[63]

6

Ged a bha mìosan fhathast mun tigeadh dearbh-ghairge a’ gheamhraidh, bha sgurraigean troma daonnan ag atharrachadh an cumadh, ach daonnan amairtinn maoidheachail; bha gaoth chuairtlean asgiùrrsadh nan duilleagan crìonanan cuairteagan geolamach sìos an ceum-coise. Ach bhris aon ghath grèine tron duibhre ghruamach is dhfhiar e staigh tron uinneig, acur beòthalachd shiùbhlach air an fhalt òr-bhuidhe nach do ghluais. Thog an dithis fhear a bha crom oirre an sùilean gus an iarmailt ghruamach, is nuair a leag iad iad a-rithist, ged nach ann ach fad priobadh na sùla, ar leotha gu robh am falt dealrach nach do ghluais air a lainnir a chall mar gun crathte dus mìn air. Be am poileasman a bhruidhinn: “Siud agaibh leabhar-latha air an tàinig mi. Dòcha gum bu mhath leibh sùil a thoirt ann mu sgrìobh sibh ur co-dhùnadh.”

Bheir mi sùil ann is bheir mi dhut e màireach nuair a thilleas mi don oifis.”

Thug iad sùil eile air an fhuilt dheirg, is gun a cead iarraidh dhfhalbh iad.

Bha am poileasman afosgladh doras achàr nuair a dhèigh an doctair, “An stad thu mionaid?” Thug e sùil air toiseach achàr aige fhèin mun do ghabh e ceum rathad an fhir eile. “Theab mi a dhìochuimhneachadh. ach nach do mharbh mi an cuilean beag geal aig Niall Alasdair air mo rathad a-nall.”

An àite a fhreagairt, thug am poileasman sùil feadh aghàrraidh is laigh a shùilean air bad fhlùraichean a bha fhathastna sheasamh. Bha na duilleagan crìona mun cuairt dha ag èirighnan cuairteagan mear, ged a bha meòirean marbhtach agheamhraidh air gach eile a chur gu fois. Mar nach cuale


[64] thuirt an doctair, thuirt esan, “Seadh, is tha sibh am beachd gum be bàs nàdurra a fhuair i?”

Bha an doctair car goiridna fhreagairt. “Mar a thubhairt mi, chaidil i gu nadurrach ach cha do dhùisg i as a cadal. Ach carson nach do dhùisg i chan eil mi fhathast atuigsinn. Ach airson achuilein: cha rachadh agam air a sheachnadh air dòigh sam bith.”

Cha robh cothrom agaibh air. An innis sibh do Niall mar a thachair, is an toir sibh brath don oifis aig an àm a thadhaileas sibh? Mar sin leibh.”

Le sin dhealaich na fir, agabhail an rathad fhèin.

Ged a chaidh an leabhar, a dhfhosgail an doctair air an oidhche nuair a fhuair e fàth a bhith leis fhèin gus a leughadh, a dheagh làimhseachadh, cha be seann leabhar a bhann. Is e leabhar math tiugh a bhann, mar gu robh an a cheannaich e am beachd deagh fheum a dhèanamh dheth. Ach cha do chuir i ach beagan de dhuilleagan gu feum. Sgrùd e an làmh-sgrìobhaidh is thionndaich e duilleag no dhà mun do thòisich e air leughadh. Bha an làmh-sgrìobhaidh air na ceud dhuilleagan cruinn, daingeann, ach na faclan aruith a chèile mar gu robh an a sgrìobh deas-chainnteach. Mun tàinig an leabhar gu chrìch mhothaich e gun tàinig atharrachadh air amhodh sgrìobhaidh. Dhfhàs an sgrìobhadh na bu lugha; bha gach facal aseasamh leis fhèin mar gun deach a h-uile facal a thaghadh le cùram. Chrom e ris an leughadh.

Di-màirt, an 3mh latha. An fhois, an t-sìth, an dèidh na gleadhraich ris an do chuir mi cùl! Be an t-Agh a stiùir mi an seo. Bidh mi air math-nuadhachadh mu ruith mìos, mu ruith seachdain. Than taigh is àirneis an taighe nas fheàrr na gheall iad a bhitheadh e. Bidh tìdagam gus leughadh is èisdeachd ri ceòl. Dòcha gun cuir mi ceòl ri chèile. Aig achar as lugha, buainidh mi na luibhean a tha gu inbhe bhig air an gàrradh a chur fodhpa fhèin. Caidilidh mi nis, is a-màireach, is a-màireach, agam rim mealladh. Còrr is fichead màireach, màireach airson gach bliadhna de maois. Tha mi air mhisg le toileachas. Gòraiche.


[65]

An 4mh. Dhùisg dealradh na grèine mi as cadal suaimhneach. Mu mchoinneamh air taobh eile an uisge chì mi sreang thaighean: eaglais is bùth is oifis puist, is mar sin. Ged a tha iad cho teann orm, tha meur mara gam chur-sa air leth. Chan eil ach aon taigh eile air an taobh seo. Choisich mi timcheall ceann an locha gu oifis aphuist sa mhadainn. Choisich mi air mo shocair, agabhail tlachd ann an iullagraich nan tonn; na liaththruisg air na teudan; clamhan air sgèith; is daoine, gu h-athaiseach, mar gu robh uilt air ragachadh le iomadh foghar, asgioblachadh. Ged a bha achuid mhòr dhiubh sean, bha iad agabhail brath air sìde math gus connadh geamhraidh a chàradh air a chèile, gus iodhlann is gàrradh a sgioblachadh. Ach air an socair. Mholamaid an latha is sheasadh iad acoimhead as mo dhèidh mar gu robh iad agabhail tomhas na ùire. Air mo rathad dhachaigh lean cuilean beag geal mi bhon taigh air an taobh seo. Bha e snotadh gach tom, ag èalaidh mu mchasan gus an do ruig e ions an geata. An uair sin, mar gu faigheadh e leòn bàis, sheas ena bhuinn, rinn e aon donnal guinte, thug e sùil gheilteach, amharasach ormsa, is theich e mar a bheatha, a bhrù ris an làr, earball sìnte dìreach bhuaithe, a chluasan ri chlaigeann. Chan fhaca mise a chuireadh eagal air. Chaith mi am feasgar gu tur anns aghàrradh, gu tric is gu sona acoimhead mun cuairt. Nis, gu sona gu cadal.

An 5mh. Lainnir grèine, lainnir mara, lainnir gach a tha gluasad, gach a tha. Ged nach robh ceann gnothaich agam, choisich mi a-null ceann an òib is chuir gach neach a choinnich rium fàilte shuairc orm. Sheas mi abruidhinn ri seann duine a bhana shuidhe air gàrradh cloiche. Bha e mar cheist air carson a thàinig mi don àite idir, is chuir e acheist rium. Leag e a shùilean is sgrùd e an ùir aig a chois nuair a thuirt mi nach robh adhbhar ach gun do bhuail sgeum mi nach gabhadh diùltadh, is gu robh mi glè thoilichte gun tug mi a srian dhi. Nuair a bhruidhinn e rithist, is e a thuirt e, “Tha mi toilichte dfhaicinn afalbh ceann-ruisgte. ’S e call a bhios ann nuair a thèid dealradh an fhuilt sin fhalach.” Ach an smuaint a chuir bròn air? Cha do lean an cuilean mi cho fada an-diugh.


[66] dhfhàg cho amharasach e? Sheas e adian-choimhead as mo dhèidh mun do thill e dhachaigh. Fois, fois. Is cadal.

An 6mh. Fannachd foghair air an latha ceò aciaradh nam mullach, duilleagan atuiteamnan àm, as dèidh , gun seachnadh aca air. Cha robh de mhisneachd agam luibh a spìonadh no a ghearradh.

An 7mh. Latha neònach. Bha ciurach uisge ann sa mhadainn. Cha tàinig grian ris. Ach bha mi cho sona leam fhìn aleughadh is ag èisdeachd ris an rèidio. Agus a-nis. Chan eil mi airson gun dìochuimhnich mi mar a thachair. Mar gum burrainn domh. Chuir mi air an rèidio, ach ged a bha am feasgar aciaradh cha do chuir mi air an solas is cha do tharraing mi cùirteanan. Bha mi gu sona ag èisdeachd ceòl aotrom Debussy nuair a chuala mi guth achiùcharain ag ràdh, “Leig a-staigh mi. Leig a-staigh mi.” Chuir mi dheth an rèidio. Cha robh guth ri chluinntinn. Chaidh mi chun na h-uinneig ach cha robh neach ri fhaicinn. Chaidh mi chun an dorais is dhèisd mi. Cha robh fiù is duilleag aghluasad. Thill mi is chuir mi air an ceòl a-rithist. Ann an tiotan thàinig an guth a-rithist, ach fann, neo-dhòchasach, guth leanaibh ag èigheach, “Leig a-staigh mi. Tha mi leam fhìn. Leig a-staigh mi.” Gu socair, chuir mi dheth an rèidio is cha robh guth. Chaidh mi feadh an taighe gu lèir is cha robh glid no glaid. Cha robh duine ri fhaicinn a-staigh no muigh. Cha do chuir e eagal orm ach chuir e ioghnadh orm. Agus truim’ -inntinn.

An t-8mh. Latha foiseil is a-nis cadal gun aisling. Tha min dòchas.

An 9mh. Latha bàidheil ach gun ghrèin. Bha mi trang sa ghàrradh nuair a thadhail am ministear. Chunnaic mi roimhe seo e is mi air mo chuairt. Seann duine a bha sgairteilna òige ach a tha nis air cromadh. Cha tèid dad seachad air na sùilean mòra domhain ud. Tha cuimhnagam gun do sheas e acoimhead as mo dhèidh acheud turas a thachair mi ris. Aithinne as an losgadh? An-diugh, be fuaim abhata a tha e acleachdadh, is e abualadh nan clachan beaga, a thug rabhadh


[67] dhomh nach robh mi leam fhìn. Bhruidhinn sinn air siud is air seo mun duirt e, “Bfheàrr leam gun tigeadh tu don eaglais.” Cha do dhfheith e ri freagairt, ach dhfhalbh e le ceum goirid, cabhagach na h-aois. Sìos an ceum sheas e, a cheann crom mar gu robh e ag èisdeachd ri guth air choreigin. an guth?

An 10mh. Fannachd foghair. Fois aig gach ach agamsa. Dhobraich mi mun ghàrradh. Air an fheasgar chaidh mi dhachaigh is nuair a shuidh mi chuir mi air an rèidio aig bann a trì. Dhèisd mi ri ceòl Purcell. Beagan mhionaidean, is chuala mi an ciùcharan. Chuir mi dheth an rèidio is mi cuimhneachadh gum bann ri Rèidio 3 a bha mi ag èisdeachd nuair a chuala mi an guth roimhe seo. Choimhead mi mun cuairt. Cha robh as àite. Chuir mi air an rèidio is thàinig an guth gu h-ealamh: “Leig a-staigh mi. Tha eagal orm bhon dorchadas. Leig a-staigh mi.” Thionndaich mi na putain air an rèidio air mo shocair a-null is a-nall. Air gach bann cha robh ach ceòl is bruidhinn àbhaisteach. Air ais air an treasa bann bha ceòl, is air a chùl bha osnaich ghoirt leanaibh. as ciall dha? Chuir mi dheth an rèidio is shuidh mi fada asmuainteachadh. Tha min dòchas gu faigh mi cadal.

12. Tha mi gun fhois feadh an latha, ach mi cadal trom, neònach air an oidhche.

13. Chuala mi rithist e. “Na bi rium. Cha dèan mi cron. Na bi rium.” mi? no tha ri sireadh?

14. Chan eil mi dol a dhèisdeachd ris an rèidio tuilleadh.

15. Theab mi dhol don eaglais, ach cha deach.

18. Tha mi air cur romham mi: tha mi dol ga fhiathachadh a-staigh; thigeadh am fear a thig.

21. Latha brèagha ciùin is mi gu sona leam fhìn. Ciamar a thèid mi air ais am measg dhaoine is gleadhraich abhaile? Ach mun caidil mi, mo naidheachd. Air an fheasgar bu ghann dhomh an rèidio a chur air, is e nis daonnan aig bann a trì, is gun sùim agam de naidheachd rìoghachd no eile, nuair a chuala mi ràn cràiteach leanaibh. Chuir mi dheth an rèidio is gu dàna


[68] chaidh mi chun an dorais is dhfhàg mi e fosgailte gu chùl. “Thig thusa a-staigh còmhla riumsa. Than taigh blàth, aoigheil. Thig far a bheil mi.” Cha do dhèigh mi ach bhruidhinn mi gu nàdurra. Ar leam gun do ghluais neòineanan corcair, is gun ghaoith gan crathadh. Bhan gluasad cho fann is gu faodte gun do mheall mo fhradharc mi. Choisich mi timcheall aghàrraidh. Cha do ghluais , is air mo shocair chaidh mi staigh a-rithist, adùnadh an dorais. Chuir mi air an rèidio. Cha robh ach Beethovenna chumhachd adearbhadh a chreideimh. Cha robh ràn no gearain. Dòcha gum bann ri faoineis a bha mi, ach tha minntinn aig fois.

22. Chan eil aithreachas orm is tha fois gam chòmhdach. Tha cadal atoirt spionnadh ùr dhomh. Chan eil ach guthan nàdurra bhon rèidio.

23. Aisling neònach na h-oidhche raoir. An robh minam chadal nonam dhùisg? Ar leam gu robh meòirean beaga fuara asliobadh maodainn, mo shùilean is mo ghruaidhean. Cha robh minam chadal. An cuala mi gàire fann? Dhfhosgail mi mo shùilean ann an sàmhchair an dorchadais. Chuir mi mo mheur air mo ghruaidh. Chuir mi air an solas. Bha leòmann mhòr, ghaoisideach, dhonn ag itealaich mun t-solas. A bheil meòirean fuara air leòmann?

24. Latha brèagha is mi fhìn gu sunndach. Choisich mi gu oifis aphuist. Bham bodach, mo charaid, ’na sheasamh is uchd air aghàrradh chloiche, pìobna dhòrn. Is ioghantach amhoit a chuireas e orm nuair a mholas e maise mfhuilt. Mus robh sinn fada acòmhradh thuirt e, “Is cuin a tha thu am beachd falbh?” Cha be ceist gun seagh a bhann da, ar leam, ged nach do lean e mo fhreagairt. Is e a thuirt e, is a cheann crom, “Tha falt ruadh oirrese cuideachd.”

air?” dhfhaighnich mi fhìn.

Air an leis a bheil an taigh,” fhreagair e gu goirid, tioram, mar nach robh e airson an còrr cheistean.

Ach carson a dhfhàg i?” dhfhaighnich mi.

Dòcha gu robh i airson dealbhan eile a dhèanamh. Ach chan fhios am. ”


[69]

Càite air an t-saoghal am faigheadh i àite a thoilicheadh sùil is làmh dealbhadair na bfheàrr na seo?” thuirt mi. Cha do fhreagair e, ach chuir e a phìobna bheul is thuig mi gum bfheàrr gun cheist an còrr a chur.

25. Latha grianach eile, ach cha deach mi mach. Chaidh mi suas air an lobhta, far nach deach mi gus an-diugh fhèin. thug ann mi? Thug an a chuir an rathad seo mi. Fhuair mi an a bha mi ag iarraidh. Am measg tòrr dhealbhan gun chèis fhuair mi aon dealbh sònraichte. Cha be an làmh a dhealbh càch a dhealbh am fear seo is cha deach crìoch a chur air. Bha leanabh gille, dòcha aon trì bliadhna dhaois, ’na sheasamh mu choinneamh bagaid de neòinean an Fhèill Mhìcheil. Bha fhalt cho deàrrsach ri copair lainnireach. Bha a dhà làimh an togail ri neacheigin is a shùilean mòra, donna, bàidheil, gun fiamh gàire, gu balbh asireadh. Thog mi an dealbh is chuir mi gu teann ri mbhroilleach e is shuidh mi fadanam ghurraban is minntinn troimhe-chèile. Cha do dhealaich mi ris an dealbh fad an latha is mur robh mi coimhead air bha e fo machlais. Bheir mi leam an dealbh ach càit a bheil an leanabh?

26. Bha mi gu foiseil sona fad an latha. Tha mi air mothachadh gu bheil mo mhodh cadail air atharrachadh bho chionn oidhcheannan air ais. Nuair a tha minam chadal tha mi mothachadh do mcholann afàs trom mar gu robh i gun bheatha. Coimheadaidh mi sìos oirre is minam chadal. Ach tha minntinn, no mi fhìn, glè riaraichte leis an staid seo. mi fhìn?

26. Is glice dhomh an t-àite seo fhàgail gun dàil. mi a dhfhàgas?

27. Latha brèagha eile, ach am foghar atoirt àite suas do na mìosan marbha. Chaidh mi null gu oifis aphuist. Chunnaic mi am bodach air a bheil mi air eòlas a chur ationndadh dhachaigh gun fhàilte a chur orm, ged a chithinn e adian-amharc orm tro uinneig. Bha mi airson beannachd a chur air. Dhfhàg fhuarachd mi cho aonaranach! Bha mi mar fhear don ddhiùlt caraid cùl-taic anns achath no mar fhear gun rath a’


[70] dol air slighe chunnartach. Nach mi tha faoin! Thachair mi ris a’ mhinistear. Thuirt mi ris gum bu mhath leam beannachd a ghabhail ris chionns nach bithinn an rathad a-rithist. Bha ena thosd gam sgrùdadh airson ùine, is an uair sin chuir e làmh air gach gualainn mun duirt e, “Meudail, meudail,” mar gum bann de dhearbh theaghlach fhèin a bha mi. “Gu robh rathad rèidh romhad is beannachd Dhè leat.” Dhfhalbh ena throtan is gun sùil air ais. Chan eil mi tuigsinn nan daoine seo. An toiseach bha mim beachd gum bann den chomann mi, ach a-nis tha mi air mo dhùnadh a-mach. Ach air an làimh eile, than cuilean geal air fas dàna a-rithist is an-diugh lean e mi dhachaigh. Rachadh e air a dhruim dìreach air bruaich an rathaid, a cheithir spògan ris an adhar. Bha mim beachd gu robh e feitheamh gus an slìobainn e, ach cha robh e fhèin, is mu ruiginn e dhfhalbhadh e, aleum is abocail is acluich ri fhaileas. Ri fhaileas? Bha e acluich co-dhiùbh. Chuir e leth an fheasgair seachad anns aghàrradh, dòcha aruagadh nan duilleagan crìona, ach gun tàmh air. Ged a bha misa-muigh airson speile, bu bheag leis mo chuideachd. Be an sgìths a chuirna chadal e fo sgèith abhad phurpair a dhfhàg mina sheasamh is a bha dealrach bho ghathan grèine a bha cromadh dearg. A-nis gus cadal cho sona ris achuilean bheag.

28. Aisling neònach agam a-raoir. Dhfhàg i a blàth air an latha. Dhfhàg mi a’ cholann… is tha mim beachd a-nis gu bheil mi ris achleas seo gu tricagus airson greiseigno airson ùine mhòirchan aithne dhomhbha mi asiubhal ann an àite grianach ged nach robh grian ri faicinn. Dathan oirdheirc abhogha-fhrois ag iullagraich mun cuairt is mi fhìn is an cuilean beag geal a bha còmhla rium air ar còmhdach ann an sgaile ceòthach air an do shiubhail sinn gu h-aighearach. Ach càit an robh sinn? Chan eil coin ann an Nèamh ann, their iad. Cha robh iarraidh agam air tilleadh. Nach gòrach mi acur sùim ann an aisling. Cha ghòrach idir.

29. Chan eil iarraidh agam a-nis air dùsgadh, ged a tha mi toilichte gu leòr feadh an latha. Chan eil agam ach trì oidhcheannan, latha. Chuir mi seachad achuid mhòr den


[71] latha a’ rèiteach a’ ghàrraidh, ach cha robh de chridhe agam an neòinean purpair a ghearradh. B’ann an siud a sheas an gilleachan. Dòcha a-màireach. Nis tionndaichidh mi air an rèidio mar a thogras mi is cha chluinn mi an ciùcharan is tha mi sona. Ach bheir mi leam an dealbh is pàighidh mi na dhiarras i air. Dhfheuch mi ri dealbh achuilein a thogail ach bu cho math dhomh feuchainn ri greim a dhèanamh air abhogha-fhrois. Saoil am bi e gam ionndrain?

30. Cha do chaidil mi a-raoir ged a bha mo shùilean dùinte. Ghlan mi an taigh bho bhràigh gu ìochdar. Air bòrd ìosal ri taobh na leapa mhothaich mi do làrach-làimhe nach bu leamsa. Làmh bheag, làmh leanaibh. Tha mi an dòchas gun caidil mi.

31. Cha do chaidil mi. Tha mi ro sgìth. Ach tha mi deiseil gus an ath cheum a ghabhail is tha fios agam gun caidil mi.

Cha deach an còrr a sgrìobhadh anns an leabhar-latha.

Ghabh i an ath cheum, ach am bann le toil?” Be seo acheist. “Agus an cuilean?” Cha robh fios aig an doctair ach nach robh anail innte fhèin no anns a’ chuilean.

title6
internal date1987.0
display date1987
publication date1987
level
reference template

Watt Gun Fhois %p

parent textGun Fhois
<< please select a word
<< please select a page