[46]

11 Carbost air an Oidhche

Bha e dorcha aig meadhan oidhche nuair a dhfhàg Tarmad an taigh ach cha robh a chridhe aige toirdse a lasadh air eagal gu faiceadh duine sam bith e. Bha e air a ràdh ri mhàthair na bu tràithe gun robh gnothach aige ri Pàdraig mu dheidhinn n ath cheum a bha iad dol a ghabhail ann an cùisean Kharls gun robh eagal orra bruidheann air afòn.

Ma bhios sinn anmoch caidlidh mi anns amhansa,” ars esan an dòchas gun toireadh sin air Mòraig gun fuireachna dùisge ged a bhiodh e anmoch gun tilleadh. Thug i sùil air mar nach robh i uile gu lèir ga chreidsinn, ach cha tuirt i càil ach, “Feuch gun toir thun aire!”

Dhfhàg en car aig aPost-oifis ann aBhaltos na bu tràithe san fheasgar. Bha fhios aige gum bitheadh dùil aig muinntir aPhost-oifis gun robh e dol a choimhead air caoraich anns amhonadh mar a bhiodh e dèanamh tric gu leòr.

Chùm e ri taobh achladaich dhen rathads dhìrich e suas chun aPhost-oifis aig Glaic na h-Atha. Nuair a ràinig en càr chunnaic e gun robh Pàdraig ann roimhe.

Chunnaic mi fear de na Companaich os cionn an rathaid nuair a dhfhàg mi an taigh!” arsa Pàdraig, “ach tha iad eòlach gu leòr air mfhaicinn air abhaidhseagail atadhal air buill dhen choithional nuair nach eil fada agam ri dhol.”

mu dheidhinn abhàta?” arsa Tarmad.

Thuirt Dòmhnall gum bi e gar feitheamh aig achidhe ann am Portrìgh eadar a dhàs a ceithir anns amhadainn. Tha na poilis eòlach gu leòr air fhaicinn aig uair sam bith feadh na h-oidhche!”

Glè mhath!” arsa Tarmad. “Dhfhòn mise gu Catrìonas thuirt mi rithe gum bitheamaid atighinn anmochs carson, ’s dhiarr mi oirre innse do Kharl. Bha fhios agam nach cuireadh an uair anmoch dragh sam bith oirre-se. Chaidh a togail ann an Grealainn far an robh muinntir an àite riamh cleachdte ri bhith air an cois anmoch!”


[47]

Thòisich Tarmad an càr agus ghluais iad sìos seachad air Eilisiadar. Bha iad le chèile coimhead anns an sgàthan feuch an robh duine gan leantainn ach chan fhaca iad solas càir no eile atighinn air an cùlaibh. Leis an rathad ùr seachad air Loch Mhealt cha tug iad fada ruigheachd snaidhm an rathaid os cionn Steinnseils ghabh iad suas rathad aBhealaich seachad air Sartal, agus on bha an rathad cho sàmhach bha iad ateannadh ri ceann rathad an Droighnich ann am beagans uair a thìde an deaghaidh dhaibh tòiseachadh.

Fàgaidh sinn an càr aig an taigh-staile ann an Carbost,” arsa Tarmads bithidh dùil aig feadhainn sam bith a chì e gur ann le feadhainn ceangailte ris an taigh-stailetha e.”

Nuair a bha iad adol seachad air an Eaglais Shaoirs agabhail sìos an rathad gu Carbost cha robh iad afaicinn duine, ach dìreach mus do ràinig iad am Post-oifis thug Tarmad an aire do dhuine aleum far an rathaids adol timcheall cùl aphost-oifis. Bha dionss brògan geal airs shaoil e gur e fear de na Companaich a bha ann.

Faca thu fear ud?” ars esan.

Chan fhaca,” arsa Pàdraig. “Mar a tha fhios agad chan eil mi uabhasach math air faicinn air an oidhche!”

Tha mi smaoineachadh gur e fear de na Companaich a bhann!” arsa Tarmad. Ann an tiotan bha e air fàs fuar leis an eagal.

Bha e air a bhith cho trang acur na planaichean aca an òrdan roimhe seos nach robh cus tìde aige air eagal a ghabhail ach a-nise bha e tòiseachadh air a bhith mothachail air cho cruaidh an-iochdmhor a bha na daoine a bhanan aghaidh.

A bheil an t-eagal ort-sa cuideachd?” ars esan ri Pàdraig nuair a ràinig iad an taigh-staile.

Tha!” arsa Pàdraig. “Tha mi feuchainn ri cuimhneachadh gur ann an tòir air gnìomh math a dhèanamh a tha sinn, ach a dhaindeoin sin than t-eagal orms tha mig ùrnaigh nach fàiling mi an uair na deuchainn!”

Tha misen aon rud!” arsa Tarmad. “Chan urra dhuinn ach ar dìcheall a dhèanamhs sinn sin!”

Nuair a thionndaidh en càr a-staigh ri taobh an taigh-staile chunnaic e gun robh an solas air anns an oifis. Choimhead boireannach a-mach ach cha do dhfhan i aig an uinneig idir. Bhiodh dùil aice gur e feadhainn den luchd-obrach a bhiodh ann air plòidh air choreigin.

Cha do ghlas Tarmad an càr idir air eagal gun tigeadh orra falbh ann an cabhaigs thog iad orra suas abhruthach. ’S ann air an leathad os


[48] cionn abhaile a bha taigh Catrìona.

Ged a bha e dorcha, sgòthach chitheadh iad meadhanach math gun toirdse. Bha toirdse aig Tarmadna phòcaid ach chuir e roimhe nach cuireadh e gu feum i mura toireadh an èiginn air e.

Chuala e fuaim agus gnòsail agus thuit Pàdraig. An ath rud dhèirich cruth mòr dorcha bhon talamh.

Rinn Tarmad gàires e cuideachadh Pàdraig air a chasan.

“ ’S e a thann!” ars esan.

Feuch nach seas thu air mo ghloinneachan!” arsa Pàdraig. “Thuit iad dhiom!”

Chaidh Tarmad air a ghlùinean agus an deaghaidh greiseag fhuair e na gloinneachan.

Mòran taing!” arsa Padraig, asuathadh nan gloinneachan. “Cha bhithinn ach truagh às an aonais!”

Cha chreid mi nach tèid sinn air an rathad a-nise,” arsa Tarmad. “Chan eil fadagainn ri dhol co-dhiù!”

Chan fhaca iad duine achuid mu dheireadh dhen t-slighe agus nuair a bha iad atighinn faisg air taigh Catrìona sgap na sgòthans chitheadh iad aghealach ùr.

Dhfhosgail Tarmad an geata air a shocair agus choisich iad suas dhan doras aghaidh. Bha solas air anns achidsin agus bha na cùirtearan air an tarraing. Bha solas air os cionn an dorais cuideachd.

Ghnog Tarmad ceithir tursan air an doras mar a chuir e air dòigh le Catrìona air afòn agus chunnaic iad oisean achùirteir ga thogail.

An uair sin thàinig Catrìona chun an dorais.

Chuala iad i tarraing air ais na crainn air cùl na còmhla.

Tha i dèanamh cinnteach nach fhaigh coigreach a-staigh gun fhiosda dhi co-dhiù!” arsa Tarmad.

O, ’s mi tha toilichte ur faicinn!” arsa Catrìona nuair a dhfhosgail i an doras. “Chan fhaca sibh Karl?”

Karl!” arsa Tarmad. “Bha dùil agam gun robh e staigh!”

Bha e sin!” ars ise, “ach chaidh e mach o chionn cairteal na h-uarach a dhiarraidh pileachan a dhfhàg e anns achàr, bha e gabhail pileachan airson a stamag, ’s cha do thill e.

Bha mim beachd a dhol a-mach a choimhead air a shon ach shaoil mi gun cuala mi guthan a-muigh is bhuail an t-eagal mi agus dfhan mi staigh!”

Bha a h-aodann bàns bha coltas iomagaineach oirre.


[49]

Tha mi duilich gun robh an tàire seo agaibh!” arsa Tarmad. “Bheir sinne sùil a-mach. Faodaidh sibh an doras a ghlasadh às ar deaghaidh.”

Las Tarmad an toirdses thòisich e air coimhead timcheall an taighe. Bha toirdse aig Pàdraig cuideachd, bhiodh Catrìona cumail anns aphoirdse.

Dhfhosgail Pàdraig doras na seann bàthcha agus an ath mhionaid.

Trobhad an-seo!” dhèigh e ann an guth tùchanach.

Ghreas Tarmad a-null agus dhfhoillsich en toirdse staigh dhan bhàthaich.

Bha Pàdraigna sheasamh an-sin agabhail cudtrom corp Karl a bha an crochadh ri fear dhe na tarsannan le ròpa mu amhaich.

Bha seann seuthar air a chliathaich air an làr. Leum Tarmad air an t-seuthar agus gheàrr e an ròpa leis an sgithinn-phòcaid aige. Ghiùlan iad Karl a-mach eatorra agus chuir iad sìos air an talamh e.

Dhfhairich Pàdraig taobh amhach Karl airson greiseag ach chitheadh duine sam bith gun robh car -nàdarrach an ceann Kharl.

Choimhead Pàdraig air Tarmad.

Tha e marbh!” ars esan.

title11 Carbost air an Oidhche
internal date1992.0
display date1992
publication date1992
level
reference template

MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p

parent textAn Sgaile Dhorcha
<< please select a word
<< please select a page