AN SGAILE DHORCHA

IAIN MACLEÒID


[1]

1 Còmhradh anns a’ Chalaidh

Bha Tarmad toilichte faighinn a-mach às abhanca ann am Portrìgh ged a bha gnothaichean air a dhol na bfheàrr na bha dùil aige rachadh iad nuair a fhuair e litir bhon mhanaidsear ag iarraidh air a dhol ann.

Bha mi dìreach asmaointeachadh, a Mhgr Rois, gum bfheàrr dhuinn còmhradh beag a bhith againn ri chèile!” ars am manaidsear an deaghaidh do Tharmad a dhol a-staigh.

Tha mi faicinn gu bheil an cùnntas agad air a dhol beagan anns an dearg ged a rinn thu glè mhath leis an chalet ùr an uiridh!”

Choimhead e air Tarmad.

Tha sin ceart,” arsa Tarmad, “ach cha robh an chalet deiseil gus an robh sinn letheach-slighe tro shèasan an luchd-turais!”

Tha mi smaointeachadh gur e an tractar ùr as coireach gu bheil thu anns an dearg!” ars am manaidsear. “An robh feum agad air tractar an dràsda?”

Uill, bha Seonaidh Eòghainn afalbh a dhUibhist a dhfhuireach air croit na mnatha aige agus bha e reic an tractair aig prìs mhaith. Chan fhaighinn tractar math eile aig a leithid de phrìs!”

Bha fhios aige glè mhath gum burrainn dha a bhith air an gnothach a dhèanamh leis an t-seann tractar ach bha e riamh amiannachadh Massey-Fergusons cha burrainn dha a leigeil seachad ged a bha a mhàthair gu math teagmhach mun ghnothach.

Fhads a tha fhios agad fhèin tha thu dèanamh, a Tharmaid!” ars ise. “Tha fhios agam gu bheil mise buailteach a bhith tuilleadh is faiceallach. Bha mi-fhèin is dathair nuair a bha e beò, mar a bha iomadach duine romhainn, adol às ar rian gun drachamaid ann am fiachan ach chan ann mar sin a tha òigridh an lathan-diugh!”

Bha dùil aig Tarmad gun drachadh an gnothach leis a dhaindeoin cho teanns a bha an t-airgead ach nuair a chunnaic e litir abhanca thuig e gun robh am banca acumail sùil na bu ghèire air na shaoil e.


[2]

Chan eil thum beachd gum bi cosgais mhòr sam bith eile agad airson greis?” ars am manaidsear, aslìobadh na taidh aige. ’S e duine caran reamhar a bha anns amhanaidsear. Bha e air a dheagh ghabhail aige le deise dhorcha ghuirm air is lèine ghil ach bha na sùilean biorach aige agabhail a-staigh a h-uile càil a bha dol air adhart timcheall air.

Chan eil gu dearbh!” arsa Tarmad, “agus tha mi smaointeachadh gu faigh mi obair air rathad ùr an Ath Leathain. Bithidh iad atòiseachadh ann an ùine gun a bhith fada.”

Glè mhath ma tha!” ars am manaidsear. “Fàgaidh sinn aig sin an dràsda e! Ach tha e nas fheàrr fios a bhith againn càite a bheil sinn a thaobh airgid, nach eil? Bha e math a bhith còmhradh riut a-rithist.”

Bfheàrr leam gum burrainn dhòmhsa an t-aon rud a ràdh mu ddheidhinn-sa!” smaointich Tarmad an uair a bha am manaidsear abreith air làimh air anns an dealachadh.

Bha an sgoil air sgaoileadh nuair a thàinig e mach gu sgueir abhaile agus thachair e ri Ruairidh, mac bràthair athar, a bha teagasg anns an sgoil. Dhfhairich e seòrsa de dhfharmad nuair a chunnaic e Ruairidhs a thàinig e staigh air gur dòcha gun robh e air a bhith na bu ghlice dha a dhol a-staigh airson teagaisg nuair a bha a chùrsa san oilthigh seachad ach cha do mhair am faireachdainn sin fada.

Bheil thu faicinn an deamhain bhig ud?” arsa Ruairidh agus e comharrachadh a-mach gille beag cruinn, bàn ann an seacaid dheirg na sgoile. “Cha mhòr nach tug mi sgleog dha an-diugh!”

Choimhead Tarmad air an fhear bheag a bha acoimhead neo-chiontach gu leòr agus rinn e gàire. Bha e faireachadh na bfheàrr.

Thugainn airson cofaidh!” ars esan ri Ruairidh.

Bha clatair gu leòr anns achafaidh leis na sgoilearan adòrtadh a-staigh a cheannach a h-uile seòrsa deoch a bha ceadaichte agus a leigeil uallach an latha dhiubh, ach chùm na gillean orra suas an staidhre far an robh rùm beag a bha air a chur mu seach airson feadhainn a bha air aoigheachd anns an taigh-òsda. Is ann leis an aon teaghlach a bha an cafaidhs an taigh-òsda agus bha na gillean le chèile càirdeach dhaibh.

Shuidh iad aig bòrd a bha ris an uinneig os cionn na sràide agus dhòrdaich iad cofaidh.

Fhads a bha iad abruidheann bha iad le chèile coimhead a-mach air an uinneig. Chan e gu robh mòran ri fhaicinn aig an àm. Bha e ro thràth anns abhliadhna fhathast airson mòran luchd-turais a bhith timcheall. Cha robh duine ri fhaicinn ach muinntir an àite adol a-machs a-staigh


[3] às na bùthan, achuid bu mhotha dhiubh an dàrna cuid suas ann am bliadhnaichean nonan cloinn sgoile.

Cha robh Tarmad ach air balgam no dhà dhen chofaidh a ghabhail nuair a thug en aire do chòmhlan dhaoine a bha eadar-dhealaichte bhon fheadhainn eile air an t-sràid. Bha mu ochdnar anns achòmhlan, triùir fhear agus còignear bhoireannach. Bha na fir na bàirde na achuid bu mhotha den fheadhainn a bha air an t-sràid. Chunnaic Tarmad gun robh duine chloinne an urra aig dithis de na boireannaich air làimh.

An e sin an fheadhainn à Aimeireaga a thàinig a dhfhuireach aig Drochaid Sgoraig?” dhfhaighnich e de Ruairidh.

“ ’S iad,” arsaTha na h-uimhir dhiubh anns tha creideamh neònach air choreigin aca. Ach nach eil-- - ?” Stad e agus thug e sùil air Tarmad a bha acoimhead a-mach air an uinneig.

Bha na coigrich abruidhinns agàireachdaichnam measg fhèin. Chunnaic Tarmad gun robh iad uile atoirt àite sònraichte do aon fhear mòr, bàn, a bha, a-rèir coltais, ’na cheannard orra. Rinn aonan de na fireannaich eil gàires thuirt e rudeigin ris an fhear mhòr ach ma thubhairt, chunnaic Tarmad aodann an fhir mhòir ag atharrachadhs afàs cruaidh. Thionndaidh e air an fhear eile aguss ann a shaoileadh Tarmad gun robh e faicinn an lasaidh a bha anns na sùilean aige leis an fheirg. Sheas am fear eiles a cheann crom fhads a bha an sruth fhaclan adòrtadh thairis air mar gun robh e gabhail ris an achmhasan a bha am fear mòr atoirt dha, ach stad am fear mòr cho luaths a thòisich e. Thraogh an fhearg às an aodann aige agus chuir e làmh air gualainn an fhir eile mar gun robh e toirt maitheanas dha.

Thog am fear eile a cheann agus rinn e snodha-gàire ach aig an aon àm chunnaic an dithis aig an uinneig e suathadh air falbh na deòir bho shùilean mus do lean e-fhèin is càch am fear mòr suas Sràid Wentworth.

Thionndaidh Tarmad ri Ruairidh.

bha thu dol a ràdh man deidhinn?” ars esan.

Bha Ruairidh acoimhead caran -chomhortail, mar gun robh e duilich gun tug e tarraing sam bith air na coigrich.

Uill, na tog ceàrr mi,” ars esan. “Chan ann afaighinn coire tha mi idir, ach nach eil càirdean aig Sìne, do phiuthar, a-measg na feadhainn ud?”

Bha aodann Tharmaid stòlda nuair a fhreagair e.

Chuala mi i bruidhinn man deidhinn ceart gu leòr,” ars esan, “ ’s bha mi tarraing aiste man deidhinn ach, an deaghaidh na chunnaic sinn


[4] an dràsdas dòcha gum bu chòir dhomh bruidhinn rithe. Chan eil mi cinnteach carson, ach chuir am fear mòr bàn sin seòrsa de ghaoirnam fheòil!”

Nuair sin rinn e gàire.

Chan e gu bheil gnothach sam bith agamsa na càirdean a thaig Sìne agus, gu dearbh, ’s e i-fhèin a cheart a chanas sin rium!” Dhfhàs aodann na bu stòlda a-rithist.

Chan eil ann ach nach eil i ach naodh bliadhna deug a dhaoiss nach eil mathair beò airson comhairle thoirt dhi!”

title1 Còmhradh anns a’ Chalaidh
internal date1992.0
display date1992
publication date1992
level
reference template

MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p

parent textAn Sgaile Dhorcha
<< please select a word
<< please select a page