2 A’ Ghàidhlig am Beatha Fhollaiseach an t-Sluaigh

DOMHNALL IAIN MACLEOID

An taigh-comhairle an rìgh
An uair shuidheadh air binn achùirt,
Is i aGhàidhlig lìomhtha
Dhfhuasgladh snaidhm gach cùis

[Mac Mhaighstir Alasdair]

Bha aGhàidhlig gun teagamh air a cleachdadh aon uair an cùirt rìghean Alba; bi, as deidh sin, achànan aig uaislean na Gàidhealtachd achs fhada on a dhatharraich sin cuideachd. Agus, an uair a thàinig luchd-dreuchd mar dotairean, bancairean is fir-lagha chun na Gàidhealtachd, ’se Goill a bha am móran dhiubh, an toiseach co-dhiù, agus bha na Gàidheil a bhanam measg, air sgàth an fhoghluim Ghallda agus an eudmhoireachd, mar a bu trice na bu déidheile air a bhith bruidhinn na Beurla, co-dhiù nuair a bha iad a


[13]

deanamh gnothaich. Thainig daoine, mar sin, gu bhith coimhead air aGhàidhlig mar chainnt a bhuineadh don mhith-shluagh, nadaoine cumanta”, ann an ceàrnaidh iomallach den dùthaich.

Bha aGhàidhlig air a cleachdadh, an cumantas, anns an dachaigh, mu obair fearainn agus san eaglais, agus aBheurla anns asgoil, ann an coinneamhan follaiseach agus anns gach roinn de obair-riaghaltais, ionadail agus nàiseanta; ’s i aBheurla cuideachd a bu mhotha a bha daoine asgrìobhadh is aleughadh (ach a-mhàin am Bìobull).

Bha aGhàidhlig, mar sin, air a cleachdadh anns na meadhonan [no domains] “ìosalagus aBheurla anns an fheadhainnàrda” [ach a-mhàin an Eaglais] . Canar diglossia ris an t-seòrsa suidheachadh seo far a bheil àite is inbhe air leth aig gach cànan, agus tha sgoilearan cànain air a shealltainn gu faod seo mairsinn fad linntean gun aon chànan buaidh a thoirt air an téile.

Ach chan eil an diglossia Gàidhealach suidhichteagus sin air adhbhar no dhà: chan eil aGhàidhlig, don mhór-chuid, ’na suaicheantas air nàisean no pobull: tha aig móran de Ghàidheil ri dol chun na Galldachd airson foghluim agus cosnadh; tha àireamh mhór de Ghaill atighinn a-staigh don Ghàidhealtachd, agus tha aBheurla asìoladh a-steach do dhachaighean nan Gàidheal fhéin a-nise troimh bhuaidh telebhisean agus na cloinne. Bha aGhàidhlig aon uair feumail airson conaltradh anns an dachaigh agus achoimhearsnachd: chan eil sin fhéin cho fìor a-nise is a bha e.

Tha an diglossia mar sin abriseadh sìos, agus tha sgoilearan air sealltainn nuair a tha seo atachairtgur e achànan leis an neart eaconamach air a cùlaibh an còmhnaidh a gheibh làmh-an-uachdair”.

Ma ghabhas stad cur air an seo idir, ’sann le feuchainn ris achànanìosalobrachadh suas do bharrachd de na meadhonanàrda”.

Tha e duilich cus luach a chur air inbhe oifigeil ann a bhith cumail cànan beò”, tha an sgoilear-chànanan, Nathan Glazer, air a sgrìobhadh. Tha na Cuimrich mothachail air a seo, mar tha Comunn na Cànain Chuimrich asealltainn sabhonn-stéidh aca: “ ’Se aphuing as cudthromaiche gum biodh an aon inbhe aig aChuimris


[14]

ris aBheurla ann an sùilean alagha agus an gnothaichean oifigeil”. Tha seo fìor a thaobh na Gàidhlig cuideachd.

An dràsda, gach taobh a thionndaidheas duine air aGhàidhealtachd, tha Beurla fa chomhairair clàir-rathaid, sanasan, clàir-bùtha, gu ruigeas còmhdach phacaidean is thunaichean. Agus, a h-uile staid is cudthromaichena bheathadéiligeadh ris aRiaghaltas, alìonadh Leabhar-cunntais Breith, Bàis no Pòsaidh, ga dhìon fhéin no atoirt fianuis an cùirt-lagha – ’sann troimhn Bheurla a dhfheumas e a choimhlionadh.

Tha droch bhuaidh aig an seo, chan e mhàin air aGhàidhlig ach air aGhàidheal fhéin cuideachd. Oir, nam biodh barrachd misnich aig aGhàidheal anns achànan agus an dualchas leis an do rugadh e, bhiodh barrachd misnich aige ann fhéin agusna dhòigh-beathaagus cha bu mhisde cor na Gàidhealtachd sin idir. A-rithist, nam biodh cùirtean, polasmain agus gach meur den Riaghaltas acleachdadh na Gàidhlig, bhiodh Gàidheil na bu deiseile gabhail riutha chan ann mar rud coimheach a bha air a sparradh orra o muigh ach mar rud a bhuineadh dhaibh. ’Se seo, ’s dòcha, an argamaid as treasa airson a bhith cleachdadh na Gàidhlig an gnothaichean oifigeil an Alba.

Ullachadh

Airson seo a thoirt gu buil, ’se achiad rud a bu ghoireasaiche roinn a dheanamh air an dùthaich eadar Deas agus Tuath agus an Ceann-a- Tuath a roinnnalàn-Ghàidhealtachd” – an t-Eilean Fada far a bheil Comhairle nan Eilean air an aonta a chur ri poilisidh -chànanach mu thràthagusleth-Ghàidhealtachd” – Roinn na Gàidhealtachd agus Sgìre Earraghaidheal an Roinn Srath Chluaidh. An taobh a-staigh denleth-Ghàidhealtachdbhiodh an t-Eilean Sgitheanach (aguss dòcha, Loch Aillse) agus Tiriodh agus Ile na buGhàidhlige’, mar dhrochaid bho faodadh aphoilisidh -chànanach sgaoileadh a-mach.

Ma tha poilisidh -chànanach gu bhith soirbheachail, tha co-dhiù ceithir rudan a dhfheumar a dheanamh an toiseach airson an ùir a dheasachadh.


[15]

(a) Oideachadh-coitcheann, noCommunity Education” – an caochladh riochdan, bho chlasaichean-oidhche gu òrain- “pop” – a bheireadh do Ghàidheil an t-eòlasagus am measorra fhéin is an cultur a bu chòir don sgoil a bhith air a thoirt dhaibh, agus seo an co-bhoinn, ’s dòcha, ri fear de naCommunity Development Projectsaig aRiaghaltas. Tha feum cuideachd air leughadh is sgrìobhadh ionnsachadh do luchd na Gàidhlig agus cùrsaichean inntinneach airson chàich( ’s dòcha air an telebhisean).

(b) Breacadh de Ghàidheil òga ionnsaichte, gu h-àraidh le trèanadh an dreuchdan mar an lagh, seirbhis-stàite agus obair-òigridh.

(c) Comuinn na Gàidhlig ag obair an co-làimh ri chéile: An Comunn Gàidhealach, ’s dòcha, ariochdachadh, Comunn na Cànain Albannaich arannsachadh agus Comunn Oilthaighean Alba apiobrachadh.

(d) Deagh-ghean o luchd-poilitics, ionadail agus nàiseanta.

Tha aphuing mu dheireadh seo gu bhith gu h-àraidh cudthromach sachiad dol-a- mach.

Se de bhunaitean Pàirtidh Nàiseanta na h-Alba gum biodhinbhe oifigeilaig aGhàidhlig an Alba, co-ionnan ris aBheurla. On a tha na trì prìomh-phàirtidhean eile riaraichte, a réir an teisteanais fhéin, leis an t-suidheachadh mar a tha e, tha e gu bhith gu mór an urra ris aPhàirtidh Nàiseanta inbhe na Gàidhlig a leasachadh, troimh Phàrlamaid Lunnainn sachiad àite, agus troimh Chòmhdhail Dhun-Eideann nuair a bhios i an làthair.

Inbhe Oifigeil

A réir aRiaghaltais, thainbhe oifigeilaig aGhàidhlig mu thràth. “Chan eil alagh acur bacadh sam bith air a bhith cleachdadh na Gàidhlig an gnothaichean oifigeil no an cùirtean-lagha an Alba”, a réir Roinn na Dachaigh agus na Beòshlainte.

Tha seo fìor anns an t-seadh nach eil alagh a-muighs a-mach atoirmeasg na Gàidhlig, ach, ann am móran de Achdan Pàrlamaid, tha e air a sheulachadh gu na dearbh fhaclan a tha e ceadaichte a chleachdadh air rudan mar pàipearan-oifigeil, sumanaidhean-cùrtach, soidhnichean-rathaid, agus còirean-fiùdalach, mar


[16]

eisimpleiragusse Beurla a-mhàin a tha an seo. Mar sin, nam bithist adol a chleachdadh na Gàidhlig anns na suidhichidhean sin, dhfheumaist an toiseach na h-Achdan a tha sin atharrachadh. Ach tha móran de obair-rannsachaidh ri dheanamh air achuspair seo an toiseach.

An dràsda, ged tha, eadon far am bheil e ceadaichte aGhàidhlig a chleachdadh, chan eileas ga dhèanamh. “Chan eil sinn afaicinn,” tha Roinn na Dachaigh aràdh, “on a tha nas lugha na 1000 aig nach eil ach Beurlagu bheil feum air pàipearan-oifigeil Gàidhlig.” Tha achòir mar a chumar is chan eil achòir seo, gu ìre mhór sam bith, air a cumail idir.

Tha feum an toiseach air Achd Pàrlamaidleithid Achd na Cànain Chuimrich (1967) – a bheireadh làn inbhe oifigeil don Ghàidhlig an Alba. Dhfheumaist na bacaidhean a tha air aGhàidhlig an dràsda a dhubhadh ás agus, o sin a-mach, bhiodh e air a shònrachadh anns gach Achd ùr a bha iomchuidh gu robh e ceadaichte aGhàidhlig a chleachdadh san t-suidheachadh sin.

Dhfhaodaist an uair sin a chur mar fhiachaibh air gach Roinn den Riaghaltas aGhàidhlig a chleachdadh anns na dòighean a leanas. Air feadh Alba gu léir: co-dhiù air rudan mar cinn-litreach oifigeil agus clàir-ainm oifisean. An Ceann-a- Tuath na dùthcha: air litreachas-oifigeil mar cheisteachain na cìse; Leabhraichean-cùnntais Breith, Bàis is Pòsaidh; na rudan mar leabhraichean-peinsein agus teisteanais-càir is telebhisein a bhios Oifig aPhuist acur a-mach ás leth Roinnean den Riaghaltas; bileagan-fiosrachaidh agus sanasan is soidhnichean de gach seòrsa.

Se gun deigheadh na rudan sin a chur a-mach san chànan chun a h-uile duine saCheann-a- Tuath a bu fhreagarraiche na gum biodh iad uile-gu-léir saGhàidhlig is gu feumaist an iarraidh a dhaona ghnothaich (mar tha tachairt saChuimrigh an dràsda). Dhfhaoidte, air a làimh eile, liosta chumail de dhaoine saCheann-a- Deas a bha ag iarraidh nan clò-bhualaidhean -chànanach.

Tha an t-seirbheis-stàite an dràsda aràdh gu bheil iad deònach gabhail ri ceisteachain air an lìonadh saGhàidhlig agus ri litrichean Gàidhlig ach tha e follaiseach nan tòisicheadh móran adeanamh seo nach eil iad uidheamaichte airson déiligeadh ris.


[17]

Bu chòir e bhith mar uallach air gach roinn den t-seirbheis-stàite a h-uile oidhirp a dheanamh air luchd-obrach le Gàidhlig a tharraing, co-dhiù airson an oifisean air aGhàidhealtachd (no eadartheangairean Gàidhlig a bhith air thuarasdal aca airson déiligeadh ri leithid seo).

Feumaidh, an dràsda, co-dhiù aon duine a bhith air Coimisean nan Croitearan agus air Cùirt an Fhearainn aig am bheil Gàidhlig. Tha cuid airson gum biodh ariaghailt seo abuintinn ri leithid Bòrd na Gàidhealtachd agus coimiseanan-rannsachaidh mun Ghàidhealtachd cuideachd, ach cha bhiodh seo gu feum ro mhór mura biodh riaghailtna luib gum bu chòir na buidhnean sin barrachd feum a dheanamh den Ghàidhlig: an dràsda, a réir an teisteanais fhéin, ’sann glé ainneamh a tha na buill Ghàidhlig air aChoimisean is air aChùirt acur na Gàidhlig gu feumnan dreuchd.

De na buidhnean-stàite eile, tha Oifig aPhuist ar leth cudthromach a thaobh na Gàidhlig. Tha iad an dràsda aràdh nach urrainn dhaibh gealltainn gu ruig litir le seòladh Gàidhlig a ceann-uidhe, co-dhiù gun dàil. ’Se gu bheil aluchd-obrach, o nach aithnich iad Gàidhlig o chànanan eile, buailteach litrichean Gàidhlig a chur aluib an fheadhainn tha dol a-null thairis as coireach, tha iad aràdh, ris an seo. Ach gheibhist timcheall air a seo le bhith comhairleachadh do dhaoineAlba’ – no comharra-puist Oifig aPhuist fhéina chur ás deidh an t-seòlaidh. Le liosta de na h-ainmean Gàidhlig anns gach oifig-rèiteachaidh agus cairt mu a sgìre fhéin airson gach puist, cha bhiodh an còrr duilich.

Tha Oifig aPhuist air céis post-adhair Gàidhlig a chur a-mach mu thràth agus tha iad abruidhinn air ainm Gàidhlig a chur air na carbaidean ùra acaco-dhiù air aGhàidhealtachd. Tha fiùs rudan mar seo feumail ach faodaidh iad a bhithnam mealladh cuideachd. Tha móran den t-seòrsa seo a dhfhaodar a dheanamh fhathastmar stampaichean, postairean, fiùs òrduighean-puist.

A thaobh nam buidhnean-stàite eile, bu chòir co-dhiù gum biodh leithid Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd agus Coimisean nan Croitearan acleachdadh na Gàidhlig gu cunbhalachnan clò-bhualaidheansnan déiligeadh ri daoine. Tha seo fìor cuideachd mu mheuran den Ghnìomhachais-stàite mar Rèile Bhreatainn,


[18]

Caledonian-Mac aBhruthainn agus Adhar-Luingeas Bhreatainn – ’nan clàir-tìde, bileagan-siubhail agusnan teachdaireachdan.

Anns na cùirtean-lagha, tha e an dràsda an urra ris gach britheamh an gabh e ri teisteanas saGhàidhlig: am bitheantas, chan eileas atoirt achothrom seomar fhàbhar, chan ann mar chòirach do fhianaiseanaig nach eil Beurla math gu leòrairson teisteanas a thoirt seachad am Beurla”. Thathas uaireannan adiùltadh cead: on a thathas acoimhead air mar chomharra air dìth Beurla( ’s mar sin air dìth foghluim) chan eil ena ioghnadh gur e glé bheag a tha ga iarraidh co-dhiù.

Se rud cho feumails a burrainn an t-oideachadh-coitcheann air an do bhruidhinnear roimhe a dheanamh gun cuireadh e an sùilean luchd na Gàidhlig gu bheil e an aghaidh dualchas lagha Bhreatainn gu feumadh duine sam bith a tha nas fhileanta an aon chànan e fhéin a dhìon an cùirt ann an téile dìreach airson gur e sin as goireasaiche do luchd-dreuchd na cùrtachco-dhiù mas e ciad chànan na fianais aphrìomh chànan ann an sgìre na cùrtach.

Tha na Cuimrich acur luach mhór air na cùirtean mar mheadhon air staid an cànain athbheothachadh: ’se gun do dhiùlt fear dhiubh sumanadh Beurla an 1963 a thug toiseach tòiseachaidh do Chomunn na Cànain Chuimrich agus tha iad, on uair sin, air diùltadh teisteanas a thoirt ach an Cuimris an cùirtean iomadh turas. Cha bu mhath gun tigeadh gnothaichean chun na h-ìre seo an Alba, ach bhiodh na rudan a tha na Cuimrich ag iarraidh feumail airson na Gàidhlig cuideachd – ’se sin, gum biodh sumanaidhean is cùnntasan is deasbadan na cùrtach uile saChuimris anns na ceàrnaichean Cuimreach. Ach, a thaobh na Gàidhlig, ’se ceann-uidhe fad-sheallach a dhfheumadh a bhith an seo leis cho beags a tha ann an dràsda de luchd-dreuchd lagha le Gàidhlig.

Riaghaltas Ionadail

Nuair a thig sinn gu obair ariaghailteis-ionadail, chì sinn gu bheil gnothaichean beagan nas gealltanaiche.

Ghabh Comhairle nan Eilean ri poilisidh -chànanach saGhiblinn 1975 ach tha cnap-starra no dhà air tighinnnan rathad on uair sin ann a bhith acur na poilisidh gu builgu h-àraidh cosgais


[19]

(ged nach do chosg aphoilisidh -chànanach aig Roinn Ghwynedd saChuimrigh ás deidh cuideachadh on Riaghaltas ach nas lugha na cóigeamh de sgillin san not air achìs-ionadail).

Bha e san amharc aig Comhairle nan Eilean an chànan a chleachdadh airson na rudan a leanas: cinn-litreach; seic-leabhraichean; cùnntasan cìs-ionadail; postairean agus sanasan; cinn-deasbaid agus geàrr-chùnntasan; clàir-rathaid (Gàidhlig a-mhàin); soidhnichean-sràide; carbaidean agus acfhuinn eile. A bharrachd air na ciad dhà dhiubh sinagus clàir-ainm air sràid no dhà de thaighean ùrachan eil iad air móran adhartas a dheanamh anns abhliadhna a chaidh seachad.

A-rithist, chan eil iad fhathast air adhartas mór sam bith a dheanamh ann a bhith acleachdadh na Gàidhlig an deasbaidean na Comhairle. Ach tha uidheam airson eadartheangachadh ri bhith anns an togalach ùr aig aChomhairle agus thathas abeachdachadh air innealan-pòcaid airson seo fhaotainn roimhe sin (bhiodh e feumail nam biodh cothrom aig buidhnean eile na h-innealan seo fhasdadh). Dhfhaoidte toiseach tòiseachaidh a dheanamh an dràsda, ged tha, le geàrr-eadartheangachadh Beurla air na h-òraidean Gàidhlig.

Bu chòir gum biodh aGhàidhlig aig luchd-dreuchd na Comhairle air fad (agus gum biodh iad ga bruidhinn aig gach cothrom): tha seo, a rèir choltais, do-dhèanta an dràsda. Faodar seo a leasachadh le: na sgoiltean a bhith stiùireadh clann le Gàidhlig gu dreuchdan a bhiodh feumail anns na h-eileanan; aChomhairle barrachd tuarasdail a thairgse do dhaoine le Gàidhlig (mar a tha tachairt an Canada a thaobh Fraingis); leughadh agus sgrìobhadh nas siùbhlaiche ionnsachadh don luchd-Gàidhlig a tha aig aChomhairle mu thràth; agus gach cothrom agus brosnachadh a thoirt do chàch achànan ionnsachadh.

Bhiodh ionad-cànain Ghàidhligcoltach rina h-Ionadan airson an Darna Cànaina tha na Cuimrich asireadhanabarrach feumail air aGhàidhealtachdair a ruith le Comhairle nan Eilean (le cuideachadh ionmhais o Roinn an Fhoghluim an Dun-Eideann), an co-bhoinn, ’s dòcha, ri colaisde no oilthigh. Bhiodh an t-ionad-cànain seo an urra ris an oideachadh-coitcheann air an do


[20]

bhruidhinnear cheana, ach bhiodh e cuideachd atairgse cùrsaichean-goirid saGhàidhlig, air an deilbh a dhaona ghnothaich airson luchd-dreuchd na Comhairle (agus aRiaghaltais?) agus airson leithid, can, fir-lagha; bhiodh cùrsaichean do luchd-Gàidhlig ann an Gàidhlig obair-riaghaltais (agus lagha, etc.) feumail cuideachd.

Dhfheumadh aChomairle eadartheangairean a bhith air thuarasdal aca cuideachd.

A thaobh Comhairle nan Eilean, ma tha, tha e soilleir gu bheil an spiorad deònach ach bhiodh e cubhaidh do chomuinn Gàidhlig gach cuideachadh agus brosnachadh a thoirt dhaibh chionn tha fhios againn uile cho lag is a dhfhaodas an fheòil a bhith! A thaobh Roinn na Gàidhealtachd, air alàimh eile, agus, gu ìre, Sgìre Earraghaidheal de Roinn Srath Chluaidh, chan eil iadsan adeanamh ach glé bheag de fheum den Ghàidhlignan obair oifigeil, agus chan eil coltas gu bheil e san amharc aca seo a leasachadh móran.

Le ceartas, bu chòir gum biodh na Comhairlean seo acleachdadh na Gàidhlig, ann an Earraghaidheal agus san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse, anns na h-aon dòighean (ged nach biodh buileach chun na h-aon ìre) ’s a tha san amharc aig Comhairle nan Eilean. Agus, cho fads a ghabhadh, gur e daoine le Gàidhlig a bhiodh air thuarasdal aca an sin. Anns achòrr de Roinn na Gàidhealtachd, bu chòir liosta chumail de dhaoine a bha ag iarraidh pàipearan-oifigeil -chànanach agus bhiodh sùil co-dhiù ri leithid cinn-litreach, postairean agus clàir-rathaid san chànan. Cha chosgadh seo móran do Roinn cho mór seo.

A thaobh clàir-rathaid, bhiodh achosgais na bu lugha air sàilleabh gu feumar clàir ùra le na tomhaisean meadrach a chur suas a dhaithghearr co-dhiù. Bhiodh e feumail, le cuideachadh luchd Rannsachaidh nan Ainmean-Aite, clàir-dùthcha a dheasachadh le na h-ainmean Gàidhlig (no litreachadh Gàidhlig air na h-ainmean Lochlannach, Cuimreach, etc.) agus seo a thairgse do na Comhairleanagus, ’s dòcha a chlò-bhualadh. (Tha e tàmailteach gur e cruth Beurla a tha air ainmean nam bailtean sna clàir ùra aig an Ordnance Survey.)

Tha buaidh mhór aig rudan follaiseach mar clàir-rathaid air


[21]

beachd dhaoine air cànan; agus bhiodh clàir Ghàidhlignan annas do luchd-turais cuideachd.

Rinn Comunn na Cànain Chuimrich móran ùbraid saChuimrigh amilleadh clàir-rathaid Bheurla agus abrosnachadh dhaoine gu bhith diùltadh cùnntasan Beurla airson na cìs-ionadail: agus rinn iad móran adhartais cuideachd. Tha an cunnart ann, ma leanas leithid Roinn na Gàidhealtachd a bhith adiùltadh iarrtasan den t-seòrsa seo gun tachair an aon rud an seo. ’Se an dòigh fad-sheallach air an suidheachadh atharrachadh an sluagh a dheanamh mothachail air an còirichean a thaobh an cànain agus daoine le ùidh saGhàidhlig fhaighinn air aChomhairle. Ach tha an dòigh seo ag iarraidh foighidinn agus chan eil móran den sin aig òigridh alatha an diugh.

Co-dhiù, ge be dòigh a thaghar air inbhe na Gàidhlig àrdachadh an obair na Comhairle seo (no an àite eile), nithear barrachd adhartais ma théid iarrtasan ás leth na cànain a cheangal ri iarrtasan ás leth caithe-beatha an t-sluaighmar eisimpleir, le bhith asireadh barrachd goireasachd airson na cìs-ionadail aig an aon àm ri bhith ag iarraidh phàipearan-cìse Gàidhlig.

Comuinn agus Coinneamhan

An taobh-a- muigh de dhobair-riaghaltais, chan eil asuidheachadh cho furasda a leasachadh. Ach a-mhàin coimididhean-baile agus an Eaglais, ’se aBheurla as motha a thathas acleachdadh an coinneamhan agus an comuinn, gu h-àraidh na comuinn nàiseanta (mar eisimpleir, ’se daoine gun Ghàidhlig a tha an urra ri 12 a-mach ás na 17 meuran a tha aig na Boy Scouts ann an Roinn nan Eilean agus tha an a tha an urra ri na Girl Guides ann ag ràdh, “I certainly do not think that we should make more use of Gaelic in our organization” ).

Se gum biodh barrachd misnich aig luchd na Gàidhlig annta fhéin (rud a bheireadh oideachadh-coitcheann dhaibh) agus gum biodh luchd-Gàidhlig ionnsaichte air feadh na Gàidhealtachd deiseil gus rudan mar seo a ruith an rud a bfheumaile, ach dheanadh eisimpleir nan comhairlean-ionadail agus eadartheangairean eòlach (air fhasdadh, ’s dòcha, on Chomhairle) feum mhór cuideachd. A-rithist, ged a ghabhadh barrachd Gàidhlig toirt a-


[22]

steach do na comuinn a tha ann, tha àite ann cuideachd airson comuinn ùrado òigridh agus inbhichair an deilbh a dhaona ghnothaich airson Ghàidheil.

A thaobh na h-Eaglais, tha ena chleachdadh aig móran dhiubh Beurla a chleachdadh ma tha gu ruigeas aon duine gun Ghàidhlig san éisdeachd, ged a tha móran den luchd-Gàidhlig as sine nach fhaigh faisg uimhir a thlachd á seirbhis Bheurla. Bu chòir do na h-eaglaisean, ma dhfheumas iad Beurla a chleachdadh, a dheanamh a bhàrr air na seirbhisean àbhaisteach saGhàidhlig (mar tha cuid adeanamh mu thràth). ’Se an Eaglais an aon roinn dechultur àrdsan robh aGhàidhlig air a cleachdadh gu cunbhalach roimhe seo: dheanadh e cron mór nan cailleadh i an taic seo.

Dheanadh e diofar mór do mheas dhaoine air aGhàidhlig nam biodh i air a cleachdadh air tafaidean-malairt leithid postairean, sanasan, cùnntasan, clàir-bùtha, fiùs rudan mar seic-leabhraichean. Dhfhaodadh roinnean den Ghnìomhachas-stàite, mar Caledonian-Mac aBhruthainn agus Bòrd an Dealain, agus luchd-malairt le ùidh saGhàidhlig eisimpleir a thoirt do chàch an seo (mar tha Iain Noble adeanamh san Eilean Sgitheanach).

A’ Ghàidhlig

An co-dhùnadh, ma tha aGhàidhlig gu bhith air a cleachdadh an obair oifigeil an Alba, feumar achànan fhéin a dheisealachadh airson seo. Bhon is e aBheurla a bhathas acleachdadh an gnothaichean oifigeil chun a seo, cha do ghin aGhàidhlig na faclan no an dòigh-labhairtanregisterneo-phearsanta, ùghdarrasaila tha iomchuidh airson na h-obrach seo. Feumar a leithid a dhealbhadh a-nise.

Anns achuid mhór de na rìoghachdan a tha ris an obair seo, tha Comhairle ann, mar as trice fo ùghdarras na Stàite, a tha astiùireadh na gnothaich, leithid Bòrd na Cànain an Lochlainn, an Acadamìa de Cultura Guaranì a tha afeuchainn ri seann chànan Innseanach Pharaguay a dheanamh freagarrach airson alatha an diugh, agus Bòrd an Oilein Cheiltich an Oilthigh na Cuimrigh. Anns aGhàidhlig an dràsda tha sgrìobhadairean agus clò-bhualadairean ro thric ag obair air an tiuc fhéin, gun móran suim do na daoine eile


[23]

a tha ag obair san aon lios. ( ’S dòcha gun cuirear seo as leth asgrìobhaiche seo fhéin!) Tha obair cho cudthromach ri athnuadhachadh cànain acur feum air stiùireadh mionaideach.

Dhfhaodadh Oilthigh no Faclair a ghabhail os làimh achse Comhairle a bu fhreagarraiche, ’s dòcha fo ùghdarras aRiaghaltais ach fo sgiath Oilthigh, no Faclair, no comhairle ionadail (rudeigin mar tha An Comunn Leabhraichean Gàidhlig an Oilthigh Ghlaschu), air am biodh riochdairean o leithid: na colaisdean is oilthighean; comhairlean-foghluim (gu h-àraidh fir-comhairleachaidh na Gàidhlig), am B.B. C., Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig, An Comunn Leabhraichean Gàidhlig (agus, ’s dòcha clò-bhualadairean).

Bhiodh duine (no dithis) air thuarasdal aig aChomhairle, atrusadh agus ataghadh na faclan ùra a tha dèante mu thràth, adeanamh feadhainn e fhéin, le cuideachdadh daoine eòlach air na cuspairean fa leth, agus acur liosta dhiubh fa chomhair na Comhairle on àm gu àm. Bhiodh na buidhnean a bha air an riochdachadh air aChomhairle fo chùmhnant na faclan air an deigheadh aontachadh a chur gu feum anns na clò-bhualaidhean, craobh-sgaoilidhean agus meadhonan-foghluim air a bheil ùghdarras aca.

Dhfhaodadh luchd-dreuchd na Comhairle cuideachd a bhith abeachdachadh air an dòigh-labhairt am farsaingeachd, air litreachadh agus gràmar, agus, ’s dòcha, ainmean-àite. Bhiodh e ar leth goireasach gum biodh eadartheangairean Comhairle nan Eilean (agus aBh.B. C.) agus an fheadhainn a tha ag obair air cruthachadh Gàidhlig oifigeil agus adeanamh chùrsaichean innte uile ag obair an co-bhoinn ri chéile, ged nach bann san aon àite, fo ùghdarras comhairle-stiùiridhmar nàdur deRoinn airson Ath-Bheothachadh na Gàidhlig”.

Shùilichear air aRiaghaltas achuid mhór de chosgais seo a phàigheadh, le cuideachadh o na buidhnean eile a bha dol a dheanamh feum den t-seirbhis.

Ghabhadh daoine ris an àrd-chànan seo ri tìde, mar a ghabh ri Gàidhlig aBhìobuill, ma théid an cleachdadh ristroimh chraobhsgaoileadh agus na sgoiltean gu h-àraidhagus ma tha ùghdarras gu leòr air a chùl.


[24]

Tha àrd-chainnt comasach air feum a dheanamh an caochladh dhòighean: ag aonadh ceàrnaidhean sgapte; acumail na cànain saor o thruaillidheachd de gach seòrsa; atoirt misneach agus uaill do na daoinenan cànan isnan culturagus, mar sin, annta fhéin.

Sgrìobh Fionnlagh Dòmhnallach anns anSaltireann an 1958: “ [Ma leanas cùisean mar a tha iad] chan e achànan air an robh sinne eòlach a theid adhlaiceadh idir ach patois nach leig sinn a leas a chaoidh”. O chionn còrr is chiad bliadhna, thuirt an Dòmhnallach eile, Mac Mhaighstir Alasdair:

Is i as feàrr gu comhairl
Is gu gnothaich chur gu feum
Na aon teanga Eòrpach,
Dhaindeoin bòsd nan Greug”.

’Sann ris a’ ghinealach againne an diugh a tha e an urra a dhearbhadh den dithis a tha ceàrr: ’s neònach mur e seo an cothrom mu dheireadh a gheibh sinn.

title2. A’ Ghàidhlig am Beatha fhollaiseach an t-Sluaigh
writersDonald John MacLeod
internal date1976.0
display date1976
publication date1976
level
reference template

Gàidhlig ann an Albainn %p

parent textGaidhlig ann an Albainn
<< please select a word
<< please select a page