9 Pògan Meala
Chaidh Tarmad a-staigh gu Portrìgh an ath latha. Bha barrachd is aon adhbhar aige airson seo. Bha feum aige air biadh dha na caoraich ’s bha e ’g iarraidh an t-Inspector Niall MacLeòid fhaicinn fiach am b’ urrainn dha tuilleadh fhaighinn às mu dheidhinn nam Companach ’s cò bha air an cùlaibh, ach a thuilleadh air sin bha e ’n dòchas gu faiceadh e Miranda. Bha i air a bhith air inntinn fad na h-oidhche a h-uile turas a dhùisgeadh e. ’S ann a bha e faireachadh caran ciontach nach robh e smaoineachadh barrachd air Sìne is Karl ach bha fhios aige nach b’ urrainn dha càil a bharrachd de chuideachadh a thoirt dhaibh-san an-dràsda.
Air an t-slighe gu Portrìgh bha aig Tarmad ri dhol seachad air toiseach an fhrith-rathaid a bha dol suas gu càmpa nan Companach. Bha e dìreach a’ tighinn dhan àite far an robh rathad a’ chàmpa air an làimh dheis a’ coinneachadh an rathaid mhòir nuair a thug e ’n aire do dhuine tighinn a-mach às na craobhan a bha air taobh-a- tuath an fhrith-rathaid. [Bha am frith-rathad a’ ruith tron choille.] Bha camara is prosbaig an crochadh mu amhaich an duine ’s shaoil Tarmad an toiseach gum b’ e fear-turais a bh’ ann ach an uair sin dh’aithnich e Don MacFhraing. ’S e Canèidianach a bh’ ann am MacFhraing agus bha taigh-obrach aige ann an Tobhta far an robh e a’ dèanamh soithichean crèadha de gach seòrsa, agus a’ tarraing dhealbhan.
Bha coltas air MacFhraing nach robh e ’g iarraidh gum faiceadh duine e faisg air a’ chàmpa. Nuair a chunnaic e ’n càr aig Tarmad rinn e mar gun robh e dol a thilleadh a-staigh dhan choille. An àite sin ’s ann a thionndaidh e chùlaibh ris an rathad, ach bha Tarmad air aithneachadh. Chuimhnich Tarmad cuideachd gum faca e an land-rover aig MacFhraing ri taobh an rathaid pìos air ais.
Don MacFhraing! Cha b’ aithne do Tharmad ro mhath e ach fhuair e laghach gu leòr e ’n corra uair a thachair e ris. Eil fhios an robh e dhe na Companaich gun fhiosda? Cha robh ach mu bhliadhna on thàinig e dhan
Dh’fhairich Tarmad seòrsa de dh’fheirg nuair a smaoinich e gur dòcha gum b’ e MacFhraing fear dhen fheadhainn a bha cumail faire air an taigh aca fhèin feadh na h-oidhche. Smaoinich e air a dhol air ais agus an aghaidh a thoirt air MacFhraing ach an deaghaidh sin shaoil e nach biodh e glic dha sealltainn dhaibh fhathast ciamar a bha e faireachadh mu na Companaich.
“Bi thusa cho seòlta riutha fhèin!” ars esan ris fhèin. “Faodaidh tu ’n aghaidh thoirt air an fhear ud uair sam bith!”
Bha e ro thràth anns a’ bhliadhna airson cus luchd-turais a bhith timcheall agus mar sin cha robh uabhas chàraichean air sràidean Phortrìgh. Chaidh e suas gu Stòr nan Croitearan an toiseach airson biadh nan caorach ’s an uair sin thill e sìos dhan Cho-op airson rudan a bha a mhàthair ag iarraidh.
Fad na tìde bha e cumail a shùilean fosgailte fiach a faiceadh e Miranda ach cha robh e faicinn sgeul oirre no air gin eile dhe na Companaich. Bha liosta aige a thug a mhàthair dha. B’ aithne do Mhòraig gu math dè ’n seòrsa duine bha anns a’ mhac aice ’s bha fhios aice gun dìochuimhnicheadh e leth nan gnothaichean a bha aige ri fhaighinn mura toireadh i dha rudeigin airson inntinn a bhrosnachadh. Mar sin thug e greis a’ dol timcheall nan sgeilpichean.
Bha e ’n deaghaidh tighinn tron ionad-pàighidh nuair a thug e ’n aire tro uinneig mhòr na bùtha do dhithis bhoireannach a dh’aithnich e. ’S ann a-measg luchd leanmhainn Singer a chunnaic e mu dheireadh iad. Chan fhaca iad-san esan idir, co-dhiù dh’aithnicheadh iad e gus nach aithnicheadh, oir bha iad a’ coimhead a-null dhan àite far an robh na càraichean air am fàgail. Chunnaic e tè aca a’ togail a làimh ’s a’ smèideadh gu smachdail mar gun robh i ’g iarraidh air cuideigin tighinn a-nall far an robh iad. Sheall Tarmad an taobh a bha i smèideadh ’s thug a chridhe leum às.
Bha Miranda ’na suidhe anns a’ chàr aige.
Thuig e anns a’ bhad dè bha air tachairt. ’S ann fo chùram an dithis mhnathan a bha i agus bha i air dùbhlan a thoirt dhaibh agus suidhe anns a’ chàr aige. Feumaidh gu faca i tighinn a-mach às a’ chàr e nuair a thàinig e. Chunnaic e land-rover a bhuineadh dha na Companaich aig ceann a-bhos na sreatha chàraichean.
Ghabh e tron doras – fear a bha fosgladh ’s a’ dùnadh leis fhèin – ’s chaidh e null dhan chàr. Shad e na bagaichean anns a’ chùl agus shuidh e ri taobh Miranda.
“Càite bheil thu ’g iarraidh a dhol?” ars esan.
“Chan urrainn dhomh bhith fada!” ars ise.
Chuir i ceann a-mach air uinneig a’ chàir agus dh’ èigh i ris an dithis bhoireannach.
“Chì mi anns an sgueir ann an lethuair sibh!”
Thòisich Tarmad an càr agus ghluais e air falbh. Bha e mothachail air tè dhe na boireannaich ag èigheach.
“Am feum thu tilleadh dhan chàmpa?” ars esan.
“Feumaidh mi tilleadh!” ars ise.
Thionndaidh e dhan làimh dheis seachad air an sgoil agus sìos rathad Ghlinn Bhairrigill, chùm e seachad air a’ chladh, chaidh e seachad air an drochaid, thionndaidh e gu a làimh cheàrr aig taobh-a- deas na drochaid agus chaidh e staigh gu rathad a’ Bhràighe. Chùm e air pìos agus an uair sin stad e ann an ionad-seachnaidh. Fad na tìde shuidh Miranda le ceann crom ’s cha tuirt i guth.
“Chan fhaic duine aca an seo sinn,” ars esan, “mura tig iad a-nuas an rathad!”
Chuir Miranda suas a làmhan gu a h-aodann.
“Chan eil fhiosam dè chanas mi!” ars ise. “Leum mi staigh anns a’ chàr agad gun smaointinn!” Cha robh còir sam bith agam air dragh a chur ort-sa! Tha leithid de nàire orm!”
Bha an rudhadh a bha anns na gruaidhean aice a’ dearbhadh a faclan. Chuir e làmh air a gualainn.
“Chan urrainn dhomh ràdh cho toilichte ’s a tha mi gun deach thu staigh dhan chàr agam! Bha mi dùrachdainn gum faicinn ann am Portrìgh thu!- - -- Tha thu air a bhith air m’ inntinn gun sgur-- - -” Rinn e gàire.
“Cha robh mi ’m beachd sin a ràdh!” ars esan.
Thionndaidh i a h-aodann ris airson a’ chiad uair ’s bha na deòir ’na sùilean.
“Chan fhaca mi ach aon turas thu roimhe seo!” ars ise.
“Nach robh sin fhèin gu leòr?” ars esan.
Chuir e mach a làmh cheàrr ’s chuir e f’ a leth-cheann i. Bhrùth i ceann a-staigh ri làimh ’s chuir i a làmh fhèin air muin na tè aige-san. An ath mhionaid bha iad a’ pògadh ’s e faireachadh a cùbhraidheachd ’s
“Bha dùil agam gun robh boireannaich Aimeireaganach cruaidh!” ars esan.
“Chan eil an tè seo co-dhiù!” ars ise. “ ’S dò2cha gum biodh gnothaichean na b’ fheàrr nam bithinn na bu chruaidhe!”
Dh’fhan iad greis an gaoirdeanan a chèile, ach mu dheireadh shuidh Miranda suas.
“Chan urrainn dhomh bhith fada!” ars ise.
“Carson a dh’fheumas tu tilleadh?” ars esan.
“Gheall mi tilleadh!” ars ise. “Dh’innis mi dhut mar thà gur e leth-bhràthair dhomh a tha ann am Marston. Tha m’ athair a’ bàsachadh le leukemia ann an Carolina-a- tuath. Chan fhaca e Marston on bha e ’na bhalach agus tha e ’g iarraidh fhaicinn mus caochail e. Thuirt Marston rium gun tig e còmhla rium ma dh’fhanas mi airson seachdain no dhà eile, chionn ’s gu bheil rudan aige ri dhèanamh ’s mar sin feumaidh mi feitheamh ach – ach chan eil mi cinnteach gu bheil mi ’g iarraidh gum faiceadh m’ athair e. Tha e air atharrachadh cho mòr! ’S ann a tha e cur eagail orm e-fhèin ’s na daoine neònach a tha timcheall air ged a tha feadhainn de na boireannaich laghach gu leòr – Mar a tha tè dhen dithis a chunnaic thu, Berenice. Chan eil an tè-eile, Zara, laghach idir. Tha ise dhe na fìor Chompanaich.
“Chan eil pàirt dhe na boireannaich ’s beagan de na fir a’ faighinn a-staigh dha na coinneamhan dùinte idir. Cha deachaidh an neo-ghlaine fhuadach asda fhathast! Tha sin a’ ciallachadh gu bheil iad fo bhuaidh faireachdainnean nàdarrach a’ chinne-daonna fhathast! Tha iad a’ ràdh gu bheil a h-uile duine nach buin dhaibh neo-ghlan!
“Chan urrainn domh innse dhut an seòrsa faireachdainn a bhios a’ tighinn orm anns an àite ud! Chan eil e nàdarrach. Chaidh crith roimhpe ’s chuir Tarmad a ghaoirdean timcheall oirre rithist.
“Ged tha, cha leig thu leas tilleadh! Coimheadaidh mo mhàthair às do dheaghaidh!”
Dh’fhàs aodann na bu stòlda.
“Tha mi smaoineachadh gur e duine cunnartach a tha ’na do bhràthair!”
“O, nach eil fhios agad gum b’ fheàrr leam a dhol còmhla riut gu dachaigh nàdarrach!” ars ise. “ ’S thuirt mi riut gu bheil e cur eagail orm. Co-dhiù, thigeadh iad às mo dheaghaidh! Tha ceangal air choreigin aca ris a’ phoilis – tha fear àrd anns a’ phoilis ann an Inbhir Nis dhiubh ’s
Shrac Tarmad duilleag a-mach às an leabhar-latha aige agus sgrìobh e àireamh a’ fòna aige oirre.
“Ma bhios tu ann an èiginn feuch ri fònadh gu m’ ionnsaigh!” ars esan.
“Nì mi sin, a thasgaidh!” ars ise a’ suathadh a làimh r’a h-aodann.
“Nam biodh fhios agad mar a tha mi faireachadh!” ars ise. “Tha mo chridhe cho làn aoibhneis ’s aig an aon àm cho làn eagail!”
“Tha fhios agam, a ghaoil!” ars esan. “Nach eil mise faireachadh an aon rud! Ach tha mi cho iomagaineach mu d’ dheidhinn!”
“Na gabh cus dragh, a ghaoil!” ars ise. “Tha mi cho toilichte gun do thachair mi riut! Tha e mar gun do bhris mi a-staigh gu saoghal nàdarrach! Tha mi smaoineachadh gun robh e ri bhith! Ach a-nise, feumaidh mi tilleadh!”
Bha land-rover nan Companach a’ feitheamh anns an sgueir.
’S e boireannach mòr, foghainteach a bha aig a’ chuibhle. Dh’aithnich Tarmad air coltas a h-aodainn cruaidh gum b’e Zara a bha seo. Bha coltas iomagaineach air an tè-eile. Chuir i mach a làmh agus chuidich i Miranda a-staigh dhan land-rover.
’S gann gun robh i staigh nuair a thionndaidh Zara air an einnsean agus dh’fhalbh an land-rover.
Bha Tarmad ’na shuidhe anns a’ chàr a’ faireachadh pògan Miranda air a bhilean fhathast ’s a chridhe làn dòchais ’s eagail aig an aon àm, nuair a laigh a shùil air Oifis a’ Phoilis ’s chuimhnich e gun do chuir e roimhe Niall Mòr fhaicinn.
’S e poileasman òg nach fhaca e riamh roimhe a bha aig an deasc.
“Tha eagal orm nach urrainn dut an t-Inspector Niall Macleòid fhaicinn an dràsda,” ars esan nuair a dh’fhaighnich Tarmad airson Nèill. “Tha e air falbh air cùrsa ann an Tulach Ailein. Am bu toigh leat teachdaireachd sam bith fhàgail air a shon?”
Chrath Tarmad a cheann agus choisich e mach às an oifis.
title | 9 Pògan Meala |
internal date | 1992.0 |
display date | 1992 |
publication date | 1992 |
level | |
reference template | MacLeòid An Sgàile Dhorcha %p |
parent text | An Sgaile Dhorcha |