CRAOBH-SGAOILEADH IS PAIPEARAN
Air iomadach aobhar tha an aimsir an dràsda fàbharach son sùil as ùr a thoirt air craobh-sgaoileadh an Gàidhlig. An toiseach, tha
comharraidhean ann gum bheil tomhas air choireigin de mhisneachd air tilleadh dha na Gaidheil, is gum bheil iad nas deònaiche na bha iad bho chionn suas ri ceud bliadhna air an còrachan éigheach air na bealaichean; tha fianuis ann cuideachd gum bheil barrachd dhaoine ag ionnsachadh na Gàidhlig an diugh na bh’ann riamh; agus tha am Morair Annan is an luchd-sgrùdaidh aige an ceartuair a’ deanamh cnuasachd air cor craobh-sgaoilidh air feadh na dùthcha air fad, agus an cois sin, – agus an cois an atharrachaidh a tha dualach tighinn air dòigh-riaghlaidh Bhreatainn – tha gealltanas ann nach bi modhan craobh-sgaoilidh o so a-mach buileach mar a bha iad.
Mar sin, ged a tha gnothaichean caochlaideach is an aimsir doirbh a leughadh, tha cothrom ann do’n Ghàidhlig nach fhacas o chionn iomadh bliadhna. Ma bheir sinn sùil air an fhianuis a thogadh mu choinneimh Comadaidh Annan bho chaochladh bhuidhnean aig am bheil meas air choireigin air a’ Ghàidhlig, chì sinn gum bheil trì dualan a’ ruith gu cunbhalach troimh’n toinneamh. Anns a’ cheud dol-a- mach, gum feumar stéisean radio air leth a stéidheacheadh dha’n Ghaidhealtachd air nach cluinnear ach Gàidhlig; nuairsin gum feum a’ Ghàidhlig ùine riatanach fhaighinn air radio nàiseanta na h-Alba – dusan uair a thìde san t-seachdain air a’ char as lugha, tha a’ mhor-chuid de na buidhnean a’ smaoineachadh; agus leithid eile do thelebhisein, le feum air leudachadh àraid air na crainn-sgaoilidh a tha ag amas air Ghaidhealtachd.
Ma dh’aidicheas sinn nach biodh an dealbh sin dona mar thoiseach-tòisichidh – agus cuimhnicheamaid gum bi an suidheachadh a’ sìor atharrachadh, is gum feum an cogadh a bhith a réir an latha – an ann air a’ Bh.B. C. is còir an t-uallach air fad a chur?
Is dòcha gur ann orra a thig e an dàrna iarrtas a chomh-lìonadh, agus an treas fear gu ìre mhór – ach gum bheil Grampian TV a nise gealltainn cothrom a thoirt do’n Ghàidhlig – ach am bi iad deònach oidhirp a thoirt air a’ chiad fhear, is iad mu thràth cho mór an sàs an stéisean Inbhirnis? Agus tha e cho math a chumail nar beachd nach eil stéisean Inbhirnis ri chluinntinn air feadh na Gaidhealtachd air fad, nach eil e an Gàidhlig air fad, agus nach eil e ri chluinntinn ach corr uair feadh an latha.
Mar sin, is fhiach feòrach am biodh leithid an I.B. A., le cobhair
bho bhuidheann leithid an H.I. D.B, deònach stéisean Gàidhlig a chur air bhonn. Mur a bì tha an cunnart ann gun dean na Gaidheil cleas nan Eireannach is stéisean a stéidheachadh dhaibh péin, seachd neo-r- thaing dha’n lagh! Cuideachd tha an aimsir fàbharach son pàipear-naidheachd an Gàidhlig a thòiseachadh, pàipear seachdaineil is dòcha.
Ach gu h-àraidh tha feum air buidheann-rannsachaidh a shireas ’s a lorgas gach modh is innleachd as ùire na chéile ann an craobh-sgaoileadh air feadh an t-saoghail air fad agus a chuireas iad gu feum na Gàidhlig.
title | 6. Craobh-sgaoileadh is Pàipearan |
writers | Martin MacDonald |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Gàidhlig ann an Albainn %p |
parent text | Gaidhlig ann an Albainn |