14 Teisteanas Phàdraig
Aig dà uair dheug Latha na Sàbaid bha an teaghlach uile ann an eaglais Baile a’ Chùirn, eadhon Murchadh a bha uaireannan doirbh a thoirt innte.
Smaoinich Tarmad feasgar Disathairne air Sìne agus a mhàthair a thoirt a Ghlaschu air falbh bhon h-uile càil a bheireadh an cuimhne Sìne na rudan a thachair, agus far am bitheadh iad sàbhailte, ach chuimhnich e na thuirt Karl mu na Companaich agus thàinig e staigh air gur dòcha nach biodh Sìne càil na bu shàbhailte, ach ma dh’ fhaoite ann am barrachd cunnairt, anns a’ bhaile mhòr.
Co-dhiù nuair a dh’fhaighnich e de Shìne am bu thoigh leatha falbh, dhiùlt i muigh no mach a leithid a rud a dhèanamh.
“Seo mo dhachaigh!” ars ise. “Seo far a bheil mo theaghlach agus mo chàirdean ’s ma tha cunnart ann tha mise ’g iarraidh a bhith ri aghaidh còmhla riutha ’s cuideachd tha mi ’g iarraidh crìoch fhaicinn air a’ ghnothach seo air sgàth Karl!” Thàinig na deòir gu na sùilean aice a-rithist.
Ged a bha coltas bàn agus sgìth oirre bha i aice fhèin agus bha e soilleir gun do chuir i roimhpe nach biodh i ’na h-uallach do chàch.
“Tha mi toilichte, air dòigh, gun tuirt thu sin, a ghaoil!” arsa Mòrag, oir bha mi eadar dà chomhairle co-dhiù bu chòir dhomh fuireach, no falbh agus na gillean fhàgail!”
Bha Mòrag i-fhèin a’ coimhead sgìth agus coltas oirre gun robh i air a bhith fo uallach airson greis. Thàinig e staigh air Tarmad nach b’ urrainn do dhuine seach duine aca an suidheachadh seo a sheasamh mòran na b’ fhaide.
Thathainn Mòrag air Sìne gu fanadh ise staigh còmhla rithe fhad’s a bhiodh càch anns an eaglais ach dhiùlt Sìne seo ged a bha e soilleir gun robh e toirt a leòr dhi cumail oirre uaireannan.
Bha an eaglais beagan na bu làine na b’ àbhaist oir bha saor-làithean na
Leis mar a bha Miranda air inntinn cha robh Tarmad uile gu lèir mothachail air a’ chiad chuid dhen t-seirbheis ach nuair a chuir Pàdraig a-mach a cheann-teagaisg thàinig e g’ a ionnsaigh fhèin.
B’ e ’n ceann-teagaisg a roghnaich Pàdraig a’ chòigeamh earrainn anns a’ chiad chaibideil de Chiad Litir Eòin:
“Agus is i seo an teachdaireachd a chuala sinn uaith-san, agus a tha sinn a’ cur an cèill dhuibhse: Gur solas Dia, agus nach eil dorchadas air bith ann-san.”
“Theagaisg Iosa agus a dheisciobail mu dheidhinn Dhè ann an dòigh a dh’adhbharaich oilbheum do dhiadhairean mòra an latha!” arsa Pàdraig.
“Cha b’ ann anns an dòigh seo a bha iad-san cleachdte ri bhith coimhead air Dia ged a bha toiseach a’ bheachd seo anns na sgriobtairean aca.
“Thuirt Iosa gur e lànachd beatha Dia a ghràdhachadh an toiseach – Dia anns a bheil a h-uile maitheas – agus an uair sin ar nàbaidhean a ghràdhachadh mar a ghràdhaicheas sinn sinn-fhìn.
“Bha Iosa an còmhnaidh, anns an teagasg agus anns na cosamhlachdan aige, a’ fiachainn ri toirt air daoine an inntinn ’s am mac-meanmhain a chur gu feum. Thuirt iosa nach b’ urrainn do dhuine fìon ùr a chur ann an seann chraiceannan-fìona no tuthag ùr a chur air seann aodach!
“Ach dè tha daoine dèanamh an-diugh? Tha iad a’ dèanamh an dearbh rud a bha Iosa a’ toirt teagasg dhuinn m’ a dheidhinn: tha iad a’ cur an t-soisgeil ann an seann chraiceannan-fìona. Tha seo a’ còrdadh ris an fheadhainn a tha ’g iarraidh creideamh air a ghleidheadh ann an òmar, ach chan eil am mòr-shluagh ag èisdeachd ris oir chan eil iad a’ faicinn gu bheil e buintinn ris a’ bheatha aca ’s tha seo a’ leigeil le fàidhean-brèige daoine a bhreugadh air falbh le creideamhan brèige agus saobh-chreideamh.
“ ’S e tha Crìosd a’ ràdh ann am faclan an latha ’n-diugh ma leigeas duine leis an ego aige, am fèin, làmh-an-uachdair fhaighinn air gum bi i sìor fhàs nas cruaidhe ’s nas mairbhe ’na spiorad ’s ma thèid sin air adhart gum bi an spiorad aige caillte, ge bith dè ’n ciall a bheir sinn don fhacal ‘caillte’!
“Mar sin tha e soilleir nach eil creideamh no feallsanachd sam bith a tha feuchainn ri làmh-an-uachdair fhaighinn air daoine mar phrìomh rùn a’ chreideimh sin ’s r’ an toil a lùbadh gu toil dhaoine eile dhèanamh, ’na chreideamh ceart agus gu bheil an fheadhainn a tha teagasg a leithid de
“Thuirt Iosa gur e ‘na daoine macanta a shealbhaicheas an saoghal mar oighreachd.’
“Thuirt e cuideachd ‘Gràdh nas motha na seo chan eil aig neach air bith, gun leigeadh duine anam sìos airson a chàirdean.’ ”
Chunnaic Tarmad na deòir a’ ruith sìos aodann Sìne ’s thuig e gun tug na faclan sin comhartachd dhi.
Nuair a choimhead e air na coigrich a’ tighinn a-mach às an eaglais chaidh e tro inntinn gu faodadh fear no dhà de na Comapanaich a bhith ’nam measg. Agus bha e soilleir gu leòr a thuigsinn cò bha am-measg na feadhainn a bha Pàdraig a’ sònrachadh a-mach mar “fhàidhean-brèige”.
Bha ’n dìnnear gu bhith seachad nuair a chuala iad glag a’ fòna. ’S e Miranda a bha ann. Dh’aithnich Tarmad air a’ ghuth aice gun robh i troimhe-chèile.
“Chan eil mòran tìde agam!” thòisich i. “Fhuair mi brath an-dè gun do chaochail m’ athair ach cha leig mo bhràthair air falbh mi! Tha mi dol a dh’fheuchainn ri teicheadh agus tha fhios agam gun toir thusa àite-tearmainn dhomh, a thasgaidh! Tha e ’g ràdh gun èirich rudeigin dhomh ma dh’fhònas mi dha na poilis agus ma nochdas iad nach fhaigh iad mi gu sìorraidh.
“Cha robh tìde aig Tarmad ach airson a ràdh, “Tha mi smaoineachadh ort gun sgur, a ghaoil– !” nuair a thuirt i ann an guth cabhagach, “Feumaidh mi falbh! Tha mi faicinn cuideigin a’ tighinn– !”
Chaidh Tarmad a-mach a choimhead air na caoraich feasgar. Bha inntinn làn de Mhiranda. Dè bu chòir dha dhèanamh? An robh gu leòr ann dha fuireach an-seo gus an d’ reigheadh aice air teicheadh?
Chuir e roimhe gun d’ reigheadh e choimhead air Pàdraig. A’ char mu dheireadh mus do thuit e ’na chadal an-raoir smaoinich e air an aire ’s an gabhail aige a fhuair esan seach Pàdraig nuair a thàinig e dhachaigh madainn Disathairne. Bha e toilichte nuair a thug Mòrag fiathachadh do Phàdraig aig an eaglais biadh a ghabhail còmhla riutha ach dhiùlt Pàdraig seo ’s thuig Tarmad nach robh Pàdraig ag iarraidh e-fhèin a sparradh air Sìne.
Bha e lethuair an deaghaidh dhà mus d’ ràinig Tarmad an seann mhansa. Bha Leanaidh, an cù aig Pàdraig, a’ comhartaich mar gun robh
Dh’èigh e air Pàdraig ’s e dol timcheall oisean an taighe ach cha tàinig freagairt sam bith air ais ’s cha robh duine gluasad timcheall an t-sabhail. Ach nuair a thàinig Tarmad mu choinneamh doras an t-sabhail ’s a chunnaic e ’na bhroinn chaidh e ’na ruith.
Bha Pàdraig ’na laighe air a bheul-fodha gun ghluasad air ùrlar an t-sabhail.
Dh’fhairich Tarmad cuisle a dhùirn agus rinn e mach gun robh Pàdraig beò, ach bha e smaoineachadh leis mar a bha a chas cheàrr gun robh i briste.
Cha tàinig Pàdraig g’ a ionnsaigh fhèin gus an tàinig an dotair.
Dh’iarr an dotair air a chasan ’s a ghaoirdeanan a thogail ’s dhearbh e nach robh mòran ceàrr air ach gun robh a chas briste mar a shaoil Tarmad ’s gum faodadh beagan co-thulgaidh a bhith air.
“Bha mi an deaghaidh dhol suas a bhiathadh nan calman,” arsa Pàdraig nuair a dh’fhaighnich an dotair dheth ciamar a thachair an tubaist, ach nuair a bhathas g’ a thogail a-staigh dhan ambulans sheall e air Tarmad.
“Thoir an aire ort-fhèin!” ars esan.
“Bithidh mise ceart gu leòr, a charaid,” arsa Tarmad. “Fiach gun gabh thusa comhairle nan dotairean!”
Nuair a dh’fhalbh an ambulans choimhead Tarmad suas agus chunnaic e gun robh dèileachan briste ann an ùrlar an lobhta faisg air an doras far an robh am fàradh a’ dol suas. Ach ’s e an rud eile dhan tug e ’n aire a thug barrachd smaoin air.
Dìreach ri taobh an àite far an do thuit Pàdraig agus air cùlaibh an fhàraidh bha seann chliath ’na laighe leis na fiaclan aice gu h-àrd, seann chliath a b’ àbhaist a bhith ’na seasamh ris a’ bhalla. Nan robh Pàdraig air tuiteam oirre bhitheadh e marbh.
Bha Tarmad air fònadh gu na poilis cuideachd agus ’s e an Seàirdeant Mac an Tòisich, a chunnaic iad ann an Càrbost, agus poileasman òg a thàinig.
Choimhead an Seàirdeant air an toll anns an lobhta agus air a’ chlèith.
’S math nach do thuit e air sin!” ars esan.
Dhìrich e suas air an fhàradh agus choimhead e air an toll.
“Tha an làr seo grod!” ars esan. “Chan urrainn dhomh ràdh gu bheil càil às an rathad an-seo ach gun robh e mì-chùramach leis a’ chlèith! Bruidhnidh mi ris a’ mhinistear fhèin nuair a bhitheas e comasach.”
“Tha a’ chliath sin an còmhnaidh ris a’ bhalla!” arsa Tarmad.
Thug an Seàirdeant sùil air agus sgrìobh e rudeigin anns an leabhar aige.
“Ma tha sinn a’ smaoineachadh gun do thachair càil as an rathad cuiridh sinn balaich a’ CID a-nuas a thoirt sùil timcheall!” ars esan.
An deaghaidh dhaibh falbh thàinig e staigh air Tarmad gur dòcha gun robh Pàdraig ro dhòchasach ann a bhith smaoineachadh gum bitheadh eagal air na companaich gluasad ’nan aghaidh ro luath an deaghaidh na ghabh àite mar tha.
Ghluais doras an t-sabhail leis a’ ghaoith ’s chaidh seòrsa de chrith ro Tharmad. Dhùin e doras an t-sabhail, rinn e cinnteach gun robh uinneagan ’s dorsan a’ mhansa glaiste ’s an uair sin rinn e air a’ chàr agus chaidh e dhachaigh cho luath ’s a bha aige.
Air a shlighe dhachaigh chunnaic e MacFhraing a’ tighinn às an land-rover aige ’s a’ dol a-staigh. Cha do thionndaidh e idir nuair a chuala e an càr aig Tarmad.
title | 14 Teisteanas Phàdraig |
internal date | 1992.0 |
display date | 1992 |
publication date | 1992 |
level | |
reference template | MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p |
parent text | An Sgaile Dhorcha |