4
Bha mi eòlach gu leòr air ’Ain Mòr fhaicinn bhuam, ach riamh cha do chuir e dragh orm is cha do dhubhaich e doras eaglaise. Ged nach robh dad ach sin agam ’na aghaidh, cha d’rinn mi toileachas sam bith nuair a chunnaic mi e, le cù mòr is le cuilean òg, a-nuas an ceum gu doras a’ mhansa. Is e duine mòr garbh a bh’ann. Burraidh amh, ar leam. Dòcha gu robh meas gu leòr air mar chìobair, ach cha robh a chruth no a choltas ’na fhàbhar. Chan e mhàin gu robh e fiar-shùileach ach bha falt dubh garbh air is mustais ruadh. B’e seo nì nach do thaitinn riamh rium fhìn, oir ged nach eil comas aig neach air dath fhuilt, cha chuir mi mo làn-earbsa ’na leithid. Saoilidh mi gu bheil dùbailteachd de sheòrs’ air choreigin ann.
Is cinnteach gu rachadh e gu fèill is gu fang còmhla ri fir eile mar a bha e iomchaidh, ach b’e duine leis fhèin a bh’ann. Bhon a chaochail a mhàthair bha e fuireach leis fhèin is cha chuala mi gun tug e sùil air nighean no air bean riamh.
Bha an cù mòr ri shàil, ach ruith an cuilean ceum no dhà air thoiseach air, ach thug e an spochadh sin air a chuir ri shàil e is earball eadar a chasan. Mhothaich mi gun tug Iain sùil fhaiceallach mun cuairt, is sheas mi ceum air ais bhon uinneig ged nach b’ann ’nam rathad a sheall e. Nuair a ruig e an greabhal a tha mun taigh, thug e òrdugh do na coin a chuir an cù mòr ’na laighe gu h-umhail, is an cuilean ’na shuidhe air a chasan deiridh. Cha d’fhoghain sin le Iain, is sheas e is sùil is meur ris a’ chuilean gus an robh e ris an làr.
Ghabh Iain gu ro mhodhail chun an dorais chùil is thuirt mi rium fhìn gur th’ann a’ suirighe air tè de na h-ìghneagan anns a’ chidsin a bha e. Thionndaich mi ris na leabhraichean a bha
“Bhuel.. .tha,” thuirt mi, is mu robh na faclan ceart as mo bheul phut Iain fhèin seachad air Sìneig is thàinig e staigh. Bha a cheap ’na dhòrn is greim aige air bàta cìobaireach fon chromaig. Ged a bha Sìneag airson an taic seo a thoirt bhuaithe, b’ann air èiginn a shlaod i leath’ e. Bha mi’m beachd gum b’iomadh còmhrag a bhiodh aca fhathast nam b’e seo an tè a roghnaich e.
Ged a thathainn mi sèithear ìosal, socair dha, thagh esan sèithear àrd cruaidh dha fhèin is shuidh e le uileannan air a shliasaidean, a làmhan a’ slaodadh eadar a ghlùinean, an ceap an crochadh bho chorragan cromta, is a cheann crom.
Thug mi iomradh air an t-sìde mhath a chuidicheadh na h-uain òga: dh’aontaich e le facal goirid. Thuirt mi facal no dhà eile: cha robh freagairt. Thuirt mi, ach rium fhìn, nach robh ann ach am busaire, is mar bu luaithe a thigeadh e gu ceann a ghnothaich gum b’ann a b’fheàrr a fhreagradh e mi. Bha mi fhìn sàmhach. Mhothaich mi cho mìn geal is a bha an craiceann air a mhala far nach do mhill grian e. Mhothaich mi cuideachd gu robh rùis fallais air a’ mhala sin, is ghabh mi truas ris is thug mi iomradh air obair fearainn. Cha robh guth. Thug mi sùil a-rithist air a’ cheann chrom is mhothaich mi gum bu ghasda an cumadh a bh’air, is mur b’e na sùilean … Mun duirt mi facal an còrr dhìrich e e fhèin is choimhead e orm leis na sùilean fiara, fiadhaich ud is bhruidhinn e mar nach cual’ e lid de na thubhairt mi.
“Bidh na h-Orduighean agaibh air an t-seachdain sa tighinn.”
“Bithidh,” arsa mi fhìn, ged nach b’e ceist a chuir e. Bha m’inntinn air car a’ mhuiltein a chur dhith.
“Bhithinn, ma-tha,” ars’ esan, “airson comanachadh a ghabhail.”
Bheirinn mo mhionnan, ge b’e air bith ciamar a chaidh aig’ air, gun do choimhead a dhà shùil dìreach ’nam dhà shùil-sa. Bha an sealladh na b’uabhasaiche na’m fiaradh. Cha do dh’fhàg a shùilean mo shùilean, is bha mo theanga tioram, cleabach ’nam bheul nuair a thuirt mi, “Iain, a dhuine, nach tric a chual’
Ma dhrùidh e air Iain dè a chuir stad orm, cha do leig e air is lean e air. “Tha feum agamsa bhith taobh a-staigh a’ ghàrraidh sin.”
Cha do thog e a shùil dhìom is cha do shuath e am fallas a bha nis a’ srùthladh sìos a lethcheann. Thug mi ionnsaigh eile air cùisean a dhèanamh soilleir dha. “Ach, Iain,” thuirt mi, “tha e iomchaidh gum biodh caitheamh-beatha an neach a ghabhas air fhèin tighinn gu Bòrd an Tighearna a rèir. … ”
“Chan eil tìde agamsa,” bhris e staigh gu h-earailteach. “Tha feum agamsa air an dìon seo a bhith agam gun dàil. Tha m’anam is mo bheatha an crochadh air seo.”
Is iomadh fear is tè a thàinig thugam a dh’iarraidh comanachaidh, ach cha tàinig neach air bith air a’ mhodh seo. Riamh.
“Ach, Iain,” thuirt mi, is cha d’fhuair mi cothrom air a’ chòrr.
“Eisdeadh sibhse riumsa,” ars’ esan, “oir feumaidh mi bruidhinn.”
Bha mise ’nam thosd aige fo smachd is cho umhail is a bha’n cù a bha ’na laighe air a’ ghreabhal, a bhus air a spògan.
Ged a bha mise ’nam thosd, is ann a thionndaich Iain bhuam gun ghuth aige airson ùine. Chionn ’s nach robh amharas no aithne agam air dè bha cur air, cha robh facal agam fhìn. Nuair a thàinig facal thuige, is ann ann an guth fann a thuirt e, “Saoil sibh a bheil mi call mo rian?”
“Gu dearbha, chan eil,” thuirt mi, ged nach robh dearbhadh sam bith air a leithid.
Leig e seo mu chluais, ach thug e nèapaicin dearg le ballan geala as a phòca is shuath e am fallas far aodainn. Ged a bha mis’ anns an làthair nuair a bhruidhinn e, bhruidhinn e mar gu robh e aig a thaigh a’ dol thairis ris fhèin air ceist a bha cur dragh air.
“Shiùbhlainn-sa gach monadh is gleann gun tilleadh, gun eagal, aig àm sam bith den latha no den oidhche.” Stad e, is e ’na inntinn a’ dol thairis air tursan a bha e mach air monadh feadh oidhche. “Shiùbhlainn e aig àm sam bith on a bha mi
Thiormaich e aodann is thug e an ath ionnsaigh air an aithris. “Tha caoraich dhubh-cheannach air a’ mhonadh àrd, is chaill mi caoraich is uain an-uiridh. Thuirt mi rium fhìn nach caillinn aonan am bliadhna ged a bhithinn a’ caithris. Ged a bhitheadh fad seachdain. Chan e sin duine a th’annam.
“Co-dhiùbh, cola-deug an seo air ais rinn mi air Beinn a’ Chealla air mo shocair. Bha mi air mothachadh gu robh caora no dhà a’ fagail an treud is a’ dìreadh gu trom leatha fhèin. Bha fios agam nach bu mhisd’ iad mise bhith teann orra airson latha no dhà.
“Suas air Beinn a’ Chealla tha seann tobhta taighe. Tha e ann an àite neònach, iomallach, is chan aithne domh cò riamh a chuir am balla air a chèile. Bha e an siud tro linn air an do chailleadh àireamh. Tha e ann an saoghal dha fhèin, ann an lagan bho nach fhaicear ceò taighe. Chan fhaicear ach an t-adhar is bideanan nam beann. Bho chionn bhliadhnaichean an seo air ais chuir mi fhìn mullach air le cabair den ghiuthas, oir chan eil e cho fada bhon choille. Gheàrr mi sgrathan a chuir mi air uachdar nan cabar. Thugh mi e le fraoch is bha e gu seasgair. Bha connadh agam deas airson teine an còmhnaidh. Ghiùlain mi seann doras suas bhon taigh agam fhìn is mar sin bha e air a dhìon.
“Cha tric leam an taigh agam fhìn fhagail gun phìos aran coirce is ugh bruich no dhà ’nam phòca. Tha mi coma ged a bhithinn air bheagan bìdh nuair a tha mi air a’ mhonadh. Fad ’s a gheibh mi deoch de thì dhubh mhilis, chan iarr mi mòran an còrr. Bhon a dh’fhalbh mo mhàthair chan eil neach air am bi iomnaidh ged nach tillinn airson oidhche no dhà. Mar sin, tha canna siùcair is tì agam anns a’ bhothan is fuiricheam ma thogras mi.
“Air an turas seo chaomhnadh e saothair dhomh fuireach shuas, oir bha còrr is aon chaora a’ dèanamh air a h-àite sònraichte fhèin. Mar sin, nuair a thuit dorchadas na h-oidhche bha teine math agam air is siuga teth tì deiseil, is shuidh mi
“Ach co-dhiùbh, bha ise glè thoilichte i fhèin a shìneadh ris a’ bhlàths, ach a’ fosgladh a sùilean a h-uile turas a ghluaisinn làmh no cas. Tha cuimhn’ agam gu robh mi a’ beachdachadh air mar a liath a bus is a mailghean leis an aois nuair a thuit mi ’nam chadal.
“Rinn mi cadal trom an sgìths, gun aisling.
“Dhùisg mi le bhith cluinntinn m’ainm air èigheach le guth cabhagach, earailteach. Ged a theirinn gun tàinig an guth thugam bho iomall fada ’n t-saoghail, dh’aithnich mi, ar leam, guth m’athar. Cha do ghluais a’ ghalla, ged a bha a sùilean orm. Chaidh mi chun an dorais is dh’fhosgail mi e. Cha robh rionnag no reul rim faicinn. Cha robh fuaim aig eas no aig sruth. Cha robh deò air gaoith. Dhùin mi’n doras is chuir mi fàd ri cùl an teine. Dhùin a ghalla a sùilean is chaidil mise.
“Chaidil mi, ach tha mi’m beachd nach d’rinn mi ach cadal goirid nuair a dhùisg guth m’athar a-rithist mi. Bha a ghuth ro earailteach. Is bha e faisg orm. Mar gu robh e dòcha taobh a-muigh an dorais.
“Chan eil na briathran agamsa a chuireas an cèill dhuibh dè thachair an uair sin. Ar leam gu robh nitheigin a’ feuchainn faotainn a-staigh thugam, is bha mi gu faiceallach air mo bhuinn, mo shùilean air an doras nach do ghluais.
“Bha a’ ghalla i fhèin air a casan, is i air tionndadh ris an doras. Bha a’ ghaoisid ’na seasamh mu chùl a h-amhaich is air cnàimh an droma. Cha tàinig fiù is dranndan bhuaipe, ged a bha a fiaclan ris is i a’ tarraing a h-anail gu goirt. Thainig biùg fann, geur bhuaipe is phlùisg i aig mo chasan. Cha tug mise mo shùil far an dorais.
“Cha robh nì ri fhaicinn, ach bha fios a’m le cinnt nach robh mi ’nam aonar. Chum mi mo dhruim ris a’ bhalla is mo shùilean aig àirde fear a bhiodh ’na sheasamh taobh a-staigh an dorais.
“Chan eil dòigh agam air dealbh dhuibh mar a chaidh Spiorad an Uilc an sàs ’nam inntinn, oir tha e do-thuigsinn do neach nach do chuir eòlas air. Bhuail gach drabasdachd is gach truaillidheachd orm is mise a’ sabaid ’nan aghaidh. Thàinig an smuaint thugam nach bu mhise idir a bha sabaid an aghaidh an Uilc a thàinig a daingneachd Ifrinn.
“Saoilidh mi gun do dhealaich m’anam bho m’chorp, as an do leagh an neart gu tur, is gun tàinig spiorad eile gam neartachadh, inntinn eile gam stiùireadh. As aonais sin bhithinn air tuiteam mar a thuit a’ ghalla. Ach ciamar a dh’fhaodadh aon nì dhe sin tachairt? Ar leam gum b’e guth m’athar a chluinninn—fad as, ach ’nam chluais—ag èigheach, ‘Seas do ghrunnd. Seas do ghrunnd.’ Aig an àm cha robh seo mì-nàdurra idir. B’ann an dèidh làimh a chuimhnich mi gum b’fhada bhon a shiubhail e is nach b’e fear-sabaid a bh’ann ach duine ciùin, sìobhalta. Ach cha toirinn gèill, cha chuirte cuing den olc orm. Ach chluinninn mi fhìn a’ sireadh cobhair. Bha mi ’nam bhlàr cogaidh aig feachdan uabhasach nach faca mi. ’Nam gheur-àmhghair, leagh an smior ’nam chnàmhan, ach chluinninn an guth is chaidh agam air mo cheann a chumail an àird, mo shùilean air an doras.
“An uair sin bha mi leam fhìn, is thug mi taing do Dhia, mis’ aig nach robh feum air Dia. Ged a dh’fhalbh na feachdan eagalach, shaoil leam gu robh an samh ’nam chuinnean mar a bhios anns an Iuchar nuair a thig mi air caora mharbh a tha air grodadh le cnuimheagan. Ach na bu mhiosa, na bu mhiosa na ged a bha a h-uile caora a chaill mi riamh air an càradh air muin a chèile ann an sloc.
“Cha do shuidh mi, ach chum mi mo chasan gus an robh an latha breac-gheal is dh’fhalbh mi. Ghiùlain mi a’ ghalla air mo shlinneanan gus an robh sin am fianais thaighean is an uair sin rinn mi sloc dhi. Ged a bha bìdeag agam ri giùlan, cha robh an cridhe agam a dh’fhàgadh a’ bhrùideag chòir anns an lagan
“Thug mi sùil air caoraich is rinn mi air an taigh. Cha robh nì air atharrachadh, ach mise. Bha mi air mo chlaoidh mar gu robh mi air a dhol tro thinneas mòr. Tha fios agam nach bi mi aig fois gus am bi dìon tròcair Dhè agam. As aonais, tha eagal orm gum bi mi caillte ma thèidear an sàs annam turas eile.”
Choimhead an dà shùil orm is iad a’ dèanamh impidh nach b’urrainn domh a dhiùltadh. Airson priobadh cha b’e aodann Iain a bha mu mo choinneamh. Ar leam gu robh cumadh aodainn air atharrachadh. Ach dè an dealachadh a tha eadar aodann manaich is aodann neach eile?
Bha fios agam gu feumainn cunntas a thoirt do na h-èildearan, ach thuirt mi gun dàil, “Gheibh thusa an dìon a tha thu ag iarraidh.”
Cha tug e taing dhomh, ach aig an fhacal sheas e, a’ toirt crathadh beag air a shlinneanan mar a nì neach air cliabh mònadh no beairt fraoich a leigeil dheth, is thuirt e, “Bidh mi togail rithe, ma-tha. Chì mi sibh air latha na Traisg.”
Cha do dh’fhuirich e’n còrr , is bu ghann a ruig mis’ an uinneag nuair a chunnaic mi e cromadh is a’ cur a làmh air ceann a’ chuilein a’ toirt cead èirigh dha.
Chan urrainn domh a ràdh gu robh atharrachadh mòr air a chaitheamh-beatha, ach aon nì don do mhothaich mi: cha bu duine mòr bhriathran riamh e, ach nuair a dh’èireadh e air a’ Cheist air latha nam fear bha ùghdarras ann a chuireadh an coithional gu lèir fo bhuaidh.
Agus phòs Sìneag e ged a bha e ion ’s a dhà shinead rithe.
title | 4 |
internal date | 1987.0 |
display date | 1987 |
publication date | 1987 |
level | |
reference template | Watt Gun Fhois %p |
parent text | Gun Fhois |