19 Deireadh an Fhoghair
Oidhche Luain còig mìosan an deaghaidh sin bha Tarmad a’ tadhal air Pàdraig anns a’ mhansa. Cha robh ann ach seachdain on thill iad à Dun Eideann an deaghaidh urram fhaighinn bhon Bhàn-righinn an taca ri gnothach nan Companach ach b’ e seo an uair mu dheireadh a chitheadh iad a chèile airson greis oir bha Pàdraig a’ falbh anns a’ mhadainn airson bliadhna chur seachad a’ teagasg ann an colaisde ann am Boston anns na Stàitean Aonaichte.
“Bheil thu trang an dràsda?” arsa Pàdraig anns an dealachadh.
“Chan eil ach le obair an rathaid mhòir,” arsa Tarmad. “Tha feadhainn anns na chalets, ach ’s e Miranda as motha tha dèiligeadh riutha-san ’s tha i cho math leis na caoraich ’s gur gann gu bheil mi dèanamh sìon air a’ chroit!”
Rinn Pàdraig gàire.
“Tha fhios agad dè tha ’m Bìoball a’ ràdh mu bhean mhath!” ars esan.
Cha mhòr nach tuirt Tarmad, “Bu chòir dhut fhèin tè fhaighinn ma tha!” ach cha tuirt e idir e.
Bha Pàdraig air fuireach air falbh bhon taigh aca riamh bhon oidhche a chaidh Karl a mharbhadh ach an corra uair a thigeadh e an ceann gnothaich ceangailte ris an eaglais. Bha fhios aig Pàdraig gun tuigeadh Tarmad carson a bha seo.
Bha Sìne air cumail oirre ag obair anns a’ bhanca agus a’ dèanamh rannsachadh airson ceum a ghabhail anns an Oilthigh Fhosgailte. Bha Tarmad a’ smaoineachadh gun robh i ro chruaidh oirre fhèin. Bha i glè mhath air cuideachadh a màthar ged nach d’fhuair i-fhèin ’s a màthair riamh air adhart còmhla cho math ’s a fhuair Mòrag air adhart le Tarmad agus Murchadh, agus bhiodh Sìne a’ dèanamh barrachd de dh’obair an taighe na bha Mòrag ag iarraidh oirre. Bha e soilleir gun tug Sìne maitheanas o chionn fada do a màthair airson a bhith an aghaidh Karl. Bha i tuigsinn carson a bha a màthair air a bhith mar sin agus cuideachd
Bha Sìne is Miranda glè mhòr aig a’ chèile is bhiodh Sìne an còmhnaidh a-null aig an taigh ùr a’ tadhal air a piuthar-cèile ’s a’ faighinn cuideachadh leis a’ chùrsa aice, ach bha Miranda ro thùrail airson feuchainn ri toirt air Sìne bruidheann air rudan ris nach robh i deònach buntainn.
“Uill, feumaidh mi falbh, a Phàdraig,” arsa Tarmad mu dheireadh.
“Gheall mi do Mhurchadh gun toirinn cuideachadh dha ag obair air a’ chàr ged nach eil mòran feum annam-sa dha ach far am bi dà làimh a bharrachd a dhìth air airson rudeigin a thogail! ’S cinnteach gum bi thu dol a leabaidh tràth an-nochd co-dhiù!”
Rinn Pàdraig gàire.
“Mar a tha fhios agad,” ars esan, “cha bhi mise dol a leabaidh tràth uair sam bith. Tha mi dol a thoirt sgrìob sìos chun a’ chladaich airson an turas mu dheireadh. Leis an fhìrinn innse mar as fhaisge a tha ’n t-àm airson falbh a’ tighinn ’s ann as leisge tha mi fàs air falbh, ach, co-dhiù, tha a h-uile càil deiseil agus tha mi cinnteach gun còrd e rium nuair a ruigeas mi!”
’S ann a’ bruidheann air an turas a Dhun Eideann a bha iad roimhe agus cha robh Tarmad air gabhail a-staigh gun robh seòrsa de chianalas air Pàdraig.
“Ach cha bhi a’ bhliadhna fad a’ dol seachad!” ars esan. “Feuch gun sgrìobh thu a dh’innse dhuinn ciamar a tha thu faighinn air adhart, is tha fhios agad gum bi sinn uile air ar togail ri do thilleadh!”
Nuair a ràinig Tarmad dhachaigh chunnaic e Sìne trang aig ceann an taighe cur mòine staigh dhan t-seada. Ged a bha i dol ris gu math thog i làmh ris nuair a chunnaic i e.
Thàinig e mach às a’ chàr ’s chaidh e null g’ a h-ionnsaigh.
“Tha thu ro throm ort fhèin, a Shìne!” ars esan. “ ’S gann gu bheil thu deiseil de na deuchainnean airson an Oilthigh Fhosgailte nuair a tha thu tòiseachadh air obair eile ’s tu ’n deaghaidh bhith trang anns a’ bhanca fad an latha!”
“Ach tha mi ceart gu leòr!” arsa Sìne. “ ’S fheàrr leam rudan a bhith agam a nì mi!”
Rinn Tarmad doth.
“ ’S dòcha gun toir thu dhìom an ceann airson seo a ràdh!” ars esan, “ach tha Pàdraig a’ gabhail cuairt aig a’ chladach ’s e falbh dha na
Choimhead Sìne air ’s chunnaic e crith a’ tighinn anns a’ bheul aice.
Chaidh i null thuige ’s phòg i air a mhalaidh e.
“Bha thu riamh laghach rium, a thasgaidh!” ars ise.
Sheas i tiotan ’s na fàdan mòna ’na làmhan, a’ sealltainn sìos dhan chladach. Nuair sin shad i air an talamh iad is chaidh i mach an geata. Bha Pàdraig ’na shuidhe air creig a’ coimhead na mara nuair a chuala e ceum air a’ mhol. Bha Sìne coiseachd g’ a ionnsaigh, a ceann crom ’s a làmhan ann am pòcaidean a seacaid.
Dh’èirich e ’s chaidh e ’na coinneimh.
Thog i ceann ’s choimhead i air.
“Hallo, Shìne!” ars esan le fiamh-ghàire. Cha robh mi ach a’ gabhail cuairt ’s mi falbh anns a’ mhadainn.
“Tha fhios agam,” ars ise. “Dh’innis Tarmad dhomh.”
“ ’S e Tarmad,” arsa Pàdraig. “Tha e ’g iarraidh gum bi a h-uile duine cho toilichte ris fhèin!”
“Chan fhaca sinn mòran dhiot o chionn greis,” ars ise.
“Tha fhios agad carson a tha sin, a Shìne!” ars esan.
“Tha,” ars ise. “Uill, tha mi smaoineachadh gu bheil, ach chan eil mi cinnteach.”
Thug e ’n aire cho bàn ’s a bha i, mus tuirt e ’n còrr.
“Tha thu dèanamh cus!” ars esan.
“ ’S dòcha gu bheil,” ars ise ’s an uair sin thòisich na deòir a’ sruthadh sìos a h-aghaidh.
“Am pòs thu mi, Shìne?” ars esan. Bha na faclan a-mach mus robh fhios aige gun robh e dol gan ràdh.
Ruith i g’ a ionnsaigh ’s thòisich i air caoineadh mar gum briseadh a cridhe.
“Bha eagal orm nach robh mi dìleas do chuimhne Karl!” ars ise. “ ’S bha mi leamh le mo mhàthair gad phutadh airson mo phòsadh ’s bha h-uile càil cho doirbh!”
Bha Pàdraig ’s a ghaoirdeanan timcheall oirre.
Tha fhios agam glè mhath nach dìochuimhnich thu Karl, a thasgaidh!” ars esan air a shocair, “agus cha leig thu leas Karl fhuadach às do chridhe airson mise phòsadh!”
“Cuiridh mi cheist ort a-rithist ann an dòigh cheart!
“ ’S e agus b’ e o chionn iomadach latha, Shìne Rois, dùrachd mo chridhe gum pòsadh tu mi agus a-nise ’s mi ’n impis falbh a
Thog Sìne a ceann ’s fiamh-ghàire oirre tro na deòir.
“Feumaidh mi seo a ràdh,” ars ise. “Bha eagal orm nach robh thu riamh a’ dol a dh’fhaighneachd, a Phàdraig!”
Thug Pàdraig leum às.
“Eil fhios am faca muinntir Bhaile a’ Chùirn riamh ministear a’ dannsa?” ars esan.
Thòisich iad le chèile a’ gàireachdaich.
title | 19 Deireadh an Fhoghair |
internal date | 1992.0 |
display date | 1992 |
publication date | 1992 |
level | |
reference template | MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p |
parent text | An Sgaile Dhorcha |