3 Bàs anns a’ Mhonadh
Cha robh Tarmad ach air teàrnadh far an tractair an ath mhadainn airson na caoraich a bhiathadh nuair a chuala e càr a’ stad air a chùlaibh. Nuair a thionndaidh e dh’aithnich e càr a’ mhinisteir ùir, Pàdraig Siosal. Ged a bha Pàdraig ùr don sgìre ’s ann à Slèite bha e. Bha e-fhèin is Tarmad còmhla anns an sgoil ’s an oilthigh agus b’ aithne dhaibh a chèile gu math.
Thàinig Pàdraig a-mach às a’ chàr agus thòisich e air slaodadh nam bèilichean a-mach às an tractar còmhla ri Tarmad.
“Bithidh iad a’ ràdh gur e ministear neònach a th’ annad, a’ falbh le geansaidh ort ’s a’ biathadh chaorach!”
Rinn Pàdraig gàire.
“Cha dèan e mòran diofair,” ars esan. “Nach eil feadhainn gam dhìteadh airson brògan donn a bhith orm co-dhiù!”
Chuimhnich Tarmad nach robh am mansa aig Pàdraig ach mìle air falbh à Baile a’ Chùirn, am baile aige fhèin, air taobh eile càmpa nan Companach.
“An cuala thu èigheach sam bith a-raoir, a Phàdraig?” ars esan nuair a bha e sadadh na bèile mu dheireadh thairis air an fheansa.
“Gu dearbh, chuala. On tha mi fuireach leam fhìn tha mi nas mothachaile air a h-uile fuaim na b’ àbhaist dhomh ’s cha robh mi ach air na naidheachdan anmoch air an telebhisean a chur dheth mu mheadhan oidhche nuair a chuala mi rànaich. Bha agam an toiseach gur e èigh beathaich a bha ann ach nuair a chaidh mi don doras-cùil ’s a chuala mi an ath ràn, rachainn air mhionnan gur e èigh duine a bh’ ann. Dh’fhan mi greis mhath aig an doras ach cha chuala mi ’n còrr. Shaoil mi gur ann às a’ chàmpa a bha e tighinn.”
Fhad ’s a bha iad ’nan seasamh a’ còmhradh chunnaic iad bhan dhearg a’ phosta tighinn a-nuas an rathad. Stad i far an robh iad agus shìn Eirdsidh Ruadh, am posta, dhaibh le chèile na litrichean a bha aige
“Nach duilich mar a thachair!” ars esan.
“Dè bha sin?” arsa Pàdraig.
“Tha am fear òg a fhuair iad marbh anns a’ mhonadh thall an-siud anns a’ mhadainn!” ars am posta.
“A bheil fhios aca co bh’ ann?” dh’fhaighnich Tarmad.
“ ’S e fear de na companaich às a’ chàmpa thall an-siud a bh’ ann. ’S e Fennell an t-ainm a bh’ air. Tha cuimhne agam gun tug mi litir no dhà g’ a ionnsaigh.”
“Dè thainig ris?” arsa Pàdraig.
“Tha iad a’ ràdh gun deach e le creig,” ars Eirdsidh, “ ’s is beag an t-iongnadh ’s e muigh leis fhèin air an oidhche ’s gun e eòlach air an àite!”
“ ’S fheàrr dhuinne dhol dhan pholais!” arsa Pàdraig ri Tarmad.
“ ’S fheàrr.”
Bha Eirdsidh a’ sealltainn orra le iongnadh.
“Chuala sinn le chèile èigheach anns a’ mhonadh a-raoir!” arsa Tarmad.
B’ aithne dhaibh an t-Inspector ann am Portrìgh, Niall Mòr MacLeòid.
“Dè ’n t-ainm a bh’ air a’ ghille chaidh mharbhadh?” arsa Tarmad. Bha e smaoineachadh leis na thuirt Eirdsidh nach e Karl a bha ann ach, air sgàth Sìne, bha e ’g iarraidh dèanamh cinnteach.
“Bill Fennell,” arsa Niall, a’ sealltainn air Tarmad. “Am b’ aithne dhut e?”
“Cha b’ aithne,” arsa Tarmad agus dh’innis e do Niall mar a thachair.
“Tha mi creidsinn gun tèid ur gairm dhan choinneimh-sgrùdaidh a bhios air a cumail an taca ris a’ bhàs seo,” arsa Niall nuair a chuala e na bha aca ri innse dha mun oidhche roimhe. “Tha mi-fhìn a’ smaoineachadh gur e tubaist a bh’ ann ach bha aon rud neònach mu dheidhinn.” Dh’ìslich e ghuth. “Bha sùilean a’ chuirp fosgailte nuair a fhuair sinn e ’s chan fhaca mi-fhìn a leithid a choltas eagail air aodann duine riamh!”
“ ’S cinnteach nam fairicheadh duine sam bith e-fhèin a’ falbh le creig gum biodh eagal uabhasach air!” arsa Pàdraig.
Dh’aom Niall Mòr a cheann.
“ ’S dòcha gur e sin a bh’ ann,” ars esan. “ ’S cuideachd, chuala sibhse dà èigh. Feumaidh gun robh e beò fada gu leòr airson tuigsinn dè bha air tachairt dha ged a bha a dhruim briste!”
“Tha fhios agad gu bheil Sìne falbh le fear de na companaich?” Tarmad ri Pàdraig ’s iad ’nan suidhe ann an seòmar-cofaidh a’ Bhèiceir anns an sgueir.
“Tha,” arsa Pàdraig ’s cha tuirt e ’n còrr.
Thàinig e staigh air Tarmad gun robh Pàdraig e-fhèin measail air Sìne. Bha cuimhne aige air an turas a thàinig Sìne a choimhead air nuair a bha e ann an Oilthigh Ghlaschu. ’S ann aig àm Nollaige bha e agus bha an carnival ’s an siorcas ann an Talla Kelvin. Bha spòrs aca an oidhche a chaidh iad ann-- -e- fhèin ’s Sìne ’s Pàdraig. Bha dùil aige gun leanadh Pàdraig ’s Sìne orra a’ faicinn a chèile ach, ge bith dè bu choireach, cha do thachair sin. Chaidh Sìne air ais gu a h-obair anns a’ bhanca ann am Portrìgh ’s chum Pàdraig air le chùrsa anns an Oilthigh. Shaoil Tarmad aig an àm gun robh iad le chèile caran diùid ’s gum b’ e sin a bu choireach.
“Dè tha thu saoilsinn de chreideamh nan companach?” arsa Tarmad an deaghaidh greis.
“Uill, chan eil fhios agam air cus m’ a dheidhinn,” arsa Pàdraig. “Is ainneamh creideamh anns nach eil math air choreigin ’s tha mi dèanamh dheth gu bheil ceangal aig a’ chreideamh aca ris a’ chreideamh Chrìosdaidh, ach saoilidh mi gu bheil an ceannard aca, Marston Singer, a’ cur a chair fhèin air. Faodaidh duine creideamh a chur gu feum airson na rùintean aige fhèin a thoirt gu buil ’s airson làmh-an-uachdair fhaighinn air daoine eile.”
“Mar a thuirt thu-fhèin,” arsa Tarmad. “Faodar sin a ràdh mu chreideamh sam bith ’s nach robh ’s nach eil e fìor mun chreideamh Chrìosdaidh cuideachd?”
“ ’S e ’n fhìrinn a th’ agad,” arsa Pàdraig. “Ach a dh’ aindeoin gach uilc ’s droch ghnìomh a chaidh a dhèanamh ann an ainm a’ chreidimh Chrìosdaidh tha beatha nan naomh anns gach meur dhen eaglais agus na rudan a thuirt Crìosd anns na sgriobtairean air seasamh airson ceudan bliadhnaichean a-nise.”
“Agus cuideachd-- -” Stad Pàdraig ’s a shùil air an doras ’s thionndaidh Tarmad airson faicinn dè ghlac aire.
Bha fireannach a’ tighinn a-staigh air an doras. Bha a cheann crom ach ’s e ’n iomagain uabhasach a bha anns na sùilean aige a ghlac aire Phàdraig. Dh’aithnich Tarmad e. ’S e Karl a bha ann.
title | 3 Bàs anns a’ Mhonadh |
internal date | 1992.0 |
display date | 1992 |
publication date | 1992 |
level | |
reference template | MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p |
parent text | An Sgaile Dhorcha |