[20]

6 An Luchd-Faire

An ath latha bha Tarmad a’ faicinn aodann Mirandana inntinn ge bith bha e dèanamh agus bha e gu math trang oir bha àm breith nan uan air tòiseachadh. Bha na faclan aice an oidhche roimhe, “Bheil mo bhràthair air gnothaichean a mhilleadh orm ann an àite eile?” aruith tro inntinn. ’S e leth-bhràthair dhi a bha ann am Marston Singer. an smachd a bha aige oirre? Gu dearbh n seòrsa smachd a bha aige air a luchd-leanmhainn air fad? Dhfhairich e-fhèin an cumhachd aig Singer an latha roimhe. Bha neart eagalach abruthadh a-mach às an duine agus aig an aon àm falamhachd uabhasach de dhfhaireachdainnean daonda sam bith. Dhfhairich Tarmad e-fhèin afàs caran fuar leis an smaoin. Bha e mar nach buineadh Singer dhan t-saoghal seo idir, gur e creutair uile gu lèir coimheach à planaid eile a bha ann.

Ach is ann air aodann Miranda a bu mhotha a bha a smaointean. Mar a bha am falt aice asguabadh a malaidhs mar a lasadh a sùilean nuair a dhèanadh i gàire. An deaghaidh dha dùsgadh anns amhadainn cha robh e tuigsinn an toiseach carson a bha e faireachadh cho toilichtes an uair sin chuimhnich e.

Thoir an aire!” thuirt e ris fhèin, “air neo thu amadan dhiot fhèin a-rithist!” Ach bha e fhathast afaireachadh toilichte a dhaindeoin sin.

Bhris aon rud air a smaointean ged tha. An uair a sheall e air Sìne aig abhòrd anns amhadainn thug en aire cho geals a bha a h-aghaidhs thuig e nach do chaidil i ro mhath.

Thug a mhàthair an aire dhi cuideachd.

A bheil thu faireachadh gu math, a ghaoil?” arsa Mòrag acur a làimh air malaidh Sìne fiach an robh teas innte.

Tha mi ceart gu leòr, a mhàthair!” arsa Sìne. “Chan eil orm ach beagan dhen ghalair stamaig a tha dol timcheall an dràsda.”

Tha min dòchas nach eil ann ach sin!” ars a màthair. “Ach chan e gun robh thu muigh anmoch o chionn lathaichean!”


[21]

Sheall Sìne air Tarmad, ach thionndaidh i a h-aodann air falbh gu math luaths thuirt i, “Bithidh mi ceart gu leòr ann an latha no dhà.”

Dhfhairich Tarmad caran ciontach. Cha robh e air mòran bruidhinn a dheanamh ri Sìne o chionn lathaichean is an raoir bha e-fhèin is Murchadh trang anns na pàircean asealltainn ris na caoraich a bha abreith.

Cha do dhith Sìne mòran, ’s thog i oirre a Phortrìgh anns achàr aice mus dfhuair e cothrom bruidhinn rithe.

Bha e trang anns na pàircean fad an latha agus feasgar thàinig Murchadh dhachaigh tràth airson a chuideachadh.

Chan fhaca thu coltas air Sìne ann am Portrìgh?” arsa Tarmad ris an uair a nochd e anns aphàirce-a- deas.

Chunnaic,” arsa Murchadh. “Chaidh mo chur chun abhanca le airgead agus fhads a bha min sin chunnaic mi Karl atighinn a-staigh agus asìneadh litir, no bileag, do Shìne. Cha do dhfhan e ach tiotans bha coltas air gun robh e ann an cabhaig. Gu dearbh bha e coimhead mar gun robh an t-eagal air!”

Tha mi creidsinn gun robh sin air!” arsa Tarmad. “Feumaidh sinn bruidhinn ri Sìne a-nochd.” Bha e air innse do Mhurchadh mar tha mar a thachair e ri Singer an latha roimhn sin.

Ach dhfhòn Sìne mu cheithir uaireans thuirt i nach biodh i dhachaigh airson a dìnnear idir, gun robh i dol a-mach còmhla ri Karl.

Feumaidh gu bheil i faireachadh nas fheàrr!” arsa Mòrag ri Tarmad an deaghaidh dhi an naidheachd seo fhaighinn. ’S dòcha gun tog e a h-inntinn a bhith dol a-mach airson a dìnnear, ach bfheàrr leam gun robh le cuideigin a mhuinntir an àite seach fear dhe na daoine sin!”

Cha tuirt Tarmad càil. ’S bha e air rabhadh a thoirt do Mhurchadh roimhe sin gun ghuth a ràdh mun choltas a bha air Karl anns abhanca agus abhileag a thug e do Shìne, air eagal gun cuireadh e dragh air am màthair.

Thuit ena chadal anns an t-seuthar aig an teine an deaghaidh a dhìnneir. Bha e air a bhith air a chois na h-uiread a thursan an oidhche roimhe sin leis na caoraichs bhitheadh en aon rud a-nochd.

Dhùisg e mu ochd uaireans chaidh e mach a-rithist. Bha Murchadh a-muigh roimhe. ’S e feasgar brèagha a bha ann ged a bha aghaoth caran fuars bha aghrian acromadh ris an iar.

Bha prosbaig aig Murchadh oir bu toigh leis a bhith coimhead nam bàtaichean agus gu h-àraidh nam bàtaichean-aigeil a bhitheadh aseòladh


[22] suas air cùl Ratharsair fhads a bhitheadh ena thàmh, no aleigeil analach, ach nuair a ràinig Tarmad aphàirce-a- deass ann a bha Murchadh acoimhead timcheall air leis aphrosbaig.

Tha feadhainn shuas an siud os cionn taigh Ghilleasbaig gar coimhead le prosbaig!” arsa Murchadh. “Bha aon fhear ann an-raoir, achs e dithis a thann a-nochd!”

Bheil thu cinnteach nach e Gilleasbaig fhèin fear aca?” arsa Tarmad.

Chan e. ’S e feadhainn òg a thannta le chèile. Chan eil aca ach an aon phrosbaigs chunnaic min dàrna fear ga sìneadh dhan fhear eile.”

Leig leam-sa coimhead!” arsa Tarmad.

Tha iad air falbh a-nise,” arsa Murchadh, ach thog e strap na prosbaig far amhaich agus shìn e do Tharmad i.

Chan fhaca Tarmad duine ach dhfhaighnich e, “An ann air taobh amhonaidh dhen rathad mhòr a bha iad?”

“ ’S ann,” arsa Murchadh.

Chan fhaiceadh Gilleasbaig bhon taigh idir iad, ma tha,” arsa Tarmad, “aguss e droch sheans a thann gun cluinneadh e rud sam bith on tha e cho bodhar, ach faighnichidh mi dheth a-màireach an tug en aire do rud sam bith às an rathad timcheall an taighe aige.”

Chan e càmpairean a thannta co-dhiù,” arsa Murchadh. “Chan eil teanta anns amhonadh, no carabhàn ann an àite-seachnaidh chàraichean eadar seo agus Portrìgh.”

“ ’S dòcha gur e na companaich a thann,” arsa Tarmad, “ach chan eil fhiosam carson a bhitheadh iad acumail sùil air an taigh!”

Chaidh Murchadh a leabaidh aig aon uair deug. Bha e sgìth agus bha aige ri bhith aig obair anns agharaids anns amhadainn. Thug Tarmad air Mòraig a dhol dhan leabaidh aig lethuair an deaghaidh aon uair deug ged a bann an aghaidh a toil.

Bfheàrr leam gun tigeadh i dhachaigh!” arsa Mòrag. “Bithidh i cho sgìth a-màireach agus aice ri h-obair a fhrithealadh!”

Thalla sibhse leabaidh!” arsa Tarmad. “Tha agamsa ri bhith air mo chois co-dhiùs chan eil adhbhar sam bith airson an dithis againn a bhith nar caithris!”

Glè mhath, ma tha,” arsa Mòrag. “ ’S cinnteach gu bheil e nas fheàrr dhomh a bhithnam shìneadh ged nach dèan mi norrag cadail gus an till i.”

Ged nach dèanadh e feum dhuibh!” arsa Tarmad. Bha e iomagaineach mu dheidhinn a mhàthar a bhith ro sgìth, ach cuideachd


[23] bha eg iarraidh bruidheann ri Sìne leatha-fhèin. Bha fhios aige nach burrainn dhi bruidheann cho fosgarra nam bitheadh am màthair air a cois.

Bha e faisg air meadhan oidhche nuair a dhùisg fuaim einnsean càir e. Dhaithnich e nach be an t-einnsean aig càr Sìne a bha ann agus chaidh e chun an dorais, ach bha e air sin a dhèanamh co-dhiù oir bha e faireachadh caran an-fhoiseil on chunnaic Murchadh an luchd-faire.

title6 An Luchd-Faire
internal date1992.0
display date1992
publication date1992
level
reference template

MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p

parent textAn Sgaile Dhorcha
<< please select a word
<< please select a page