An Tobar
Ruaraidh MacThòmais
Tha tobar beag am meadhon a’ bhaile
’s am feur ga fhalach,
am feur gorm sùghor go dhlùth thughadh,
fhuair mi brath air bho sheann chaillich,
ach thuirt i, “Tha ’m frith-rathad fo raineach
far am minig a choisich mi le ’m chogan,
’s tha ’n cogan fhèin air dèabhadh.”
Nuair sheall mi ’na h-aodann preasach
chunnaic mi ’n raineach a’ fàs mu thobar a sùilean
’s ga fhalach bho shireadh ’s bho rùintean,
’s ga dhùnadh ’s ga dhùnadh.
“Cha teid duine an-diugh don tobar tha sin”
thuirt a’ chailleach, “mar a chaidh sinne
nuair a bha sinn òg,
ged tha ’m bùrn ann cho brèagh ’s cho geal.”
’S nuair sheall troimhn raineach ’na sùilean
chunnaic mi lainnir a’ bhùirn ud
a ni slàn gach ciùrradh
gu ruig ciùrradh cridhe.
“Is feuch an tadhail thu dhomhsa,”
thuirt a’ chailleach, “ga b’ann le meòirean,
’s thoir thugam boinne den uisge chruaidh sin
a bheir rudhadh gu m’ ghruaidhean.”
Lorg mi an tobar air èiginn
’s ged nach b’ ise bu mhotha feum air
’s ann thuice a thug mi ’n eudail.
Dh’fhaodadh nach eil anns an tobar
ach nì a chunnaic mi bruadar,
oir nuair chaidh mi an diugh ga shireadh
cha d’fhuair mi ach raineach is luachair,
’s tha sùilean na caillich dhùinte
’s tha lì air tighinn air an luathghair.
An Dealbh Briste, 1951.
title | An Tobar |
internal date | 2000.0 |
display date | 2000 |
publication date | 2000 |
level | |
parent text | Tobraichean sláinte anns na h-Eileanan an Iar |