[84]

9

Bha seann taigh mathar, an taigh a bhagam fhìn airson iomadh bliadhna, aig oir achòmhlain thaighean. Bheireadh deich mionaidean sinn a-null chun na h-eaglais, a bha air an aon leathad rinn fhìn. Bhan eaglais am meadhan achlaidh, agus bann an sin a chaidh mo phàrantan a thiodhlacadhis muinntir na dùthcha gu lèir.

Aig an àm ud, mu rachainn a laighe, bha ena chleachdadh agam a dhol a-mach gu ceann an taighe a h-uile oidhche. Air an oidhche seo, oidhche ghealaich a-null deireadh an fhoghair, chaidh mi mach mar a bàbhaist. Mun deach mi staigh a-rithist sheas mi atoirt sùil air an iarmailt. Bha a h-uile tosdach, gun deò air gaoith.

Mu robh fios agam ciamar a thachair eis tha mi gun fhios air sin fhathastbha mi, ar leam, acoiseachd don chladh air cùlaibh giùlain. Bha mo bhràthair ri mghualainn is bha dithis bhràithrean na mnà air ar cùlaibh-ne. Dhaithnich mi is ghabh mi beachd air mòran a bha sa chuideachd. Aig an reilig againn fhìn sheas sinn mu choinneamh clach-chinn mo phàrantan, is leugh mi ainm matharna litrichean dubha: Tormod Dòmhnallach. An sin bha uaigh air a h-ùr-fhosgladh is i dorch, ged a bha an sneachda mu thimcheall dhith air a shaltairt le iomadh cois. ’Nam dhòrainn shearbh thionndaich mi mo cheann bhuaipe, ach chuala mi an greabhal atuiteam air ciste is thionndaich mi mi fhìn air falbh; ach anns an tionndadh chuala mi guth mo bhràthar gu ciùin ag ràdh, “Tormod bochd, matha, cha be fhèin am fear a dhèanadh dochann le dheòin air neach sam bith.” Bha mo dheòir asileadh is shuath mi mo shùilean is dhfhosgail mi iad aig ceann mo thaighe fhìn.

Thug mi sùil mun cuairt. Bha na solais thathast laiste feadh


[85] an t-slios. Bha am feur dorch mun bhruaich. Cha robh sneachda, no a ghilead, air an talamh.

Chaidh mi a-staigh is cha do chuir Ciorstaidh no Dòmhnall beag no a h-aon den dithis nighean uimhireachd orm. Cha do dhinnis mi aon lid den ioghnadh seo. Faodaidh mi ràdh nach drinn mi dad a chadal an oidhche ud, ged nach do leig mi orm dadged a bha mi cinnteach gu fosgailte uaigh airson Thormoid, mo mhac a bu shine, air agheamhradh, aig àm sneachda.

Air amhàireach thainig misneachd is dòchas thugam. Bha min dòchas gun tainig an sealladh thugam gus mi an aire a thoirt mun tigeadh bàs aithghearr air Tormod. Be rabhadh a bhann domh. Chan fhaodainn -bhuil a dhèanamh den t-sealladh. Nan rachadh agam air Tormod a ghleidheadh sàbhailte tron gheamhradh, bhiodh gach ceart. Ach bha Tormod air tìr-mòr, ann am baile a bha atighinn ris gu math. Bha fios agam nach burrainn domh lid a ràdh mu na nithean a chunnaic mi. Ciamar a gheibhinn dachaigh e? Be seo acheist nach tug fois dhomh a latha no dhoidhche. Nuair a bha min impis dùil a thoirt suas, nach ann a thàinig seann eòlach an rathad is e dol a chur suas obair ùr; is mun do dhealaich sinn gheall e obair mhath do Thormod, agus sin gun dàil. Fhathast cha do dhinnis mi aon lid do Chiorstaidh no do neach eile, ach chuir mi leithid a dhimpidh air Tormod is gun tàinig e dhachaigh ged a bha mealladh sa bhaile mhòr.

Cha robh mi fhìn is an teaghlach riamh cho sona is a bha sinn anns na seachdainean mun tàinig fìor gheamhradh. Ach bha eagal fhathast agam o àm an t-sneachda. Shuidhinn fad oidhche is leabhar no pàipearnam làimh adèanamh suas sgeuman airson Tormod a ghleidheadh. Thàinig is dhfhalbh sneachda is cha do thachair beud do Thormod. Bha mi air mardachadh dhìom fhìn le taingealachd, is sin gu h-àraidh nuair a leughainn murt is marbhadh abhaile mhòir.

Ach a-null an dèidh na BliadhnUire nach ann a thog Dòmhnall an t-at-plocach a bha dol am measg nan sgoilearan. Cha do chuir e suas no sìos e ach gun deach a chumail as an sgoil. An uair sin ghabh Tormod bhuaithesan an tinneas seo.


[86]

Bha esan tinn gu leòr, ach chionns nach cuala mi gun do bhàsaich neach riamh leis an tinneas seo, ged a dhfhaodadh milleadh a bhithna lùib, cha do chuir e dragh mòr orm. Bha Tormod lathaichean air an leabaidh, is air dha èirigh cha cheadaicheadh an doctair dha dol air ais gu obair airson beagan tìde. Bha mi fhìn air mo dhòigh ag ràdh cho pungail is a bha am fear nach leigeadh le tinneas sgapadh. Is bha sneachda is reothadh ann. Bha Tormod afaireachadh na tìde fada, ach bha Dòmhnall, a bha aon dusan bliadhna, daonnan ri làimh is ro dheas gus pàirt a ghabhail anns a h-uile cleas a dhealbhadh inntinn Thormoid gus tìde a chur seachad. Cha robh truas agam ris.

Ach air feasgar chaidh cur gam iarraidh aig mobair. Bha Dòmhnall, mo mhac a bòige, marbh; is faodaidh mi ràdh gu robh e marbh aig làmh Thormoid.

Aig àm na Nollaige fhuair Dòmhnall acheud bhàidhsagal ùr a fhuair e riamh. Dhfhalbhadh am balachan glè mhath leis. Chan fhòghnadh sin do Thormod. Dhfheumadh esan sealltainn da mar a dhfhalbhadh e le làmhanna phòcaidean is a chasan air nahandlebars .Cha dhiùltadh an truaghan eile a theireadh Tormod. Chaidh e mar am peileir sìos leis abhruthaich is gun chuibhle agreimeachadh gus an deach e far na h-amhaich ann an clais an rathaid. Chan urrainn domh staid inntinn Thormoid a dhealbh dhut.

Mar sin, chaidh mise chun an tiodhlacaidh is mo bhràthair ri mo thaobh. Bha an sneachda air a shaltairt. Fhuair mo bhràthair aon sealladh air aodann Thormoid is thuirt e rium, “Tormod bochd, ma-tha, cha be fhèin am fear a dhèanadh dochann le dheòin air neach sam bith.”

Bha acheist riamhnam inntinn: am biodh Dòmhnall fhathast beò mur robh mise air Tormod a thoirt dhachaigh? Am faca mise am pìos ud de mo bheatha gus mi bhithnam mheadhan bàis do mo mhac? An robh mise atoirt dùbhlan do Nitheigin? Chan eil freagairt agam do na ceistean. Aon as a bheil mi cinnteach: is feàrr a bhith beò o latha gu latha ann an aineolas na ro-eòlas a chur air . Chan eil iarraidh agamsa air an còrr ro-sheallaidh fhaotainn.

title9
internal date1987.0
display date1987
publication date1987
level
reference template

Watt Gun Fhois %p

parent textGun Fhois
<< please select a word
<< please select a page