8 Leabhraichean, Litreachas, Foillseachadh
RUARAIDH MACTHOMAIS
Ann an saoghal na Beurla tha e furasda gu leòr a ràdh gu bheil cus leabhraichean ann. Tha cuid de na foillsichearan ’s iad an tòir air airgead, a’ sgeith dhroch leabhraichean ann an aodainn dhaoine, agus tha daoine ann a cheannaicheas iad. Agus tha sgudal de’n t-seòrsa seo ri fhaicinn air feadh na dùthcha gu léir, ann am bùithtean beaga ’s móra. Is dòcha gu bheil seo ’na chomharradh air an leth-ionnsachadh a tha an sluagh a’ faighinn ann an leughadh ’s ann an litreachas na Beurla.
Gun a bhi ag ràdh idir gu bheil ionnsachadh na Gàidhlig nas
fheàrr no nas coimhlionta, tha e soilleir gu bheil suidheachadh againn a tha glé eadar-dhealaichte. Tha sinn an còmhnaidh gann de leabhraichean Gàidhlig: gann anns an sgoil, gann nuair a dh’fhàgas sinn an sgoil, gann ma tha iarraidh againn a dhol domhainn ann an iomadh cuspair, gann de sgudal.
Nise, do dhuine tha riaraichte leis na chluinneas e, leis na bheir e steach le chluasan, chan eil seo gu diofar. Is cluinnidh tu corra dhuine ag ràdh, “Nach eil ar bial-aithris againn, ar ceòl?” Agus cluinnidh tu corra dhuine eile ag ràdh“ ’Se bhi bruidhinn na Gàidhlig tha dhìth oirnn; cha chùm leabhraichean beò i.” ’Se saoghal cumhang tha sin anns a bheil iad beò. ’Se aon rud a tha ann a bhi ag iarraidh saoghal fada do’n bhial-aithris, agus rud tur eadar-dhealaichte a bhi ag iarraidh gun cuir am bial-aithris an saoghal fodha fhéin. Cha ghabh e dèanamh, agus is dòcha gur math nach gabh. Agus cha ghabh saoghal nan leabhraichean cur ás: sin an saoghal a th’againn agus mar as motha bheir sinn ás ’sann as fheàrr.
Dé tha sinn a’ toirt ás aig an àm? Agus dé dh’fhaodadh sinn a thoirt ás? Agus ciamar a dhèanadh sinn e? Ann a sin tha ceistean ris a bheil mi air a bhi a’ gleachd fad iomadh bliadhna a nis. Chan eil mi buileach mì-riaraichte leis a’ phiseach a thainig air cùisean, ach tha gu leòr ri dhèanamh fhathast, agus tha an còmhnaidh rudan ùra ri’n dèanamh.
Can an dràsda gu bheil thu a’ togail teaghlaich ann an tìr an Gàidhlig, agus ag iarraidh gum biodh saoghal Gàidhlig aig a’ chloinn, gun iad a bhi air leth bho’n t-saoghal a-muigh cuideachd. Tha thu gann de leabhraichean cloinne: tha dusan ann, is dòcha, a chòrdas riutha uair no uaireigin, ach tha clann bheaga ag iarraidh móran biathaidh. Chan eil leabhar ann an Gàidhlig mu chàraichean, mu bhall-coise, mu chlàir pop. Tha taghadh aig clann na Beurla air ceudan de leabhraichean dathte, freagarrach do dh’aois sam bith, ’s de leabhraichean le sgeulachdan, ’s de leabhraichean leis gach fiosrachadh tha dhìth orra: eachdraidh no fasanan no togail-thrèanaichean no innleachd-dealain no réidio. Cha teid againn a chaoidh air taghadh mar sin a thoirt dhaibh, ach mura dean sinn nas fheàrr na tha sinn a’ dèanamh, theid an ùidh aca air iteig, agus có chuireadh umhail orra.
Ma bhios iad ás aonais leabhraichean, anns an t-saoghal a th’ann, bidh iad ás aonais ùidhe, agus ma bhios iad ás aonais leabhraichean ùidheil ann an Gàidhlig, bidh iad dualtach ùidh a chall anns a’ Ghàidhlig.
Far a bheil saoghal ann cho farsaing ri saoghal na Beurla, le ciadan mhilleanan a’ bruidhinn Beurla air feadh an t-saoghail, thig gach seòrsa leabhair an clò, mar gum b’ann gun iarraidh. Eadhon ann an saoghal na Fraingis, no na Gearmailt, no na h-Eadailtis, ged a tha iad nas cuingte, tachraidh an dearbh nì. Ach ann an saoghal na Gàidhlig cha ruig modhan nàdurrach na ceannachd air pailteas de’n t-seòrsa sin, agus feumaidh sinn planaigeadh a chur an àite nam modhan sin. Feumaidh sinn stiùireadh an àite turchairt.
Ma bheir sinn sùil air na leabhraichean Gàidhlig a chaidh an cur an clò anns an leth-cheud bliadhna chaidh seachad, chì sinn iomadh atharrachadh beag is mór a’ tighinn air a’ phàtaran. Chì sinn barrachd ùidh ga ghabhail ann an leabhraichean cloinne ’s ann an leabhraichean sgoile; agus leabhraichean air creidimh ’s air cràbhadh, agus leabhraichean anns a bheil òrain le ceòl, a’ crìonadh. Feumaidh gu bheil an gluasad seo, ann an tomhas, a’ leantainn modhan smuain an t-sluaigh, ged a tha pàirt dhe an urra ri iarratasan nam foillsichearan fhéin. Air neo chì sinn fàs glé mhór a’ tighinn air àireamh nan nobhailean agus nan leabhraichean anns a bheil sgeulachdan goirid air an cruinneachadh ri chéile, agus chan eil e ro dhuilich fhaicinn co ás a thàinig am fàs a tha sin.
Ma bheir sinn sùil air na ceithir deicheadan, 1930-39, 1940-49, 1950-1959, agus 1960-69, agus air na sia bliadhna 1970-75, chì sinn atharraichean soilleir a’ tachairt. An toiseach, an àireamh leabhraichean Gàidhlig ’s leabhraichean aig a bheil dlùth cheangal ri Gàidhlig, a thàinig bho’n chlò anns na bliadhnachan sin:
1930-1939 : 139 leabhar, mar gum b’e 13.9 sa’ bhliadhna.
1940-49 : 110 leabhar, mar gum b’e 11 sa’ bhliadhna.
1950-59 : 106 leabhar, mar gum b’e 10.6 sa’ bhliadhna.
1960-69 : 110 leabhar, mar gum b’e 11 sa’ bhliadhna.
1970-75 : 125 leabhar, mar gum b’e 20.8 sa’ bhliadhna.
(sia bliadhna)
Ma shìneas sinn na sia bliadhna mu dheireadh sin gu deich, bhiodh dùil againn ri 202 leabhar fhaicinn a’ tighinn o’n chlò anns an ùine sin.
Nise, chan eil teagamh nach tàinig atharrachadh mór air cùisean anns na bliadhnachan mu dheireadh, agus tha e soilleir gur h-e obair a’ Chomuinn Leabhraichean Gàidhlig a rinn an t-atharrachadh bu mhotha. Tha seo mar dhearbhadh air mar a ghabhas cùisean atharrachadh le innleachd tha freagarrach, agus faodaidh seo misneachd a thoirt dhuinn. Ach feumaidh sinn cuimhneachadh gu robh innleachdan eile ag obair cuideachd: bha Coimitidh nan Leabhraichean-sgoile a’ saothrachadh, gu h-àraid eadar 1967 agus 1971, agus bha Clo-bhualaidhean Gairm a’ fàs na bu treise, uidh air n-uidh, bho 1965 no mar sin. Ach sin cuideachd rudan a thugadh am bith a dh’aon ghnothaich; cha b’ann air thuairmse a dh’fhàs iad, no a thàinig éifeachd asda.
Anns an dealbh tha mu’r coinneimh, chì sibh ann an clisgeadh far an tainig fàs no searg air seòrsachan leabhraichean fa-leth Anns a’ chiad dà sheòrsa (leabhraichean cloinne is leabhraichean sgoile), chì sinn deagh fhàs anns an deichead seo agus eadar 1960 agus 1969, ged nach eil aobhar sam bith againn a bhi riaraichte, oir bheir e bliadhnachan móra mus lìon sinn na beàrnan an seo. A thaobh leabhraichean cainnte, is gràmairean is faclairean chì sinn gu bheil iarraidh an còmhnaidh orra, agus tha an iarraidh sin a’ fàs nas treise gach bliadhna, agus a’ sgaoileadh air feadh an t-saoghail. Tha fàs a’ tighinn air seòrsa (4) cuideachd, agus tha a h-uile coltas gun teid an àireamh nas àirde na bha i eadar 1930 agus 1939. A thaobh irisean (5), tha na figearan airson 1960-69 rudeigin clì, oir bha grunnan irisean aig an àm sin nach do mhair (leithid Sradag, An Cabairneach agus leabhar bliadhnail nan oileanach Gaidhealach an Dun-Eideann). Tha sinn fada ro ghann de sheòrsa (6), agus cha b’fhuilear dhuinn fiachainn ris an t-seòrsa seo a bhrosnachadh. Ma sheallas sinn ri seòrsachan (7) agus (8) còmhladh, chì sinn (7) a’ leantainn faisg an aon mheudachd, ach (8) a’ spreadhadh; tha an dealbh a’ cleith beagan de’n fhàs, oir bha e ann anns na bliadhnachan 1960-69, agus eadhon 1950-59, ach ann an irisean (gu h-àraid Gairm) agus ann an craobh-sgaoileadh air réidio. Tha na seòrsachan (9) agus (10) glé
[82]bheag fhathast, ach tha coltas gu fàs (10), gu h-àraid le putadh a’ Chomuinn Leabhraichean Gàidhlig. Agus ri linn a’ phutaidh sin, chì sinn ùidh nàdurrach ga nochdadh ri tìde. Tha bàrdachd (11) an còmhnaidh nas pailte na seòrsachan eile, ach tha coltas fàis oirrese cuideachd. A rèir an deilbh, bidh dràma ag at ’s a’ sìoladh gach dàrnacha deichead, agus ged nach do rug an camera air a’ phìos mu dheireadh de’n dealbh, tha mi ’n dùil gu faic sinn seo a’ tachairt a rithist mus tig 1979. Tha sìoladh mór air tighinn air àireamh nan leabhraichean anns a bheil òrain le ceòl, agus cuideachd air leabhraichean air creidimh is cràbhadh (4). Bu chòir a ràdh gu bheil leabhraichean fo – leithid laoidhean – aig a bheil dlùth cheangal ri (14) cuideachd.
Tha mi smaoineachadh gu bheil e feumail dealbh de’n t-seòrsa seo a bhi againn, ach an tuig sinn nas fheàrr dé th’againn, a thaobh leabhraichean, ann an Gàidhlig, agus dé tha dhìth oirnn. Dh’ainmich mi cho gann ’s a tha sinn de leabhraichean teicniceil agus de leabhraichean mu ghnothaichean an latha: mu phoilitics, mu obair na h-ola, mu staid nan eaglaisean, mu bhadhar eadar-nàiseanta, mu ealdhainean leithid reul-eòlaidheachd no ceimiceachd, mu thuathanachas agus àrach stuic. Agus chì sinn bho’n dealbh cuideachd nach eil leabhraichean againn mu dhùthchannan eile, mu shiubhal air muir no tìr no am fànas. Chan eil leabhar againn le beatha Chailbhin, ged is iomadh facal a dh’fhàgadh mu dheidhinn; chan eil eachdraidh nam Fuadaichean againn ann an Gàidhlig. Ged a tha an litreachas againn a’ fàs ’s a’ sgaoileadh, chan eil móran air a sgrìobhadh mu dheidhinn; agus cha bu mhisde sinn barrachd de litreachas na Roinn Eòrpa a bhi air eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Is gann gu bheil dad againn mu pheantadh, agus b’fheàirrde sinn móran a bharrachd mu cheòl, ged nach biodh ann ach cho feumach ’s a tha sinn air sealladh nas fharsainge fhaighinn air ceòl na tha aig na mith-òranaichean. Agus tha feallsanachd is diadhaireachd ag iarraidh ùghdairean a làimhsicheas iad an Gàidhlig cuideachd. Chan eil an sin ach taghadh. ’Sann air leth-sgamhain ’s air leth-shùil a tha cinneadh beò anns an t-saoghal a th’ann mura bi dòigh aca air suathadh ri cuspairean de’n t-seòrsa seo, ’nan cànain fhéin.
Tha rian againn a nis, tre obair Comunn Leabhraichean Gàidhlig,
air ar feuman a fhreagairt beagan nas fheàrr. Leis an rian seo, faodaidh sinn luchd-sgrìobhaidh a stiùireadh beagan, no a thàladh beagan, abair gu cunntasan-beatha dhaoine a sgrìobhadh, no gu dealbhan-cluiche a chur an clò, no gu seòrsa sam bith eile de leabhar a thoirt an ìre. Dh’fhaodadh gu bheil sealladh nas farsainge aig a’ bhuidhinn sin na th’aig ùghdairean no foillsichearan fa leth, ach aig a’ cheann thall ’sann ris an luchd-sgrìobhaidh a tha a’ chùis an urra. ’Se rud mór a th’ann, ge ta, gu bheil misneachd a nise ga toirt do’n luchd-sgrìobhaidh a dhol an sàs ann an leabhraichean ùra.
Tha dòigh no dhà anns am faodadh an Comunn Leabhraichean barrachd feum a dheanamh, agus tha iad mar thà a’ tòiseachadh air a dhol an sàs annta. Dh’fhaodadh sinn barrachd brosnachaidh a thoirt, a dh’aon ghnothaich, do eadar-theangachadh, agus ri tìde tha mi smaoineachadh gu feum roinn air leth de’n Chomunn Leabhraichean a bhi an sàs anns an obair sin, agus a’ lorg luchd-sgrìobhaidh ùr a nì an obair. Tha cruaidh fheum cuideachd air leabhraichean aotram a fhreagras air càil na h-òigridh eadar aois trì bliadhna deug is fichead, agus tha mi’n dùil gum feum sinn brosnachadh làidir a thoirt do luchd-sgrìobhaidh ach an toir iad air adhart leabhraichean mar seo. Tha feum air leabhraichean taitneach tarraingeach do chloinn nas òige, bho aois 2 gu 13 (agus an fheadhainn as òige de’n t-seòrsa a leughas am pàrantan dhaibh fada mus teid a’ chlann do’n sgoil). Agus tha feum againn air prógram a dheilbh a nis, de leabhraichean a thig a-mach anns na cóig bliadhna deug tha romhainn, air cuspairean ris nach eil a’ Ghàidhlig, no an sgrìobhaiche Gàidhlig, a’ buntainn idir an dràsda: leithid bith-cheimiceachd, is eòlas-chreagan, is eòlas-inntinn, is àrsaidheachd, is innleadaireachd, is léigh-eòlas, is matamataic. Feumaidh sinn a dhol fada fada a-mach air crìochan cumhang na sgoil-Ghàidhlig a th’againn an dràsda ma tha sinn gu bhi beò anns an ath linn.
Feumaidh sinn a dhol a-mach air na crìochan sin cuideachd ann an dòighean nach bi a’ coimhead cho doirbh air a’ chiad shealladh, ach a bhitheas is dòcha a cheart cho duilich a dhol an sàs annta. Mura bi an còmhradh aig a’ choinneimh Phoiliticich, agus aig coinneamhan nan Comhairlean Gaidhealach, agus aig Cléir na h-eaglaise, ann an
Gàidhlig, cha bhi là-màireach na Gàidhlig ach goirid, agus mus tachair seo bithidh feum air leabhraichean is pàipearan air cuspairean de’n t-seòrsa sin. Ach bithidh feum ann nas cruaidhe na sin: feumaidh an cleachdadh a th’againn an dràsda fàs fann, ’s cha bhi sin furasda.
Bidh feadhainn ag ràdh nach lean luchd na Gàidhlig an t-slighe dhuilich sin, gur h-fheàrr leotha crùbadh fo sgàil na cruaich-mhònaich a th’aca. Agus tha e an ìre mhath furasda blàths agus solus a thoirt ás a’ chruaich sin greiseag an dràsda. ’Se an rud, nach mair am blàths agus an solus sin fada. Tha connadh ùr a dhìth air a’ Ghàidhlig, is bithidh e daor ri cheannach. Ach thig solus geal bhuaithe.
Mus tachair seo uile tha móran ullachaidh ri dheanamh, agus feumaidh sinn barrachd dhaoine a dhol an sàs anns an obair. Tha dòchas againn gun gin am proisect dà-chànaineach iomadh leabhar taitneach do chloinn, agus gu lean foillsichearan cuideachd a’ cur leabhraichean cloinne a-mach. Tha cruaidh fheum air leabhraichean-sgoile de gach seòrsa, agus daoine a dh’aon ghnothaich an sàs ann a bhi gan sgrìobhadh agus gam foillseachadh. Tha feum air foillsichearan ùra a chuireadh a-mach leabhraichean is leabhranan saora diomain, a thogadh daoine ’s a chaitheadh iad air falbh, a chuireadh seachad dhà no trì dh’uairean dhaibh gun uallach a chur orra. Cha bu mhisde sinn iris no dhà eile bhi againn. Agus seo uile a’ dol air adhart gun dearmad sam bith a dheanamh air obair sgoileireachd, agus air sgrìobhadh a tha a’ fosgladh dhorsan ùra, gu saoghail eile, an tìm ’s an astar ’s ann am beò-ghrìosaich a’ mhic-mheanmain.
title | 8. Leabhraichean, Litreachas, Foillseachadh |
writers | Derick Smith Thomson |
internal date | 1976.0 |
display date | 1976 |
publication date | 1976 |
level | |
reference template | Gàidhlig ann an Albainn %p |
parent text | Gaidhlig ann an Albainn |