ann. Cha robh lasantachd feirge ann fiu ’s ’na dhuin’ òg, ach nuair a bha e aig muir b’iomadh seòladair, is e air tìr ann am baile-puirt, a bha glè thaingeil dha air son cùl-taic, is na dùirn—agus uairean na sgeinean—a’ dol gun chaomhnadh. Fhathast, nuair a gheibheadh e cùisean is luchd-èisdeachd gu mhiann, ruitheadh tìde air casan iteagach is Seòras ri seanchas.
B’e duine mòr a bh’anns a’ mhinistear e fhèin, uair den robh e, ged a bha e air crìonadh is air sùghadh le aois. Bha ùidh mhòr aig a’ mhinistear ann an còmhradh Sheòrais, oir, ged a leugh e fhèin mòran, cha d’fhuair e cothrom an saoghal a shiubhal is bu ghasda leis fhaicinn, an dràsda ’s a-rithist, tro shùilean geura Sheòrais.
Anns a’ mhansa bha Seòras air an dàrna taobh den teine is am ministear air an taobh eile. Bha an connadh a’ gabhail gu geal is e caoin, tioram, ged a bha sùgh aon stob mòr de dh’fhiodh ùr ri spluiceil is ri smugaraich air cùl an teine deiseil gus ath-theine a chur air mus biodh an oidhche sean. Bha na fir air suipear a ghabhail is iad blàth, buidheach. Bha cùisean freagarrach airson sgeulagan is, ged a bha Seòras a-nis ’na dheucon anns an eaglais, cha robh cron ann a bhith toirt iomradh air nithean a chunnaic e ann an dùthchannan cèine ’na òige.
Ach ged a bu mhath an còmhradh airson na ceud ghreis, shaoil le Seòras nach robh am ministear a-nis a’ cur mòr-shùim ’na bhruidhinn is, le eagal gun deach e thairis air a’ chrìch, sheas e is bhuail e ri bhois a’ phìob a bha air a dhol as is chrath e an dus don teine.
“Is fheàrr dhòmhsa a bhith tarraing a-nis,” ars’ esan.
Bu ghann dha bhith air a chasan gus an d’rinn am ministear e fhèin a shìneadh gu àird, ach na bu shocraiche, is rinn e greim air gàirdean Sheòrais. “Chan fhalbh thu nochd. Cuiridh tu an oidhche seo seachad far a bheil thu, Sheòrais,” thuirt e.
Chionn ’s gu robh Seòras cinnteach nach robh aire an fhir eile air dè a bha e cantainn airson nan còig mionaidean a chaidh seachad, chuir e ioghnadh air e bhith cho dùrachdach, is thuirt e ris fhèin gun do bhuail a chogais air airson cion aoigh. Rinn e snodhadh gàire. “Ri oidhche bhrèagha rionnagach dè chuireas ochd mìle ormsa? Bidh mi dhachaigh ro mheadhan-oidhche. Ach mòran taing dhuibhse.”
“Na falbh idir,” ars’ am ministear is a ghreim fhathast air Seòras. Dòcha gum biodh e air fuireach mur b’e gu robh e am beachd gu robh inntinn is aire a’ mhinisteir air rudeigin eile, ged a bha greim teann aige air, is b’ann le gnè de dh’àrdan a dhiùlt e aoigheachd.
Cha do lagaich am ministear a ghreim air fad ’s a bha e gabhail beannachd leis, is aig an doras thug e an ath ionnsaigh air a chumail.
“Tud,” arsa Seòras, a bha nis a’ ragachadh ’na inntinn, “cha bhithinn ach a’ cur dragh gun adhbhar air a’ bhean agaibh is iomagain air an fheadhainn a tha staigh agam fhìn gam fheitheamh.”
Dh’fhalbh e. Cha robh gealach ann, ach rionnagan a’ deàrrsadh is a’ priobarsaich. Bha rathad cruaidh, còmhnard fo chois, is e fhèin ann an sunnd math.
Beag air bheag, bha faclan deireannach a’ mhinisteir a’ sùghadh a-staigh ’na inntinn. Nuair a bha tìde aige a bhith a’ beachdachadh orra b’ann a bu duilghe iad an tuigsinn. “Na rach an greim riutha. Na toir dùbhlan daibh. Na biodh nàire ort teicheadh. Till ’na àm.” B’e sin cuid de na h-òrdanan a fhuair e bhuaithe, is cuid dhiubh air an èigheach as a dhèidh is e air an taigh fhàgail.
Ged a choisich Seòras gu sunndach airson a’ cheud mhìle no mar sin, cha b’fhada gus an tàinig sgìths anabarrach air, mar gu robh e air a bhith fada a’ coiseachd an aghaidh gaoithe. Is cha
Anns a’ cheann thall thill e, a’ teicheadh is gun nàire air ach a leithid sin de dh’eagal air nach do chuir e eòlas riamh gus a seo, air cho cruaidh is a bha’n càs.
Bu ghann do dh’uilt a làimh bualadh air doras a’ mhansa gus an d’fhosgail am ministear fhèin an doras, is bha a làmh air Seòras gus an tug e staigh e, mar gu robh e toirt taic do dh’fhear a bha air snàmh tro fhairge bho luing bhriste. Bha an teine fhathast beò, is cha robh Seòras cinnteach am b’e an lasair a bha goileam ’na chluais, ach sheall lasair bhon stob mhaide dha gu robh am fallas ’na dhriùchd air mala gheal a’ mhinisteir; is nuair a thuirt am ministear, “Rachamaid air ar glùinean,” thuit Seoras gu luath mu choinneamh an t-sèithir far an robh e air a bhith ’na shuidhe cho neo-chùramach bho chionn ghoirid. Air cho cumhang is a bha na cùiltean ann am bailtean-puirt, cha do chuir e eòlas air eagal gu seo. Ar leis gun do leagh smior a chnàmhan le eagal a chuireadh air a ghlùinean e air cho fada is a bhiodh sin an aghaidh a chàlach.
Leag Seòras a cheann air a làmhan is dhubh e mach as inntinn gach smuaint, is aire gu tur air a’ mhinistear, is esan ri ùrnaigh. Is leithid sin de dh’ùrnaigh cha chuala Seoras riamh roimhe, is cha robh iarraidh aige air an tuilleadh eòlais fhaotainn. Gu teann dhùin e a shùilean is gun iarraidh aige gu faiceadh e an Nì ris an robh am ministear a’ gleac. Mar a shir am ministear shir Seòras, gus an robh a làmhan fliuch le deòir is le fallas. Cha robh e tuigsinn dè an cunnart anns an robh iad, ach gun chaim orra bhiodh iad caillte.
Bha e fad’ an dèidh mheadhain-oidhche nuair a dh’atharraich guth is modh ùrnaigh a’ mhinisteir. Ann am beagan tìde dh’èirich e gu chasan, ach air èiginn, oir bha na seann uilt a’ ragachadh. Chuir e a làmh air gualainn Sheòrais, a dh’fhan air a ghlùinean.
“Dh’eug e,” thuirt e, “ach faodaidh gum bi tròcair Dhè èifeachdach. Cha deach agam air caim a chur mu thimcheall. Bha e ro fhad’ as. Ach dòcha fhathast.”
Cha duirt Seòras cò no càite, oir bha tachartasan na h-oidhche gu tur do-thuigsinn dha. Gun cheist, lean e am ministear, a las coinneal dha, ag ràdh, “Tha do leabaidh deasaichte romhad, oir bha fios agam dè an t-uabhas a dh’fhaodadh a bhith air do shlighe.”
Bha Seòras air a chlaoidh, is bu ghann da a cheann a chur air a’ chluasaig gus an do thuit e ann an cadal trom.
Bha’n dorchadas air teicheadh mun do dhùisg e.
Bha am ministear is a bhean a’ feitheamh ris aig a’ bhòrd bìdh nuair a chaidh Seòras sìos. Ged a thug bean a’ mhinisteir sùil ealamh gheur air, cha duirt i ach, “Tha mi’n dòchas nach eil na h-uighean ro bhog leibh. Tha mi cho cleachdte am bruich bog don mhinistear is gum bi mi dìochuimhneachadh.”
Cha tug duine seach duine iomradh air dè a chuir Seòras gu bhith gabhail a cheud diathad den latha an siud. Ged a dh’ith Seòras a dhà ugh is ged a fhreagair e mar a b’fheudar dha, bha inntinn dromach-air-shearrach.
Bha am ministear e fhèin car sàmhach, ach nuair a dh’fhàg a bhean iad thuirt e, “Faodaidh tu nis do rathad a ghabhail ann am fois. Tha caim ort.”
Sheas Seòras mar bhalachan a fhuair cead a choise. Aig an doras thuirt e, is a làmh ann an làimh a’ mhinisteir, “Ach dè thachair riumsa a-raoir?”
“Is math nach do chum thu ort. Bha Iain Dubh ris a’ bhàs is feachdan an dorchadais a’ cruinneachadh gus aoigheachd a thoirt dha. Ach is motha cumhachd Dhè.”
Thug e fàsgadh beag eile air làimh Sheòrais is dhealaich iad. Choisich Seòras air crùn an rathaid mhòir is cha do chuir nì tilleadh ann.
A-rithist, nuair a thàinig misneachd thuige, chuir e ceist ris a’ mhinistear; ach cha duirt esan an ceann speile ’na thosd ach, “Tha rudan ann as fheàrr gun eòlas a chur orra.”
title | 10 |
internal date | 1987.0 |
display date | 1987 |
publication date | 1987 |
level | |
reference template | Watt Gun Fhois %p |
parent text | Gun Fhois |