[41]

10 Comhairle Cogaidh

An ath mhadainn nuair a thàinig Tarmad a-nuas an staidhre tràth bha Mòragna seasamh anns achidsin acoimhead a-mach air an uinneig leis aphrosbaig.

An tug thun aire dha na daoine ud faisg air abhearradh?” ars ise. “Tha prosbaig an urra aca agus bheirinn mo mhionnan gur ann afaire oirnne a tha iad!”

Ghabh Tarmad aphrosbaig bhuaipes choimhead e-fhèin. ’S e dithis dhe no Companaich a bha ann. Bha iad uaireannan mar gun robh iad asealltainn thar na mara gu Ratharsair agus tìr-mòr ach a h-uile ceann greiseig bha iad ationndadhs acoimhead air an taigh.

“ ’S e feadhainn de na Companaich a thann!” arsa Tarmad.

Dhfhairich e Sìne tighinn a-staigh dhan chidsin air a chùlaibh. Nuair a thug e sùil oirre dhaithnich e air a h-aodann gun robh rudeigin ceàrr.

thann, a Shìne?” ars esan.

Bhruidheann mi ri Karl air afòn an-dràsda,” ars ise. Thuirt e gu faca e bhon taigh aig Catrìona feadhainn às achàmpa acoiseachd timcheall Charbost. Tha eagal air gu bheil fios aca gu bheil en àiteigin an-sin!

Dhiarr mi air fuireach far a bheil e gus am bruidhninn riut-sa!” arsa Sìne ann an guth briste. “ ’S a bharrachd air sin,” thuirt ichuala mi air an rèidio an dràsda gun robh muinntir achàmpag ràdh gun robh e air chall!”

Shuidh i aig abhòrd agus chuir i suas a làmhan gu a h-aodann.

Chaidh a màthair a-null agus chuir i a gaoirdeanan timcheall oirre.

tha seo?” ars ise ri Tarmad.

Uill, a mhàthair,” ars esan, “ ’s e as coireach gu bheil iad an-sin gu bheil iad acoimhead airson Karl. Theich e às achàmpa! ’S e mises coireach nach do dhinnis sinn dhuibh mu dheidhinn aghnothaich seo roimhe. Cha robh mig iarraidh dragh a chur oirbh!”


[42]

Nach eil thu tuigsinn gum bfheàrr leam-sa fada fios a bhith agam mu dheidhinn rud sam bith tha tachairt dhan chloinn agam!” arsa Mòrag.

Dhaom Tarmad a cheann.

Tha mi tuigsinn sin, a mhàthair,” ars esan. “ ’S bha còir agam air innse dhuibh roimhe seo. Tha mi faicinn gu bheil sibh cho làidir ri duine againn!”

Chan eil fhiosam mu dheidhinn sin!” arsa Mòrag acoimhead air Tarmad ann an dòigh caran magail, a dhaindeoin cho iomagaineachs a bha a h-aodann fhathast, mar gum biodh i ràdh ris, “Cha leig thu leas a bhith ri brosgal, a bhalaich!” “Ach ma tha Karl ann an cunnart sam bith bu chòir dhuinn fònadh dha na poilis. Fònaibh gu Niall Mòr!”

Tha Niall Mòr air falbh an-dràsda, a mhàthair!” arsa Tarmad, “ ’s tha eagal air Karl gu bheil càirdean aig muinntir achàmpa air aphoilis! Chan eil fhiosam bu chòir dhuinn a dhèanamh!”

Dhfhairich e grèim atighinn am meadhan a dhroma leis an uallach a bha air. Cha robh e riamh roimhe ann an suidheachadh mar seo.

Fònaidh mi gu Pàdraig an toiseach!” ars esan. “Tha fhios aige-san air a h-uile càil mu dheidhinn Karl, a mhàthair!”

Uill, ’s math gu bheil fhios aig amhinistear air!” arsa Mòrag, ach bha i coimhead iomagaineach fhathast.

Cha robh e ach deich mionaidean gus an cuala iad an càr aig Pàdraig atighinn.

Tha eagal air Karl gu bheil fhios aig muinntir achàmpa gu bheil e ann an Carbost!” arsa Tarmad ri Pàdraig nuair a leig e staigh e. Chaidh iad a-staigh dhan rùm-suidhe far an robh càch.

Tha fhios aig mo mhàthair air a h-uile càil ceangailte ris aghnothach aig Karl, a Phàdraig!” arsa Tarmad nuair a chunnaic e Pàdraig atoirt sùil air Mòraig.

Chan urrainn gu bheil na poileasmain uile dhe na Companaich!” arsa Pàdraig, “achs e mhì-shealbh nach eil fhios againn tha dhiùbhs nach eils dhfhaodadh an neach a tha dhiùbh fiosrachadh sam bith a thoirt dhaibh!”

Tha rudeigin eile ann cuideachd,” arsa Tarmad. “Tha mi smaoineachadh gur dòcha gu bheil ceangal aig MacFhraing, an crèadhadair, ris na Companaichs dhfhaodadh esan a bhith cumail sùil oirnn cuideachd!”

Uill, anns achiad àite,” arsa Pàdraig, “Bhitheadh e na bfheàrr nach biodh iad asaoilsinn gu bheil eagal oirnn, no gu bheil adhbhar againn


[43] eagal a bhith oirnn.”

Sheall e air Sìne.

Bheil thu smaoineachadh gum burrainn dhut-sa dhol gu dobair mar as àbhaist, a Shìne?” ars esan. “ ’S cha bhiodh iad asaoilsinn gu bheil càil às an rathad atachairt!”

Dhaom Sìne a ceann.

Bithidh mise ceart gu leòr!” ars ise. “Bithidh eagal orra rud sam bith a dhèanamh air an rathad mhòr feadh an latha co-dhiù!”

Chuir Morag a làmh air gualainn Sìne.

Ach am bi i sàbhailte?” ars ise.

Choimhead Pàraig air Tarmad.

Tha sinn uile sàbhailte fhads nach fhaic iad sinn adèanamh càil sam bithnan aghaidh,” arsa Tarmad. “Cha bhi iad ag iarraidh tuilleadh trioblaid adhbharachadh mas urra dhaibh!”

Ach cha do ghabh i biadh fhathast, ’s leis an ùpraid a thair a bhith ann cha drinn mi abhreacaist!”

Bheir mi leam pìos, a mhamaidh!” arsa Sìne.

Feumaidh tu rudeigin ithe agus cofaidh òl mus fhalbh thu!” arsa Mòrags i falbh a-staigh dhan achidsin a dheasachadh biadh do Shìnes dhan a h-uile duine eile.

Dhèirich Sìnes sheall i air Tarmads Pàdraig.

Tha mi duilich an dragh seo a thoirt dhuibh!” ars ise, ’s airson ur cur ann an cunnarts dòcha ach tha mi fada, fada nur comain airson feuchainn ri Karl a chuideachadh!”

Chaidh Tarmad a-null agus chuir e làmh air a gualainn.

Tha sinne sàbhailte gu leòr!” ars esan. “ ’S e am feum as motha as urrainn dhutsa dhèanamh srian a chumail air dinntinn cho fads as urrainn dhuts dobair a fhrithealadh mar as àbhaist. Tha fhios againn nach eil e soirbh, a thasgaidh, ach feuch ri cumail ort!”

Chuala e Murchadh atighinn a-nuas an staidhre.

Aon rud eile!” ars esan. “Thèid thu anns achàr aig Murchadh. Tha iad gur faicinn afalbh anns an aon chàr tric gu leòr. Bithidh tu nas fheàrr gun thu-fhèin a bhith dràibheadh an-diugh!

Thionndaidh e ri Pàdraig.

Dhinnis mi do Mhurchadh mu dheidhinn Karl. Tha e gu math earbsachs tha e cho math gum biodh a h-uile duine againn acoimhead a-mach airson ar nàimhdeanoirs e sin a thannta!”

Thàinig Mòrag a-staigh dhan chidsin le treidhe air an robh rolaichean


[44] le beucan orra agus cofaidh.

Tha ur biadh air abhòrd anns achidsin,” a Shìnes a Mhurchaidh,” ars ise, “ ’s feumaidh sibhse rudeigin ithe cuideachd!” ars ise ri Tarmads Pàdraig. “ ’S dòcha nach do ghabh sibhse mòran an-diugh fhathast, a Phàdraig!”

Rinn Pàdraig gàire.

Feumaidh mi aideachadh nach do ghabh!” ars esan.

Bha Mòrag afaireachadh na bfheàrr on fhuair i rudeigin ri dhèanamh.

Gabhaidh tu seo ma tha agus cuiridh mi air tuilleadh beucain!” ars ise.

O, cha chuir!” arsa Pàdraig. “Cha ghabh misen còrr. Chan eil mi eòlach air cus bìdhe ann!” ars esan le gàire eile.

Bheil sibh cinnteach?” arsa Mòrag.

Gu dearbh, tha!” arsa Pàdraig. “Chan urra dhòmhsa fàs ach an aon rathad a-nises chan eil mig iarraidh bhith ro chruinn!”

Bha Tarmad toilichte gu robh Mòrag agabhail ri gnothaichean cho math, ach chunnaic e a h-aodann afàs stòlda.

Ach mu dheidhinn Catrìona?” ars ise. “Cha robh cuimhne aig duine againn oirre-se! Tha min dòchas gum bi i sàbhailte!”

Bha aodann Tharmaid stòlda cuideachd. Thug e sùil air Pàdraig.

Cha chreid mi gun dèan iad càil air Catrìona!” ars esan.

“ ’S e Karl a tha dhìth orras mar a thuirt mi mar tha cha bhi iad ag iarraidh barrachd triobaid na dhfheumas iad adhbharachadh dhaibh fhèin!”

Ged a thuirt e seo bha e smaoineachadh nach robh e idir cinnteach às na thuirt e. Mura burrainn dha na Companaich dèiligeadh ri Karl gun Chatrìona a ghoirteachadh cuideachd cha robh cinnt sam bith gun tarraingeadh iad air ais bho bheud a dhèanamh oirre-se.

“ ’S fheàrr dhuinne falbh!” arsa Murchadh agus Sìnes e-fhèin san doras.

Mas do lean Sìne e sheall i air Pàdraig.

Tha e math dhut ar cuideachadh, a Phàdraig!” ars ise adèanamh fiamh-ghàire ris.

Dhfhàs aodann Phàdraig caran dearg.

Nach e sin a bu chòir do mhinistear a dhèanamh co-dhiù!” ars esan le gàire.

Cha chreid mi gum buin iad ruibh-se airson an adhbhair a


[45] dhainmich mi mar tha!” arsa Tarmad, “ach ma thèid ur ceasnachadh can riutha nach eil fhios agaibh air càil!”

Bha iomagain gu leòr air man deidhinn ach cha robh eg iarraidh seo a shealltainn dha mhàthairs cur ris an iomagain a bha ise faireachadh mar thà.

Tha min dòchas gum bi iad sàbhailte!” arsa Mòrag nuair a dhfhalbh iad, “ ’s tha mig ùrnaigh gun tèid an sgàile dhorcha seo a thogail dhinn!”

Amen ri sin!” arsa Pàdraig. “Na gabhaibh cus dragh, a Mhòrag. Bithidh Karl sàbhailte dhaithghearrs bithidh sinn air ais mar a bàbhaist!”

Nuair a dhfhalbh Mòrag air ais dhan chidsin thionndaidh Pàdraig ri Tarmad.

Chan urra dhuinn Catrìona fhàgail ann an cunnart!” ars esan. “Feumaidh mi-fhìns tu-fhèin a dhol a dhiarraidh Karl feadh na h-oidhche nochd!

Fònaidh mi gu DòmhnallIlleasbaig airson gun toir em bàta leis am bi eg iasgach nam musgan-caol gu Portrìghs bheir sinn Karl a-null gu tìr-mòr. Leigidh sinn fhaicinn dhaibh air dòigh-eigin an deaghaidh sin gu bheil e air falbhs togaidh sin an t-uallach dhen teaghlach agaibh, tha min dòchas!”

Dhaom Tarmad a cheann.

Thèid sinn timcheall rathad Uiges gabhaidh sinn rathad amhonaidh a-null a Chàrbost,” ars esan. “Fàgaidh min càr aig aPhost-oifis ann aBhaltos agus coisichidh sinn an sin. Faodaidh sinn fàgail à seo.”

Cha leig mi leas,” arsa Pàdraig. Thig mi air abhaidhseagail. Tha daoine eòlach air mfhaicinn air co-dhiù!”

Bha rudan atachairt a-nise. Dhfhairich Tarmad pàirt dhen uallach a bha air a bhith air a spiorad o chionn seachdainean a-nise atogail. Bfheàrr leis fada nuair a burrainn dha dhol an sàs ann an gnothach. Bha e taingeil cuideachd gu robh caraid cho seasmhach agus cho comasach ri Pàdraig còmhla ris ach bha e fhathast iomagaineach mu Shìnes a mhàthairs Murchadhs bha Miranda air cùl inntinn fad an t-siubhail.

title10 Comhairle Cogaidh
internal date1992.0
display date1992
publication date1992
level
reference template

MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p

parent textAn Sgaile Dhorcha
<< please select a word
<< please select a page