5 Na h-Oilthighean is na Colaisdean
DOMHNALL MACAMHLAIGH
Tha ochd Oilthighean an Alba agus còrr is uimhir eile sin, a deich, de Cholaisdean Oideachais. As an àireamh sin gu léir, eadar an dà sheòrsa bunaidh, tha ceithir a tha toirt seachad cùrsan reachdail a bhuineas ris a’ Ghàidhlig. As na h-ochd oilthighean tha a trì anns a bheil a’ Ghàidhlig air a teagasg: Dùn-Eideann, Glaschu agus Obar-
Dheadhan. O chionn ghoirid, dhiùlt riaghaltas Oilthigh Shruighle gabhail ri cùrsa ùr Gàidhlig a bha cuid de bhaill an oilthighe ag iarraidh a stéidheachadh. As na deich colaisdean tha a h-aon a-mhàin anns am beilear a cur ris a’ Ghàidhlig: Jordanhill an Glaschu. Tha a h-aon eile anns a bheil a’ Ghàidhlig anns an ainm a bhith air a tairgse: Colaisde Obar-Dheadhan; ach chan eil duine arms a’ cholaisde fhéin gus an cuspair a theagasg.
Tha an suidheachadh sin, saoilidh sinn, annasach gu leòr – gu sònraichte nuair a chì sinn an liuthad cànan agus cultur coimheach d’am beilear a’ toirt àite agus a tha air an teagasg agus air an sgrùdadh gu mion anns na bunaidhean Albannach sin a dh’ ainmich sinn. Mar sin cha bu mhisde e sinn tòiseachadh le bhith beachdachadh gu h-aithghearr air a’ chùis ach carson a tha i mar a tha i. Faodaidh sinn sùil a thoirt an toiseach air na h-oilthighean agus an sin air na colaisdean.
Dé, mathà, an t-àite a tha aig a’ Ghàidhlig anns na h-oilthighean? Mar a thuirt sinn gu h-àrd, tha i air a toirt seachad ann an trì ás na h-ochd aca, agus tha sin fhéin a’ sealltainn gu bheil inbhe na Gàidhlig mar chuspair foghlaim gu math ìosal an taice ri cànanan coimheach mar, abair, Spàinntis is Eadailtis gun luaidh air Fraingis no Gearmailtis no Ruisis. Chan eil bàigh fhaicsinneach air leth sam bith ris a’ Ghàidhlig an oilthighean na h-Albann, anns a’ chumantas.
’Se am freagairt bitheanta a bheirear, anns na h-oilthighean anns nach eil a’ Ghàidhlig, air a’ cheiste carson nach eil, nach eil de iarrtas aig an cuid oileanach air a’ Ghàidhlig nas fhiach dhaibh – no nas dligheach dhaibh – cùrsan air a’ Ghàidhlig a chur air chois. B’ e sin bonn an lethsgeil a thug Sruighle seachad o chionn ghoirid, le filleadh de lethsgeul eile nach eil ro-annasach ’na lùib – gu bheil an t-airgead cho gann an dràsda is nach àm e gus cùrsan ùra a stéidheachadh. Chan e lethsgeulan gun bhunaid a tha annta sin idir, air aon sealladh. Is còir do na h-oilthighean am feum as fheàrr do’n àireamh as motha de ’n cuid oileanach a thoirt ás na tha aca de airgead; is fìor nach eil sluagh mór de oileanaich ag iarraidh na Gàidhlig an taice ri cuspairean eile; agus gu dearbha tha an t-airgead glé ghann an dràsda – agus is ainneamh nach eil. Ach tha taobh eile air a’ chùis a tha bunaideach cuideachd. ’Si a’ Ghàidhlig aon de chànanan
beò na h-Albann, agus cànan a tha air a bhith an Alba bho thoiseach eachdraidh connbhallaich; tha air a’ Ghaidhealtachd, an co-cheangal ris a’ chànan, cultur air leth a bhuineas ri móran a bharrachd de shluagh na h-Albann no ’n triùir anns an dà cheud aig a bheil i mar theanga dùthchais.
Mar sin shaoileadh sinn gun dleasadh cuspairean Gàidhlig agus Gaidhealach àite inbheil an oilthighean na h-Albann, gach cuid o thaobh eachdraidh agus fiosrachaidh. Ach tha e anbarrach doirbh do’n mhórchuid de luchd-dreuchd nan oilthighean gabhail ris a’ bheachd sin, cothromach is mar a shaoileas sinne e. Tha sealladh Gallda aig an leithid sin air a’ Ghaidhealtachd is air a’ Ghàidhlig; agus anns an t-sealladh sin tha coirbeadh a tha follaiseach feadh ar n-eachdraidh, an achdan an riaghaltais agus an coimhlionadh móran de sheirbhisich, agus a tha doirbh a chairteadh, a dh’aindeòin is mar a thogar comharran deagh-rùin. Anns an t-seòrsa seallaidh sin, cha tig Gaidhealachas air sìobhaltas agus ma théid a’ Ghàidhlig á bith ’sann as réidhe agus as fhasa a bhios an saoghal. Chan eil ballachan nan oilthighean – is mar a tha crìochan na Gaidhealtachd – tur-dhìonach an aghaidh an aineolais.
Faodar co-ionnan na teiste sin a thoirt air na colaisdean. Chan eil Gàidhlig mar chuspair làn-choimhlionta ach an aon ás na deich a tha ann aca, agus chì sinn sin buileach uireasbhach a chionn is gu bheil ceangal cho dlùth eadar na colaisdean agus na sgoilean. Oir is iad a tha ag ullachadh luchd-teagaisg do na sgoilean agus ’sann aca a dh’fheumadh fios a bhith air feuman luchd-oideachaidh agus luchd-ionnsachaidh, agus gréim air bun-phrionsapail oideachais. Ach, ma tha àireamh na cloinne aca agus cunntas luchd Gàidhlig, tha an gnìomh a thaobh na Gaidhealtachd fhathast fada ro-fhaisg air dòigh Achd an Oideachais an 1872 nach tug guth air gun robh Gaidhealtachd no Gàidhlig ann.
Ma shaoilear a’ bhreith sin ro-chruaidh – no, gu dearbha, eucorach – coimheadamaid air suidheachadh Colaisde Obar-Dheadhan. Tha a’ cholaisde sin ri tairgse Gàidhlig mar chuspair ach, mar a thuirt sinn gu h-àrd, chan eil duine innte gus an cuspair a thoirt seachad. Ged a thathar an eiseamail dhaoine an taobh a-muigh de ’n cholaisde gus na bhithear a’ dèanamh de Ghàidhlig a dhèan-
amh, tha cholaisde air diùltadh duine fhasdadh gus a’ Ghàidhlig a theagasg a dh’ aon nì; agus an aon uair a cheasnaicheadh luchd-tairgse Gàidhlig a thoirt seachad maille ri cuspair eile cha deacha aca air duine freagarrach a lorg. Mar thoradh air an sin chan eil cothrom aig oileanaich air cur ris a’ Ghàidhlig mar a tha aig an samhail a tha an sàs an cuspairean eile. Tha seo buileach coireach a thaobh an fheadhainn a tha a’ dol do ’n cholaisde dìreach ás an sgoil agus aig a bheil mór-fheum air am fiosrachadh anns a’ Ghàidhlig a leudachadh. Tha an t-eiseimpleir a’ sealltainn gu math soilleir dé cho deatamach ’s a thathar a’ faicinn àite na Gàidhlig an oideachas nan Gaidheal.
Gu ruige seo tha sinn air a bhith a’ toirt iomraidh air na h-oilthighean is air na colaisdean, ach beag, anns an fharsaingeachd. Bheir sinn a nise sùil air na h-oilthighean agus air a’ cholaisde far am beilear an sàs gu connbhallach anns a’ Ghàidhlig.
Tha trì de na h-oilthighean sin ann, mar a thubhairt sinn. Mothaichidh sinn anns a’ bhad nach e Roinnean Gàidhlig a tha annta ach Roinnean Ceiltis anns am beil a’ Ghàidhlig air a teagasg a-measg chuspairean eile a bhuineas do chultur nan Ceilteach. Chaidh na roinnean a stéidheachadh deireadh an 19mh linn no tràth anns an 20mh linn, agus aig an àm sin bha luchd-léighinn trang an sàs an eachdraidh chànanan agus measail air na dh’innseadh na sean chànanan Ceilteach dhaibh mu chruth na màthar-chànan Ind-Eòrpach. Mar sin, ’sann air Ceiltis a bha inneas. Ach bha ùidh aig a’ mhórchuid a chaidh san dreuchd an Roinnean Ceiltis na h-Albann anns a’ Ghàidhlig – agus cha b’ ann a-mhàin an cainnt ach an oideas agus an gnàth-litreachas cuideachd. Agus tha an ùidh sin a’ leantainn, anns a’ chumantas, gus an latha an diugh.
Anns na h-oilthighean sin tha dà sheòrsa Ceum M.A. a dh’fhaodas oileanaich a ghabhail: Ceum Cumanta (B.A. a tha air an seo an Dùn-Eideann a nise) agus Ceum le Urram; agus tha an dà chuid air an tairgse anns na Roinnean Ceiltis. Faodaidh an fheadhainn a tha a’ dol air adhart gu Ceum Cumanta cùrsan a ghabhail anns na roinnean sin fad aon seisean acaideamach no fad a dhà, agus feumaidh an fheadhainn a tha ag amais air Ceum le Urram an Ceiltis cùrsan Ceiltis a leantainn fad cheithir bliadhna. Tha na cùrsan eadardheal-
aichte anns gach oilthigh air leth, ach saoilidh sinn gu bheil na dòighean anns am beil iad air réir a chéile anns an iomlan nas susbaintich no na dòighean anns nach eil.
A thaobh nan cùrsan airson a’ Cheum Chumanta ’se an rud a tha gan aonadh gu bheil prìomh àite aig a’ Ghàidhlig annta. Tha seo gu sònraichte fìor mu dheidhinn a’ Cheud Chùrsa; ge b’ e air bith dé eile tha tighinn a-steach ann, tha mór-àite aig cànan is cultur is dualchas nan Gaidheal ann. Tha fhios gum beil sin ceart agus gur e sin am prìomh chuspair as iomchuidh a bhith fo amharc aig Roinnean Ceilteach na h-Albann. Agus ’se an tuilleadh a dh’fheumar a dhèanamh air an obair anns an àm a tha a’ teachd. Air an làimh eile tha e ceart gum bithist a’ faicinn na Gàidhlig ’na h-àite a-measg nan cuspairean eile, gu sònraichte feadhainn Cheilteach a bhuineas dhith. Feumar a bhith a’ toirt nan cuspairean sin a-steach, na h-uiread anns a’ cheud bhliadhna agus tuilleadh feadh an Dàrna Cùrsa far am bithear cuideachd a’ sgrùdadh earrannan de ’n dùthchas Ghaidhealach nas miona. Leis an sin, an ceann dà bhliadhna de bhith a’ gabhail Ceiltis (is a’ taobhadh ris a’ Ghàidhlig) bu chòir fiosrachadh farsaing a bhith aig oileanaich air a’ Ghàidhlig agus air a’ Ghaidhealtachd, còmhla ri eòlas mion air ceisteachan deatamach cànan, litreachais is eachdraidh. Agus bu chòir an t-eòlas sin a bhith aca an co-shealladh eachdraidheil agus an coimeas ri suidheachaidhean d’ an samhail gu h-àraidh an Eirinn. Feumar a thuigsinn nach eil anns a’ Cheud Chùrsa ach trian obair seisean agus anns an Dàrna Cùrsa leth obair seisean acaideamach (air a’ chuid as motha), agus gum beil sin a’ cur crìochan gu math cumhang air na ghabhas a bhith dèanta.
Uaireannan, cha bhi oileanaich a bhios a’ dol an sàs an cùrsan cumanta Ceiltis gu tur-mholtach air na cùrsan a bhios iad a’ faighinn. Mar as trice, ’se an diomoladh a bhios aca orra gu bheil cus annta nach buin do ’n Ghàidhlig. Gun teagamh tha dà thaobh air a’ ghnothaich. Ma tha, abair, oileanach an dùil a dhol a theagasg san sgoil is ion dha na ghabhas fhoghlam mu ’n Ghàidhlig ’s mu ’n Ghaidhealtachd. Agus ’s dòcha, uaireannan, nach eil luchd nan oilthighean a’ toirt uiread de àite do ’n leithid sin de iarrtas ’s a dh’fhaodadh iad no a bu chòir dhaibh, agus gu bheil iad a’ toirt cus
àite do thaobh eile na cùise – ’se sin gum feum iad a bhith a’ dèanamh ullachadh, cuideachd, anns a’ cheud dà bhliadhna, air an fheadhainn a tha gus a dhol air adhart gu Ceum le Urram a ghabhail. ’Na mo bheachd fhìn, na tha de atharrachadh ri aithneachadh ann an cùrsan ’sann taobh na Gàidhlig a tha a iarraidh, agus, anns a’ chùis air fad, saoilidh mi gum beil a’ chothromachd meadhanach ceart. Co-dhiù is rud e as còir do luchd nan oilthighean a chumail air an aire.
Tha sin gu sònraichte fìor air sgàth pàirt de na h-eadardhealachaidhean a tha a’ tachairt anns na Roinnean Ceiltis. ’Se roinnean beaga a tha annta agus chan eil e, an còmhnaidh, farasda dhaibh an seòrsa atharrachaidhean a lùigeadh iad a riochdachadh. Tha iad beag air aon bhun-adhbhar, agus ’se sin nach eil sgaothan de oileanaich ag iarraidh cùrsan Ceiltis a leantainn. Nam biodh dà cheud oileanach ag iarraidh do gach cùrsa bhiodh, gun dà dhèanamh air, roinnean móra ann! Ach tha àireamh an luchd-iarraidh air a bhith nas coltaiche ri a dhà dheug na dà cheud anns na deich bliadhna bho dheireadh. Tha adhbhair air an dìth iarrtais sin a bhuineas do shuidheachadh na Gaidhealtachd gu farsaing, eadar oideachas is oideas is eachdraidh, agus a tha ro-chasta dhuinne am mìneachadh an seo. Ach chan fhaod sinn an dìochuimhneachadh; oir ged a tha atharrachaidhean a’ tighinn an oideachadh na clainne, mar a bhios sinn a’ cluinntinn, chan eil ach glé bheag de ’n fheadhainn a tha a’ gabhail Gàidhlig anns an sgoil a’ leantainn ris a’ Ghàidhlig anns na h-oilthighean. Agus tha ’na bhuil air an seo gu bheil móran a tha a’ tighinn do na h-oilthighean a’ call lorg buileach air an dualchas.
Leis an sin cuideachd tha atharrachaidhean eile a’ tighinn. B’ àbhaist gur e oileanaich aig an robh Gàidhlig o ’n dùthchas a bhiodh a’ gabhail cùrsan Ceiltis – le corr-fhear ainneamh ’nam measg a bha air a’ chainnt fhoghlam. Troimh an t-siathamh deacad bha àireamh an leithid sin de oileanaich a’ dol an lughad agus timcheall air 1970 bha a’ Cheud Chùrsa, agus gu buileach an Dàrna Cùrsa, glé ghann de luchd-iarraidh (a dh’aindeoin ’s gu robh àireamh an fheadhainn a bha a’ faighinn S.C. E. Ard-Ghàidhlig a’ dol am meud). ’Sann an Dùn-Eideann a dh’fhairicheadh an ganntar sin an toiseach agus b’ iadsan a chuir air chois an toiseach
cùrsa ceumail do luchd-ionnsachaidh. Tha, an diugh, cùrsan de leithid sin anns na trì oilthighean a tha a’ toirt seachad Gàidhlig.
Tha seo air móran a bharrachd oileanach a thoirt thuca, agus cuideachd ceiste no dhà ’nan cois. Tha e gun teagamh iomchuidh gum biodh an cuspair air fhosgladh anns an dòigh-sa, gus cothrom a thoirt do oileanaich, aig nach robh an cothrom roimhe sin, a dhol an sàs ann. Tha e cinnteach nach ann gu call na Gàidhlig a bhios sin – no gu call nan oileanach. Aig an aon àm feumaidh luchd nan oilthighean a bhith air am faiceall nach dìochuimhnich iad luchd-dùthchais, oir, gann ’s mar a tha iad, is iad, fhathast, as deatamaiche. Tha e doirbh a bhreathnachadh carson a tha uiread de ’n fheadhainn a tha a’ toirt a-mach Ard-Ghàidhlig anns na sgoilean a’ tréigsinn a’ chuspair aig an ìre sin, ach is iongantach mura bheil pàirt de ’n choire aig an t-sealladh a bhios a’ chlann a’ faighinn air a’ chuspair anns na dearbh sgoilean sin – air dhòigh agus nach eil iad ga fhaicinn mar chuspair deatamach co-aimsireil. Tha luchd-teagaisg nan àrd-sgoilean gu léir a’ dol troimh na h-oilthighean agus chan eil teagamh nach eil buaidh aig an t-sealladh a bhios iad a’ faighinn an sin air cruth na bhios iad, ’nan àm fhéin, a toirt do ’n chlainn. Feumaidh na h-oilthighean cumail air chuimhne gu bheil ceiste orra anns a’ chùis – agus gur dòcha gu bheil iadsan coireach as, ma ’se seanfhocail as fheàrr leis na sgoilean na facail ùra. Is dligheach a bhith a’ cur ùidh anns an t-saoghal a bha ann, ach feumar solus a chur air an t-saoghal mar a tha e, le inntleachd agus cridhe, agus a riochdachadh an cainnt.
Faodar an Ceum le Urram an Ceiltis a dhèanamh leis fhéin na còmhla ri cuspairean eile mar Beurla, Laideann, Gearmailtis, Eachdraidh na h-Albann, no Teangeòlas. Tha gach cuid a’ cho-ghabhail agus fo-chùrsan an taobh Cheiltich de ’n Cheum eadardhealaichte anns na Roinnean air leth, gach cuid an rian agus an iathadh.
Mar eiseimpleir, an Dùn-Eideann feumaidh gach tagraiche ceuma an Ceiltis na h-aon pàipeirean sgrùdaidh a shuidhe, ach an Glaschu is an Obar-Dheadhan tha cothrom aca na h-uiread de thaghadh a dhèanamh á pàipeirean eugsamhail. An Dùn-Eideann tha a’ Ghàidhlig air a’ toirt a-steach an ceisteachan am pàipeirean
eadardhealaichte, ceisteachan a dh’fhaodar móran aca a sheachnadh; anns na h-oilthighean eile faodar pàipeirean air a’ Ghàidhlig a sheachnadh. Bidh gearain air an sin uaireannan bho oileanaich agus bho dhaoine eile cuideachd – gearain a bhiodh na bu stàthaich, anns a’ chumantas, nam biodh an luchd-gearain air toirt fa-near gu bheil deifir eadar foghlam agus propaganda. Duine sam bith a roghnaicheas ùidh a ghabhail anns a’ Ghàidhlig anns an oilthigh tha cothrom meadhanach math aige sin a dhèanamh.
Air an làimh eile chan eil Ceum le Urram an Gàidhlig leatha fhein air thairgse an Alba, idir, agus is dòcha gu bheil sin a’ sealltainn dìth-misnich – a’ chuid as lugha. Mar a tha an saoghal ag atharrachadh, agus àite nan oilthighean anns an t-saoghal, feumaidh ath-leasachadh connbhallach a bhith a’ tighinn air cuspairean; agus shaoilinn gu bheil móran de na h-adhbhair a bhithist gu gnàthach a’ togail an aghaidh Ceum Gàidhlig nas laige, gach cuid a thaobh oideachais agus feuma, na b’ àbhaist dhaibh a bhith. An Roinn Obar-Dheadhan an déidh 1976 faodaidh oileanach a bhios air son sin a dhèanamh, a thuilleadh air trì paipeirean air Sean-Ghàidhlig, air a’ Ghàidhlig Chlasaicich agus air Nua-Ghàidhlig na h-Eireann, roghnachadh an còrr de fhoghlam a chur ri cainnt, litreachas, oideas agus eachdraidh Gaidhealtachd na h-Albann, agus an Glaschu faodaidh e sia paipearan Gàidhlig a-mach á naoi a roghnachadh. Chì sin có mheud aca a ni an roghainn. ’Se an rud a tha deatamach anns na h-oilthighean gum bi cothrom aig na h-oileanaich air cuspairean Gàidhlig a leantainn cho fada ’s as dligheach dhaibh – agus feumaidh gach Roinn air leth a crìochan fhéin a tharraing anns a’ cheiste sin – sin a dhèanamh. Agus cuideachd gum bi, còmhla ri ath-leasachadh connbhallach, fosgladh fìor-shìobhaltais agus na fìor-dhaonnachd a’ leantainn an fhoghlaim. Gun sin tha e car crìon.
An Colaisde Jordanhill, anns a’ Cheum B. Ed. tha dà sheòrsa cùrsa a tha a’ toirt a-steach na Gàidhlig: Ceud Chùrsa agus Dàrna Cùrsa do ’n fheadhainn aig a bheil Gàidhlig mas tòisich iad anns a’ cholaisde; agus Cùrsa Ceiltis do ’n fheadhainn aig nach eil, far an ionnsaich iad mu’n Ghàidhlig agus an cuir iad eòlas air cuspairean Gaidhealach agus Ceilteach eile. Tha na cùrsan sin gu mór fheum,
chan ann a-mhàin gus cur ris a’ Ghàidhlig ach gus cur ri oideachadh nan oileanach a bhios gan gabhail, a’ toirt sealladh dhaibh air an dùthchas. Is mór am beud nach robh an leithid an colaisdean eile.
Tha taobh eile air na Roinnean Ceiltis air nach tug sinn fhathast iomradh. ’Se sin taobh an àrd-léighinn: an taobh a bhios a’ sireadh eòlais ùr mu chuspairean Ceilteach de gach seòrsa. Bha uair a bha Gàidhlig na h-Albann air bheag inbhe anns an ionad sin, ach an diugh ’sann an gnothaichean Gàidhlig a tha a’ mhórchuid de sgoileirean nan Roinnean an sàs ’nan obair aonair, agus tha prògraman co-obrach ann cuideachd.
Is e am prògram as motha aca sin taobh Ghàidhlig Sgoil Léighinn na h-Albann, far am beil mìltean de theipichean air am beil sgeulachd is òrain is gnàth-oideas a thogadh bho bheulaithris nan Gaidheal, agus far am beil mór-eòlas mu ’n timcheall. Tha an obair a’ dol leatha, agus chan e a’ chuid as lugha a tha fhathast ri dhèanamh an saidhbhreas oideis is eòlais sin ath-sgaoileadh am measg nan Gaidheal gus an oideachas a neartachadh agus an dreach ghnàthasach a sgeadachadh.
An Dùn-Eideann cuideachd tha Cànan-Shuirbheidh na h-Albann, anns am beil roinn airson na Gàidhlig. Tha an roinn sin air a bhith a’ cruinneachadh eiseimpleirean de ’n chainnt agus ga sgrùdadh gus lorg fhaighinn, gu sònraichte, air crìochan nan dualchainntean agus gus na dòighean anns am beil iad eadardhealaichte a mhìneachadh. Tha a’ mhór-chuid de ’n obair dèanta agus tha dòchas againn nach fhada gus am bi mion-eòlas air a’ chànan, fo ’n t-sealladh sin, am follais. Ach tha móran de obair ri dèanamh air a’ chànan bho thaobhan eile mas bi tuairsgeul coimhlionta againn air structur na Gàidhlig, agus is còir do na h-oilthighean cur leis an obair sin le bhith a’ toirt cuideachaidh do neach sam bith aig am beil ùidh innte, agus le bhith a’ brosnachadh agus ag ullachadh dhaoine gus an obair a ghabhail os làimh Tha pàirt de ’n obair dheatamach sa a’ cur àirde rithe an Glaschu, far am beil am Faclair Gàidhlig ga dheasachadh. Bheir seo dhuinn cunntas air facail na Gàidhlig, air an cumadh agus am brìgh, agus air mar a chaidh an cleachdadh air feadh eachdraidh a’ chànan. Ach is fhada mus bi an obair mhór sin an clò.
Tha feum mhór air prògraman eile; air cainnt, gach cuid a
structur agus mar a tha a cleachdadh ag atharrachadh air réir atharrachaidhean ann an suidheachaidhean sòichealach (anns a h-uile seadh); air litreachas gnàthasach agus nuadhasach; air eachdraidh agus air a’ chomaras shòichealach air fad. Is còir do na h-oilthighean an dìcheall a dhèanamh gus an cur air bhonn. Ma bhios na Roinnean Ceiltis bàigheil ri deagh-rùn agus cruaidh-inntleachdach an aghaidh luchd-dìmeas, cha shaoilinn nach deidheadh leotha – mura fhàs an t-airgead buileach gann.
Anns an oidhirp ghoirid a tha an seo tha móran nithean cudthromach nach deacha an togail idir agus tha móran a thogadh gu h-uireasbhach agus air an tugadh iomradh anns nach robh bloigh na còrach. Tha mi a’ cur mo mhuinghin an deagh-rùn mo cho-luchd-dreuchd – is gun tuig iad leth-fhacal.
title | 5. Na h-Oilthighean is na Colaisdean |
writers | Donald MacAulay |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Gàidhlig ann an Albainn %p |
parent text | Gaidhlig ann an Albainn |