5 Sùilean an Tìgeir
“Uill,” arsa Miranda ’s an deamhain anns na sùilean aice. “Tha fhios agam gur e ‘tè a bu chòir iongnadh a ghabhail dhith’ a tha m’ ainm a’ ciallachadh anns an Laidinn ach cha do shaoil mi riamh gun adhbharaicheadh e leithid a dh’iongnadh ’s a tha thusa nochdadh, a Tharmaid!”
Thàinig Tarmad g’ a ionnsaigh fhèin ’s ghabh e staigh gun robh a bheul fosgailte ’s gun robh e ga coimhead gun a bhith ràdh guth.
Chrath e cheann ’s rinn e gàire.
“Tha mi duilich!” ars esan, “ach feumaidh mi faighneachd a bheil thu càirdeach dhan fhear a tha ’na cheannard air a’ chàmpa aig Drochaid Sgòraig?”
“Tha,” ars ise, ’s nuair a chunnaic i aodann ag atharrachadh a-rithist rinn i osna ’s chrath i a ceann.
“A bheil mo bhràthair air gnothaichean a mhilleadh orm an seo cuideachd?” ars ise.
“Leis an fhìrinn innse,” ars ise a’ leantainn oirre, “ ’s e mo leth-bhràthair a th’ ann. Dhealaich a mhàthair ’s m’ athair an uair a bha Marston gu math òg ’s greis an deaghaidh sin phòs e mo mhàthair. Tha fhios agam ri linn rudan a bhitheas piuthar m’ athar a’ ràdh gur e boireannach neònach a bha ann an ciad bhean m’ athar ’s gun robh feadhainn a’ cumail a-mach gun robh buinteanas aice ris an sgoil dhuibh, ach chan fhaca mise riamh i agus chaochail i bliadhna no dhà air ais.”
Choimhead Tarmad anns na sùilean brèagha dùrachdach ’s chuir e a làmh air a gaoirdean.
“Cha leig thu leas seo innse dhòmhsa, a Mhiranda,” ars esan. “Chan eil còir sam bith agam-sa air a bhith gabhail gnothaich ri cùisean an teaghlaich agad-sa ...” Chunnaic e aodann Miranda ag atharrachadh ’s i coimhead seachad air a ghualainn.
“Tha sin ceart!” arsa guth air a chùlaibh.
Thug cridhe Tharmaid leum às nuair a thionndaidh e a cheann ’s a chunnaic e Marston Singer ’s triùir dhen luchd-leanmhain aige ’nan seasamh an sin.
“Cha robh dùil agam gun coinnicheamaid cho luath a-rithist!” arsa Singer.
Chum Tarmad a shùil air Singer. Ged a bha e faireachadh a’ bhagraidh a bha tighinn bhon duine bha seòrsa de dh’fheirg air. Carson a bha am fear seo gabhail gnothach ri daoine, agus ’s dòcha na bu mhiosa, anns an eilean aige-san? Bha e air cur roimhe mar tha nach fhaiceadh Singer gu bràth tuilleadh an t-eagal anns na sùilean aige-san.
“Cha robh na agam-sa!” arsa Tarmad. “Ach tha mi toilichte fàilte chur air tè, no fear-cuairt sam bith a thig don Eilean againn, ’s tha mi gu h-àraidh toilichte gun d’fhuair mi cothrom fàilte chur air an nighinn seo!” Rinn e fiamh-ghàire ri Miranda.
Bha i ga choimhead le seòrsa de chianalas anns na sùilean aice mar gum bu toigh leatha tuilleadh a ràdh ris.
“Feumaidh mi falbh!” ars ise.
Dh’aom Tarmad a cheann is dh’èirich e.
“Tha mi ’n dòchas gum faic mi rithist thu!” ars esan.
Thug e sùil air Singer ’s chunnaic e gun robh sùilean domhainn Singer falamh de dh’fhaireachdainnean sam bith. Bha iad a’ coimhead air mar gum b’ e pìos fiodh a bhiodh ann, no rud sam bith eile a dh’fheumte sguabadh an dàrna taobh airson faighinn cuidhteas e.
Chaidh gaoir troimh Tharmad a-rithist ach chum e a shùil air Singer.
Cha tuirt Singer an còrr. Chùm e a shùil air Tarmad fhad’s a bha Miranda a’ gabhail seachad air ’s an uair sin thionndaidh e air falbh ’s a làmh air gaoirdean na h-ighinn. Ach shaoil Tarmad anns an tiotan mus do thionndaidh e gun robh seòrsa de dh’iongnadh air nach do ghèill Tarmad barrachd dha. Co-dhiù, bha Tarmad ag iarraidh sin a chreidsinn.
Anns an doras thionndaidh Miranda agus chrath i a làmh ris. Bha an cianalas anns na sùilean aice fhathast.
“Chì mi fhathast thu!” dh’èigh e, ach bha i air tionndadh ’s air gabhail a-mach an doras.
Greiseag an deaghaidh sin, a’ dràibheadh air ais gu Baile a’ Chùirn ’s a’ ghrian a’ tionndadh dhan iar air a chùlaibh, thàinig e staigh air Tarmad dè thug na sùilean aig Marston Singer ’na chuimhne.
Bha e turas anns an Sutha ann an Dun Eideann agus stad e aig ionad
title | 5 Sùilean an Tìgeir |
internal date | 1992.0 |
display date | 1992 |
publication date | 1992 |
level | |
reference template | MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p |
parent text | An Sgaile Dhorcha |