13 Oifis a’ Phoilis
Bha Tarmad is Pàdraig air an rathad gu Portrìgh aig fichead mionaid gu trì feasgar. Chan fhaca Tarmad Sìne idir mus do dh’fhalbh e. Bha i ’n deaghaidh pile-cadail fhaighinn bhon dotair ’s bha i fhathast anns an leabaidh.
Chaidh Ruairidh dhachaigh an deaghaidh grèim bìdhe a ghabhail còmhla ri Tarmad mus deachaidh Tarmad fhèin a leabaidh. Chaidil e gu math leis cho sgìth ’s a bha e ach nuair a dhùisg e bha inntinn làn de smaointean iomagaineach.
Bha an fheadhainn a bha ’nan aghaidh cho cumhachdach. Bha e cinnteach gun deach Fennell agus Karl a mharbhadh airson gun robh fhios aca air cus mu dheidhinn nan Companach ach cha robh srad de dhearbhadh aige gum b’ e na Companaich a bu choireach airson am bàs. Bhitheadh e soirbh gu leòr dha na Companaich toirt air duine sam bith a chreidsinn gur e tubaist a dh’èirich do Fennell ’s gun robh Karl lag anns an inntinn.
Bha Karl a’ smaoineachadh nach biodh e sàbhailte eadhon ann an làmhan nam poilis. Thuirt e ri Sìne gun robh Singer air a bhith anns an CIA ’s mar sin gun robh e suas ris a h-uile innleachd.
“Eil fhios carson a thagh iad an t-Eilean airson àite còmhnaidh?” ars esan ri Pàdraig, ’s e coimhead a-null seachad air an Loch Fhada gu Eirmisiadar ’na laighe anns a’ ghrèin.
Thuig Pàdraig math gu leòr cò bha e ciallachadh.
“A-rèir ’s mar a thuirt Karl tha na h-uimhir de bhuidheannan dhen aon seòrsa air feadh an t-saoghail!” ars esan. Is shaoilinn gun taghadh iad àite iomallach dùthchail airson gum bi barrachd cothroim aca na buill aca ionnsachadh is oideachadh gun chus aire bhith orra bhon t-sluagh. Agus cuideachd airson gu bheil an creideamh aca air a stèidheachadh air dhòigh air choreigin air obair nàdair ’s tha mi smaoineachadh air seann phàgantachd, ged nach eil an sin ach rud a tha mi-fhìn a’ smaoineachadh.
“Ged a tha iad a’ cumail a-mach gu bheil ceangal aig a’ chreideamh aca ris a’ Chreideamh Chrìosdaidh chan eil mi smaoineachadh gu bheil an sin ach brat ceathach a tha iad a’ cur a-mach airson toirt air daoine saoilsinn nach eil annta ach buidheann eile air iomall a’ Chreideimh Chrìosdaidh!”
“Tha iad a’ cur eagal mo bheatha orm-sa co-dhiù!” arsa Tarmad, “agus chan eil duine againn sàbhailte ri linn ’s gun robh ceangal eadar Sìne ’s Karl ’s bithidh fhios aca gun innseadh Sìne dhuinne fiosrachadh sam bith a fhuair i!”
“Tha sin ceart!” arsa Pàdraig. “Chan urrainn dhaibh gluasad nar h-aghaidh ann an dòigh ro fhosgarra an deaghaidh na thachair mar thà, ach feuchaidh iad ri eagal a chur oirnn airson ar cumail sàmhach ’s aig a’ cheann thall gheibh iad dòigh air cur às dhuinn!”
“Feumaidh sinn dòigh fhaighinn air a dhèanamh follaiseach dhan t-sluagh dè ’n seòrsa dhaoine th’ annta!” arsa Tarmad, “ach ’s e ’n rud ciamar a nì sinn sin!”
“Tha eagal orm, mar a thuirt mi,” arsa Pàdraig, “ach tha mi làn dòchais gun dèan sinn an gnothach orra fhathast le cuideachadh a’ Chruitheir!”
Ann an Oifis a’ Phoilis chaidh an ceasnachadh gu teann a-rithist mu thachartas na h-oidhche roimhe. Bha fear eile ’n làthair an turas seo, an Superintendent MacIain. ’S e fear mòr, reamhar a bha ann-san, ’s cha robh mòran a’ dol seachad air.
“Tha cùnntas a’ bhàis seo a’ dol dhan fhioscail,” thuirt e riutha aig an deireadh, “ ’s bheirinn comhairle oirbh gun a dhol taobh sam bith gun fios a leigeil thugainne ’s gun chàil a ràdh mun bhàs seo gu follaiseach. Tha mi air cluinntinn gun robh thusa, a Mhgr Rois, a’ cur rudan gun stàth às leth na buidhinn ris an canar na Companaich. Tha am fear-lagha aca ’n deaghaidh innse dhuinn gu bheil iad a’ cur romhpa casaid a thogail nad aghaidh mura sguir thu dhe seo!”
Chuir seo an fhearg air Tarmad ged a chuir e ’n t-eagal air cuideachd.
“Tha mise ràdh gur e ’n tula bhreug a tha sin!” ars esan. “Ach bithidh mi faicinn an fhir-lagha agam fhìn a dh’aithghearr m’ a dheidhinn!”
Thug am poileasman sùil air mus do chùm e air – sùil a bha Tarmad a’ saoilsinn a bha ciallachadh, “Chan eil am fear seo cho soirbh a cheannsachadh ’s a shaoil mi!”
“Bitheadh sin mar a bhitheas,” ars an Superintendent, “bha agamsa ris an rabhadh seo a thoirt dhuibh!”
“Tha sinn a’ tuigsinn sin!” arsa Pàdraig. “Am faod sinn falbh a-nise?”
“Faodaidh,” ars an Superintendent.
“Rinn thu glè mhath!” arsa Pàdraig air dhaibh tighinn a-mach às an oifis.
“Faca thu sùil a thug e ort? Cha robh dùil aige ri sin, ach bha mi ’g iarraidh stad a chur air a’ ghnothach mus èireadh fuil nan Rosach na b’àirde!”
“Feumaidh mi aideachadh gu bheil e toirt mo leòr dhomh an sgeulachd aig Karl Herder a chreidsinn!” arsa Iain MacFhionnlaigh, am fear-lagha, ’s iad ’na suidhe anns an oifis aige. Gu fortanach bha Iain air a bhith staigh anns an oifis ged as e Disathairne a bha ann bhon a bha obair aige ri crìochnachadh.
“Chan eil mi smaointeachadh gun urra dhaibh dearbhadh gun tuirt thu càil dona mun deidhinn gu follaiseach! Cha chreid mi nach eil iad ach a’ feuchainn ri eagal a chur ort!
“A thaobh bàs Karl, chan eil teagamh nach fhaodadh na poilis a bhith teagmhach m’ ur deidhinn – Chan e mo ghnothach-s’ a ràdh aig an àm seo co-dhiù a rinn sibh gu glic no nach d’ rinn. Tha sin a’ crochadh gu ìre mhaith air cho fìrinneach ’s a tha an sgeulachd aig Karl – Ach on chuir na Companaich a-mach sanas gun robh e lag anns an inntinn agus nach robh, shaoilinn, adhbhar chuimseach agaibh Karl a mharbhadh, cha chreid mi nach bi sibh sàbhailte gu leòr!
“Co-dhiù, tha ’n fhianais air mhionnan a thug sibh seachad mu dheidhinn Karl agam. Cha do dh’fhàg e càil sgrìobhte?”
“Cha do dh’fhàg,” arsa Pàdraig. “Tha mi smaointeachadh ’s dòcha gun robh eagal air nam faigheadh iad air a phearsa a leithid de rud nam beireadh iad air, gum bitheadh sin ’na bhinn bàis dha!”
Thug e sùil air Iain MacFhionnlaigh.
“Bhiodh seo fìor a thaobh inntinn-san co-dhiù ’s e ’n fhìrinn a tha san sgeulachd aige gus nach b’ e. Bha i fìor dha-san! Agus,” ars esan a’ sealltainn air MacFhionnlaigh a-rithist, “ ’s dòcha gun robh e saoilsinn nach creideadh duine sam bith e co-dhiù!”
An oidhche ud an deaghaidh do chàch a dhol a leabaidh dh’innis Tarmad dha mhàthair mu dheidhinn Miranda.
Chunnaic e ’n t-iongnadh ’s an t-iomagain a’ tighinn anns na sùilean aice.
“ ’S e piuthar an fhir ud a th’ innte?” ars ise.
“ ’S e,” arsa Tarmad. “Ach chan eil i coltach ris idir. ’S e nighean bhlàth-chridheach, laghach a th’ innte!”
Chuir a mhàthair a làmh air a ghaoirdean. Bha na deòir ’na sùilean.
“Tha leithid air tachairt anns na lathaichean a chaidh seachad ’s gu bheil e doirbh dhomh seo a ghabhail a-staigh!” ars ise, “ach ’s e m’ ùrnaigh ri Dia gum bi thu air do ghleidheadh ’s gum faigh thu sìth ’s sonas anns an t-saoghal seo ’s anns an ath shaoghal!”
Mus deach i suas an staidhre thionndaidh i ’s choimhead i air.
“Tha eagal orm gun robh mi ro throm air Sìne a thaobh Karl!” ars ise “agus nach toir i maitheanas dhomh ’na cridhe!”
Chrath Tarmad a cheann.
“Tha Sìne tuigsinn gu bheil sibh iomagaineach m’ ar deidhinn!” ars esan.
An oidhche ud chunnaic Tarmad Miranda ann an aisling. Bha i caoineadh ’s thuirt i ris, “Tha mi gad ionndrain ’s gad ionndrain ach chan urrainn dhut tighinn gu m’ ionnsaigh. Tha e ro chunnartach!”
title | 13 Oifis a’ Phoilis |
internal date | 1992.0 |
display date | 1992 |
publication date | 1992 |
level | |
reference template | MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p |
parent text | An Sgaile Dhorcha |