[78]

8

Nuair a thòisich na bliadhnaichean ri bhithnan uallach do Sheòras bhiodh e acoimhead air ais an àite a bhith coimhead air adhart. Mar a cheadaicheadh an aimsir dha, ghabhadh e ceum mall a-nall chun an taighe agam. Dòcha ri fighe no fuaigheal, shuidhinn fhìn ag èisdeachd, acur ceist no atoirt beachd a rèir is mar a fhreagradh achùis. Bha iomadh dubh-fhacal is a dhà uiread de naidheachan taic aige gus na faclan a neartachadh. Be seo a bhaige air chùl beachd nach seachain sinn ar dàn.

Aig an àm seo be mobair a bhith ri reic leasachadh fearainn ris na tuathanaich, guanoissuperphosphatesis mar sin. An cois dha sin chuir mi eòlas air muinntir na dùthcha, oir bha mi atadhal uair sa bhliadhna airson ùine mhòir.

Nuair a bha mi sa chlachan seo bha mi acur suas aig dithis pheathraichean agus sin aon fhichead bliadhna, air is dheth. Bann air bàidhsagal a bha mi siubhal an uair ud, is aig ceann an latha bhithinn glè thaingeil mo bhrògan a chur dhìom is suidhe gu blàth. Bha oifis aphuist is bùth bheag aig Sìne. Bha Anna, a bu shine, acumail an taighe. bhoireannach dhòigheil. Tha mi alàn-chreidsinn gum baithne do Shìne gach fathann sgeòil a bha dol, ach bha i cho dùinte ri creachan na mara. Air an làimh eile, bha Anna cho bruidhneach ri bana-cheard, ach, chionns gu robh fios aig Sìne nach aithrisinn , bha cead aig Anna. Shuidheadh Anna, a sùil an dràsdas a-rithist air Sìne, is mu faighinn òrdan a chur ann an leabhar bhiodh naidheachd na dùthcha agam.

Cha robh sin gun fheum dhomh, oir feadh an latha rachainn bho thaigh tuathanaich gu taigh tuathanaich is cothrom agam


[79] beachdachadh air sprèidh is air fearann. Bha raointean fada gainmheachail an siud a bheireadh an diog as iomadh paidhir each, is feòil-dhearg air casan iomadh treabhaiche, mun tigeadh crìoch air obair earraich a h-uile bliadhna. Ged a bha an talamh aotrom, gainmheachail, le leasachadh is le saothair bheirte bàrr math dheth, is nuair a bhiodh tuathanach le teaghlach mhac ann cha robh caomhnadh air a h-aon dhiubhoir bu mhath an dìleab baile fearainn.

Cha baithne domh ach aon bhaile far nach robh mac ann gus an t-athair a leantainn, is be sin Baile nan Aighean, far an robh Dan MacFhearchair. ’S e àite beag sgiobalta a bhann, is shaoilinn gum biodh na h-oghaichean aig Dan ga mhealtainn, oir mur robh mac aige bha nighean ghasda aige. Chionns gum biodh tochar math leatha air chùl a h-eireachdais fhèin, cha robh cion shuirighichean air Màiri no cion luchd-cuideachaidh air Dan. Chuala mi fathann beag gu robh Mairi fhèin acoimhead gu coibhneil air Neacal, mac an t-saoir. Cha bann ri fearann a bha Neacal fhèin ach ann am bùth athar, far an do chaill e bàrr mheòireanna bhalach le dhol ro dhàna air inneal saorsainneachd. Ach cha robh an dìth sin acur tilleadh ann.

Bha Anna acumail meur air buille cuisle na dùthcha, ach uair is mi air a bhith tadhal Bhaile nan Aighean thàinig stad bheagna bruidhinn is leig i leis an stocainn a bha i acàradh tuiteam air a glùin. Mhothaich mi gum be stocainn leam fhìn a bhaice. An uair ud be briogais ghlùine is stocainnean fada a bha mi acleachdadh fads a bha mi dol feadh na dùthcha. Ach mun dfhuair mi cothrom an leabhar òrdanan fhosgladh thuirt Anna, “Eil fhios agad, chaidh droch ghuidhe a dheanamh don bhailud.”

Ma chaidh,” arsa mi fhìn, “chan eil dad dheth ri fhaicinn.”

Nach eil a-nis?” arsise is i na bu ghiorra na bàbhaist.

Chan fhaic mise,” thuirt mi fhin, “baile fearainn cho sgiobalta, torrach ris air mo chuairt.”

Dìreach sin,” arsise, “is gach fear a thig am beachd gu faigh mac dha math a shaothair. Gabhaidh fear an dèidh fir am bailud, ach air cho lìonmhor a shliochd cha lean am mac an t-athair is cha lean ogha gus an tig Frisealach don àite. Air cho cùramach,


[80] faiceallach is a tha gach fear, thig aimhreit no -shealbh air choreigin. Cha bhiodh fios agad gun do chaill Dan MacFhearchair an t-aon mhac a bhaige? Is ann an dòigh gu math neònach cuideachd?”

Tud, Anna, nach iomadh neach a lot nathair roimhe seo,” thuirt Sìne, a bha ag èisdeachd mar a bàbhaist.

Chan iomadh,” arsAnna gu goirid, grad. “Is nam biodh esan air a bhith cosg stocainnean clòimhe mar a bha balaich eile, an àite nan socsa thana chotain a thug fearas-mhòr a mhàthar dha, bhiodh e air a bhith beò an-diugh. Ach cha bhitheadh. Bhiodh e air falbh air dòigh eile.”

Ciamar seo?” arsa mi fhìn, oir cha robh mi airson gum biodh faclan eadar na peathraichean.

Be Sìne a fhreagair. “Tha Anna atighinn thairis air seann fhàisneachd a chaidh a dhèanamh a thaobh Bhaile nan Aighean.”

Bha fios agam, òrdan ann no as, is cead aig Anna, nach faighinn fàth air peann a chur air pàipear gus am biodh crìoch air an sgeul. Shocraich mi mi fhìn is thuirt mi, “Seadh, Anna, is ciamar a bha?”

Ghabh Anna a tìde is chuir i a blas fhèin air an naidheachd aithris. Cha tèid agamsa air a h-aithris mar a dhaithris Anna i, ach fòghnaidh e dhomh a ràdh gun do ghabh fear tuathanachas Bhaile nan Aighean ann an linn a tha nis fada acnàmh anns an ùir. Chan eil fios an-diugh an ann le ceilg no le fòirneart a fhuair an duine seo an t-airgead a ghabh am baile. Chan eil fios am baithne dha am fear-turais a thadhail air air feasgar, fear nach do dhfhàg air madainn. Am be fear a bhann a lorg a-mach e is a thàinig a dhiarraidh a chuid? Chan eil fhios. Ach tha e coltach gun do leòn is gun do phrann fear Bhaile nan Aighean an duine truagh seo, is sin cho goirt is gun do dheug e leis amhilleadh. Le anail mu dheireadh mhallaich e fear aBhaile is na thigeadhna dhèidh. Rinn e fàisneachd nach leanadh am mac an t-athair anns aBhaile ud gus an tigeadh Frisealach, fear de chinneadh fhèin, ann. Is riamh cha do lean. Is riamh cha tàinig Frisealach. Is riamh, ge be liuthad mac a bhiodh ann de chinneadh eile, thigeadh aimhreit, no bàs, no


[81] bochdainn eile orra, is dhfhàgadh iad is thigeadh fear dòchasach eile.

Ach air an turas seo, bu ghann dhomh mo phìob a lasadh an dèidh mo shuipreach gus an duirt Anna, is i air oir a sèithir,

Eil fhios agad, tha Frisealach air tighinnn dùthaich.”

Le sin shuidh i air ais is phaisg i a gàirdeanan is dhaom i a ceann rium turas no dhà.

Bhiodh pìos as ùr ris an eachdraidh a h-uile turas a thillinn. A rèir choltais, is e balach sunndach gasda a bhan Tòmas Friseal, is bha deagh ghuidhe na sgìraige nuair a phòs e fhèin is Màiri. “Chì sibh a-nis,” theireadh Anna, is i afeitheamh gus an tigeadh oighre. Is e leanabh nighinn a bhaca. Ach nach tigeadh gillean fhathast?

Ach mun tàinig gille thàinig an Cogadh Mòr. Dhfhalbh Tòmas mar a dhfhalbh iomadh fear eile. Cha robh air am fàgail ach seann MhacFhearchair is Màiri is Ceiteag bheag. Thigeadh fear dhachaigh air fòrladh is bhiodh naidheachd air fear eile, math no dona gum bitheadh i. Air Tòmas, aon uair is gun deach e don Fhraing, cha robh guth. Ged robh amhuir no an talamh air a shlugadh, cha burrainn brath na bu lugha tighinn air.

An toiseach bha sùil aig Màiri ri brath leis a h-uile post, ach brath cha tàinig. Riamh. Bha Màiri fhèin toilichte nis gu robh an t-seann fhaisneachd air chuimhne, oir chaidh a dùsgadh a-rithist gus misneachd a thoirt dhi. Is daonnan bha obair ri dèanamh, ach ann am beagan tìde bha eich is luchd-obrach glè ghann feadh na sgìre, is bann an uair sin Neacal gu tric gan cuideachadh, oir chionns gu robh e dhìth bàrr mheòirean cha deach esan a thogail don Arm. Bha bliadhnaichean a h-òige adol seachad gu goirt aig Màiri is gun ghuth air Tòmas. Mar sin, aig deireadh aChogaidh, cha do ghabh neach ioghnadh nuair a chualiad gu robh Màiri is Neacal adol a phòsadh. Cha robh Anna toilichte.

Ach mun deach an snaidhm a cheangal thill Tòmas. Bidh e coltach gu robh ena phrìosanach ri obair fearainn ann am bad iomallach den Ghearmailt. Chan eil fios le cinnt ciamar a bha. Ma bha aimhreit no dragh eadar Màiri is Tòmas, cha chuala sinn; ach tha fios agam gu robh Neacal shuas aig Baile nan


[82] Aighean agabhail beannachd leotha mun do dhfhalbh e do dhAimeireaga. Cha robh guth air nuair a rugadh oighre ann am Baile nan Aighean.

Aig an àm ud bha a h-uile fear asabaid ri tighinn beò a-rithist, ach bha Baile nan Aighean gu sgiobalta fhathast, is na Frisealaich mar theaghlaich eile. ’Na cruth bha Ceiteag glè choltach ri h-athair, agus bu tric a ghabh Màiri fhèin tlachd an sin is gun ghuth air Tòmas. Bha Dan, a fhuair ainm a sheanar, coltach ri mhàthair ach cho dlùth ri Tòmas is ged a be fhaileas e. Cha robh ceum a dhèanadh Tòmas nach robh am fear beag ri shàil, is cha do dhiarr iad riamh a bhith air a chaochladh. Ged nach robh an còrr teaghlaich ann, dhfhàs Màiri i fhèin gu cruinn ruiteach.

Chan eil cuimhnagam cuin a mhothaich mi nach robh aig Anna air a bhith bruidhinn air Tòmas no air Dan, ged a bheireadh i a h-iomradh geur fhèin air bàs is air banais feadh na sgìre. Nan togainn fhìn an t-ainm aca dhùineadh i a bilean no theireadh i gu dubh, “Fuirichibh. Cha mheall sinn an fheadhainn ud is cha dèanar fanaid orra.” iad cha chanadh i. Anns acheann thall stad mi atoirt iomradh idir air Baile nan Aighean.

Ruith tìde.

An ath iomradh a thug Anna air, bann nuair a thòisich Cogadh Hitler. Ged a dhfhaodadh Dan Friseal a bhith air fuireach is e ri obair fearainn, cha do lasaich e gus an dfhuair e falbh, ged a rinn Màiri na baithne dhi gus a chumail. Cha do chuir Tòmas bacadh air. “Leig leis aghille,” theireadh e. “Tillidh e ceart gu leòr. Nach bi mo mhac-sa gam leantainn ann am Baile nan Aighean.”

Is e air fasna bhalach eireachdail, dhfhalbh Dan. Thill e air fòrladh is bu chridheil, ait e fhèin, is e làn de na mìorbhailean a chunnaic e bhon a fhuair e do dhFheachd Rìoghail an Adhair. Ach dhfhàs Màiri cho tana, seargte ri a bha fo bhinn bàis.

Thill Dan aon turas eile. Ach cha be an t-aon fhear a dhfhalbh a thill. Bha an t-aodann tana, na sùilean trom mar le lann abhàis. Bha an sunnd air falbh. Choisich e leis fhèin gach raon is pàirc a dhobraich e is sheas e fada air creig is air cnoc


[83] is ghabh e beannachd gaolach, deurach ri mhàthair is e afàgail an taighe. Nuair a thuirt Tòmas, “Bidh sinn gad fhaicinn an ùine ghoirid,” thionndaich e bhuaithe gun ghuth.

Thàinig am brath ris an robh Màiri air a bhith feitheamh is bhrist e gu tur i. Ach bann a bha Tòmas mar nach do dhrùidh e riamh air nach tilleadh an t-oighre. Tha cuimhnagam nach duirt Anna achDan bochd an cothrom a bhaigair?” Ged nach do thuig mi i, cha chuirinn acheist a bu mhath leam is sùil aig Sìne oirre ga curna rabhadh.

Chaochail Màiri beagan sheachdainean an dèidh bàs a mic. Bha mi fhìn aig an tiodhlacadh, oir thachair dhomh a bhith anns achlachan aig an àm.

Mar a thuit cùisean, bha mi aig an eaglais cuideachd an uair a rinn Tòmas Friseal an dàrna pòsadh. Bha co-chruinneachadh mòr mu dhoras na h-eaglaise acur mealladh-naidheachd air achàraid a bha nuas an ceum, is sheas minam measg. Ar leam gu robh sùil a h-uile neach air Tòmas is air a bhean òg. Ach bha dithis anns achomann aig nach robh sùil don chàraid: Anna is aon neach eile, fear a bhair tilleadh as Aimeireaga.

Bha Anna acoimhead air Neacal. Bha Neacal leis fhèin is e crom aleughadh an sgrìobhaidh air achloich a bha cumail cuimhne air Màiri is air a mac. Sgrùd mi aodann Neacail is thàinig e staigh orm gu robh esan acaoidh màthair a mhic is a mac. Bann an uair sin a thuig mi bu chiall do chainnt Anna is i ag ràdh, “Cha mheall sinn iadsan.”

Bha misair fàs sean is cha robh mi riamh tuilleadh an rathad ud, ach sgrìobh Anna thugam an uair a rugadh oighre. Ach chan fhaic mi fhìn no Anna an latha a leanas am mac an t-athair anns a Bhailud. Tha Anna acaoidh gum bfheudar daibh Dan a sgrios. Cha chan i iad. Is e a their Sìne, “Nach fhadon a chualthu, Anna, ‘Am fear a bheir gèill do gheas, bheir geas gèill dha.’ ”

title8
internal date1987.0
display date1987
publication date1987
level
reference template

Watt Gun Fhois %p

parent textGun Fhois
<< please select a word
<< please select a page