4 A’ Ghàidhlig agus na h-Ard-Sgoiltean
MURCHADH MACLEOID
Thoireamaid sùil air suidheachadh na Gàidhlig anns na h-àrd-sgoiltean an ceartuair – am feum a thatar a’ dèanamh dhith, na sgoiltean anns a bheilear ’ga teagasg, an àireamh sgoilearan a tha ’ga gabhail, an ìre de’n sgoil aig a bheil iad; agus a bharrachd air sin, ’s dòcha, an àireamh nach eil a’ gabhail Gàidhlig, agus carson.
Tha a h-àite fhéin aig a’ Ghàidhlig ann an clàr-obrach 33 de dh’àrd-sgoiltean ann an Albainn. Tha na sgoiltean seo an ìre mhaith sgapte, agus tha iad eadar-dhealaichte a thaobh meudachd, a thaobh rian is riaghlaidh, agus a thaobh an t-seòrsa coimhearsnachd anns a bheil iad air an suidheachadh. Cha mhór gu bheil seòrsa àrd-sgoile a tha ri fhaighinn nach fhaighear cuideachd a-measg na h-àireimh sin a tha tairgse na Gàidhlig.
Tha a’ Ghàidhlig ann an cùrsa-foghluim gach té de na 14 àrd-sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar, ann an 12 de dh’àrd-sgoiltean Roinn na Gaidhealtachd, ann an 6 de dh’àrd-sgoiltean Shrathchluaidh, agus ann an aon àrd-sgoil ann an siorrachd Pheairt. Gheibhear gach meudachd sgoile anns an àireamh seo. Tha sia dhiubh a’ toirt na cloinne a-mhàin gu deireadh an dàrna bliadhna; tha seachd le cùrsachan suas gu SIV ach gun chothrom air sgoilearan ullachadh
airson nan deuchainnean nàiseanta; seachd eile a’ cumail na cloinne gu aois 16 agus a’ cur cuid air adhart gu inbhe “O”; agus trì-deug le cùrsachan Gàidhlig a’ dol air adhart a dh’ionnsaigh inbhe “O” agus “H”.
An uair a rinneadh rannsachadh anns na sgoiltean sin uile, aig fìor thoiseach na bliadhna seo, b’e an àireamh chloinne a bha a’ gabhail Gàidhlig annta 2877 air fad – b’e sin 18.7% de’n àireamh uile gu léir anns na sgoiltean sin. An uair a ghabhas duine steach gu bheil a’ mhór-earrann de sgoilearan nan Eilean an Iar a’ gabhail Gàidhlig co-dhiùbh, ’s fhurasda ’thuigsinn gu bheil cuid de sgoiltean eile anns nach eil ach fìor àireamh bheag a’ leantainn cùrsa Gàidhlig.
Chunnacas cheana cho eadar-dhealaichte ’s a tha na 33 àrd-sgoiltean a tha toirt àite do’n Ghàidhlig. Tha an dealachadh a dh’fheumar a dhèanamh eadar luchd-fileanta agus luchd-ionnsachaidh a’ fàgail na cùise buileach nas duilghe ann an cuid. ’S dòcha gu bheil cuid fhathast de’n bheachd nach fhaighear ach an ìre mhaith an dàrna seòrsa ann an àite sam bith. Ach chan ann mar seo idir a tha ’chùis. Cha mhór gu bheil àrd-sgoil an diugh anns na h-Eileanan an Iar fhéin aig nach eil a h-àireamh fhéin de luchd-ionnsachaidh. Rud eile, de’n àireamh a dh’ainmicheadh cheana a tha gabhail Gàidhlig (2877) chan eil ach 1162 ’nam fìor luchd-bruidhne Gàidhlig; ’sann ga h-ionnsachadh a tha càch (1715). Tha seo a’ ciallachadh gu bheil triùir ag ionnsachadh na Gàidhlig anns na h-àrd-sgoiltean mu choinneamh gach dithis de luchd fileanta a tha a’ gabhail Gàidhlig! A bharrachd air seo, anns na h-Eileanan an Iar tha 968 de luchd fileanta a’ gabhail Gàidhlig, agus 521 de luchd-ionnsachaidh.
Anns na h-àrd-sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar cha mhór nach eil a h-uile duine anns a’ cheud bhliadhna a’ gabhail Gàidhlig a thuilleadh air Fraingis, agus seo mar a tha cuideachd ann an Ard-Sgoil an Obain agus an Ard-Sgoil Bhogha Mhóir ann an Ile. Gheibhear mar sin àireamh mhór, mhór anns na sgoiltean sin a’ gabhail Gàidhlig – co-dhiùbh anns a’ cheud bhliadhna – cus a bharrachd na ghabhas i anns na sgoiltean far am feumar roghainn a dhèanamh eadar Gàidhlig is Fraingis. Ach an uair a thigear gu ìre SIII, an uair a dh’fheumas a’ chlann an tuilleadh taghaidh a dhèanamh
air cuspairean, tha lughdachadh mór ga dhèanamh air an àireamh a tha leantainn orra leis a’ Ghàidhlig. Tha an rannsachadh a’ nochdadh seo dhuinn a rithis – 1160 a’ gabhail Gàidhlig ann an SI, ach 454 ann an SIII. Tha ’n dearbh nì ga nochdadh fhéin ann am figearan nan deuchainnean nàiseanta – mach á ceathrar a tha tòiseachadh air Gàidhlig ann an SI bidh e glé chruaidh air gu ruig aon duine ìre bhith gabhail inbhe “O” ann an Gàidhlig. ’Se ’n rud as miosa buileach de’n taghadh a tha seo, a thaobh na Gàidhlig, gu bheil earrann mhath de sgoilearan aig a bheil làn chomas anns a’ Ghàidhlig, a’ dealachadh gu tur, an déidh bliadhna no dhà anns an àrd-sgoil, ri ’n cainnt mhàthaireil, mar chuspair-foghluim agus mar mheadhon-foghluim, agus nach bi ceangal idir aca rithe tuilleadh, ann an seadh foirmeil co-dhiùbh, fhad ’s a tha iad a’ dol troimh ’n fhoghlum.
Faodar a ràdh, matà, gu bheil a’ Ghàidhlig air a teagasg chan ann a-mhàin ann an àrd-sgoiltean na Gaidhealtachd ach ann an cuid de sgoiltean eile far a bheil e soilleir gu bheil ùidh aig sgoilearan innte. Dé tha’n teagasg seo a’ toirt a-steach? Ciamar a tha e air a réiteach? Dé tha fainear dha? An e sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air a’ chànain fhéin, mar chànain, no an e bhith cur na cànain am feum ann an caochladh dhòighean, ann a bhith rannsachadh caochladh chuspairean, ann a bhith buntainn ri caochladh roinnean foghluim, agus mar sin a’ dèanamh na cloinne nas comasaiche anns a’ chànain agus nas misneachaile ann a bhith ga cleachdadh ann an iomadh suidheachadh? Chan eil teagamh sam bith dé an dòigh as éifeachdaiche – tha e soilleir cuideachd dé an dòigh as trice thatar a’ leantainn. Tha corra aobhar air seo. Cha robh eachdraidh na dùthcha gun a buaidh fhéin. O thoiseach gnothaich b’e ’n t-àite-mullaich a thoirt do’n Bheurla bu mhotha bha fainear do dh’fhoghlum na stàite; ghabhadh ris a sin, agus chun an latha ’n diugh thatar a’ gabhail ris le luchd na Gàidhlig fhéin. Mar sin dheth, chan eil e ’na mhór iongnadh gur ann air leth a bhiodh a’ Ghàidhlig, mar chuspair dhi fhéin, seach a bhith air a cleachdadh gu cunbhalach mar mheadhon-foghluim an luib chuspairean eile.
The iomadh duilgheadas, fad iomadh bliadhna, air a bhith an co-cheangal ri àite agus staid na Gàidhlig ann am foghlum; agus chan e idir rud furasda th’ann adhartas a dhèanamh ann an leithid sin a
shuidheachadh. Mar eisimpleirean faodar iomradh a thoirt air an urram a bhàtar, agus a thàtar fhathast, a’ toirt do fhoghlum is ionnsachadh troimh leabhraichean a-mhàin, agus sin a’ cur bacaidh air foghlum coltach a dh’fhaoidte thoirt seachad troimh bhruidhinn ’s troimh chòmhradh; air a’ phrìomh àite a thugadh do’n Bheurla mar mheadhon-teagaisg; air a’ bharail gum fàgadh cleachdadh na Gàidhlig deireadh ann an cloinn a thaobh fìor chomais anns an dàrna cànain; air a’ bhuaidh, fad iomadh bliadhna, a bh’aig an taghadh ’s an sgaradh a bhàtar a’ dèanamh air cloinn aig àm a bhith gluasad o’n bhun-sgoil do’n àrd-sgoil; an teagamh ann an inntinn luchd teagaisg, aig amannan co-dhiùbh, gur ann a chum fìor leas na cloinne a bhiodh am barrachd cleachdaidh air Gàidhlig; air gainne leabhraichean is ghoireasan eile a chuireadh taice ri oidhirpean luchd-teagaisg; air beachdan phàrantan a thaobh cleachdadh na Gàidhlig, agus móran diubh sin fhathast gu làidir de’n bheachd nach dèanar adhartas dòigheil ann am foghlum ach troimh ’n Bheurla mhàin; agus gu seachd sònraichte air an duilgheadas a tha ’n cois rian is loinn is òrdugh a chur air rumannan-teagaisg gus brosnachadh a thoirt do chloinn a bhith cleachdadh na Gàidhlig gu saoirsneil agus gu cunbhalach.
Chan eil cha mhór ìre de’n sgoil aig nach eil na duilgheadasan sin ri ’m faotainn, agus iad uile ag oibreachadh gu làidir an aghaidh na Gàidhlig. Tha duilgheadasan sònraichte anns na h-àrd-sgoiltean. An seo tha obair na sgoile gu ìre mhóir air a briseadh ’na roinnean, gach cuspair air leth o chàch. Tha am buaidh fhéin cuideachd air a bhith aig deuchainnean na stàite, a’ cosnadh gu bheil clann gan ullachadh gu sònraichte airson nan deuchainnean sin fada mus ruigeadh iad a leas. Tha paipearan agus clàr-obrach nan deuchainnean seo air an ath-leasachadh o chionn ghoirid agus bha còir gum biodh buaidh aige seo air na dòighean anns am bi a’ Ghàidhlig air a teagasg anns na bliadhnachan a tha romhainn – e.g. am barrachd àite aig cainnt is còmhradh, am barrachd àite aig cùisean an latha ’n diugh.
Tha an cudthrom a thatar a’ cur anns na h-àrd-sgoiltean air ealantas ann an leughadh agus ann an sgrìobhadh air an sgàth fhéin agus glé thric air leth o liutan is sgilean eile mar thoradh gu
sònraichte air buaidh na Beurla mar mheadhon-teagaisg anns na bun-sgoiltean agus seo a’ cosnadh gu bheil a’ mhór chuid de chloinn a’ tighinn gu ìre na h-àird-sgoile ’s gun aca ach beagan comais ann a bhith sgrìobhadh na Gàidhlig, eadhon ged a bhiodh sgil aca air leughadh.
Tha foirmealachd teagasg na Gàidhlig air a dhaingneachadh le gainne leabhraichean-sgoile Gàidhlig, agus tha seo fìor aig gach ìre de’n sgoil. O chionn beagan bhliadhnachan air ais tha leabhraichean Gàidhlig anns a’ chumantas air a dhol am meud gu mór mar thoradh air an obair a rinneadh le Comunn Leabhraichean Gàidhlig ann a bhith cuideachadh le clò-bhualadh. Ach ’se glé bheag de’n stuth seo a chuireadh an clò gu sònraichte airson feum nan sgoiltean, agus chan eil aig na sgoiltean air ach taghadh a dhèanamh ás na leabhraichean a bhitheas feumail agus freagarrach.
O chionn beagan bhliadhnachan air ais tha atharrachadh ri fhaicinn cuideachd anns na dòighean a thatar a’ cleachdadh air Gàidhlig a theagasg. An àite bhith teagasg na cànain ann an dòigh foirmeil, briste, tha cuid de na sgoiltean air a bhith gabhail beachd air a’ Ghàidhlig mar a tha i, ’s mar a bha i, air a cleachdadh anns a’ choimhearsnachd agus an co-cheangal ri cùisean an latha ’n diugh. Gheibhear na dòighean seo gan oibreachadh gu h-àraidh anns na h-àrd-sgoiltean as lugha le ceangal ga chur eadar obair na sgoile agus cainnt na coimhearsnachd, agus cuspairean-sgoile gan toirt nas dlùithe d’a chéile. ’Sann le sgoilearan o nach robhas a’ sùileachadh gun gabhadh iad deuchainnean an S.C. E. a dh’oibricheadh na dòighean seo an toiseach, ach thathas a nis gan cleachdadh le sgoilearan anns a’ chumantas aig ìre SI agus SII – ach a-mhàin anns na sgoiltean as lugha. Aig ìre SIII agus SIV tha na dòighean seo gan cleachdadh cha mhór a-mhàin leotha-san nach eil a’ dol air adhart gu ìre ’n S.C. E.; bu mhór a’ bhuannachd a bhiodh an cois a leithid seo a dh’obair nan leant’ i le sgoilearan comasach – chan eil dòigh nas fheàrr ann air an comasan a thoirt gu buil, agus á seo thig eòlas is fiosrachadh, a leanas riutha, air an coimhearsnachd fhéin, air an litreachas fhéin, air eachdraidh agus air dòigh-beatha an cuid dhaoine.
Thuige seo, ’sann gu mór air luchd fileanta a tha sinn air a bhith
mach. Dé mu’n deidhinn-san a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig? A’ mhór-chuid dhiubh seo, o théid sinn seach SII, ’se feadhainn a roghnaich Gàidhlig a ghabhail mar chuspair S.C. E, anns a’ chumantas an àite Fraingis o thòisich iad ann an SI. Tha móran air iarraidh orra a thaobh ealantais ann an eadar-theangachadh, mìneachadh agus ùr-sgrìobhadh. Mar sin chan eil cothrom no ùine an toirt air adhart cho math ’s bu mhiann ann a bhith bruidhinn na Gàidhlig. Bidh na deuchainnean ùra a tha san amharc feumail, oir bheir iad am barrachd àite do chomas-labhairt anns a’ Ghàidhlig.
Tha duilgheadas eile an luib teagasg luchd-ionnsachaidh. ’S gann gu faighear an ceartuair ann an clò stuth idir a chaidh a chur ri chéile a dh’aona ghnothaich airson clann-sgoile a tha ag ionnsachadh Gàidhlig. Mar sin dheth, tha luchd-teagaisg air a bhith gu mór no gu h-iomlan an eisimeil na théid aca fhéin air ullachadh. Tha móran diubh air a bhith ag ullachadh leasan airson am feumalachd fhéin; agus ag obair am pàirt gus leasain fhreagarrach a dheilbh. Tha seo ro fheumail ach bhiodh e do-sheachnaichte feumail cuideachd cùrsachan is goireasan-teagaisg a dheasachadh a chuidicheadh le sgoilearan anns gach àite a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.
Ma tha an òigridh a’ dol a ghabhail ris a’ Ghàidhlig agus ri cultur is dòigh-beatha na Gàidhlig, mar nì aig a bheil àite freagarrach, dligheach anns an fhoghlum a tha iad a’ faighinn agus a’ sireadh anns an fharsuingeachd, feumaidh gluasad faicsinneach a thighinn air uachdar uisgeachan na Gàidhlig. Dh’fhaoidte beachdachadh air na dòighean a leanas mar eisimpleirean air oidhirpean a ghabhadh a chur an greim gus suidheachadh na Gàidhlig a chur am feabhas anns na h-àrd-sgoiltean.
(1) Bhiodh e gun teagamh feumail gum biodh cuid de dhòighean-teagaisg na Gàidhlig air an atharrachadh – iad a bhith gu ìre nas lugha air an ceangal ri obair fhoirmeil ann an leughadh ’s an sgrìobhadh; agus air an ceangal nas dlùithe ri cànain is cultur mar a gheibhear iad anns a’ choimhearsnachd (gun a bhith tuilleadh is cumhang ann a bhith beachdachadh air coimhearsnachd). Tha seo a’ gabhail a-steach gu bheil còir cothrom a thoirt do sgoilearan Gàidhlig ealantas a thoirt gu buil anns gach roinn is meur de’n chànain, agus eòlas fhaotainn air litreachas is cultur na Gàidhlig,
chan ann gu h-iomlan le bhith sgrùdadh leabhraichean ach le bhith leantainn ’s a’ rannsachadh chuspairean a tha dlùth ri anail is beatha na Gàidhlig. Ma leanar ris an dòigh seo cuirear an tairgse na cloinne eòlas air saoghal na Gàidhlig ris an greimich iad gu toileach agus ris nach deòin leotha dealachadh;
(2) A dh’aindeoin ’s na thatar a’ sùileachadh orra ann an sgil is ealantas cànain, chan eil teagamh nach eil sgoilearan Gàidhlig, ann an seadh eile, a’ saothrachadh ann an raointean ro chumhang. Ghabhadh am fiosrachadh a tha iad a’ faighinn a bhith air a leudachadh gu freagarrach le bhith toirt barrachd cothroim dhaibh a bhith beachdachadh air cuspairean Ceilteach. Chan e mhàin roinnean na Gàidhlig a dh’fhaodadh a leithid seo a ghabhail os làimh, agus chan e mhàin oileanaich a tha a’ gabhail Gàidhlig mar chuspair S.C. E. Agus nach biodh cùrsachan de’n t seòrsa seo freagarrach do luchd fileanta agus do luchd ionnsachaidh?
Tha aon bhuidheann gu seachd sònraichte air am freagradh e earrann Ghàidhlig no earrann Cheilteach a bhith anns a’ chùrs aca – ’se sin iadsan a tha làn fhileanta anns a’ Ghàidhlig ach nach eil a’ gabhail Gàidhlig mar chuspair seach a’ cheud no an dàrna bliadhna. Nach biodh e iomchuidh a chur mar uallach air sgoilearan de’n t-seòrsa seo gu feumadh iad leantainn orra le cùrsa Gàidhlig a sheòrs’ air choireigin fhad’s a tha iad anns an sgoil? Agus nach biodh e iomchuidh cuideachd cothrom a thoirt do sgoilearan aig nach eil a’ Ghàidhlig mar chainnt mhàthaireil cùrsa Gàidhlig a ghabhail far an gabh a leithid a chur air chois, ge b’air bith dé cheàrn de’n dùthaich anns a bheil iad?
(3) Chan eil nì eil’ ann aig a bheil buaidh cho mór air suidheachadh na Gàidhlig ris an àite ’s an inbhe a th’aice ann an sealladh chlann-sgoile, luchd-teagaisg agus phàrantan. Agus chan eil dòigh ann a tha nas cinntiche gus an inbhe seo àrdachadh na cothrom a leigeil leis a’ Ghàidhlig a bhith air a sgaoileadh a-mach seach crìochan an leasain Ghàidhlig a dh’ionnsaigh roinnean eile de dh’obair na sgoile. Bheireadh seo barrachd àite ’s urraim do’n chànain agus bhiodh e ’na chuideachadh mór ann a bhith toirt fàis air gach ealantas a thatar a’ feuchainn ri thoirt gu ìre leis na leasain Ghàidhlig fhéin. Gu mì-fhàbharach, tha an rian-obrach a
thatar a’ leantainn anns na h-àrd-sgoiltean, agus gu h-àraidh na fìor sgoiltean móra, ag oibreachadh an aghaidh dòighean de’n t-seòrsa seo; a rithist tha duilgheadasan àraidh ann an cuid de sgoiltean, mar tha colmadh de luchd Gàidhlig ’s de luchd Beurla anns an aon bhuidhinn, agus gainne luchd-teagaisg le Gàidhlig ann an cuid de chuspairean. ’Na dhéidh sin, faodar tomhas de cheangal a chur eadar a’ Ghàidhlig agus cuspairean eile.
Ach chan ann a-mhàin anns na sgoiltean beaga a gheibhear cothrom air a’ Ghàidhlig agus cuspairean eile a chur a dh’obair an comhphàirt – carson nach fhaodadh luchd-teagaisg Gàidhlig na h-aon chuspairean a ghabhail ri cuid de roinnean eile agus iad sin a leantainn, bho shealladh na Gàidhlig agus troimh mheadhon na Gàidhlig? Faodar a ràdh gu bheil cothrom anns a’ mhór-chuid de sgoiltean, anns a bheil àite idir aig a’ Ghàidhlig, aig luchd-teagaisg le Gàidhlig ann an caochladh chuspairean air feum a dhèanamh de’n Ghàidhlig mar mheadhon-teagaisg ann an tomhas air choireigin. Nan robh e ceadaichte do sgoiltean an cuid deuchainnean fhéin a chur air dòigh, dh’fhaoidte gum biodh sin ’na bhrosnachadh math do chuid de sgoiltean an tuilleadh feuma a dhèanamh de’n Ghàidhlig an luib chuspairean eile. Chan e mhàin gainne luchd-teagaisg le Gàidhlig as aobhar nach eil a’ Ghàidhlig ga cleachdadh mar mheadhon-teagaisg. Is iomadh sgoil anns am faighear tidsearan le Gàidhlig a’ teagasg eachdraidh no eòlas dùthcha, no ealdhain, no ceòl, P.E. , Tech. Ed., Home Economics, R.E. , Modern Studies agus mar sin air adhart. Ach dé cho tric ’s a gheibhear na cuspairean sin gan teagasg anns a’ Ghàidhlig?
Tha dòigh eil’ ann cuideachd air dlùth cheangal a chur eadar obair na Gàidhlig agus cuspairean eile – ’se sin grunnan de roinnean anns an aon sgoil a bhith dol an ceann a chéile, agus an t-aon chuspair, Gàidhlig no Ceilteach, a bhith ga leantainn ’s ga oibreachadh leotha ann am pàirt. Bhiodh seo éifeachdach a thaobh na Gàidhlig, agus air leth feumail a thaobh foghluim anns an fharsaingeachd;
(4) Is minic a tha uidheam-teagaisg freagarrach a’ tighinn an ìre mar thoradh air dòighean-teagaisg inntinneach, sgileil; gu tric is ann a réir an uidheim a bhitheas na dòighean-teagaisg a chleachdar. Ma
tha goireasan-teagaisg gann bidh e coltach, matà, gur ann cumhang, caol, tioram a bhitheas na dòighean-teagaisg cuideachd. Tha ’n deifir as motha eadar na goireasan a tha gan cleachdadh ann an teagasg na Gàidhlig agus ann am móran chuspairean eile – agus sin a thaobh àireimh, a thaobh dreach, a thaobh loinne. Cha dèan math dhuinn tuilleadh a bhith smaoineachadh gun téid aig tidsearan Gàidhlig air na tha de stuth a dhìth ann an teagasg na Gàidhlig a thoirt gu ìre a chlò-bhualadh, agus sin anns an ùin’ aca fhéin, agus le’n oidhirpean fhéin a-mhàin. Mura dèan luchd-teagaisg e, có tha dol ga dhèanamh? Tha còir gu faigheadh a’ Ghàidhlig cuideachadh agus cùl-taice sònraichte anns an t-seadh seo. Aon dòigh air seo a dhèanamh ’se daoine fhasdadh gus a bhith ’n sàs ann a bhith ’g ullachadh ghoireasan-teagaisg. Cha b’e buileach rud ùr, annasach a bhiodh an seo – nach eil am proisect dà-chànanach airson nam bun-sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar cheana air a shuidheachadh? Chan e mhàin seo a tha air aire muinntir a’ phroiseict seo, ach tha seo gu mór a’ tighinn fainear dhaibh, gum bi iad a’ co-oibreachadh le buidhnean de luchd-teagaisg agus ag ullachadh ghoireasan-teagaisg. Nan dèantadh a leithid eile airson nan àrd-sgoiltean chan eil teagamh nach biodh buaidh is piseach air an t-saothair.
(5) Tha e ro fheumail ceangal nas dlùithe chur eadar obair na sgoile agus cainnt is cultur na coimhearsnachd. Ach chan e sin uil’ e idir. Tha raointean eòlais agus fiosrachaidh ann air a bheil còir aig gach oileanach a tha ’strì ris a’ Ghàidhlig. Agus tha dòighean-teagaisg ann a tha freagarrach agus riatanach anns gach ceàrn de’n dùthaich. Cha bhiodh e idir freagarrach gum biodh gach aon coltach ri càch – ach cha mhò bhiodh e iomchuidh gum biodh gach aon dealaichte bho chàch. Tha sgoiltean ann a chuireas rompa gun atharraich iad an dòighean-teagaisg, agus nì iad sin; cuid eile nach dèan. Mar sin dheth, tha feum air brosnachadh nas fharsuinge na gheibhear an aon sgoil a-mhàin. Sgoiltean, roinnean-riaghaltais – tha saothair aca ri dhèanamh, air an ceann fhéin agus am pàirt; ach feumar a’ chùis a leudachadh a-mach fhathast.
Tha feum a nis air sgrùdadh domhain agus farsuing a dhèanamh air saoghal na Gàidhlig ann am foghlum gus suidheachadh air na h-àiteachan anns am bu chòir dian oidhirp a dhèanamh gus cùisean a
leasachadh, agus gus stiùireadh a thoirt do sgoiltean agus do chomhairlean-foghluim a thaobh an leasachadh sin a thoirt gu buil. Chan e idir gu bheil daoine ’nan tàmh; ach tha móran fhathast ri dhèanamh, agus tha mór fheum air cuideachadh o gach taobh. Dé idir a tha cho fìor ghealltanach ri proisect dà-chànanach a nis a bhith air a shuidheachadh anns na bun-sgoiltean? Ach chan eil an sin, ann an seadh, ach toiseach tòiseachaidh – seall na tha ri dhèanamh fhathast, sa’ bhun-sgoil fhéin ach gu h-àraidh ’s dòcha san àrd-sgoil. Tha an làn àm a nis buidheann no comhairle a chur air bhonn gus beachdachadh gu geur agus gu mionaideach air dé an t-àite bu chòir a bhith aig a’ Ghàidhlig anns na sgoiltean air Ghaidhealtachd agus air Ghalldachd. Cha b’e rud mór no rud cosgail sam bith a bhiodh ann a leithid seo de bhuidhinn a chur air chois; ach bu mhór an toradh a dh’fhaodadh a bhith ’na luib airson leas na Gàidhlig agus leas na h-òigridh aig a bheil i mar chainnt mhàthaireil no tha ag iarraidh eòlas a chur oirre ged nach d’fhuair iad i leis a’ bhainne.
title | 4. A’ Ghàidhlig anns na h-Ard-sgoiltean |
writers | Murdo MacLeod |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Gàidhlig ann an Albainn %p |
parent text | Gaidhlig ann an Albainn |