3 Na Bun-sgoiltean
FIONNLAGH MACLEOID
Bho’n latha a tha clann ri dol do’n sgoil gus an latha a dh’fhàgas iad i thathas ri toirt dhaibh mìrean de dh’ionnsachadh a tha air an deilbh ’na chéile ’na churriculum. Tha na mìrean sin air an taghadh a-mach ás an fhiosrachadh, agus ás na beachdan, agus ás na modhan-smaoinich a th’aig inbhich. ’Se rud annasach a th’anns an taghadh a tha seo, oir tha e air a bhith anabarrach buan agus neo-chaochlaideach. Ach thathas an diugh ri toirt sùil mhion air buin-stéidhidh a’ churriculum agus ri foighneachd carson a tha sud no seo ann – Ciamar a fhuair mathematics an inbhe a th’aige ann? Ceistean mar sin.
Ach mar taghadh sam bith chan e a-mhàin na chaidh a thaghadh a tha ’na cheist, ach na dh’fhàgadh ás. Oir chaidh fàgail ás rudan nach robh cho brìghmhor an sùilean nan daoine a bha ri cur a’ ghnothaich seo air chois – na rudan nach robh cho airidh air an toirt gu aire agus ceud-fàthan na cloinne. Anns a’ churriculum a thàinig thugainne – Gaidheil na h-Albainn – a-measg nan rudan a bha air am meas neo-fhreagarrach an cur f’ar comhair mar fhoghlum tàbhachdach, bha ar cànan fhéin agus ar dòigh-beatha fhéin. Agus mhair an éis eucorach sin troimh iomadh ginealach.
Mar sin thainig a’ sgoil chun na Gaidhealtachd, le a taghadh de chuspairean coimheach air an tàthadh ’na chéile le cànan nach buineadh do’n òigridh – òigridh aig an robh ri frithealadh, gu stuama, fad bhliadhnaichean an òige anns an t-saoghal chiar aice. Saoghal a bha ag innse dhaibh ann a mìle dòigh ’nan éirigh suas nach robh brìgh no uaisleachd ’nan cultur, ’nan cànan, no an dad a bhuineadh dhaibh. Agus saoghal a thug an aire daonnan, troimh leabhraichean is chainnt is eile, gu dòigh-beatha eile a bh’air a mheas fada na b’fheàrr na càil a bh’acasan.
Dh’fhàs cuid suas gu gréim fhaighinn air sgoil is foghlum ach thill iad gu tairgse nan aon bheachdan, troimh an aon chànan, do ghinealaich òga eile, oir tha rian na sgoile cho làidir agus nach e am fàsach tulgadh a thoirt air. ’Se rud air leth neònach a th’ann cho duilich agus a fhuair ginealaich de thidsearan bruidhinn ri clann anns a’ chainnt mhàthaireil a bh’aca le chéile. A’ maighstir-sgoile air am b’eòlach mi fhìn, ’nam bhalach, cha chuala mi lideadh Gàidhlig bhuaithe riamh agus aig a chagailt fhéin ’se bh’ann dheth, tha e coltach, ach beag sheanchaidh Gàidhlig. ’N dùil có a thug dha fhéin agus dha linn am beachdan air foghlum agus cànan agus clann?
Cha leigear a leas iomradh a dheanamh air cho cuibhrigte agus a bha an rùm-tionntaidh a fhuair a’ Ghàidhlig anns a’ churriculum fad iomadh linn, no cunntas a thoirt air cho buileach tuaireapach agus a bha i air a tabhach do’n chloinn. Seach nach d’fhuair i àite agus inbhe mar mhodh-oibreach anns a’ churriculum bho thùs, cha robh aice ann ach àite bochd nuair a thugadh a-steach i bho dheireadh air iomall na cùise. Cha robhas idir cinnteach dé bu chòir a dheanamh leatha. Chaidh taghadh eile a dheanamh an sin; air na feuman gu’n cuirte a’ Ghàidhlig am foghlum. Agus chaidh a ceangal ri cuspairean mar eadar-theangachadh, gràmair agus litreachas.
Chaidh a ceangal glé mhór cuideachd ri làithean a bh’air falbh, agus gréim a dheanamh ris na nithean sin ann am facail. Ma bha fhios aig sgoilear air ainm gach pàirt de dh’eathar no de thigh-dubh, bhathas a’ gabhail ris gu robh ionnsachadh Gàidhlig aige. Nan ainmicheadh e a h-uile clach is bioran bho thòisicheadh e air cùl an tallain gus an ruigeadh e an toll-innearach agus a mach troimh’n tughadh, gun dragh a chur air dragh no acair, gus an suidheadh e air a’ chorra-thulchainn/maide fithich/maide starraig, bha e ri cur na Gàidhlig gu feum a réir an àite agus an obair a thugadh dhi am foghlum. Tha e an còmhnaidh ’na aobhar-smaoinich gu dé tha sinn ri sùileachdadh bho chànan sam bith, agus gu dé na dòighean anns a bheil sinn ga cur an sàs, oir tha seo a’ leigeil ris ar beachd air dé tha an cànan comasach air a dhèanamh. Eadhoin fhathast, théid tomhais dé cho math ’s a tha a’ Ghàidhlig aig duine a réir dé agus cho comasach ’s a tha e air freagairt cheistean mar – “Eil fhios agad dé Ghàidhlig a th’air large-headed red wrasse – as t-Samhradh? No
air saber-tooth tiger? No fiù’s banana? Abair cànan, ’s co-dhiù chan eil i agad ach mu-làimh.”
Seach nach robh a’ Gàidhlig ri faighinn móran rùm-snaoidheadh am foghlum, agus gur ann gu feuman cumhang a bhathas ga cur, bha aire dhaoine glé mhór air gnè a’ chànain fhéin agus cha b’ann idir air na dòighean anns an gabhadh i a cur an gréim am beatha agus mac-meanmna na h-òige. Mar sin bha Gàidhlig mhór “cheart” air a tabhach dhaibh, air a taraigneachadh agus air gabhail-aice le datives agus genitives. Dh’fhàs a’ chùis cho static agus gu robh sinn a-mach air Gàidhlig “cheart” mar nach biodh ann ach aon seòrsa de’n sin. ’Se Gàidhlig nan linntean a dh’fhalbh ris an robhas a’ gabhail mar Ghàidhlig “cheart” – Gàidhlig thomadach Dhonnchaidh Bhàin agus a’ Bhìobuill. “Tha Gàidhlig mhath dha-rìribh aige, cha mhór gun do thuig mi dùird a thuirt e.” ’Se a rithist beachd annasach a tha seo air cànan. A thaobh na h-òige, tha seo ’na arasbacan mór, oir tha e ri séileachadh dhaibh nach e Gàidhlig cheart a th’aca fhéin ann Seach nach robhas ga cur gu feum troimh fhoghlum is eile cha tainig modhan-cleachdaidh eadar-dhealaichte gu buil. Cha tainig codes bruidhinn eadar-dhealaichte gu foirfe: tha sinn fhathast a-mach air Gàidhlig mhath agus droch Ghàidhlig – agus thathas ri deanamh aithnichte do’n òigridh gu dé an seòrsa a th’acasan. An àite bhith ri dealbhadh modhan-cleachdaidh loma, siùbhlach, thathas fhathast ri glaodhadh ghnàthasan-cainnte agus sheanfhacail ris a’ Ghàidhlig “cheart” – modhan a thathar a’ faicinn an diugh, le gu leòr, mar chlichés.
Ann a bhith a’ coimhead ri dòighean anns am faigh a’ Ghàidhlig àite cothromach an curriculum na bun-sgoile an Alba, tha obair ri dheanamh aig ìre nàiseanta agus an taobh-a- stigh gach roinn. ’S fhada nis bho thug an S.E.D. an aonta gum bu chòir do’n Ghàidhlig a bhith air a cleachdadh anns an fharsaingeachd le clann aig a bheil i mar chainnt mhàthaireil. Tha a’ Meòrachan a chuir an S.E.D. a-mach an 1965 ag ràdh g’eil e mì-nàdurrach do chlann bheaga le Gàidhlig mar chiad chànan a bhith a’ tòiseachadh air leughadh agus cunntadh am Beurla. Ged a tha rùn math air a bhith aig an S.E.D. do’n Ghàidhlig anns a’ bhun-sgoil cha dean deagh-rùn leis fhéin a’ chùis, agus tha sin air a dhearbhadh dhaibh. Nam biodh iadsan a-
mach airson àite a thoirt do’n Ghàidhlig taobh ri taobh ri Beurla anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh, dh’fheumadh iad a bhith air inbhe na Gàidhlig am foghlum àrdachadh gu nàiseanta le buidhinn brosnachaidh agus ùrachaidh a chur air chois bho chionn fhada. Tha e air leth inntinneach gu bheil proisect dà-chànanach a nis a’ dol againn anns na h-Eileanan an Iar agus gu bheil an S.E.D. a-stigh air a’ chùis agus ri pàigheadh leth na cosgais, agus ri toirt seòladh is cuideachadh an iomadh dòigh eile. Cha b’ann ri linn gearain a-mhàin a fhuaireadh an cuideachadh seo bho’n S.E.D. Chaidh cur riutha gu mionaideach an dòigh anns an gabhadh am proisect a chur air chois, agus gu dé bhiodhte ris, agus ciamar. As déidh coinneamhan agus còmhradh ris an fheadhainn a dhealbh rian a’ phroiseict, thug an S.E.D. seachad airgiod mór air a shon. Bu bhochd nach deach rian agus rian de sheòrsaichean eadar-dhealaichte a chur riutha fad fhicheadan bhliadhnaichean: is beag tha dh’fhios dé cho fad air adhart agus a bhiodh sinn an diugh.
Ri linn agus gun deach iad an sàs anns a’ phroisect mar seo, thug an S.E.D. àite nas làidir agus nas diongmhalta do’n Ghàidhlig anns a’ bhun-sgoil na bha aice riamh. Bitheadh e ceart no ceàrr, ach tha daoine fhathast ri coimhead ris an S.E.D. airson stiùireadh, agus nuair a bheir iad ceum mar sud chan e an t-airgiod a bheir iad seachad as fheumaile idir, ach an inbhe tha an cuspair ri faotainn. Thoireadh iad a nis an tuilleadh uaisleachd air ais do’n Ghàidhlig le buidheann rannsachaidh a chur air chois a dh’obraicheas an taca ris an C.C.C. (Central Committee on the Curriculum) gu sùil a thoirt, agus beachdan a chumadh, air an àite a ghabhas a bhith aig Gàidhlig am foghlum an Alba. Oir feumaidh deasbad ionnsaichte a bhith ann aig ìre nàiseanta mus fhaighear air thoirt fainear do dhaoine cho fortanach ’s a tha sinn an Alba g’eil cànan eile nar rìoghachd, a thuilleadh air Beurla, a ghabhas a cur gu feum troimh fhoghlum is eile gus an tìr a dheanamh nas beartaiche mar àite fuirich. Gus an tig deasbad mar sin bidh inbhe nach gann aig Fraingeis agus Gearmailt am Foghlum Alba, agus iad de’n bheachd g’eil a’ Ghàidhlig fhathast an crochadh ris a’ chorra-thulchainn.
B’e chùis-iongnaidh cho inntinneach agus a bhiodh e nam brosnaicheadh an S.E.D. Comhairle nan Eilean gus bun-sgoil
Ghàidhlig ùr-nodha a thogail agus a sgeadachadh leis gach goireas a tha dol, agus taghadh de fhìor luchd-teagaisg a chur innte, gus am faiceadh sinn uile dé a ghabhadh dèanamh an suidheachadh mar sin. Gu bràth tuilleadh, is iongantach gun cluinnte gu bheil dà chànan ri cur bacadh air òigridh agus nach eil tìde airson dà sheòrsa rian a bhith anns an sgoil. Bhitheadh a leithid seo de sgoil ’na h-eiseimpleir do phàrantan agus luchd-teagaisg, agus gach buidheann feumach air eiseimpleir de’n t-seòrsa. Bhitheadh sgoil mar seo ’na laboratory ás an tigeadh dòighean teagaisg dà-chànanach air nach do dhearc sinn fhathast. (Bho chionn ghoirid chuireadh fios gu ceud pàrant am baile Steòrnabhaigh, aig an robh clann bheaga gun Ghàidhlig ri tighinn do’n sgoil, am bu toigh leotha a’ chlann aca a bhith air an cur an clas anns am biodh barrachd Gàidhlig agus nithean co-cheangailte rithe: dh’iarr ceithir fichead pàrant agus deugachadh mór an leanabh a chur do’n chlas sin.)
’Sann troimh an S.E.D. agus comhairle-oibreach a thigeadh dealbh soilleir air na dòighean anns a faodadh Gàidhlig agus cuspairean Ceilteach a bhith air an toirt a-steach do churriculum na bun-sgoil am bad sam bith de dh’Alba far a bheil clann aig nach eil Gàidhlig. Tha fios le cinnt againn a nis gur e aois na bun-sgoil an aois is fheàrr gu cànain ionnsachadh. Cha deach dìcheall a dheanamh a riamh gu Gàidhlig a thoirt do chlann na bun-sgoil air Galldachd Alba, agus is aobhar nàire sin do dhùthaich a ghabhas oirre gu bheil, agus gu robh i adhartach am foghlum. Ma bha, ’sann le foghlum nach buineadh dhith fhéin, agus tha bhuil oirre.
Nan toireadh an S.E.D. stiùireadh anns na dòighean sin dheanadh e an dealachadh bu mhotha do luchd-teagaisg agus pàrantan agus do gach duine a tha mothachail air a’ chomas a th’aig a’ Ghàidhlig mar mhodh foghluim. ’Se th’ann ach aobhar thlachd air leth a bhith an rùm sgoile far a bheil obair na cloinne anns a’ Ghàidhlig a cheart cho beòthail, inntinneach ris na tha iad a’ deanamh anns a’ Bheurla. Tha sinn eòlach gu leòr a nis air faicinn na h-oibreach mhath, ùrail a tha chlann ri deanamh le Beurla, agus an liuthad seòrsa seadh anns a bheil iad ga cur an céill, ach chan eil móran chloinne anns an rìoghachd seo a tha cho sealbhach agus gu bheil dà chànan aca gus an toirt beò an caochladh dhòighean ’nan obair sgoile. ’Se th’ann an
rùm bun-sgoil an diugh ach àite dòigheil, tlachdmhor; chan eil duine ri sgiamhail ris a’ chloinn no a’ gabhail dhaibh le pìos leathair. Aite dòigheil le tòrr còmhraidh agus gàireachdainn, agus barrachd urram ga thoirt do dh’òigridh na bh’aca a riamh. Far is fosgailte an riaghladh, agus mar is fhaisge a tha an tidsear air a’ chloinn, is ann is dòcha a’ Ghàidhlig a bhith a’ faighinn àite cothromach, oir bidh tòrr còmhraidh a’ dol, chan ann a-mhàin anns gach rùm ach anns gach corridor agus air taobh a-muigh na sgoile. Mur a bheil na cùisean seo air an deanamh le liut agus loinn, bidh a’ Ghàidhlig mar sin cuideachd.
An diugh chan eil duine nas toilichte na tha a’ mhór-chuid de’n luchd-teagaisg a bhith cur na Gàidhlig an céill còmhla ris a’ chloinn, gu h-àraid nuair a chì iad gu bheil luchd-stiùiridh an fhoghluim leotha, agus gu bheil iad ri fairbheanadh gu bheil fiù’s Dun Eideann ri cur sùim anns na tha iad a’ deanamh troimh an dà chànan. Gabhaidh an dearbh rud a ràdh mu dheidhinn phàrantan, oir tha e ’na dhoilgheas agus thar tuigse dhaibh a bhith ri faicinn an cuid chloinne ri call rud a bha cho nàdurrach dhaibh fhéin ri’n anail a tharraing. Fhad’s a bha a’ chùis ri dol sìos gu brais bha gach buidheann ag ràdh gur e cion-sùim a’ bhuidhinn eile a bha ’na mheadhon air a’ chrìon. Ach bha an t-aobhar na b’fharsaing na sin, agus bha e ri toirt briseadh-dùil agus cion-misnich do gach buidheann a bh’ann, eadar thidsearan is phàrantan is chlann – glé thric gun mhothachadh aca gu robh sin ri tachairt.
Gus an tuilleadh brosnachaidh agus misnich a thoirt do bheag agus mhór, agus gu goireasan freagarrach a chumadh, tha am proisect foghlum dà-chànanach air a chur air chois anns na h-Eileanan an Iar, agus mairidh e airson trì bliadhna anns a’ cheud dol-a- mach. Tha e ’na chùis mhìorbhail gun deach a’ leithid seo a chur air chois ri linn cho gann agus a tha an t-airgead an dràsda, ach bha fhios aig a h-uile duine cho buileach riatanach agus a bha a’ chùis. Tha am proisect mar chliath air an téid againn air deilbh foghlum Gàidhlig anns a’ bhun-sgoil, le clann fhileanta, an dòigh a bha do-dhèanta dhuinn roimhe seo. Oir théid leabhraichean is gach goireas eile a bha roimhe seo ’nan laighe sgaoilte, a nis fhighe a-steach an altan a chéile gus rian a chur air a’ ghnothaich. Seach gu bheil a’ chliath ann,
is urrainn do gach seòrsa duine tabhach beag no mór gus an t-aodach a dheanamh nas dreachmhor, agus tha sin ri gabhail àite mu thràth.
Tha’n t-adhartas is motha a’ tighinn air leabhraichean chloinne. Roimhe seo ’se a’ Ghàidhlig mhór “cheart” a bh’unnta, ach an diugh ’se a’ chainnt aca fhéin a gheibh a’ chlann anns na leabhraichean – le na fuineachan fhathast oirre. Carson a sgrìobhas duine an leabhar sgoile, “na bi daft” an àite, “na bi gòrach”? Tha seo thar tuigse do ghu-leòr. Ma tha a’ leabhar air a sgrìobhadh an Gàidhlig chumanta na cloinne chan e a mhàin g’eil seo nas tarraingich dhaibh, ach tha iad fhéin ri faighinn cìs air a’ leabhar, agus ri toirt breith air. An iomadh sgoil tha mise air faicinn claim air P6 agus P7 ri toirt beachdan tuigseach, eirmseach air leabhraichean mar Iain a Measg Nan Reultan agus Na Balaich air Rònaidh. “Bu toigh leam faicinn an duine a sgrìobh an leabhar seo. Cha chreid mi gu bheil e idir ciallach.” Sud aig nighean dusan, am Barraidh, mu Iain Mac a’ Ghobhainn. Có chanas nach tig a’ chlann sin gu bhith cho inntinneach, siùbhlach an Gàidhlig ri duine againne. Agus gun dean iad rudan leatha agus oirre air nach do bheachdaich sinne fhathast – a lomadh agus a crathadh agus a togail agus a neartachadh: rud sam bith a shaoras i bho’n h-uile seòrsa braighdeanas dha na chuireadh i.
Ach ’se a’ rud as motha a tha ri dol a bhrosnachadh na Gàidhlig anns a’ bhun-sgoil anns na bliadhnaichean a th’air thoiseach oirnn, an oidhirp a tha ri dol a thighinn gus ceangal obair na sgoile nas cinntiche ris gach nì a bhuineas do’n choimhearsnachd. A dh’ùine nach bi fada tha dùil gun téid obair mhór a dheanamh air a seo agus is ann troimh’n Ghàidhlig a théid a thoirt gu buil. Tha sinn air ais aig a’ churriculum an seo a rithist, a’ fiachainn ris an taghadh a dheanamh air dhòigh agus gun toir e do’n chloinn mothachadh cunbhalach air an dòigh-beatha a bhuineas do’n Ghaidhealtachd agus troimh a bheil iadsan ri fàs. Feumar gach goireas foghluim mar leabhraichean is eile a dhealbhadh gus taca agus cùl a thoirt do’n dòigh foghluim seo.
Tha am proisect dà-chànanach mu thràth a’ sàs an seo, agus tha ùrachadh mór air a thighinn bho phrògraman nam bun-sgoil a tha am B.B.C. ri deanamh. Tha leabhraichean gu bhith nas fheàrr agus nas pailte. Tha a’ Ghàidhlig ri faighinn neartachadh bho’n
h-uile seòrsa adhartas a tha sinn ri deanamh le cuspairean eile agus le modhan teagaisg anns a’ bhun-sgoil.
title | 3. Na Bun-sgoiltean |
writers | Finlay MacLeod |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Gàidhlig ann an Albainn %p |
parent text | Gaidhlig ann an Albainn |