2
B’e Pàdraig an t-Saighdeir a theirte ris is e ’na bhalachan, ach b’e Pàdraig Saighdear a theirte ris ’na fhireannach. Bha an dà ainm freagarrach dha, oir b’e saighdear a bha ’na athair airson iomadh bliadhna agus rugadh Pàdraig fhèin thall sna h-Innsean. Bha e aon sia no seachd a bhliadhnaichean a dh’aois mun tàinig iad dhachaigh. An sin, nuair a bha e fhèin an aois, ghabh e fhèin san Arm is bha e fhèin a-rithist bliadhnaichean mòra thall air taobh an ear an t-saoghail.
Nuair a chuir mise fìor eòlas air bha e air an t-Arm fhàgail is air tighinn a dh’fhuireach ann an seann taigh athar, taigh a shinnsir. Cha robh ann ach e fhèin ’s a bhean, oir bha an teaghlach gach fear is tè aca air a dhubhan fhèin o chionn fada. Is e boireannach gun mhì-thlachd a bh’inntese, is chan fhios domh gu robh i fiù is a’ gearain air anastachd an taighe chun an tug Pàdraig i. B’e coire Phàdraig gu robh e anasta. Bhiodh doras dheth, no uinneag fosgailte no gun dad eadar i ’s na rionnagan, is pìos den mhullach far an taighe is Pàdraig ri chur air dòigh. Dòcha gu robh e math gu leòr is uidheam chogaidh ’na làimh, ach b’e am fìor ghroigean e le uidheam obrach sam bith. B’ann mar sin a chuir mise eòlas air, oir bha cliù agam feadh na sgìre airson obair shnasail. Ged a bha mi fhathast ri cumail chaorach, cha robh mòran eile an slaodadh rium, is bu ghlè thoigh leam a bhith toirt làmh do Phàdraig nuair a dh’fhairtlicheadh an gnothach air fhèin gu tur.
Thigeadh Pàdraig a-nall aig beul oidhche a dh’iarraidh comhairle no cuideachaidh is dh’fhuiricheadh gu anmoch. Thòisicheadh e le innse mar a bha dol leis—cho tarsainn, cam,
Chan eil mi ag ràdh nach biodh e a’ tadhal na bu trice le chuid fallsachd mur b’e Ciorstaidh, a’ bhean agamsa. Cha robh aice air idir. Theireadh i riumsa, “Ciamar nach eil thu ag aognachadh bho na sùilean mòr’ ud? Saoilidh mi nach ann ormsa a tha e ag amharc ach air neacheigin an taobh thall dhìom, ged as ann ormsa a tha a shùil. Tha mi an còmhnaidh a’ coimhead thar mo ghualainn aige, is cha tig snodha air aodann, mar gum b’e sin mo ghliocas, a bhith coimhead dè th’air mo chùlaibh.” No theireadh i, “An do mhothaich thusa: chan e an rud a bheir gàire oirnne a bheir gàire air an duin’ ud. Chan eil e nàdurra. Bu chòir dhut a sheachnadh. Theid an cù fhèin ann an cùil nuair a thig am fear ud.”
Cha b’e gum bu toigh leamsa Pàdraig mi fhìn, ach bha freagairt shìobhalta agam dhi; is ged a phaisgeadh i a fighe ’na h-uchd, no gun coimheadadh i air an uair, no gun crathadh i na sasagan, cha do leig mi fhìn no Pàdraig oirnn gun do mhothaich sinn do leithid a mhì-mhodh.
Ach aon oidhche— ’s ann a-null toiseach an Dàmhair a bh’ann—ged a bha a h-uile comharra air Ciorstaidh gu robh i buidheach de chèilidh, cha robh guth aig Pàdraig air falbh. Ar leam nach robh aire air dè bha mi fhìn no e fhèin ag ràdh, is bha mi car sgìth de chuideachd; agus thuirt mi, “Cuiridh mi fhìn thu pìos an rathad, a Phàdraig, ma tha thu a’ falbh.” Mar gu robh e a’ feitheamh ris an tairgse, bha e air a chasan gu grad, sunndach. “Bidh sin glan fhèin,” thuirt e. Dh’èigh mi ri Dìleas,
Ged a thog Dìleas a bus far a spògan is ged a choimhead i orm is airsan, cha d’rinn i air i fhèin a thogail, is thuirt mi ri Ciorstaidh gun toirinn Dìleas air sgrìobag a-rithist is dh’fhalbh sinn.
Bheireadh cairteal na h-uarach de choiseachd mhath sinn chun an taigh aige, a bha air leth-bhruthaich, is dh’fhalbh sinn le ceum sunndach, oir bha an oidhche fuar, dorcha, ged a bha i ciùin. Aig bonn na bruthaich tha alltan a’ ruith le iomadh seòrsa guth, a rèir doimhneachd an uillt aig an àm. Tha drochaid thairis air an allt, agus mu ruigeamaid an t-allt bha seann taigh mòr. Bha e fàs, ach air a dheagh chumail. Timcheall air bha craobhan faidhbhile is beithe. B’e sin an seòrsa a b’fheàrr a dh’aithnichinn, ged a bha iomadh seòrsa eile ann cuideachd. Nuair a bha mi ’nam bhalachan ’s iomadh mionaid a chuirinn seachad a’ coimhead suas air an taigh mhòr a bha’n samhradh ion ’s a’ falach le dhuilleach. B’ann anns an Arm a bha fear an taighe ga chosnadh, is uairean thigeadh e fhèin is a theaghlach dhachaigh airson ùine. Bha dithis sheirbheiseach dhubha aige. Cha b’ann dubh a bha iad idir ach dorch’ -dhonn, is le sùilean mòra dealrach a’ losgadh ’nan ceann. Bheireamaid sin an aire na b’fheàrr chionn ’s gu robh iad a’ cleachdadh còmhdach-cinn geal. Cha robh taghadh air fear seach fear airson caoilead, ged theagamh gu robh iad righinn gu leòr.
Tha mi’m beachd gum b’e duine gasda a bh’anns a’ Mhàidsear fhèin. Tha cuimhne agam turas is mi a’ bùrachd ann an clais an rathaid, far an do chaill mi bonn-a- sia, gun do dh’fhaighnich e dhìom dè bha mi ris. Cinnteach gum b’e mo mhòr-chall a thug misneachd dhomh innse dha mar a thachair orm. Chuir e làmh ’na phòcaid is shìn e dhomh bonn airgid—sia sgillinn. Bu ghann a bha’n lùths annam a ghabhail bhuaithe, ach theich mi dhachaigh le mo stòras, is tha am bonn fhathast agam ann an seotal ciste shuas air an lobhta. Chan aithne domh gu robh e a’ gabhail gnothach ri muinntir an àite ged as dòcha gu robh feadhainn aca ag obair dha. Bha am barrachd ioghnaidh agamsa de na fir eilthireach, de na flùraichean is na craobhan.
Theireadh cuid gu robh ap, no muncaidh, aca cuideachd; ach ma bha, chan fhaca mise riamh e. Ach is fhada bhon àm sin. An ceartuair bha an taigh fàs, an duilleach air tuiteam, gun ann ach cruinn loma is stocan nan craobh ri boillsgeadh fann, aitealach.
Nis, mar a thubhairt mi, cha robh Pàdraig ro chòmhraideach fad an fheasgair, is mun d’ràinig sinn na craobhan is an drochaid cha robh guth idir aige dhomh. Theab mi tilleadh dhachaigh is thionndaich mi ri oidhche mhath a chur air, is b’ann an uair sin a mhothaich mi gu robh a cheum air fannachadh is e a’ tarraing analach mar fhear a bha sàraichte le iomradh no obair chruaidh. Bhuail e orm gu robh an duine tinn is chum mi orm ri thaobh.
Chuala mi gluasad fann am measg nan duilleagan crìona, mar gu robh duine no beathach a’ falbh gu faiceallach ri ar taobh anns a’ chlais. Thug mi sùil thar mo ghualainn is ar leam gu faca mi faileas a’ dubhachadh eadar mi is rùsg bàn na beithe. “Nach bochd nach tug mi Dìleas leam,” thuirt mi.
Cha robh na faclan as mo bheul nuair a thionndaich Pàdraig orm, is gu garg ged a bha cnead aige. “Na toir gu bràth an cù an rathad seo. An geall do bheatha, na toir thusa an cù an rathad seo,” ars’ esan.
Dh’fhairich mi mo shùilean ag at is a’ fàs cruinn leis an fheirg, ach mun d’fhuair mi guth asam lean esan air, is a-nis gu sìobhalta, “Eil fhios agad, chan eil aig a’ bhean air coin. Eagal a ghabh i uaireigin, a’ bhaothag bhochd. Agus cù air nach eil i eòlach … eil fhios agad?”
Cha do fhreagair mi, ach thug mi sròn na bròige do phìos maide a bh’air tuiteam air an rathad. Gun ghuth an còrr rinn sinn air an drochaid. Mar sin, cha duirt mi ri Pàdraig gum bu neònach an oidhche a bh’ann, oir dh’fhairich mi tiughad ceò ag èaladh gu fuar mu mo lurgann is mu mo ghlùinean, is a’ cur bacadh air coiseachd. Thug mi sùil air Pàdraig. Am fac’ thu riamh fear a’ coiseachd air cladach far a bheil doimhneachd de dh’fheamainn? No fear a’ coiseachd tro làthaich? Ged a bha Pàdraig air druim cruaidh an rathaid, b’ann mar sin a bha e a’ coiseachd. Fhuair mi gnè saorsa nuair a ràinig sinn an drochaid. Air dhuinn a dhol trasd na drochaide, cha mhòr nach d’rinn mi gàire fanaideach orm fhìn is mo chuid gòraiche. Cha b’e
Am fianais solas a thaighe, aig mullach na bruthaich, gun fannachadh ’na cheum, thuirt Pàdraig, “Faodaidh tu tilleadh a-niste.”
Cha tug e sùil an rathad a bha mi, is bha mi air mo leamhachadh cho mòr le esan gabhail air fhèin cead a thoirt dhòmhsa tighinn no falbh is gun do sheas mi ’nam bhuinn. Chum esan air. Thionndaich mi air mo shàil is rinn mi air m’ais. Cha d’ràinig mi an drochaid nuair a chuala mi mar gun dèanadh Pàdraig cagar ìosal ’nam chluais. “Cum druim cruaidh an rathaid mhòir is na dèan dàil ge b’e dè chì no chluinneas tu.”
Cha robh duine faisg orm, is anns an t-sàmhchair chluinninn fhathast brag aig Pàdraig air crùn an rathaid. Chaidh mi trasd na drochaide is bha mi fo na craobhan is gun nì air thalamh a’ cur tilleadh annam. Air thalamh, an duirt mise? Ach faodaidh mi innse dhutsa gu robh mi’m beachd gu robh iomadh sùil agus iomadh spòg dhorcha air gach taobh dhìom—is chan e gealtair a th’annam. Dòcha gum b’e siud a’ cheud turas a bha mi toilichte gu robh an dorchadas a’ cleith na bha timcheall orm. Co-dhiùbh, bhòidich mi dhomh fhìn, nam b’e is gu faighinn dhachaigh sàbhailt, gu seachnainn Pàdraig ged nach canainn guth air an neònachas seo ri Ciorstaidh. Choisich mi dhachaigh, is air cho saor, toilichte is a bha mi, bha mi nis cinnteach gun do mheall mo dhroch nàdur ri Pàdraig mi. Nuair a dh’èigh mi ri Dìleas is mi aig an doras, dh’èirich i is stadh i i fhèin is thàinig i ’na ruith. Dh’èigh Ciorstaidh, “Na bi mionaid. Tha’n coire agam air.” Cha robh nì air atharrachadh. Ann an latha no dhà chanainn gum b’iomadh aisling a bh’agam a mhair na b’fhaide ’nam inntinn.
An ceann cola-deug no mar sin, nach b’fheudar do Phàdraig tighinn an rathad a-rithist. Bha beul na h-oidhche ann mun tàinig e, is thàinig e ’nam chuimhne mar a thachair an turas mu dheireadh a thàinig e, is cha robh mi airson fhiathachadh
Nis, tha fios agam gun can feadhainn nach eil leithid a rud is Ifrinn ann. Their mise a chaochladh. Air chùl sin, ge b’e àite no staid a tha ann an Ifrinn, bha anam Phàdraig, aig an àm ud, air a tharraing is air a dheocadh a-steach don àite sin. Chunnaic mise sùilean eich a bha air a dheocadh sìos ann an sùil-chritheach mun do chuir mi an gunna ris. Chunnaic mi bàis ghrànda roimhe seo. Ach anam air a lèireadh… Ach bha duinealas fhathast, is cruadal, anns an truaghan; is annamsa dhùisg e faireachadh air choreigin. Dòcha gum b’e dàimh no co-fhaireachadh mar aig duine ri duine a bh’ann. Cha chan mi gum b’e meas no idir gràdh a dhùisg. Dòcha nach robh ann ach tarsainngeachd a tha gu nàdurra annam fhìn. Co-dhiùbh, thuirt mi rium fhìn gun deanainn a chuideachadh. Air an làimh eile, an tàinig an t-òrdan thugam?
Biodh sin mar sin, cha robh dà dhòigh air ach gu robh e mar fhiachaibh ormsa a dhol còmhla ri Pàdraig ge b’e an t-slighe a bha e a’ siubhal. Cha do chuir mi dhìom tìde, ach thuirt mi ris aig crìch ar gnothaich, “Chì mi dhachaigh thu.”
Cha do dhiùlt e mo chompanas is cha duirt e facal, ach bha e air a bhuinn is a’ coiseachd a-mach romham. Ach cha b’e companaich a bh’annainn—bu choltaiche sin ri prìosanach is fear-dìon. Cha robh guth còmhraidh eadar mi fhìn is e fhèin, is sinn a’ caomhnadh ar neirt.
Mun d’ràinig sinn a’ choille idir, ar leam gu robh feachdan gar cuartachadh. Chan eil fhios a’m an robh ceangal eadar iad ’s gluasad fiata am measg nan duilleagan crìona ann an clais an rathaid. Shaoilinn gu robh àireamh mhòr luch no bhiastagan
Rug mi air ghàirdean air, le m’dhà làimh fo achlais ga chumail suas. Dh’èigh mi ris, mar gu robh e fada bhuam, “Cum air n-adhart. Na toir gèill. Tha sinn gu bhith thall.”
Rinn mi spàirn chruaidh, ach theab nach rachadh agam air a thoirt seachad air an drochaid. Chuir mi mo làmh gu dhruim – is thoir fa-near gum bu mhise a bu lugha is a bu laige; ach chum mi taic ris is cha do leig mi as mo ghreim air. Aig bun an t-slios ar leam gu robh am feachd dorcha a’ fannachadh, is dh’èigh mi ri Pàdraig, nach duirt guth fad na h-ùine. Suas a’ bhruthach bha fios agam, mura cailleadh e a dhuinealas, gu robh sinn sàbhailt.
Aig a dhoras sheas sinn gun ghuth, a’ tarraing a-staigh làn ar sgamhain den ghaoith bhrèagha, chùbhraidh, mar gum bu mhath leinn a bhith cuidhteas an truailleadh air an robh sinn air eòlas a chur. Ann an ùine bhig, mar gum b’aithne dhòmhsa an nàmhaid a bha’n tòir air, thuirt e, “Bidh mi ceart gu leòr a-nis. Tha mi fhathast sàbhailt fad ’s a tha mi’m broinn an taighe.” Dh’fhosgail e an doras is gun ghuth an còrr dh’fhàg e mise an siud.
Bha fios agam dè bha ri dhèanamh, is cha b’e a bhith ceasnachadh cion modha Phàdraig. Bu ghann a dhùin an doras gus an robh mi air an rathad dhachaigh. Gun sùil a-null no nall, air druim cruaidh an rathaid, ghabh mi sìos is dhachaigh gun bhacadh.
B’ann a-rithist a thàinig e thugam cho neònach is a bha mo dhol-air-adhart air an oidhche ud. Choisich mi—is e sin a their mi, oir bha faireachadh agam air casan a’ dol air adhart, tè an dèidh tè. Bha faireachadh agam air fèithean is uilt ag obrachadh, air fuil a’ ruith tro chuislean, air cridhe a’ bualadh. Ach cha chuala mi fuaim coise air rathad, cha chuala mi an cagar a b’fhainne bho dhuilleagan crìona, bho mheanglain craoibhe a’ suathadh ri chèile, bho luaisgean mara, bha allt no eas, bho anail bheò. Air oidhche nàdurra, air cho ciùin, sàmhach is a tha’n oidhche, tha a’ chluas air a tàladh le fuaimean beaga na h-oidhche. Cha robh faireachadh agam ach gum b’e mo
Ceangailte ris a h-uile neònachas eile bha seo ann. Ged a b’e mo cholann a bha air an rathad, ar leam nach b’e m’inntinn, inntinn Alasdair ’Ain Oig a tha an ceartuair a’ bruidhinn riutsa, a bha a’ stiùireadh a’ chuirp. Nuair a bha mi ag ionnsachadh seòladaireachd fo mharasgladh m’athar, ’Ain Og, bha mi dèanamh mar a dh’iarradh esan. An toiseach b’fheudar dha iarrtasan a chur ann am briathran. Nuair a bha mi na bu shine sheasadh e air mo chùlaibh is cha robh feum air lid bhuaithe. Bha mi fo thaoitearachd an oidhche ud—fo thaoitearachd na bu dlùithe, na bu làidire.
Thainig beachd neònach eile thugam, ged nach b’ann air an oidhche ud ach fada ’na dèidh. Thàinig e thugam gum b’ann mu choinneamh na h-oidhche ud—agus oidhche àraidh eile—a chaidh mo dhealbh, mo ghin is m’àrach. Ach chan eil an sin ach beachd gun dearbhadh a thàinig thugam.
Ach cha b’e beachd no faoineas idir a bh’ann an oidhche a dhùisg mi as cadal is mi cluinntinn mar gum b’e Pàdraig ag èigheach, “Alasdair, thig thugam. Dèan cobhair orm.”
Cha do dh’fhaighnich mi dhìom fhìn am b’ann ri aisling a bha mi, ach ghrad-leum mi as an leabaidh, gu luath a’ cur stiallan aodaich orm, agus anns an dol a-mach a’ togail leam Bìoball a bha daonnan aig Ciorstaidh air mullach ciste. Ghabh mi a-mach. Gu neònach, ach gun cheist is gu nàdurra, shiubhail mi air an aon mhodh is a shiubhail mi an turas mu dheireadh a thàinig mi dhachaigh. ’S e sin mar gu robh slige umam a bha gam ghleidheadh. Nuair a ràinig mi’n taigh ghabh mi staigh.
Bha fios agam gu robh Iris, bean Phàdraig, air a pliùsgadh ann an oisean is i an còmhnaidh a’ sireadh ri “Saccidananda” no facal den t-seòrsa sin. Cha chreid mi gur e Beurla no idir Gàidhlig a bh’ann.
B’ann a-rithist a bhuail e orm cho mì-nàdurrach is a bha
Bha Pàdraig ’na sheasamh aig oisean an àite-teine is a chùl ris a’ bhalla. Bha shùilean a’ tionndadh suas ’na cheann is cop is ronnan mu bheul. Bha a dhà làimh a’ dol gun sgur mar sùistean ann an làmhan famhair. Thigeadh cnead air an dràsda is a-rithist mar gu robh e air buille a thoirt no buille fhaotainn. Cha do stad mi gus an còrr fhaicinn, ach leum mi gu bhith ri thaobh is mi togail a’ Bhìobaill an àird is mi ag èigheach, “Cobhair ann an ainm na Trianaid.”
Le sin thàinig sgleog bho làimh Phàdraig a thilg am Bìoball as mo làimh. Rinn mi air mo mhàgan gus an leabhar a thogail, ach bha mo làmhan is mo cheann air am bualadh mar gum biodh le spògan mòra anns nach robh cnàimh ged a bha neart annta. Bu choltaiche an rud a thug buillean ri staimh a’ chladaich. Gun stad dh’èigh mi ris an Trianaid. Fhuair mi greim a dhèanamh air a’ Bhìoball is thionndaich mi far an robh Pàdraig. Bha a làmhan a-nis a’ dìon a sgòrnain is aodainn. Bha a cheann air cromadh is air tuiteam air a bhroilleach. Gu daonnan ag èigheach airson cobhair, chaidh agam air mo ghàirdeanan a chur uime. Airson mionaid dh’fhairich mi an lùths a’ traoghadh asam. Dh’èigh mi ri Iris i thighinn, ach bha ùine mun do ghluais i thugam is i mar gu robh i a’ coiseachd tro uisge domhain. Beag air bheag, ar leam gun d’fhuair Pàdraig faothachadh. Chum mi fhìn is Iris ar greim air is dh’fhairich mi mo neart a’ tilleadh thugam. Beag air bheag dh’fhalbh an ragachadh as Pàdraig, ged a bha e air chrith mar shlait ann an sruth. Leag e a làmhan bho aodann is thuirt e gu fann, ach mar gum bu chòir dhuinn a staid a thuigsinn, “Tha iad air teicheadh. Cha dèan iad ionnsaigh orm tuilleadh. B’ann ’na àm a thàinig thu.”
Sheas e mar fhear air a shàrachadh, is bha e fhathast critheanach, gun lùths. Tharraing mi sèithear a-nall is chuir mi e ’na shuidhe air.
“Bidh tu ceart gu leòr a-nis,” thuirt mi le cinnt, ged nach robh sìon a dh’fhios agam dè bha a’ cur ris. Chionn ’s gum b’e
Nuair a thill Iris leis a’ bhainne dh’fhalbh mise. Choisich mi dhachaigh—mise, Alasdair ’Ain Oig—is bha fuaim mo cheuman ’nam chluasan; bha, agus fuaimean beaga eile. Chuala mi mar gu robh mo chlaistneachd air a geurachadh. Chuala mi cnàmhan nan tonn, torman an uillt, creutair beag a’ gabhail do bhuinn le clisgeadh, is iomadh fuaim beag nàdurrach eile. Sheas mi barrachd is aon uair leis an tlachd a bha mi gabhail annta.
Is mar gu robh an gnothach eadar mise is Pàdraig aig crìch, cha deach mi rathad an taighe aige. Thadhail esan mi barrachd is aon uair—dìreach mar a b’àbhaist. Chan aithne domh gun tug e iomradh riamh air mar a thachair. Tha mi ag ràdh, “Chan aithne domh” is chan eil an aithne sin agam. Ach thuirt e a’ cheud turas a thadhail e, “Is ann agamsa a bha an aisling neònach.”
Dh’fheith mi ris an eachdraidh, ach is e a thubhairt e, “Ach nach dòcha nach eil ’nar beatha gu lèir ach aisling?”
Mar a thuirt mi a cheana, bha beachdan neònach aig Pàdraig riamh, is b’e siud fear dhiubh. Is tric a bha mi a’ smuainteachadh air mar a chuir e e.
Chan fhaca, chan fhaca mise tasg no tamhasg riamh, no iarraidh air.
Siud mar a dh’innis Alasdair ’Ain Oig an sgeul dhòmhsa, is e an uair sin ’na sheann duine, is chan aithne domh gun do dh’innis e do neach eile i.
title | 2 |
internal date | 1987.0 |
display date | 1987 |
publication date | 1987 |
level | |
reference template | Watt Gun Fhois %p |
parent text | Gun Fhois |