GAIDHLIG AN ALBAINN: BEAGAN EACHDRAIDH
Chan eil cinnt againn cuin a thàinig a’ Ghàidhlig a dh’Albainn, ach bha i ann greis roimh Fhearghas mac Eirc (faisg air A.D. 500), agus bha cànanan Ceilteach anns an dùthaich roimpe. Rinn a’ Ghàidhlig a’ chùis, uidh air n-uidh, air an t-seann Chuimris agus air cànan nan Cruithneach, agus ri tìde chì sinn gun do sgaoil i air feadh na dùthcha gu léir, ach an Arcaibh is an Sealtainn is an Lodainn, far nach robh i ach fann.
Bha a’ Ghàidhlig aig an ìre bu sgaoilte ’s bu treasa a fhuair i anns an aonaibh linn deug, agus thòisich buaidh na Beurla a’ fàs làidir an uairsin, gu h-àraidh troimh na bailtean marsantachd ùra.
Dh’fhàg na cànanan eile iomadh làrach air a’ Ghàidhlig, ann an rathad facail is ainmean-àite is modhan labhairt, ach cha robh móran buaidh aig cànanan eile oirre bho thaobh a-muigh crìochan Albainn.
Mhair a’ Ghàidhlig fada ann an iomadh ceàrn, ged a chaidh i á sealladh an Gallobha timcheall air an t-seachdamh linn deug, agus ann am Fìobha dhà no trì cheudan bliadhna roimhe sin. Bha i beò an àiteachan de Shiorrachd Obair Dheadhain anns an linn seo fhéin. Agus ged a bha i air teicheadh chun an iar, tha coltas aice bhi beothachadh ás ùr a nis, gu h-àraid a-measg luchd-ionnsachaidh.
Anns an t-suidheachadh a th’aice tha e mar fhiachaibh air an Riaghaltas cuideachadh a thoirt dhi. Tha i air a bhi a’ cur an tigh aice fhéin an òrdugh ann an iomadh seagh anns an fhicheadamh linn. Rinn An Comunn Gaidhealach feum mhór tràth anns an linn seo, agus tha a nis móran de chomuinn, ’s de mheadhonan air leth, an sàs ann an obair na Gàidhlig. Tha e soilleir gu bheil dòighean is cinn-uidhe ás ùr a dhìth oirnn ann am foghlum. Rinneadh deagh thòiseachadh an Siorrachd Inbhirnis roimh 1960, agus a nis tha dùil ri adhartas mór anns na h-Eileanan an Iar. Tha móran a’ tachairt anns na Colaisdean is anns na h-Oilthighean, ann am
foillseachadh leabhraichean, agus ann an dòighean eile, agus tha sgiobadh an leabhair seo a’ cur air adhart am beachdan fhéin.
Leis na dòighean riaghlaidh ùra a tha a’ teannadh oirnn ann an Albainn – Còmhdhail no Pàrlamaid dhuinn fhìn – bhiodh e iomchuidh Coimisean ás leth na Gàidhlig a chur air bhonn cho luath ’s a gheibh sinn ar riaghladh fhéin, agus Rùnairidhe a nì trusadh is uidheamachadh air fiosrachadh is air poilisidhean Gàidhlig. Tha làn thìde aig gach buidheann aig am biodh ùidh ann an rannsachadh de’n t-seòrsa seo, na beachdan aca a sgioblachadh. Agus seo an t-àm cuideachd anns am feum gach caraid a th’aig a’ Ghàidhlig neart a dhà shlinnean a chosg.
title | 1. Gàidhlig an Albainn: beagan Eachdraidh |
writers | Derick Smith Thomson |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Gàidhlig ann an Albainn %p |
parent text | Gaidhlig ann an Albainn |