[80]

18 Ri Taobh an Locha Leathainn

Tha Interpol an deaghaidh bhith gabhail beachd air na Companaich airson ùine mhath a-nise,” arsa MacFhraing, “ach cha robh sinn ag iarraidh gluasadnan aghaidh gus am bitheamaid comasach air sin a dhèanamh ann an comh-phàirt ri chèile anns na dùthchannan eadar-dhealaichte.”

Choimhead e air uaireadair.

Bu chòir gum bitheadh an t-Ard-Inspector MacLeòids na balaich aige acur nan Companach an sàs a-nise!” ars esan. “Cha robh dùil aig Mgr MacLeòid gun robh e dol a dhfhaighinn èisdeachd cho math nuair a rinn e gearain an deaghaidh dha bhith air a chur air falbh air cùrsa an aghaidh a thoil! Tha an Superintendent MacIain agus urrachan mòra eile as aphoilis an grèim mar tha!”

Bha iadnan suidhe ann an oifis aphoilis ann am Portrìgh aig còig uairean samhadainn le cupannan cofaidh air am beulaibh.

S e fear a bha dèanamh a h-uile ann an dòigh sgiobalta a bha ann am MacFhraing agus rinn e a h-uile càil soilleir dhaibh ann am beagan fhaclan.

Thug e air Tarmad smaoineachadh seòrsa duine bhannna inntinnduine bha deònach rud sam bith a dhèanamh airson an dùthaich aige chumail saor, no duine dhèanadh rud sam bith airson an Riaghaltas a bha ga phàigheadh.

Bha e mar gun do thuig MacFhraing bha dol tro inntinn.

Is toil leam an dùthaich seo!” ars esan agus an uair sin acoimhead air Tarmad le gàire. “ ’S e Alba tha mi ciallachadh! Ach is toigh leam Sasainn cuideachd agus dùthchannan na Roinn Eòrpagu dearbh an saoghal saor uile! Tha cunnart gu bheil an truailleadh faisisteach ud atogail a chinn a-rithist on chaidh co-mhaoineachd sìos ach chan eil sinn adol a leigeil leotha sin a dhèanamh mas urrainn dhuinn! Ach tha mi duilich airson rud.


[81]

Cha robh fhios agam gun robh iad adol a mharbhadh Bill Fennell agus bha mi ro fhadalach airson Karl Herder a shàbhaladh. Mura be an dithis sin cha robh crìoch air tighinn air aghnothach seo cho luath! Agus rinn sibh-se glè mhath cuideachd. Bithidh cuimhne aig an Riaghaltas air an obair ionmholta a rinn sibh!”

Dhèirich e agus shìn e mach a làmh do Tharmad. Rinn e seòrsa de bheic do Mhiranda.

Feumaidh mi falbh,” ars esan. “Tha rudan agam ri dhèanamh! Bha mi toilichte tachairt ruibh le chèile! Cuine tha abhanais gu bhith ann?”

Sheall Tarmad is Miranda air a chèile le gàire. Cha robh sùil aca ris acheist seo.

Chan eil fhios againn fhathast!” arsa Tarmad. “Ach bheir sinn fiathachadh dhut ma bheir thu dhuinn an seòladh agad!” ars esan leis an droch-rud.

Rinn MacFhraing gàire a-rithist.

Cuir gu stèisean aphoilis e,” ars esan. “ ’S dòcha nach fhaigh mi ann, ach cuiridh mi preasant gar n-ionnsaigh co-dhiù!”

Nuair a chaidh e mach shuidh Tarmad is Miranda, grèim aca air làmhan a chèile agus fiamh-ghàire gòrach air na bilean aca.

Dhfhàs aodann Tharmaid stòlda. Sheall e air Miranda.

Tha mi duilich air do shon-sa gun deach do bhràthair a mharbhadh!” ars esan.

Chrath i ceann.

Cha leig thu leas!” ars ise. “Cha robh mi riamh eòlach air, ’s bha e air atharrachadh gu tur! Tha pian ceangailte ri bhàs ach tha mi toilichte mar a thionndaidh gnothaichean a-mach!”

Chaidh Tarmad a-nulls chuir e ghaoirdean timcheall oirre.

Thèid sinn a choimhead air mo mhàthair a-nise,” ars esan is an deaghaidh sin bu thoigh leam a dhol a choimhead air Pàdraig anns an ospadal. An tig thu còmhla rium?”

Bu toigh leam sin a dhèanamh,” arsa Miranda. “Tha fhios agam gur e deagh charaid dhut a thann!”

Am feasgar sins iad air an rathad sìos gu Baile aChùirn stad Tarmad an càr aig na Lochan. Bha Miranda air a togail le corra-ghritheach a chunnaic i aig an Loch Leathann.

Thionndaidh Tarmad ga h-ionnsaighs chuir e làmh air a gualainn

Aon rud eile,” ars esan, “cha bu toigh leam fhàgail aig MacFhraing


[82] am pòsadh a dhèanamh dhomh. Feumaidh mi-fhìn faighneachd!

A Mhiranda, am pòs thu mi?” ars esan.

Sheall Miranda air le gàires chuir i corrag air a beul.

Uill, pòsaidh,” ars ise mu dheireadh – “ach air aon chùmhnant!”

tha sin?” ars esan.

Gun leig thu leam fuireach anns an àite bhrèagha seo!”

Rinn e gàire mus do phaisg ena ghaoirdeanan i.

title18 Ri Taobh an Locha Leathainn
internal date1992.0
display date1992
publication date1992
level
reference template

MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p

parent textAn Sgaile Dhorcha
<< please select a word
<< please select a page