Roimh-Ràdh
Tha creideas nan Gaidheal annta fhéin air neartachadh chun na h-ìre a leigeas leinn sealltainn pìos math romhainn. Nuair a tha sinn a’ feitheamh an latha anns am bi barrachd smachd againn air ar dòigh-beatha fhéin ann an Albainn, ’se deagh àm a th’ann beachdachadh air an inbhe ’s air an obair tha gu bhith aig a’ Ghàidhlig ’s na tha fuaighte rithe ann am beatha ar dùthcha. Chan eil an seo ach toiseach tòiseachaidh. Tha sinn an dòchas gun toir e smuain air na leughas e, agus gun cuir e gu gnìomh iad ann an iomadh seagh.
title | Roimh-Ràdh |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Gàidhlig ann an Albainn %p |
parent text | Gaidhlig ann an Albainn |