4 An Nighean Bhàn
“Uill, an robh sùil agad ris a’ chòrr,” arsa Pàdraig. Cha robh dearbhadh sam bith ann gun deachaidh droch ghnìomh a dhèanamh. Cha b’ urrainn dhuinne a ràdh ach gun cuala sinn èigheach.”
“ ’S cinnteach nach robh,” arsa Tarmad, “ach cha mhòr nach eil mi cinnteach gur e murt a chaidh a dhèanamh air a’ ghille ud!”
Bha iad dìreach air tighinn a-mach às a’ chùirt-rannsachaidh far an cuala iad an siorram a’ toirt seachad a cho-dhùnaidh gur e tubaist a b’ adhbhar dhan bhàs aig Bill Fennell.
“An tug thu ’n aire dhan dòigh anns an robh Singer a’ coimhead ort nuair a bha thu toirt seachad do theisteanas dhan chùirt?” arsa Pàdraig.
“Chunnaic. Dh’fhairich mi na sùilean aige a’ dol tromham,” arsa Tarmad, “agus bha e coimhead ortsa anns an aon dòigh. Tha mi ... ”
“Ist! Seo e tighinn!” arsa Pàdraig, a’ cur a làimh air gaoirdean Tharmaid.
Thionndaidh Tarmad ’s chunnaic e Singer ’s dithis den luchd-leanmhainn aige tighinn a-mach às an taigh-cùirte. Rinn Singer dìreach air an àite far an robh Tarmad is Pàdraig ’nan seasamh.
Dh’fhairich Tarmad seòrsa de dh’ eagal ’s thug e leòr dha a ghrùnnd a sheasamh. Bha e cinnteach gu robh Pàdraig a’ faireachadh an aon rud.
Choisich Singer suas g’ an ionnsaigh gus an robh e fèir mu choinneamh Tharmaid. Leis na sùilean domhainn donn ud a’ coimhead dìreach ’na aghaidh dh’fhairich Tarmad fuachd ’na bhroilleach ’s bha e ’n dòchas nach tug duine ’n aire gun robh a ghlùinean air chrith. Cha tug duine riamh air faireachadh mar sin ach an seann mhaighstir-sgoile a bha aige anns a’ bhun-sgoil ach bha seo na bu mhiosa. Bha eagal air ron mhaighstir, ach cha do dh’fhairich e ’m fuachd a bha seo idir.
Cha robh cabhag air Singer bruidhinn idir ’s bha fhios aig Tarmad gun robh Singer a’ tuigsinn na buaidh a bha aige air. Nuair a bhruidhinn e ’s ann an guth ìseal ach le neart eagalach air a chùlaibh.
“Tha mi ’n dòchas gu bheil thu riaraichte nise gur e tubaist a bha anns a’ bhàs aig Bill Fennell, a Mhgr Rois!” ars esan.
Rinn Tarmad doth.
Cha mhòr nach tuirt e leis an eagal a bh’ air ’s na sùilean domhainn ud ga sgrùdadh gun robh e cinnteach gur e tubaist a bha ann ach aig an aon àm bha fuil a shinnsirean ag èirigh ’s ga phutadh gu dùbhlan a thoirt dhan fhear mhòr seo. Mu dheireadh shaoil e, ged a bha an fhearg a’ strìth ris an eagal a-nise, gur e bu ghlice dha gun chus teagaimh a thogail ann an inntinn Singer fhathast.
“Uill,” ars esan, a’ fiachainn ris a’ chrith a chumail às a’ ghuth aige, “thuirt an siorram gum b’ e tubaist a bha ann agus feumaidh gu bheil sin ceart!”
Dh’fhairich e fallas air a mhalaidh.
Thàinig seòrsa de ghàire gu bilean Singer agus bha fhios aig Tarmad gur e gàire buaidh a bha ann. Bha fhios aige cuideachd gun robh Singer a’ tuigsinn na buaidh a bha aige air-san ’s air daoine eile cuideachd.
“Tha mi toilichte gur e sin do bheachd, a Mhgr Rois,” arsa Singer.
“Tha thu làn di-beathte tighinn do na coinneamhan againn uair sam bith– agus sibhse cuideachd, a Mhinisteir,” ars esan a’ tionndadh ri Pàdraig.
Leis an sin thionndaidh e-fhèin ’s an dithis a bha còmhla ris air falbh ’s rinn iad air a’ chàr aca.
Dh’fhairich Tarmad an rudhadh ’na aodann.
“Air dòigh tha mi duilich nach tug mi ’n aghaidh air, a Phàdraig!” ars esan. “Dh’aithnich e gun do chuir e ’n t-eagal orm ’s tha mi leamh airson sin!”
“Tha thusa nas motha na mise!” arsa Pàdraig le gàire. “ ’S ann a bha mise dèanamh deiseil airson teicheadh!”
“Chan eil mi creidsinn sin idir,” arsa Tarmad, ’s e tighinn g’ a ionnsaigh fhèin mar a bha Pàdraig ag iarraidh. “Tha cuimhn’ agam air an latha a shlais thu Calum a’ Ghobha ’s e fada nas motha na thu!”
“Chan e Calum a’ Ghobha tha seo idir ged tha!” arsa Pàdraig air a shocair.
“Gu dearbh chan e!” arsa Tarmad, “ach, aig an aon àm, cha bu thoigh leam smaoineachadh gun d’fhuair an seòd ud làmh an uachdair orm. Chan eil an gnothach seo seachad fhathast. Feumaidh sinn a bhith faiceallach!”
“Gu dearbh feumaidh!” arsa Pàdraig. “Eil fhios dè bha air cùl an fhiathachaidh a thug e dhuinn tadhal orra?”
“Chan eil fhiosam,” arsa Tarmad. “Ged is e buidheann chreidmheach a th’ annta chan eil iad a’ toirt fiathachadh coitcheann do dhaoine tighinn a dh’ ionnsaigh nan coinneamhan aca idir. Tha iad a’ taghadh na feadhainn dha bheil iad a’ toirt cuireadh. ’S dòcha gur e feadhainn a tha iad a’ meas a bhitheadh soirbh an tionndadh a dh’ ionnsaigh na creidimh aca th’ annta, no ... ”
“Feadhainn air a bheil iad ag iarraidh grèim fhaighinn airson adhbhar air choreigin eile!” arsa Pàdraig.
Dh’fhàs aodann Tharmaid na bu stòlda ged nach do choimhead e air Pàdraig anns an aghaidh idir.
“Dh’fhaodadh gu bheil thu ceart!” ars esan a’ coimhead air thoiseach air.
“Bithidh iad teagmhach m’ ar deidhinn à seo a-mach!”
“Cha robh Karl anns a’ chùirt idir,” arsa Pàdraig.
“Cha robh ’s tha Sìne air a bhith staigh a’ chuid bu mhotha dhen t-seachdain seo ’s coltas caran dubhach oirre. ’S e mo bharail gu bheil fhios aig Karl air cus mu na thachair ’s gu bheil iad ga chumail a-mach às an t-sealladh. Dh’fhaodadh gu bheil e ann an cunnart!”
Rinn Pàdraig osna.
“B’ fheàrr leam gun d’reigheadh e air ais a dh’Aimeireaga, ach chan eil mi ’g iarraidh gun èireadh càil dha!” ars esan.
Thàinig gàire gu bilean Tharmaid, ach cha b’ ann a’ magadh a bha e idir.
“Bheil e mar sin, a Phàdraig?” ars esan. “Bha dùil agamsa gun robh sibh dol a thighinn còmhla nuair a bha sinn ann an Glaschu.”
“Bha mise ro dhiùid ’s tha mi dhen bheachd gun robh Sìne smaoineachadh gun robh mi coma co-dhiù,” arsa Pàdraig. “ ’S e glaoic a bh’ annam!” ars esan le bith g’ a ionnsaigh fhèin.
“Uill, ’s iomadh car a chuireas an saoghal dheth,” arsa Tarmad. “Cha bhi fhios agad dè thachras fhathast!” Ach ged a thuirt e seo bha cuimhne aige air an dòigh a bhruidhinn Sìne mu dheidhinn Karl.
“Co-dhiù ... ” Choimhead Pàdraig air uaireadair. “Tha mise dìochuimhneachadh mo dhleasdanas. Tha agam ri dhol dhan ospadal a choimhead air Eirdsidh ruadh a’ Chreagain.”
“Glè mhath,” arsa Tarmad. “Chì mi dh’aithghearr thu, a Phàdraig agus cuiridh mi fios thugad ma dh’èireas càil às ùr. Tha mi smaoineachadh gu feum sinn a bhith cur brath g’ a chèile a h-uile latha. Dh’ fhaodadh gu bheil sinn ann an cunnart. Cha thoigh leam sin a ràdh ach tha mi smaoineachadh gur e’n fhìrinn a th’ ann!”
“Bithidh mi air m’ fhaicill,” arsa Pàdraig, “agus chì mi a-màireach thu.”
An deaghaidh do Phàdraig falbh choisich Tarmad a-null dhan Chalaidh. Bha e ceithir uairean ’s bha e smaoineachadh gur dòcha gum bitheadh Ruairidh ann an sin.
Leis na bha air inntinn cha robh e cho mothachail ’s a bha còir aige a bhith a’ tionndadh a-staigh dhan chafaidh ’s mus robh fhios aige dè bha tachairt, bhuail e ann an nighinn a bha dol a-null le cupa cofaidh gu bòrd agus dhòirt a’ chuid as motha dhen chofaidh air an làr.
“O, tha mi duilich!” arsa Tarmad. “Cha robh mi coimhead càite an robh mi dol!”
Rinn an nighean gàire. Bha na sùilean aice donn ’s bha ’n t-sròn aice tionndadh suas beagan.
“Na gabh dragh dheth!” ars ise ann an guth Aimeireaganach, “tha mi ’g òl cus cofaidh co-dhiù!”
“Gheibh mi cupa eile dhut,” arsa Tarmad. ’N ann geal a bha e?”
“Cha b’ ann – dubh,” ars an nighean, “ach cha leig thu leas ... ” ach an uair sin dh’ aom i a ceann le gàire.
“Glè mhath,” ars ise.
Nuair a chaidh Tarmad a-null leis a’ chofaidh dhan bhòrd far an robh i ghluais i siuga bainne an dàrna taobh airson àite dhèanamh dha na cupannan.
“An robh thu feitheamh ri duine?” arsa Tarmad.
“Tha mi feitheamh ri mo bhràthair a thighinn gu m’ iarraidh,” ars ise ach cha bhi e seo airson greiseag fhathast. Thuirt e gu faiceadh e mi aig leth-uair an deaghaidh ceithir ’s an seòrsa duine th’ ann tha fhios agam nach bi e seo gu ’n uair sin ... Ma tha thu ’g iarraidh suidhe ’n seo!” Agus rinn i gàire.
Rinn Tarmad e-fhèin gàire agus shuidh e.
“Is mise Tarmad Ros,” ars esan, “agus buinidh mi dhan eilean seo.”
“Is mise Miranda Singer,” ars ise.
title | 4 An Nighean Bhàn |
internal date | 1992.0 |
display date | 1992 |
publication date | 1992 |
level | |
reference template | MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p |
parent text | An Sgaile Dhorcha |