[72]

7

Fad aChogaidh bha minam mhinistear aig Feachdan aChrùin. Cha robh mi daonnan aig aghaidh cath is chuir mi seachad bliadhna air a ceann anns an dearbh àite anns an robh mi nis, ri neartachadh, ar leam, spioradan dhaoine a bha mim beachd a bha fulang gach seòrsa millidh air sgàth gu riaghladh Gràdh feadh an t-saoghail. Bha sin mun dfhuair mi mach gu robh gach fear asabaid gus an gràdhaichte e fhèin a-mhàin. Be an tuigse shearbh seo a fhuair mi a chuir air ais mi anns an dòchas gu faighinn dearbhadh, no eadhon faileas dearbhaidh, nach robh mi air dòchas gun bhunait a thoirt do na fir ògud, nach robh mi gam mhealladh fhìn is iadsan còmhla rium. Dhùin mi mo shùilean ann an taingealachd airson na fois. Fo theas an Iuchair bha an taigh is gach lus is craobh mun cuairt dha aig tàmh, gu ciùin. Thug mo chridhe leum bheag as, oir bann mar seo a dhealbh mi e iomadh turasnam inntinn fad nan dusan bliadhna bhon dhfhàg mi.

Nuair a thug mi an ath shùil mhothaich mi gu robh iomadh atharrachadh air àite a ghabhail. Cha robh an-diugh neach air a leòn no air a mhilleadh ann an inntinn no ann am bodhaigna shuidhe nona shìneadh afeitheamh gus am faigheadh e misneachd no slàinte gus an ath oidhirp a dhèanamh a bhith ris achath. Cha robh saighdear no banaltram rim faicinn mar a bha an uair a baithne dhòmhsa an taigh seo. Bha coltas air gu robh gach air a riaghladh le cùram is crìontachd, gach gu h-òrdail, rèidh. Laigh mo shùil air craobh leamhain far an robh calman acaoidh gu cadaltach, ach thionndaich mi rithist ris an taighmòr, stàiteil, le thuraid cheithir-oiseanach is le uinneagan àrda. Shiubhail mo shùil arannsachadh a-mach na h-uinneig aig


[73] an tric a sheas mi is minntinn ga lùireadh. Dhùisg cràdh a-rithist is thog pian a cheann mar nathair, ach dhèisd mi torman cadaltach achalmain is bha fois agam a-rithist.

Air dhomh dol a-steach bha mi, mar a baithne domh a bhithinn, ann an rùm fada is dorsan aig gach ceann. Bha na ballaichean gun atharrachadh, ach bha an t-àite seo gle ao-coltach ris an àite air an robh cuimhnagam. An uair ud bha bataichean-làimhe air an càradh ris na ballaichean afeitheamh na feadhainn a bha dèanamh oidhirp air coiseachd ri tacsa nam banaltram. ’Nan torran bha gach inneal cuideachaidh afeitheamh: bha lunn chas afeitheamh dhaibhsan nach leigeadh cuideam air cois, no dhaibhsan air nach robh cas. Air a thàirgneadh ris abhalla bha bòrd mòr fiodha, air an robh brath de gach seòrsa air fhàgailàm dannsa, àm cluich, àm a thigeadh daoine a thadhal, is mar sin. Riamh bhiodh còmhlan beagnan seasamh aleughadh is ag ath-leughadh gach brath.

An-diugh cha robh aithne air aon dad de sin. Dhfhalbh samh an tinneis is samh chungaidhean leigheis. Bha ultach de ròsan dearg atoirt aoigheachd len cùbhraidheachd, bha dealbhan is sgàthanan is sèithrichean comhfhurtail acur sgoinn air an rùm. Aig an àm seo cha robh neach san làthair, is iad a-muigh agabhail math an latha.

Chuir mi meur air aghliogan a bha air dasc, is bu ghann dhomh a thogail nuair a thàinig boireannach dreachmhor, suilbhir, far an dàrna taobh is an duinaice far taobh eile. Air dhuinn an latha a mholadh ri chèile, thuirt mi gum bu mhath leam beagan tìde a chur seachad ma bha rùm-cadail falamh acaoir is e taigh-òsda a bhann a-nis.

Thàinig stad bheag anns abhoireannach, is mhothaich mi gun tug i sùil air an duine mun duirt i gu robh i duilich ach gu robh an t-àite làn.

Bhithinn toilichte air cùil bheag sam bith,” thuirt mi, ach bha i acrathadh a cinn. Ach thug i sùil na bu ghèire orm is thuirt i, “A chiall, an robh sibhnurpadrean seo?”

Bha,” dhaidich mi, “ach chan eil mi gad aithneachadh. Cha biodh tusa achnad phàisde aig an àm ud.”

Ghàir sinn is dhinnis i an t-ainm a bhoirre, ach cha robh


[74] cuimhnagam air a leithid, oir bainneamh a dhainmichinn ainm, oir cha robh annta dhomh ach làmhan is casan ann an aodach soilleir. Ach thug sinn iomradh air an neach ud is an neach ud eile. Mar sin, nuair a thionndaich mi ri falbh thuirt i, “Bhuel, airson gur sibh a thann, tha rùm beag annach tha staidhre ri dìreadh.”

Cha chuir sin tilleadh annam fhathast,” thuirt mi gu sunndach.

Aig bonn na staidhre sheas i mionaid mar nach robh i dearbh-chinnteach ach, le sùil air druim an fhir a bha arèiteach rudan a bha a cheana rèidh, thuirt i, “Cuimhnichibh, mur còrd an t-àite ribh chan eil agaibh ach leth an fhacail a ràdh is tuigidh mise.”

Ma bheir e saorsa do dinntinn mi sin; ach chan eil min dùil gum bi adhbhar diomb agam!”

Dhìrich mi an staidhre as a dèidh is, ged a bha i aimhleathainn seach an staidhre mhòr, cha robh adhbhar gearain an sin; is sheas sinn aig doras a bha leis fhèin anns an turaid. Nuair a dhfhosgail i an doras sheas i atoirt sùil mun cuairt feadh an rùm mun do ghabh i staigh.

Bu ladarna, tarmasach a bhitheadh am fear a gheibheadh coire don rùm seo,” thuirt mi is mi gabhail ceum chun na h-uinneig, trom faicinn craobhan fo dhuilleach is gàrradh air a dheagh chumail. Ar leam gun tàinig ospag fhann bho bilean mun do thionndaich i air falbh.

Chaidh mi sìos a dhiarraidh achàr a dhfhàg mi air taobh-rathad; is an uair sin, an àite eòlas a chur air na h-aoighean a bha nis atilleadh, shuidh mi gu sona aig muinneig adol thairisnam inntinn air còmhradh a bha eadar mi fhìn is iomadh duinòg. Nuair a thàinig àm cadail chaidil mi, is cha be sin a h-uile cadal.

Nuair a theàrnaich mi sa mhadainn, bha an duinaice trang aig an dasc, ach cha robh e cho trang is nach do sgrùd e maodann mun dfhreagair e acheist fhaoin a chuir mi. Nuair a bha mi ri mbhiadh mhothaich mi gu robh bean an taighe gam dhian-amharc mun tàinig i gu h-aoigheil a dhfhaighneachd ciamar a chaidil mi. Mhol mi suaimhneachd achadail is ar leam


[75] gum bann le làn-dhùrachd a cridhe a thuirt i, “Nach mise a tha toilichte,” mun do thionndaich i a fhrithealadh do dhfheadhainn eile.

Chaidh làithean geala seachad is oidhchean sona. Fhuair mi ùrachadh mòr; ar leam nach robh mi leam fhìn afuasgladh ceistean an t-saoghail. Ach riamh bha ise afeitheamh ri mo fhreagairt da ceist.

An latha a bha mi ga pàigheadh, is mi cur ri falbh, thug mi taing dhi airson a mòr-choibhneis fhèin, ach gu h-àraidh airson na fois a fhuair mi fo tughadh. Air cho olc, do-thuigsinn is a bha an saoghal dhomh, bha mi an dùil gu robh mi air math-uidheamachadh airson na còmhraig, is nam faighinn an rùm a-rithist bhithinn air mais an ath bhliadhna. “Ach ,” thuirt mi, “ an samh cùbhraidh a tha feadh an rùm aig àm sònraichte den fheasgar?”

Thàinig stad air an làimh a bha asgrìobhadh, ach cha do thog i a ceann nuair a thuirt i, “Saoil am be samh nan ròs a bhiodh ann?”

Chan e seo idir samh trom nan ròs,” thuirt mi rithe. “Is e a tha seo ach samh ro thaitneach. Tha e spìosrach, cùbhraidh. Cha deach agam air a lorg idir.”

Bha i cho fada gun mo fhreagairt, a peannna thàmh, is gu robh dùil agam gu robh ar còmhradh aig crìch, ach an uair sin thuirt i, “Am bi sibh ri ùrnaigh?”

Ciamar a bhithinn-sa beò gun faclan siridh is faclan taingealachd an còmhnaidh air mo bhilean?” thuirt mi le ioghnadh.

Choimhead i orm le fiamh gàire is thuirt i, “Ma tha sin mar sin, ’s ann as dòcha gun tuig sibhse nas fheàrr na mise acheist a tha cur cùram orm fad ùine.”

Seo an eachdraidh a fhuair mi bhuaipe, is i abruidhinn air a socair is gun misacur cabhag oirre nuair a thigeadh stad innte:

Bho chionn deich bliadhna air ais chuir mi fhìn is Terry a h-uile sgillinn a bhagainn anns an taigh seo. Bha sinn am beachdhotelchomhfhurtail a dhèanamh. Cha do chaomhain


[76] sinn saothair. Tha deagh ainm againn is saoilidh mi gun do choisinn sinn e.

Ach mhothaich sinn nuair a bhiodh an t-àite làna h-uile rùm ga chur gu feumgu falbhadh duine no dòcha dithis, adèanamh leisgeul faoin no gun leisgeul idir. Cha robh coire aca ri fhaotainn ri biadh no blàths, ri seirbheis no saothair. Bha e acur dragh gu leòr oirnn.

Air aon turas thàinig dòrlach nighean cho sunndach, mear is a chitheadh sibh. Bha àraidh ann cho bòidheach, dreachmhor ri nighean a chitheadh sibh. Bha ise acadal anns an rùm anns an robh sibhse. Ach bhon cheud mhadainn ar leam gun do chaill i nitheigin dhe dreach, is cha robh i idir cho mear. An dàrna madainn bha a sùilean dearg, trom, mar le cion cadail. An treas madainn bha a sùilean air at, cha bann a-mhain mar le cion cadail ach le deòir. Bha i gu tùrsach, deurasach.

Thàinig i fhèin is ban-chompanach dhi far an robh mi ag iarraidh ar pàigheadh, chionns gu robh iad airson falbh gun dàil. Thuirt mi gu robh mi duilich mur robh gnothaichean rin toil, achs ann a thionndaich an tèile orm, ag ràdh, ‘Cho sanntachs gu bheil sibh, chan eil mi tuigsinn ciamar a leigeas cogais leibh neach a chur don rùm-cadail ud!’

Chithinn gu robh cuid ri farchluais, is dhiarr mi iad a-staigh don oifis bhig againn fhìn gus an leigeadh i a h-inntinn rium.

Cha do chaidil an nighean seo bhon cheud oidhche a thàinig sinn. Cho luaths a thèid i suas don rùm ud, tha a leithid de dhoilgheas, leithid de dhàmhghair ga bualadh is gu sil a deòir gun adhbhar ach sin. Tha eagal ormsa gun dèan e tinneas dhi ma dhfhanas i oidhche nas fhaide.’

Cha robh facal agam dhaibh, oir bha mi air mothachadh nach robh seach den luchd-seirbheis deònach a bhith leatha fhèin anns an rùm ud.

Cheasnaich mi Terry, ged nach robh esan airson a bhith bruidhinn air a dhfhaodadh cliù na hotel a mhilleadh. Tha e coltach gu robh oifigeach air a dhroch leòn. Bha a cheann air a mhilleadh is bha eagal air gun cailleadh e a fhradharc. Thug na doctairean cead don nighean a bha e dol a phòsadh fuireach an seo. Bha i acadal anns an turaid. A h-uile latha theireadh


[77] e rithe a-rithist is a-rithist, ‘Na fàg mi. Tha eagal agam bhon dorchadas. Na fàg mi.’

Bhòidicheadh i gum biodh i ri thaobh ge be a dhèireadh dha. Bha Terry acantainn gu robh ionnsachadh aca le chèile, ged nach do chuidich sin iad. Le chèile chanadh iad faclan a bha toirt misneachd dha. Cha robh cuimhnaig Terry ach airusque dum vivam et ultra.

Ach bha barrachd air sin ann. Mas e bòid no seun a bhann, cha robh fhios.

Ach ragaich am bàs an teanga a bha asireadh is an uair sin an teanga a thug gealladh, oir cha do dhìochuimhnich ise a bòid, is chuir i as dhi fhèin anns an dearbh rùm anns an dfhuair sibhse fois.

Cha robh againn ach an rùm ud fhàgail falamh air eagal gum biodh an tuilleadh call oirnn. Cha burrainn dòmhsa coire fhaotainn don chreutair a chuir as dhi fhèin. Nuair a bhiodh mionaid agam rachainn suas is mi ga caoidh mar gum bu leam fhìn i. Ged nach faca is nach cuala mi , bhithinn abruidhinn rithe is aguidhe air a son. Beag air bheag shìolaidh àmhghair air falbh. An-diugh chan eil rùm ann as docha leam. Gus an tàinig sibhse cha do chaidil duinann bhon uair ud. Ach ar leam nach dfhuair i fois, gu robh i an siud afeitheamh. Ged tha fios agam gu bheil an eaglais ga chronachadh, ghabh mi orm dol an aghaidh teagasg na h-eaglaise. Bha mi sìor ghuidhe gu faigheadh a h-anam fois.”

Chan fhaic mi gun drinn thu dad as an rathad,” thuirt mi.

Ach nach can an eaglais, ‘Mar a thuiteas achraobh is ann a laigheas i? ’”

Ar leam nach do bhuin iadsan a tha den bheachd sin fiùs ri iomall truacantachd.”

Gheall mi gun tillinn nam burrainn domh. Ach riamh cha dfhuair mi cothrom. Ach rinn ise fàth dhi fhèin, is tha min dòchas nach eil iad dealaichte.

title7
internal date1987.0
display date1987
publication date1987
level
reference template

Watt Gun Fhois %p

parent textGun Fhois
<< please select a word
<< please select a page