[24]

7 Creideamh nan Companach

An uair e dhfhosgail en doras chunnaic e ann an solas aphoirdse gur e mini a bha anns achàr agus ghabh e iongnadh nuair a thàinig Sìne a-mach às. Dhaithnich e air a h-aghaidh gun robh i air a bhith fo chùrams cha do chuir e ceist sam bith oirre fhads a bha i tighinn a-staigh.

Bheil Mamaidh air a cois fhathast?” ars ise. Baithne dhi dòigh a màthar.

Chan eil,” arsa Tarmad. “Thug mi oirre dhol a leabaidh on bha mise air mo chois co-dhiù, achs fheàrr dhut a dhol a bhruidheann rithe airson sealltainn dhi gu bheil thu ceart gu leòr, air neo èiridh i!”

mi sin,” ars ise.

Chaidh Sìne suas an staidhre gu rùm-cadail a màthars chuala Tarmad iad abruidheann mus deach e staigh dhan chidsins a chuir e air an coire airson cofaidh a dhèanamh.

An ceann greis thàinig Sìne staigh dhan chidsin. Bha in deaghaidh a còta a chur dhith agus ged a bha a h-aodann bàn bha i coimhead gu math aice fhèin.

Bha Mamaidh ag iarraidh èirigh agus biadh a dhèanamh dhomh ach dhinnis mi dhi gun do ghabh mi biadh aig sia uaireans gun do ghabh mi cofaidh on uair sin. Chan e nach gabh mi cupa eilen dràsda!” ars ise, aruith a corragan tron fhalt aice.

“ ’S math gur e thusa tha seos gun do dhfhan mamaidh anns an leabaidh!” ars ise le fiamh-ghàire goirid.

Bha Tarmad an deaghaidh cofaidh is bainne a chur anns na cupannan. Dhòirt en t-uisge goileach annta a-nises shìn e cupa dha phiuthair.

Tapa leat, a Tharmaid!” ars ise. “Tha mi feumach air seo!” Thug i balgam às achupas an uair sin thuirt i, “A bheil Murchadh a-staigh?”

Dhaom Tarmad a cheann.

Tha,” ars esan. Shaoil e gur e ceist caran neònach a bha seo ach cha tuirt e guth.


[25]

Tha sin math!” ars ise. “Tha sinn uile sàbhailte a-nise!”

“ ’S e càr Peigi a thagam,” ars ise-- - -Tha cuimhne agad air Peigi?- -- -an thag obair còmhla rium.”

Tha,” ars esan.

“ ’S than càr agamsaice-se. ’S badhbhar dha seo gu bheil Karl air teicheadh às achàmpa!”

Chunnaic i sùilean Tharmaid afàs na bu mhotha agus chuir i suas a làmh.

Stad gus an innis mi dhut!” ars ise. “Thàinig e staigh dhan bhanca le bileig a sgrìobh e ag iarraidh orm a choinneachadh aig còig uairean aig àite taobh-a- deas abhaile far a bheil àite-seachnaidh charaichean ri taobh cloich sgoilte. Dhiarr e orm, nam burrainn domh, càr eile thoirt leam seach am fear agam fhìn air eagal gu faithnicheadh luchd-tòir sam bith an càr agam agus gun leanadh iad mi air sgàth esan fhaighinn.

Rinn mi-fhìn agus Peigi suaip agus on tha sinn caran coltach ri chèiles còtaichean uisge geal oirnn le chèile bha sinn an dòchas nach aithnicheadh duine rinn sinn!”

Rinn i gàire.

Bha Peigi air a togail gu mòr ris aphlanas thuirt i gun dreigheadh i dhachaigh gu Ceannsaileighre rathad Staffainn is Uige airson gum bitheadh na Companaich asaoilsinn gur e mise bhinnte air mo rathad dhachaigh!”

dhinnis thu dhi mun ghnothach?” arsa Tarmad.

Cha robh tìde agam ach innse dhi gun robh Karl air teicheadh às achàmpa,” arsa Sìne, “ach bha fhios aice gun robh mi falbh le Karls tha Peigin còmhnaidh deiseil airson dibhearsain sam bith. Chan e gur e dibhearsain a tha seo!” ars ise. “Tha min dòchas gum bi i ceart gu leòr!”

Tha mi smaoineachadh gum bi,” arsa Tarmad. “Cha bhi iad ag iarraidh strì adhbharachadh gun adhbhar le bhith gabhail gnothach ri nach eil ceangailte ri Karl, eadhon ged a dhaithnicheadh iad nach e thusa thinnte, ’s tha mi smaoineachadh gun toir an cleas agaibh an car asda!”

Tha fhios agam a-nise carson a bha iad acumail sùil air an taigh!” arsa Tarmad. Chunnaic en t-eagal atighinn anns na sùilean aice agus chùm e air.

Chunnaic Murchadh dithis aca leis aghloinne agus bha e smaoineachadh gun robh fear ann an- cuideachd-- -ach cha tàinig iad faisg air


[26] an taigh,” ars esan.

Dhinnis Karl dhomh nuair a dhfhòn e gu mionnsaigh an-raoir gun robh e smaoineachadh gun robh iad air fàs teagmhach mu dheidhinn,” arsa Sìne. “Cha robh e air faighinn gu fòn airson lathaicheans bha iad acumail sùil air gun sgur, ach chaidh aige air faighinn gu fòn anns an taigh-bìdhe an-raoir. Thuirt e gun robh e dhen bheachd gum faigheadh e a dhionnsaigh amhotor-baidhseagail aige an-diugh ach thug e rabhadh dhomh gun innse do dhuine sam bith bha em beachd a dhèanamh.”

Cha robh e ach air ùr thighinn às achàmpa nuair a thàinig e staigh dhan bhanca. Bha sin na bfhasa dha na feuchainn ri fònadh à fear dhe na bocsaichean anns an sgueir.”

Chunnaic Murchadh e anns abhanca,” arsa Tarmad.

Tha fhios agam,” arsa ise. “Thug min aire do Mhurchadh ach cha chreid mi gum faca gin dhe na Companaich Karl.”

Chùm i oirre.

Co-dhiù, nuair a ràinig min t-àite a dhainmich e aig còig uairean bha e cho fada gun nochdadhs gun robh eagal orm gun drug iad air, ach cha robh e ach afeitheamh gus nach biodh càr eile air an rathads an deaghaidh greiseag thàinig e mach às na craobhan air taobh eile an rathaid-- -Bha e air a mhotor-baidhseagail a chur am falach a-measg nan craobhan-- -”

Carson nach deach e dha na polais?” arsa Tarmad.

Bha mi dol a dhinnse sin dhut,” arsa Sìne. “Tha Karl aràdh gun robh Singer anns an CIA roimhes gum burrainn da faighinn ga ionnsaigh ge bith càite an cuireadh na polais ann am Portrìgh e! Bha eagal air cuideachd nach creideadh iad e nan canadh e gun robh e ann an cunnart. A bheil thu-fhèin asmaoineachadh gun creideadh iad e, a Tharmaid?”

Bha Tarmad sàmhach airson greiseag bheags an uair sin chrath e cheann.

Cha chreideadh,” ars esan, “ach tha mise ga chreidsinn!”

Chunnaic e faochadh tighinn anns an aodann aice nuair a thuirt e seos thuig e gun robh an t-eagal air a bhith oirre nach creideadh e i.

O, tha mi toilichte, Tharmaid!” ars ise. “Bha eagal orm nach creideadh duine sam bith sinn!”

Tha mise gur creidsinn, ged tha!” arsa Tarmad. “Thachair mise ri Singer.”

Ged a bha aodann Sìne fhathast bàn bha i coimhead na bu toilichte a-nise.


[27]

Chaidh sinn a-null a Charbost,” ars ise, “agus dhfhàg mi Karl còmhla ri Catrìona.” [B’e Catriona banntrach Sheòrais, bràthair am màthar.] “Tha an taigh aice pìos os cionn abhailes bithidh i toirt a-staigh daoine airson leabaidh is breacaist. Mar sin cha chuir duine uibhreachd air fear a bhith fuireach aices gheibh Karl fois is sìth an sin gus an cuir e roimhe an ath cheum a ghabhas e.”

Dhaom Tarmad a cheann.

Bithidh e sàbhailte gu leòr an siud achiad ghreis,” esan, “ach feumaidh tu an aire thoirt nach lean iad thusa! thuirt thu ri Catrìona mun ghnothach?”

Thuirt mi rithe gun robh eagal air Karl roimh dhroch dhaoine a tha às a dheaghaidh. Bha dùil agam gur dòcha gum biodh eagal oirre a ghabhail achs e shaoil Catrìona gur e gnothach inntinneach a bhann!”

Cha chluinn duine eile mun ghnothach co-dhiù!” arsa Tarmad. “ ’S e gu math earbsach a tha ann an Catrìona, ach chan urrainn dhuinn fhàgail ro fhada còmhla rithe air sgàth an dithis aca.”

Dhfhàs aodann Sìne stòlda a-rithist.

Tha sin ceart!” ars ise. “ ’S e daoine gu math cunnartach ris a bheil sinn adèileagadh! Air an rathad a-null a Charbost dhinnis Karl dhomh na burrainn dha mu dheidhinn Singers a luchd-leanmhainn-- -air eagal, thuirt e, gun èireadh càil sam bith dha-san. Thuirt e gu bheil Singer ag iarraidh làmh-an-uachdair fhaighinn air inntinnean dhaoine air sgàth nan innleachdan aige fhèin. Chan eil ceangal aca ris achreideamh Crìosdaidh idir ged a tha iad acumail a-mach gu bheil.

Bha ùidh aig Karl riamh ann an creideamh agus an toiseach bha e air a thogail gu mòr leis abhuidheann seo oir tha iad acumail a-mach gu bheil dòighean aca air soilleireachadh fhaighinn air inntinn Dhè tro obair nàdair, mar a bha Wordsworth is feadhainn eile an dùil gun robh iad afaighinn bho àm gu àm, ach tha na Companaich aràdh gun urrainn dhaibh-san tro na dòighean-adhraidh a fhuair iad a-mach – ’s tha mi dèanamh dheth gur e Singers na fàidhean eile aca a tha dèanamh na h-obrach sinsoilleireachadh fhaighinn uair sam bith.

Tha Karl aràdh gu bheil buidheannan dhe na daoine seo anns a h-uile dùthaich dhen Roinn Eòrpa, ann an Aimeireaga, ann an Ruisias ann an Afraca. Chan eil cuimhne cheart agam air a h-uile càil a thuirt e rium, ach tha fhios agam gun tuirt e gu bheil còmhlan diamhair de na Companaich anns a h-uile buidhinns gu bheil na daoine seo acur fios g’


[28] a chèile gun fhiosda do chàch, gu bheil “hidden agenda” aca mar a chanas iad anns aBheurla. Tha na h-urrachan mòra aig a bheil beairteas an t-saoghail ag iarraidh grèim a chumail airs chan eil an seo ach aon dòigh eile tha iad acur gu feum. Tha e coltach gur e cumhachd fhaighinn air inntinnean dhaoine is prìomh rùn nan daoine seos gu bheil iad afiachainn ri feadhainn às a h-uile pàrtaidh phoiliticeach a thàladh dhan chreideamh acas gu bheil plana aca airson buill dhen chreideamh aca a chur a-steach dhan phàrlamaid anns a h-uile dùthaich. Tha iad cuideachd afeuchainn ri ceannardan chompanaidhean mòra thàladhs feadhainn àrd san arms saphoilis.

Tha iad acumail a-mach on chaidh co-mhaoineachd às nach eil creideamhan cumhachdach anns an t-saoghal ach an Creideamh Crìosdaidh agus Islam agus gu bheil cùram mu obair nàdair asìor fhaighinn làmh-an-uachdair air na creideamhan sin. Tha buill aca anns a h-uile comann glèidhteachais air an t-saoghal a tha ag obair gun sgur airson na buill eile a thàladh a-steach dha na Companaichseo an ceangal tro am bheil iad dol a dhfhaighinn smachd air inntinnean dhaoine agus air an t-saoghal!”

Shaoileadh tu gu bheil sin do-dhèanta ged tha!” arsa Tarmad.

“ ’S en t-eagal as motha thair Karl gun creid daoine sin!” arsa Sìne. “Tha e ràdh nach creideadh e-fhèin e mura robh e air faicinn thachair do Bhill Fennell. Dhinnis Fennell seo do Kharl an oidhche mus deach a mharbhadh. Thuirt Fennell nach eil dòigh air faighinn às achòmhlan diamhair aon uairs gu bheil thu anntha a leithid de ghrèim aca air an inntinn agad. Tha iad afeitheamh gus am bi na buill chumanta freagarrach airson an leigeil a-staigh dhan chòmhlans tha feadhainn ann a tha iad ameas ro lag anns an inntinn airson faighinn ann am feasd. Agus ma tha duine cho làidir anns an inntinns nach urrainn dhaibh smachd a chumail air marbhaidh iad e. Tha Karl asmaoineachadh gur e seo a thachair do Fennell.

Mar a thuirt mi dhinnis Fennell seo do Kharl an oidhche mus dfhuaireadh marbh e. Tha e coltach gun tuirt Singer ri feadhainn aca seachdain roimhe sin gun robh Fennell lag anns an inntinns nach robh e cumail ri riaghailtean nan Companach. Chreid achuid bu mhotha dhiubh seo ged a bha Karl air tòiseachadh air fàs teagmhach.

Thàinig Fennell gu Karl air an oidhche, dhùisg e e agus dhiarr e air a dhol còmhla ris pìos a-mach às achàmpa on bha rudeigin aige ri innse dha. Thuirt Karl rium gun robh seòrsa de dheagal air an deaghaidh na


[29] chuala e mu dheidhinn Fennell ach gun robh Fennell cho dùrachdachs gun deachaidh e còmhla ris.

Nuair a dhinnis Fennell dha an naidheachd aige cha robh teagamh sam bith aig Karl nach robh Fennell fhèin ga chreidsinn ach bha cuimhne aige air na chuala e mu dheidhinn Fennell a bhith lag anns an inntinn.

Ach an deaghaidh do Fennell a bhith air fhaighinn marbh anns amhonadh thuig Karl gur en fhìrinn a bhaige – ’s chan e sin a-mhàin ach ann an ùine ghoirid an deaghaidh sin thuig e gun robh e-fhèin fo amharas on bha iad dhen bheachd gun do dhinnis Fennell rudeigin dha.”

Thàinig briseadh ann an guth Sìne.

Tha min dòchas gum bi e ceart gu leòr!” ars ise. Chuir i a ceann sìos eadar a làmhans thòisich i air caoineadh.

Chaidh Tarmad a-null, chrom e sìos ra taobhs chuir e làmh air a gualainn.

Tha thu air do chuir thuige, thasgaidh!” ars esan.

Choimhead e air uaireadair.

Tha e gu bhith uair samhadainns tha agad-sa ri dobair a fhrithealadh anns amhadainn. Fiach gun chus dragh a ghabhail. Tha gu leòr air an taobh againne agus le cuideachadh Dhè sinn an gnothach orras gheibh sinn cuidhteas an sgàile dhorcha seo a tha air tuiteam air an eilean againn!

Thalla thusa leabaidh a-nise. Tha agamsa ri coimhead air na caoraich fhathast!”

Thog i a h-aodann suass na deòir fhathast air a gruaidheans thug i pòg dha. Thug i fasgadh air a ghualainns chaidh i suas an staidhre.

Fhads a bha Tarmad adol tro na pàircean acoimhead air na caoraich cha robh e idir cho dòchasachs a leig e air do Shìne a bha e.

Cha robh mòran teagaimh aige a-nise gur e daoine cunnartach, innleachdach agus le cumhachd mhòr air an cùlaibh a bha ann an Singers na daoine aiges gun robh Karls is dòcha Sìnes e-fhèin cuideachd ann an cunnart bhuatha. ’S aig an aon àm chreideadh iad. Cha robh an dearbhadh as lugha aca gun drinn Singer càil às an rathad. Bha barrachd teagaimh air a bhithna inntinn fhèin mura be gun robh cuimhne aige air na briathran aig an Inspector Niall MacLeòid mun chorp aig Fennell. “Chan fhaca mi riamh a leithid a dheagal ann an sùilean duine!”


[30]

Ach cha tuirt Niall sin aig achùirt rannsachaidh idir. Eil fhios carson? Dhfheumadh e bruidheann ris.

Agus air cùlaibh inntinn Tharmaid fhads a bha Sìne abruidheanns on uair sin bha an smaoin, “n t-àite a thaig Miranda anns aghnothach seo?” Cha burrainn dha a chreidsinn gun robh i de mhuinntir Singer.

S e oidhche chiùin a bha ann ged nach robh gealach ann idirs chluinneadh e torman an Lon-fheàrna air a seann rathad sìos dhan mhuir. Bha oiteag ghaoithe anns cùbhraidheachd na talmhainn innte. Chuir e dheth an toirdse aige. Sheas e greiseag anns an t-sàmhchair.

An uair sin chunnaic e priobadh solais, coltach ri solas toirdse anns amhonadh os cionn taigh Ghilleasbaig. Thàinig seòrsa de chrith air Tarmad. Ghreas e staigh dhan taigh cho luaths a bha aige, ghlas en dorass chuir e na crainn thuige air achòmhla gu h-àrds gu h-ìseal.

title7 Creideamh nan Companach
internal date1992.0
display date1992
publication date1992
level
reference template

MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p

parent textAn Sgaile Dhorcha
<< please select a word
<< please select a page